Am Faoilteach 1984
Dh’fhalbh an geamhradh neo-aoigheil,
Dh’fhalbh am faoilteach ’s an dùbhlachd,
Dh’fhalbh aimsir na dochair
A thug iomadh leòn air an dùthaich;
Thàinig sìth agus sìochaint
Mar thoirbheart tiodhlaic an ungaidh
A chuireas bruansgath nan sìontan
Le am farpais fhiadhaich air chùlaibh.
Thàinig sìth agus saorsainn
’S thill aoibh agus sòlas,
Shearg connspaid na truaighe
Nuair dh’fhalbh am fuachd ’s a’ ghaoth-reòdhta;
Thàinig teachdair’ an t-sùgraidh
A chuireas sunnd sean is òg oirnn,
’S théid air dìochuimhn’ gach bruaillean
’S bidh ’n cadal luasgain nas stòlda.
Thig bàidh agus coibhneas
’S thig aoibhneas gu’r n-ionnsaigh,
Thig deàlradh na gréine
Thar sléibhtean is stùcan;
Bidh ealtainn na h-iarmailt
A’ seinn le ciatachd a’ chiùil dhuinn,
A’ toirt moladh don Àrdrigh
A thug iad sàbhailt’ troimh dhùbhlan.
Bidh cuimhn’ air an fhaoilteach
’S air a’ ghaoid rinn e fhàgail
Fads bhios fairge nam brùchd-thonn
Tighinn gu tiùrra na tràghad;
Bidh eachdraidh na deuchainn
Ann am briathran ’na athailt
Mu thoiseach na bliadhn’ ud
A leum thar crìochan na h-àbhaist.
title | Am Faoilteach 1984 |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |