[16]

Bàgh Hartabhagh

Ma bheir tachartas gu bràth
Thu don àitseo air chuairt,
Chì thu seallaidhean le dshùil
A bheir ùrachd dha dsmuain.

Chì thu monaidhean fo fhraoch
Fàsna chraobhagan uain
S chì thu blianagan as bòidhch
Air an òradh le snuadh.

Chì thu tobraichean tha fàs
Agus làraichean fuar
Atoirt breithneachadh nach gann
Air an àm chaidh air ruaig.

Chì thu cuimhneachain gu leòr
S gheibh thu eòlas as ùr
Bidh na h-eachdraidhean gu léir
Tighinn cho réidh gu do shùil.

[17]
[18]

Chì thu buailtean achruidh-laoigh
Air gach taobh anns aghleann
Atoirt taisbean len cuid sgeul
Air na treun-fhir a bhann.

Chì thu cairidhean sa bhàgh,
Saothair làmhan bha cruaidh,
Seòltachd gu glacadh éisg
Dearbhadh ainbheirt an t-sluaigh.

Chì thu calmain agus naoisg,
Cearcan-fraoich agus geòidh,
Gearradh-breac asnàmh nan tonn
S dreathan-donn feadh nan còs.

Chì thu iolaire nan spòg
S fiamh an òir dhith san speur
Sann an uaigneas bhios a tàmh
Shuas air àird Sgòrr an Fhéidh.

Maise nàdair air gach taobh,
Sìth is caoineas mun cuairt,
Sàmhchair àrsaidh gun fhiamh
Raghadh iarratais sluaigh.


[19]
titleBàgh Hartabhagh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page