Loch Cheàrsanais
Gur lòghmhor ort dearcadh fo leargainn nam fuar-bheann
’S an ceò tighinn a-nuas ort bho ghuaillean na h-àird’;
B’e roghainn fear sùl-bheachd bhith dlùth dha do bhruaichean —
B’e tiompanachd luachmhor dh’a chluasan bhith ’d phàirt.
Nuair a dh’éireas a’ ghrian anns a’ chiat’ -mhadainn bhòidhich,
Cur sgàile na glòir ann an òr-bheirt a cuairt,
Cha cheil i do roinn ort, tha thu ’n oighreachd a còirean —
Mar a dhearbhas a’ choirill aig na h-eòin mu do bhruaich.
Tha coimhcheangal cho làidir aig nàdar ri d’ ghuaimeas
Fo fhàsgadh nam fuar-bheann is uaigneas nan gleann;
Gheibh eunlaith caomh-chàirdeas am fraoch-sgriachain do bhruachan:
Bho chunnart an turgain gheibh iad suaimhneas nach gann.
Bheir an lacha gu ìre le dìcheall a h-àlach,
Bidh an fhaoileag a’ snàmh ort ri blàths agus fuachd;
Bidh chearc-uisg’ tighinn far faicill gu trabhaich d’ oirthire
’S gur tric corra-ghritheach le slìob-cheum mu d’ bhruaich.
’N àm don ghealaich bhith ’g éirigh air réiteachd a cuairtean
’S i deàrrsadh a-nuas ort le buaidhean an àigh,
Bidh sàmhchair is sìochaint mu chrìochan Glaic Ruairidh
Far ’n do dh’fhiosraich mo chluasan-sa fuaim a’ chiùil àird.
Bidh cuimhneachain taitnis ann an taisgeadh mo smuaintean
Mu d’ òban tha cuartaichte le fuar-bheanntan àrd’ —
Far ’n do ghrunnaich mi casruisgt’ air beag airsteal no gruaman
B’ fhada guilm na truaigh’ anns an uair bho mo dhàil.
title | Loch Cheàrsanais |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |