A’ Ghàidhlig
Cànain thaitneach inntinneach a dh’ionnsaich mi ’nam òig’
’S a-chaoidh gu bràch nach dìobair mi gu’n sìnear mi fon fhòd:
Ged tha mo Bheurla dì-neartach, ’s gun mhòran brìgh no treòir,
Cha dèan a gainne dìteadh dhomh ’nam chuairt an tìr nam beò.
Tha Ghàidhlig neartmhor ùmailteach is math an cùirt an t-sluaigh,
Tha i fonnmhor meadrachais gu mùigeachd chur air ruaig;
Tha puing a ciùil cho brìoghmhor ’s cho sìtheil tighinn gu d’ chluais
Gun tàlaidh i an trom-inntinneach gu sàmhchair tìr na suain.
An uair a thig an deacaireachd ’s an riasladh mar as dual
Thig furtachd gu ar crìochan le seanchas diadhaidh suairc;
Tha còmhradh ciùin sa Ghàidhlig don ànrach sa chàs-chruaidh
Mar sholas iùil don t-seòladair air bòc-thonnan a’ chuain.
Bha am fiosaiche ag ràdha gun robh Ghàidhlig aig na h-eòin,
Gun robh ’n lon-dubh ri bàrdachd ’s a’ filleadh dhàn an clò,
’S ’nar beachdaireachd gheurchuiseach ri còisir eun sna neòil
Gun cluinn sinn fuinn na Gàidhlig ’nan cuid àbhachdais is ceòl!
Chan iongnadh leam a’ Ghàidhlig a bhith tàrmachadh ’nam smuain
A liuthad oidhche a dh’éist mi ris na sgeulachdan ’s na duain
Aig bodaich chalma liath-cheannach ’s gur crìon tha iad san uaigh —
Fois is sìth na sìorraidh dhaibh, is sàmhchair ciat’ bith-bhuan.
title | A’ Ghàidhlig |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |