Ròs na Mórchuis

Gur tu mo chéiteans mo ghrian ag éirigh,
Gur tu mo reul anns na speuran àrda;
Gur tu chairt-iùil leis an dèanainn cùrsa
S tu ailm mo stiùirs is tu siùil mo bhàta.

S tum flùr as bòidhche am measg nan ròsan,
S tum fuaran glòrmhor a dhòlainn pàiteach;
S tu reul na h-oidhche adeàrrsadh boillsgeach
S tu fhéin an daoimean chuir loinn air mfhàinne.

S tu as gealachs grian dhomh an speur na h-iarmailt,
S tu ghaoth an-iar dhomh gu ciatach slàinteil;
S tu madainn bhòidheachs an dealt air neòinein
No feasgar glòrmhors na h-eòin cur fàiltoirnn.

Mo bheatha s , seadh mo bhiadh is maodach,
Mo bheachd, mo smaointinn, gach taobh an tàmh mi;
Mo chadal suaineach thu air mo chluasaig
Mo chombaist buan thu tro chuairt mo làithean.


[102]

A-cheart cho bòidheach ri Eilidh Thròidh thu
A chuir gu seòladh luing-mhór nan àrd-chrann;
Mar shneachdnan cruachan tha cneas na gruagaich
No ealnan stuadhan nuair buaisle shnàmh i.

Mar long aseòladh, siùil ùr ga còmhdach,
Mar eilid bhòidheach measg ceò nan àrd-bheann;
Mar shòbhraig samhraidh air bruaich an alltain
No smeòrach ghreannmhor sa ghleann cur fàiltoirnn.

Nuair thig an geamhradh le stoirm is anntlachd
Bidh gruaim is greann air gach gleann is fàsach;
Sen deàrrsadh sunndach a thanad shùilean
A chuireadh dùdlachd gun diù fo mshàilean.

Mo bheannachd buan leat gach taobh an gluais thu,
A rìbhinn uasal nam buadhan sònraicht’,
S ged s fhada bhuam thu bidh thunam bhruadair
S gur tric mo smuaintean dol cuairt a Leòdhas.

titleRòs na Mórchuis
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page