Màiri

Gun sgrìobh mi aGhàidhlig bhios bàidheil is fallain
Mu bhòidhche na cailin as maisann an snuadh
Chan fhiosrach leam aon san t-saoghal air thalamh
A dhùisgeadh fear ealain cho ealamh gu duan.

Taobh aChaolais rinn dàrach gu tràthna do leanabh,
Thug oiteag na mara dhut fallaineachd bhuan;
Chuireadh gàirich nan tonn thu gu tromna do chadal
S do dhùsgadh sa mhadainn cho fallain gun ghruaim.

Tha eachdraidh mun chaolas a dhfhaodainn dhuibh aithris
Mun t-saoghal chaidh seachad is gàbhaidhean cuain
Nuair bhiodh Ruairidh mac Nìll acur still á cuan Bharraigh
S a bhirlinn agearradh chìrean geala nan stuadh.

Ach tillidh min-dràsta chur fàiltair achailin,
Na gorm shùilean meallaidhs na mala gun ghruaim,
Na bilean as blàitheadh a tharraing a-steach anail
Bhon tig còmhradh is caithream a tha taitneach do mchluais.


[98]

Troigh chòmhnard air ùrlar gu sunndach le faram,
Do chalpannan geala chuireadh sradagnam bhuaidh;
Nas àille na flùr tha ùr-dhreach na h-ainnir,
S tha caomh-ròs na madainn alasadhna gruaidh.

Tha h-ìomhaigh cho caoin-gheal ri faoileag na mara
A thair faondrachd gach latha fo chathadh nan stuadh,
Mar ghrian dol don iars i triall ás ar sealladh
Sa chuan siar dol ga falach air ais air a cuairt.

Mo bheannachd gad ionnsaighs falbh thugad dùbailt
Gu dùthaich nan dùbhghall a-null thar achuain
Bho dhùthaich na Gàidhlig far an òg fhuair thu dàrach
Farm bu tricna cheòl tàlaidh dhut gàirich achuain.

titleMàiri
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page