Creag na Cuthaig
Ge b’e có dhìreas ri aodann
Glaic an Daimh nan cruaidh-lusan,
Chì e sealladh dhen dùr-charraig ghròbaich
A sheas ris na dùilean,
’S don ghaillinn cha d’ùmhail —
’S cha d’ chuir drannadh na dùbhlachd ort fògairt.
Cha d’ chuir òglaidh’ na tuath-ghaoith
Ana-ghoireas ’nad ghruaidhean
Ged a shéideadh i cruaidh ann an deòthais;
Tha thu teann air do stéidhe
’S don onagaid cha ghéill thu
Ged as tric bhios i geur-lean’ le dòileas.
Tha thu daingeann air d’ ùrlar
Le greim teann air a’ ghrunndail
’S chan eil lapaich’ na lughdaich’ ’nad dhòrnan:
Tha thu foghainteach làidir
’S cha chuir aimsir glas-làmh ort
A dh’ainneoin seicleadh as ascaoin aig Aeòlus.
S iomadh geamhradh is faoilteach
Le’n cuid lann-ghathadh faobhrach
A thug ionnsaigh le gaorradh mu do sheòmair,
A’ maoimeadh do stialladh
Is cur ás dhuit le’n dìorras,
Le anastachd fhiadhaich gun tròcair.
An uair a dh’fhalbhas an dùbhlan
’S aimsir aingidh na h-ùpraid
Bidh uallachas ùr mu do sheòmair,
Thig gathannan gréin’ ort
Thar mullaich nan sléibhtean
’S bidh thu sgéithte le éideadh bhios glòrmhor.
Bheir an t-earrach dhuit ùire
Le cleòca dhe fhlùran
A chuireas dreach agus mùirneachd na h-òig’ ort;
Bidh do thrusgan cho àillidh
Le dathan uain’ agus sgàrlaid,
Bheir thu buaidh am measg chàich ann an òirdheirc’.
Bidh an t-sòbhrag chiùin mhàlda
Le aoibh a’ cur fàilt’ ort,
Bidh an cluaran a’ fàs ann le cholgan;
Bidh dìtheanan briagha
Nan cuairteanan iadhshlait
’Nam brat-ùrlar air bhialaibh do chomhair.
Bidh eunlaith na h-àirde
Le ceòl a’ cur fàilt’ ort
Anns a’ mhoch-mhadainn thràth ’s anns a’ ghlòmainn,
Bidh crònan a’ chaochain
Air a thuras troimhn chaol-ghleann
Mar channtaireachd chaomhach na ceòlraidh.
title | Creag na Cuthaig |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |