[109]

Sgrìobhaidh Mi le Dùrachd mu Rùn na Òig Seo

Sgrìobhaidh mi le dùrachd mu rùn na òig seo,
Chan fhaca mi san dùthaich am flùr as bòidhche,
Sgrìobhaidh mi le dùrachd mu rùn na òig seo.

An Uibhist ghorm nan àrd-bheanntan
A thogadh suas an t-àilleagan
Rìbhinn ghrinn nam blàth-shùilean a thug an àird mo chòmhradh.

Eilean gorm nan àrd-bheanntan,
Bidh daonnan fuinn na Gàidhlig ann
Cho fads bhios tuinn an t-sàile tighinn le gàir-gheal chun achòrsa.

Sgrìobhaidh mi san uair seo dhuibh
Mubòidhcheads a snuadhmhoire
Tha falt dubh clannach dualach sìos mu guaillinnean ga còmhdach.

Tha fiamh a gàircho inntinneach
Ri còisir-chiùil nam frìthean
Nuair thig an samhradh dìtheanach air ais gu Tìr an Eòrna.

Gur gile leam an deud aice
Na sneachdair mullach Éiseabhail
Nuair thig am faoilteach beucach le chuid ghéirid rinn a chòmhraig.

Tha aoighealachd ga cuartachadh
S i càirdeil bàidheil uallachais
Tha dearbhadh ann a gluasad gu bheil buaidhean aictha sònraicht’.

Tha mil nam flùr atàrmachadh
Na h-ìomhaigh aoigheil bhlàth-chridheach
Cho rìomhach ann ri màldaig a chuir ma sàiltean brògan.

Tha h-anail air a cùbhrachadh
Le measgachadh de chungaidhean:
Cha cheannaich òr am bùthan iadbho dhùthchas thig an seòrsa.


[110]

Mo dhùrachd théid an-dràst’ ’uic’,
Mo dhòchas gura làidir e
Gun dèan am freastal fàbhar rium a-màireach bhithna còmhair.

titleSgrìobhaidh Mi le Dùrachd mu Rùn na Té Òig Seo
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page