Taigh Tasgaidh Chill Donnain
Mìle fàilt’ air an aitribh ’s air gach neach a chuir suas i,
Bidh i againn mar dhìleab bhios prìseil is luachmhor:
Chì sinn dealbhan ar càirdean a tha cnàmh anns na h-uaighean,
Chì sinn saothair an làmhan dearbhadh ànraidh is cruaidh-chàis.
Chì sinn innean na ceàrdaich far ’n d’rinneadh tàthadh ’s faobhar,
Chì sinn geamhlag a’ chlachair ’s òrd bàrraidh an t-saoir ann;
Chì sinn làmh-cheàird a’ ghreusaich’ ( ’s gur brèagha ’chuid shaothrach)
Agus meuran an tàilleir a’ cur na snàthaid troimhn aodach.
Tha iomadh cuimhneachan àraid san àit’ seo fo’r còmhair
A’ toirt eachdraidh ar sinnsear anns na tìmean air fògairt:
Tha ’n crann treabhaidh ’s a’ chliath ann, an criathar ’s an t-sùiste,
’S tha acfhainn nan steud ann, bann-bràghad agus cruipean.
Tha ’chuidheall-shnìomha ’s an càrd ann, agus brà-bhleith an eòrna,
Tha ’n spaid ’s an gràp’ ann, ’s tha ràcan an fheòir ann;
Tha casan an fhéidh ann rinn ioma ceum feadh na mòintich
’S gunna dùbailt’ an t-sealgair bu tric shealbhaich a bheòshlaint’.
title | Taigh Tasgaidh Chill Donnain |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |