Cuairt Dhòmhnaill Iain feadh nan Gleann

Thug mi chuairt feadh nan cluaintean bòidheach,
Na glinns na h-uain’ -chnuic tha smuadhmhor còmhdaicht’,
A-mach Glaic Ruairidhs mu chuairt na Sròine
Gu Meall nam Bùthans a-null na h-òban.

Na Creagan Gormagus Meall an Iasgaich
Nan sealladh àghmhor fo bhlàthan briagha:
Sgòrr an Fhéidh ann fo reubadh shìontan
S e giùlain cleòca de cheò na h-iarmailt’.

Tha Rubhna h-Òrdaigna charraig ùdlaidh
Acumail còmhstri ri dòrnadh dhùilean:
Na creagan cruaidhaig achuan ga sgùradh
Le doineann throm tighinn á com nam brùchd-thonn.

Ged s corrach cas Glaic an Daimh ri dìreadh,
Tha sealladh àghmhor bho bhàrr a cìrein;
Bidh fonn neo-bhruaillein agluasad dinntinn
Acluinntinn uainneart is buaireas strìtheil.

Tha monmhair aibhne aruith troimh Gharbh-Shlios
Mar cheòlraidh dhrùidhteach is ciùineachd seanchais,
Mar dhoimhne aoibhneachd air aodann leanabain
S mar dhriùchd acrùnadh nam flùr san anmoch.

Tha Gleann Gorm agus Glaic aChìobair
Mar bha iad riamh bho chian nan linntean
Gu fàsgadh tèaraintri sìontan millteach
S bidh chaora bhàn faighinn sgàil bhon dìlann.


[111]

Tha RubhaMhoil far am pailt an eunlaith
Cur mìle fàiltort le bàidh is ciatachd;
Bidhn fhaoileag bhàn tric asnàmh gun fhiamhlachd,
Asireadh beòshlaint ma chòrsag iasgach.

Far mo chuairt feadh nam bruach gun thill mi
Gu cadal suaineach air cluasaig mhìn-gheal;
Rinn mi dùsgadh le sunnds toil-inntinn
S fhuair mi peanns mar a bhann gun sgrìobh mi.

titleCuairt Dhòmhnaill Iain feadh nan Gleann
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page