Caochladh
Tha m’ inntinn trom, gun sunnd, gun fhonn,
Cha bhrosnaich pong ceòl mi,
Le ceuman mall a’ ruith mo réis
Gu oirthir chéin nach eòl dhomh.
Rinn m’ earrach ùr-bhlàth ruith gu cheann
Is thriall mo shamhradh òr-bhuidh’;
Tha deireadh m’ fhoghair tighinn gu luath
’S tha geamhradh fuar ’nam sheòmar.
Chan fhaic mi dìtheanan air bruaich,
Chan fhaic mi snuadh nan ròsan;
Cha léir dhomh nis ach aogais fhuar
Far ’m faicinn uair a’ bhòidhchead.
Tha dorchadas a’ tarraing dlùth
Bhon dh’imrich mùirn na h-òige,
Tha srann a’ cheàrdubhain ’nam chluais
Cur smaoin na truaigh’ ’nam dhòchas.
Tha gleann an àigh far ’n d’fhàs mi suas
Fo luachair is fo chòinnich —
Tha caochladh air tighinn air a shnuadh
Bhon dh’fhalbh an sluagh a b’ eòl dhomh.
Bidh guileag eala bhàin air cuan,
Bidh guth na cuaich’ san Ògmhios,
Ach bidh na cagailtean cho fuar
Ri sneachd on tuath a’ còpadh.
Bidh buairidhean is beachdan faoin’
Gar toirt a thaobh le seòltachd,
A’ gealltainn lùchairtean an seud,
’S gach duais air mheud an òr-mheinn.
Ged s beag de thuigse tha ’nam cheann
Gun inn’s an gleann gu leòr dhomh,
’S gun dèan e thaisbean dhomh gu luath
Gum faigh an uaigh a còirean.
Tha eachdraidh anns na taighean fàs
’S beachd-smaointeachadh ri fheòrach
Gu eadar-theangachadh mo sgeul
Ma théid a leughadh dòigheil.
Chan eil e ’n comas chlann nan daoin’
An t-aog a chur air fògradh;
Ged fhuair sinn cead ar toil gu saor
Tha crìoch ar saoghail òrdaicht’
title | Caochladh |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |