Seann Taigh-Solais Chalbhaigh
Mìle beannachd dhut, a charaid,
Tighinn gu carraig air nach eòl thu,
’S ma tha amaideas ’nad ghiùlain
Cuiridh ùine sin air fògair;
Ma nì thu seasamh ann ceud bliadhna
Nì thu liathadh mar as còir dhut,
Is nochdaidh tonnan a’ Chuain Sgìth dhut
Nach ann gun strì gheibh thu do bheòshlaint.
Ged a tha thu òg is làidir
’S mòran chàirdean air do chùlaibh,
S iomadh oidhche ’s là thig éiginn
Nuair bhios séideadh air na dùilean,
Nuair a chopas tuinn na mara
Tighinn ’nan steallan geala tùillich —
Cuimhnichidh tu orm an uair sin
’S air gach cruas a bha ’nam dhùnach.
S iomadh oidhche ghruamach geamhraidh
Thug mi gealltainn agus dòchas
Do mharaiche nan tonnan uaine
Bhiodh air bhàrr a’ chuain a’ seòladh;
An uair a shéideadh i bhon iar-dheas
Le frasan dìorrais air bheag tròcair,
S tric a rinn mo sholas iùil dhaibh
’S e toirt an cùrsaireachd gu òrdagh.
Na dìochuimhnich a’ ghruagach
Air a bheil an cuailean òrbhuidh’:
S tric a smaointean is a bruadar
Air na tonnan uaine cròiceach;
S tric bhios iomchoir’ ’na gluasad
Nuair thig séideadh cruaidh bho Aeòlas —
Se dh’fhàg ’na h-aonar anns an uair i
Gun tug i luaidh do dh’fhear an t-seòlaidh.
B’ eòlach mi air luchd an iasgaich,
Bha iad riamh an-seo ’nam nàbachd:
B’ eòlach mi air Raghnall mac Iagain
’S am bàta brèagh’ aige, Naomh Pàdraig;
Nuair nochdadh i far Rubh’ na h-Òrdaig
Si bha bòidheach air an t-sàile —
Chan fhaca mi re mo shaoghail
Dol tro chaolas té cho àlainn.
Bha mi eòlach air na daoin’ ud,
Bhiodh iad daonnan tighinn ’nam chàirdeas:
S duilich leam a bhith smaointinn
Nach fhaic a h-aon aca mi fàgail;
Rinn am feasgar aca ciaradh,
Chaidh an grian-san sìos air fàire —
Tha iad ann an suain nan sìorraidh
Is tuinn a’ Chuain an-Iar gan tàladh.
Chunnaic mi tric a’ falbh iad,
Gillean calma, smiorail, làidir,
Maighdeannan is mnathan òg’
A’ dol air fògradh thar an t-sàile;
S mi bhiodh muladach gan ionndrainn
Agus tùrsach gun do dh’fhàg iad —
’S bha mi ann a-seo nuair thill iad
Ged, mo chreach, nach d’thill ach pàirt dhiubh.
Nam biodh m’ eachdraidh air a h-innse
Ann am mìneachadh clò-bhualaidh,
Bhiodh luchd aithris agus sgrìobhaidh
Ann an iomartais a buannachd:
Tha mi ùine mhór san t-saoghal
’S chan ann aotrom bhios mo chnuasachd —
Tha mo chomasan cho àraid,
Dh’ionnsaich farpaisean a’ chuain mi.
Chunnaic mi ri ruith nam bliadhna
Iomadh iorghaill agus còmhrag,
Dh’fhiosraich mi dà Chog’ an t-Saoghail
’S anns gach aon dhiubh ghabh mi cò-phàirt;
Chaidh mo dhleasnais a dhearbhadh,
Cha robh cearbaiche ’nam dhòighean —
Chan eil ailisean ri’m fàgail
No ri’n càrnadh aig mo chòmhlaidh.
Mìle beannachd le gach caraid
Bha cho daingeann air mo chùlaibh,
Gu h-àraid Lachlainn Mór MacCoinnich,
Fear cho sgoinneil ’s tha san dùthaich:
Bha e math dhomh ’n réis nam bliadhna
Ann an tèarainteachd is cùram —
Guma fada fallain slàn e
Tighinn don àite seo gad ionnsaigh.
Ach a-nis bhon thàinig caochladh
Nì mi saod air a bhith gluasad,
Fhuair mi airgead na h-aoise
’S tha mo shaors’ air a buannachd;
Théid mi cuairt am measg nan còmhlan
’S fàiltichidh mi le deòin is suairc’ iad —
’S cha lorg iad aineolas ’nam chòmhradh
Ged a ruiginn bòrd nan uaislean!
title | Seann Taigh-Solais Chalbhaigh |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |