1
Bha esan leis fhéin, mar a b’àbhaist, aig an tocasaid. Tocasaid a bha ann bho linn crochadh nan con; a shiubhail cuantan uair dha robh i, ’s a bhuail cladach aig Geodh’ -na-Muic. Sin far an d’fhuair a shean-shean-shean-sheanair i, tràth ’sa mhaduinn. Thuirt athair ris gun duirt a sheanair gun duirt athair gur e athair-san a thuirt gur e athair-fhéin a fhuair i: Slàn, sàbhailt, aig Geodh’ -na-Muic. ’S chan fhacas a samhail ’san àit ud a riamh. ’S cha b’e bhreug a bh’aig na seanairean (neo eadhon aig na sean-seanairean) oir bha esan a nis leis-fhéin a’ coimhead innte. Bha e faireachdainn a cruas fo làmhan ’s bha chridhe làn aoibhneas.
B’fhiach i bàrdachd; òran mór, cruinn. Ach cha robh bàrdachd a’s an fhuil — a’s an eanchainn — a’s an ilmeag. Cha robh spiorad iongantach na bàrdachd ann an duine bhuineadh dha; agus ma bha, cha do leig ’ad càil orra. Bu chaoimh leis, an deidh sin, òran a dhèanamh dhith — òran ceòlmhor cruinn. Agus, gu dearbha, có b’urrainn innse — co-aige bha fios? — nach aithnicheadh e, air latha buidhe Bealltainn, a’ spiorad cheudna seo ag èaladh an aiteigin — ’na mhaodal, ’na sgòrnan, ’na choinnlean taisgeil? Spiorad an t-salmadair! Spiorad an duanaire! ’S bhiodh cop ri bhus, ’s e faicinn tocasaid mhór nan car-a- mhuiltein a’ rolaigeadh a dh’ionnsaigh Geodh’ -na-Muic. Bhruidhneadh e air na putan a phut i, na tonnan a sgolt i — agus bhruidhneadh e air pluicean a shean-shean-shean-seanair. Sin uireas. Tocasaid, agus cuan, agus seanair a’ slaodadh. Oran gun lochd. Oran a sgàineadh do chridhe.
Thog e cheann. Cha b’fhada nis gu maduinn. Bha ’n
àird an Ear glas, fuar, ’s an dorchadas a’ teich air falbh. ’Se ’n dorchadas a bh’ann an toiseach gu-tà. An toiseach cha robh ann ach dorchadas, agus thuirt Dia: ‘Biodh solus ann’; agus seach nach eil càil do-dhèanta dha Dia, feuch! solus, feuch! maduinn, feuch! duine, feuch! tocasaid.
Shaoil leis nach robh beò ach e-fhéin. Bha gach uile chreutair a ghluaiseas a réir a ghné, gach steàrnag is leóbag, gach cuileag is crosgag, a réir an gné, marbh leis a’ chadal. Bha na bailtean gun smid, mìltean air falbh; aodainn air cluasagan, ordagan mór fo phlaideachan.
An-còmhnaidh ann an tighinnn a’ latha cha robh beò ach esan — Coinneach Meadhonach, mac Choinnich Mhóir, mac Alasdair, mac Choinnich, mac Choinnich, mac Alasdair. ’Se Alasdair a b’ainm dha fear treun na tocasaid — Alasdair Caol na Tocasaid. Coinneach Meadhonach a chanadh ’ad rise-san, Coinneach Mór ri athair, agus Coinneach Beag ri bhràthair beag. Cha robh sgeul orra nis — thug greim-mionaich bàs dha athair bho chionn còrr is dà fhichead bliadhna, agus dh’fhalbh Coinneach Beag a dh’Africa an ath gheamhradh — geamhradh nan clachan-meallain. Bha aona phiuthar aige — Barabal — pòsd a’s a’ Bhaile Mhòr. Bhiodh i cuir slabaid de chéic thuige a chula Bliadhn Ur. .. Barabal, nighean Chatriona, nighean Dhomhnaill a’ Chladaich. .. cha b’urrainn dha dhol na b’fhaide air ais taobh a mhàthair. Dh’fhalbh ise cuideachd — am boireannach deatamach a rug ’s a thog e. ’S cha robh air fhàgail ach e-fhéin, na aonar, a’ coimhead dha’n àird an Ear.
’Na aonar? Cha robh sin buileach ceart. Bha dà mhart aige, cù molach ruadh (Teàrlach), caoraich agus cearcan. Agus bhiodh e seanchas riutha a chula latha, ’s bhiodh iadsan a’ nochdadh urram dha, ag éisdeachd gu furachail ris gach focal. Cha robh sin idir ’na aobhar iongantais. Bha bothag aig na cearcan cho seasgair ’s a chunnaic cearc a riamh; bha pàirc aig na caoraich nach spiulladh ’ad gu bràth (gun iormadh air mòinteach agus cladach làn feamainn); bha ’n dà mhart — man dà bhànrigh’nn — ann am bàthach ùr, bàthach àrd,
bàthach a bha air a bhith ’na toileachas-inntinn dha Phàro ri linn na gort. Agus bha Teàrlach maille ris a ghnàth — a dheagh chompanach air slighean cugallach an t-saoghail, a charaid ’sa’ chùirt ’s a chùl-taice. Cha shleamhnaicheadh a cheum, ’s cha bhiodh feagal no fiamh air, fhad’s a bhiodh Teàrlach le shròin ’s le spògan còmhla ris.
Ach a bharrachd air na creutairean neochiontach sin bha duine — a chruthaich Dia ’na iomhaigh fhéin — ag còmhnaidh ann an gleann dà mhìle bhon taigh aige. Duine beag dearg a bha seo; duine beag dòigheil; sgudalair.
Bho’n uair a dh’fhosgail a shùilean ’s a chunnaic ’ad mìorbhuilean a’ chruthachaidh, bha cruth agus cumadh agus clàr-aodainn a’ Sgudalair a’ tighinn mu’n coinneamh. Ailean, mac Ruairidh-na-speuclanan, mac Ailein. .. b’e sin a Sgudalair. Chaidh am baisteadh air an aon latha ann an eaglais mhór MhicDhùghaill, agus bha aig Ruairidh-na-speuclanan ri seasamh agus maitheanas iarraidh air MacDhùghaill, agus air Dia, seach gu robh e mì-mhodhal agus ro chabhagach le Goromal Sheonaidh Duibh ann a’ sìg-chorc Choinnich Mhóir. Agus a réir beul-aithris, cha chualas samhail glaodhaich na cloinne ud a riamh — aon man uircean, ’s a’ fear eile man bioran, glan ás an ciall a’ sgriachail ann an tigh Dhé. Bha sud ’na chomharr — O, gun teagamh, bha sud ’na chomharr. .. air rudeigin. . .. eagallach. .. ‘oir is mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinne. .. ’.
Bha speuclanan air a’ Sgudalair cuideachd.
Thòisich e ag cròchail ’s a’ cas’daich ’s a’ sùghadh a shròin — a’ glanadh nan tollan, mar a chanadh Domhnall a’ Chladaich — agus thilg e smugaid a thuit ’na steall gu làr. Fras salachair; gaorr a chruithnich troimh’n oidhche ann am pìoban neònach eadar a sgamhanan ’s a choinnleanan. B’fheàrrda duine smugaid mhath a’ cheud rud a’s a’ mhaduinn. Cha robh e creidse gun d’ rinn a’ Sgudalair moch-eiridh ’na shaoghal — dh’fheumadh gaillionn nan gaillionn a bhi ann mas
caraicheadh a’ laoch ud ’s e cho cruinn ri tocasaid ann an cùl na leap.
Bha Nellie ’na cul-taice dhàsan. Ge b’oil le asnaichean Adhamh — ’s gu h-àraid an asann air nach robh e cuir feum — bha ’m boireannach seo ’na cnàimh-droma mar an ceudna. Cha robh fios aig air sinnsearachd Nellie ’s cha robh sin gu deifir. .. bha i ann, bha i ann bho chionn fhada. ’S bhiodh cuimhn aige gu suthain sìorruidh air a’ cheud uair a chunnaic e i — bascaid air a gàirdean ’s a’ Sgudalair air a’ ghàirdean eile, feasgar fuar geamhraidh ann am baile dubh na smùid. Cha do chaill i a bòidhchead a dh’aindeoin nam bliadhnachan, ’s cha do chaill i a cùrs a dh’aindeoin siantan agus Sgudalair. Bha i ann fhathast, a’ coimhead a’ ghlinn ’s a’ lìonadh a com le tea. Cha robh, cha robh e idir ’na aonar a’s an àit iomallach ud.
Chanadh na seann daoine Ard-nan-Claisean ris, ach an deidh saothrachadh agus strì cha robh lorg air na claisean sin an diugh. Bha ’n talamh còmhnard, torach, agus chunnaic Coinneach Mór agus Coinneach Meadhonach gu robh e math ’s nach robh móran nithean a’s a’ chruinne-cé cho feumail ri spaid. Chanadh ’ad Gil-a’ -Chlamhain ris a’ ghleann ’s an robh Nellie agus a’ Sgudalair. Bha cearcan-fraoich agus smeòraich agus topagan agus feadagan agus druidean-dubha agus faoileagan a’s a’ ghleann; bha cuileagan is meanbh-chuileagan, seilcheagan agus damhain-allaidh agus greumairean agus tarbhain’athrach a’s a’ ghleann; bha tobht àiridh Ailein Ruairidh ann, agus dà thobair, agus boglaichean. Uair is uair chunnaic e ’n iolair a’ seòladh seachad, ’s bhiodh an corra-ghritheach glé thric a’ meòireachadh ann. Ach chan fhac e riamh an clamhan. Thréig an clamhan ’ad. Thriall e.
Bha amharus aige gun dh’fhalbh an clamhan seach nach robh closaichean cho pailt ’s a b’àbhais dhaibh a bhith. Cha robh aig a’ Sgudalair ach dà chaora agus aon mult (cóig-bhliadhnach), agus bha iad sin daonnan an cois a’ Sgudalair, ag coimhead rise-san airson furtachd agus neart. Bha caoraich gu leòir aige fhéin — caoraich
cheann-dubh, caoraich mhaol, caora le aon adhairc, muilt is òisgean, rùda agus reith agus sagart — ach bha e gléidheadh sùil gheur orra, sùil bhiorach, ghorm. Bha amharus aige ma-tha gun dh’fhàs an clamhan diùmach agus sgìth, ’s gun duirt e ris fhéin: Tigh na galla, tha mi falbh, tha mi siubhal. Agus gun d’ rinn e dìreach sin, a’ maoidhinn air a chomh-chreutair gun a dhol a ghaoth a’ ghlinn ud far nach robh dad ach doilgheas agus acras agus bròn.
Cha robh ’n t-acras air duin aca. Chaidh dùsgadh roinn de’n talamh airson buntàt agus snéapan, càl is curranan; bha baraillean a’ brùchdadh le feòil shaillt bliadhna ’n deidh bliadhna; agus bha ’n fhairge loma-làn de gach seòrsa iasg — rionnaich, saidheanan, cudaigean. .. gu h-àraid cudaigean. .. sabhs agus cudaigean agus buntàta. .. am buntàta co-dhiùbh, feòil shaillt agus brochan corc. .. brochan brìghmhor a’ gheamhraidh, a’ cuir blàths ’nam mionach agus spionnadh ’nan cnàmhan. Cóig mìle deug bho Ghil-a- Chlamhain — tarsuinn mòinteach bhrist — bha baile; baile le ballachan glas, uinneagan, similearan agus sràidean cruaidhe. Bha bùithean a’s a’ bhaile: bùth bhonaidean is bhrògan tacaideach; bùth bhrioscaidean-milis agus orainsearan agus tofaidhean-bó; bùth éisg, bùth feòla, agus bùth-arain. Gheibheadh ’ad tombac agus uisge-beatha a’s a’ bhaile seo, agus brioscaidean-milis dha Nellie aig a’ Bhliadhn Ur. Cha robh feagal dhaibh — bha ’n copanan a’ cuir thairis, ’s bha gach broinn sàsuichte.
Cha b’ann ach ainneamh a bhiodh ’ad a’ tadhal a’ bhaile — cha robh Nellie na b’fhaisg air na deich mìle bho chionn ochd bliadhna. Bhiodh e fhéin ’s a’ Sgudalair ’ga ruighinn an dràsd ’s a rithist, ag coiseachd gu faiceallach troimh shràidean, ’s gu faiceallach a’ ceannachd rudan, air a socair, mì-shaoirsinneil, gus an tilleadh ’ad dhachaidh — an dachaidh a bha na b’aoisde na na bruthaichean. Dh’innis duine le croit dha mu dheidhinn aois Ard-nan-Claisean. .. duine meanbh le làmhan geal, a dh’éirich an àird ás na creagan feasgar
samhraidh. Dh’innis an duine foghlumaicht seo dhà gu robh na creagan ud cho aosd ri creag a bha ’san rìoghachd; bha iad anabarrach aosd, na b’aoisde na na bruthaichean, agus bha e toilichte, uamhasach toilichte, gum faca e iad. Chan fhaca esan an duine foghlumaicht tuilleadh, agus bha e duilich air dòigh gun dh’fhalbh e cho aithghearr. .. bu chaomh leis e, bu chaomh leis a chòmhradh. . .. ’nan tigeadh e rithist bheireadh e cuireadh dha gu biadh — iasg agus buntàta — agus bhruidhneadh ’ad air creagan is deighean is cruthan is cruthaidheachd. .. bhruidhneadh gu dearbha.
Rinn e miaran, ’s leig e brùc. . .. maduinn eile, maduinn deireadh foghair, ’s bha obair aige ri dhèanamh. Chaidh e steach dhan a’ bhàthach, dh’fhosgail e bhriogais, ’s chrùb e os cionn na h-eisir. Thug a’ bhó ruadh sùil air agus thug a’ bhó bhreac sùil air — rinn ’ad gnùsdaich chàirdeil.
“Air ar socair,” thuirt an duine. “Foighidean, foighidean. Bha Iob air a chiùrradh aig niosgaidean agus sgreaban agus at, ach fhuair e faochadh. . .. faochadh. .. air do shocair, a nis. .. gabh do thìde. .. cuimhnich rudan. .. Coinneach Beag; Barabal a’ deasachadh céic. .. bha Coinneach Beag col’ach rium-sa, feagal air. .. roimh tàislich is gnogadh — an gadaich ’san oidhch — ’s cha dàinig fear-coimhead Israel le comfhurtachd, ach le tàirneanaich is dealanaich is clachan-meallain. .. ’s dh’fhalbh e dh’Africa. .. le stocainnean cloimh agus léintean glan, paisgte. .. agus an Tiomnadh Nuadh. .. ’s bha sinne uile a’s an dorus, ’na choimhead le mhàileid. .. a’ falbh a dh’Africa. .. air do shocair. .. do shocair. .. cuimhnich air an oidhch ud. .. na néimhean, ’s a’ ghaoth a’ séideadh. . .. ’s cho aognaidh ’s a bha sgread na faoileig a’s na creagan. .. is Dia eudmhor mi. .. Dia feargach. .. agus bha mo mhàthair air a glùinean a’ guidhe ris tròcair a dheanamh air Coinneach Beag. .. Barabal a’ gal. .. ’s a’ ghaoth. .. a’ ghaoth. .. Sin thu. .. sin thu. .. ha!” Fhuair e sop feòir agus ghlan e ’n toll mu-dheireadh. Thug a’ bhó bhreac sùil air agus thug a’ bhó ruadh sùil air — rinn ’ad gnùsdaich chridheil.
Bha obair aige ri dhèanamh — bracoisd, bracoisd an toiseach mas cailleadh e lùths. .. Choisich e null chun an taigh, a’ cumail a dhruim dìreach ’s a cheann an àirde. Bha ’n tigh ro mhór, fada ro mhór. Bha ’n tigh na bu mhotha na seana eaglais MhicDhùghaill agus na bu mhotha na bùth nam bonaidean anns a’ bhaile — cha robh togalach anns a’ bhaile uidhir ris an tigh. Chaidh leacan aosd a’ chladaich dha na ballachan, sligean agus crèadh — obair Dhomhnaill a’ Chladaich, a sheanair, athair a’ mhàthair, an clachair urramach, ionmholta. B’ann dha Alasdair, athair athair, a thog Domhnall a’ Chladaich an tigh. Roimh’n a sin bha na sean-seanairean ann an tigh-dubh, agus bha ’n tocasaid ann bho thùs. Bhiodh ’ad a’ gléidheadh a’ maistir — mùn na cloimh, mùn priseil na clò — a’s an tocasaid, ach cha do chuir an tocasaid an dàrna h-umhail — bha i cho fallain ’s a bha i riamh. Agus bha mullach an taigh air a dhèanamh de fhiodh a bha cheart cho fallain ri sin — fiodh trom, a sguab an fhairge gu tìr; fiodh nach do tholl cnuimh ’s nach do bhlais raodan. Agus an uair a bha ’n obair crìochnaichte, thàinig daoine bho gach àird gus am faiceadh iad an aitreabh mhìorbhuileach seo, agus lìonadh iad le iongantas thar tomhais. O, bha na seanairean moiteil. . ..
“Mo charraig is mo dhaingneach,” thuirt an duine; phrioc Teàrlach a chluasan agus chrath e earball. Bha fios aige gu robh biadh ann a’ rùn a mhaighstir agus dh’fhàs e roilleach a’ smaoineachadh air feòil. Thog an duine an teine, ghoil e bùrn, ’s rinn e tea. Bha asaid le feòil fhuar air bòrd an dreasair, aran corc, aran corc-is-flùr, ìm, gruth is bàrr, agus bainne gort. Theann e ag ith, clab aig a bheul a’ spiulladh na feòla, a’ pronnadh an arain, agus bha Teàrlach cuideachd ’na mhàl a’ slugadh ’s a’ bòcadh. Dà ghlamaiseire. Mu-dheiridh rinn e troibhle mhór le ìm is gruth is bàrr dhan dithis aca, lìon e muga le tea làidir dhubh dha-fhéin agus shuidh e aig ceann a’ bhùird.
“Trobhad, a bhalaich,” thuirt e ris a’ chù, eadar strùpalais agus cagnadh. “Trobhad gus an innis mi dhut. .. mu dheidhinn. .. mu dheidhinn Dhomhnaill
a’ Chladaich.” Laigh an cù sios aig a chasan. Bha na h-eòin a’ bìogail a-muigh; bha a’ saoghal a’ cuir car eile.
“Mo sheanair,” thuirt e ris a’ mhuga tea. “Mo sheanair, athair Chatrìona, ise dh’altrum sinn. Bha feusag air, feusag gheal, agus chitheadh tu far na stad am buidheagan innte. ’S bhiodh sin a’ toirt gòmadaich air a’ Sgudalair; bhiodh a’ Sgudalair bochd a’ dìobhart. Agus h-abair thusa gu robh mise pròiseal an uairsin — mi-fhìn ’s mo stamag. Co-dhiùbh. .. co-dhiùbh bha Domhnall a’ Chladaich — mo sheanair — athair mo mhàthair — bha mo sheanair-sa déidheil air maorach: faochagan, feusgain, bàirnich. .. agus déidheil air crùbagan. .. agus sìolagan. Cha robh e togail a chinn ás a’ chladach. Latha ’s deidh latha, bliadhna ’n deidh bliadhna, na chrùban a’s na creagan. .. ’na fhallus leis a’ chorran, a’ sgoltadh na gainmhich airson shìolagan. Duine garbh. .. clachair ainmeil. ’S cha robh mi-fhìn no a’ Sgudalair ag iarraidh duine bha beò ach esan. .. bodach le feusag gheal, agus riamhagan buidhe innte far na stad an t-ugh. Bhiodh e ’g ìnnse dhuinn mu dheidhinn mac talla nan creag agus mucan-mara agus daoine naomh agus crodhanan an t-Sàtuinn. Ach co-dhiùbh. . .. ’sann ag ithe shìolagan a bha sinn, sabhs agus sìolagan — mi-fhìn ’s a’ Sgudalair agus Domhnall a’ Chladaich — ’s cha robh e ’g radh dùrd, cha robh e fiù’s ag ith ach ’na shuidhe dìreach, le shùilean dùint. Agus bha dùil againne gur ann a’ smaoineachadh air seanchas a bha e. .. seanchas ùr, annasach, mu dheidhinn samhla no solus no uilebhéist. .. ach cha b’ann. .. thuit e le clab an comhair a’ chùil, ’s cha robh cuimhn air crùbagan an uairsin. .. air bàirnich. .. feusgain. .. bàirnich. . .”
Cha robh beò ach e-fhéin, gun stiall aodaich, a’s a’ chladach. Bha na creagan sleamhainn, dubh gun mhaorach gun fheamainn; bha ’n cuan geal, lainnireach, gun ghluasad — cha robh càil a’ gluasad, cha robh càil ann. .. ach e-fhéin, gun stiall aodaich. Chuir e chorrag ’na bheul airson a fliuchadh, gus am faiceadh e an robh deò gaoith ann — ach bha bheul tioram, air seacadh. Agus bha feagal air — feagal gun tigeadh cuideigin a
dhèanadh fanaid air, gun tigeadh daoine a chitheadh lomanach e. Dh’fhosgail e a’ sgian agus rinn e gearradh domhain air caol a’ dhùrn, ach cha do ruith an fhuil — cha robh fuil ann, ’s bha ’n gearradh man gearradh a dhèanadh duine air cnap saill. Dh’fhàs e iomagaineach — dh’fheumadh e lorg a chuid-aodaich, dh’fheumadh e e-fhéin a bhàthadh. .. agus an uairsin thàinig Domhnall a’ Chladaich thuige. Bha sùilean Dhomhnaill a’ Chladaich a’ sileadh — ‘Bhàsaich mise,’ thuirt e. ‘Bhàsaich mise bho chionn fhada.’ Agus thòisich e gal ’na fheusag. Bha esan ag iarraidh bàsachadh cuideachd ’s a bhi còmhla ri Domhnall a’ Chladaich a-chaoidh. .. ach dh’fhalbh e, agus gun fhiosd dha bha ’n duine foghlumaicht ri thaobh. Chunnaic e nach robh càil a’s an duine fhoghlumaicht ach an craiceann ’s na cnàmhan, ’s gu robh a shùilean air stad ’na cheann. Ach thuirt an duine foghlumaicht ris gu robh e toilichte, uamhasach toilichte, na creagan aosd ud fhaicinn a rithist. ’S bha esan, e-fhéin, toilicht agus thug e cuireadh dha a thighinn gu diathad mhór — adagan agus buntàta. Cha robh ’n duine foghlumaicht ag cluinntinn dùrd; thog e na h-ionnstramaidean a bha aige agus choisich e sios gu oir na mara. Bha ghlùinean air lùbadh aig meud na croit, ’s bha cheum bacach. Dh’éigh e ris, agus fhreagair mac talla, ’s cha robh sgot aig na focail. Dh’fhàs e iomagaineach a rithist. .. bu chaomh leis an duine foghlumaicht. .. bhruidhneadh ’ad air rudan. Dh’fhiach e ri ruith as a dheidh, ach chunnaic e gu robh ’n duine a’ tighinn air ais, ’s nach b’e croit a bha air idir ach màileid, ’s nach b’e ’n duine foghlumaicht a bh’ann ach Coinneach Beag — a’ tilleadh ás Africa. Bha botul aige ’na dhòrn ’s bha léine salach reubt. Agus chual e guth a’ mhàthair fad ás ag éigheachd: ‘A Choinnich. . .’ agus Barabal ag éigheachd: ‘A Choinnich. .. A Choinnich!’
Leum e ’n àirde. Bha chorp gu léir air chrith ’s a’ fallus a’ sruthadh dheth. Bha eanchainn a’ breabail ’na cheann, ’s an tigh a’ cuir nan caran leis. Cha robh càil nach robh fo mhì-rian — a’ saoghal bun-os-cionn, dorch agus neo-thuigseach. ’S bha crògan fuar a’
stialladh a thaobh-a- staigh, crògan cruaidh, an-iochdmhor, a’ stialladh ’s a’ sracadh. .. ’s cha b’urrainn dhà-san a dhìon fhéin. .. chaill e mhisneachd, chaill e chùrs. .. cha b’urrainn dha. . ..
Ach an ceann greis fhuair e air dìobhart agus b’fheàrrd e sin. Dh’fhosgail e shùilean agus chunnaic e Teàrlach ag coimhead ris le uamhas. Rinn e gàire neònach.
“Chan eil feagal dhuinn, a bhalaich,” thuirt e. Agus dh’fhairich e làidir a rithist, calm agus smiorail. Chuimhnich e gu robh obair aige ri dhèanamh — bleoghan agus eisir, ’s an taigh a sgioblachadh. .. an dìobhart a ghlanadh co-dhiùbh. .. le bùrn goileach agus lysol.
Dh’fhalbh e mach. Bha duine beag, aincheardach, dà chaora agus aon mult (cóig-bhliadhnach) dìreach air nochdadh aig Deas, ’s bha ’ad a’ dèanamh air an tigh aige — creutairean coibhneil a bha ag còmhnaidh ann an Gil-a’ -Chlamhain.
title | 1 |
internal date | 1979.0 |
display date | 1979 |
publication date | 1979 |
level | |
reference template | Caimbeul Deireadh an Fhoghair %p |
parent text | Deireadh an Fhoghair |