3
Dh’fhalbh gaoth na Màirt le na fiaclan a bh’ann an cùl a beòil; falt a cinn air glasadh ann a seo agus ann a seo — bileagan fada liath uaireanan a-measg na feòla, a’ seòladh ann am prais a’ bhrochain. Cha robh a fradharc cho math a nis. Bhiodh a’ Sgudalair a’ crathadh a chinn an uair a lorgadh e bileag; chumadh e ris an t-solus i. Esan le chuid speuclanan aig ceann eile a’ bhùrd — cha chanadh e focal, chrathadh e cheann.
Bha an aois air a thighinn gun fhiosd oirre: falt agus fradharc agus fiaclan uile toirt fianuis air a seo. Agus Ailean. .. cha robh a chlaisneachd ro mhath. .. cho bodhar ris an talamh nuair a thogradh e fhéin.
Sgìos an fheasgair: chaidleadh an dithis aca as deidh na diathad, beulaibh an teine. Air a’ gheamhradh ’s an uisge trom a muigh, fead caol na gaoith ’san t-simileir, bha an cadal seo cho math; cho sìtheil troimh’n t-samhradh ’s tu cluinntinn fuam an t-seillein agus ceòl nan eun fad air falbh. Dhùisg i aon uair agus chunnaic i gu robh Ailean a’ gal ’na chadal. Chunnaic i na deòir, agus dh’éirich i, ’s chuir i a làmh gu socair ri aodann.
‘Chuala mi seinn,’ thuirt e rithe. ‘Bha cuideigin a’ seinn, ’s cha chuala mi riamh càil cho bòidheach.’
Bhiodh a casan fuar anns a’ leabaidh; mus gairmeadh an coileach bhiodh a h-òrdagan bochda reòidhte, agus bhiodh Ailean ri taobh, cruinn man cnoc, ’s cho blàth ris a’ bhainne. Chuireadh i na h-òrdagan fuar air a mhionach ’s leigeadh esan na h-éigheanan:
‘Hoi! Hoi-oi-oi! Có tha siud?’
‘Mise. Mise th’ann.’
‘O Dhé ghràsmhor, tha i fiachainn ri cuir ás dhomh.’
‘Bha mi fuar. . .’
‘Ach chan eil fad agad dheth — chan fhada bhios mi idir ann.’
‘Bha thusa cho blàth. . .’
‘Seall a-mach a’ latha sin — sàruich an duine thogras tu an uairsin, a bhoireannaich gun nàire.’
‘An dèan mi bracoisd?’
‘Tha mi aosd. .. mo chridhe a’ fàilingeadh. .. iongantas gun chum mi dol gu ruige seo, dìreach iongantas. . .’
‘Lit agus bainne, uighean agus mìr-eòrna.’
Ach dh’fhalbhadh an cadal leis-fhéin ’s le chridhe. ’S bhiodh a’ ghrian air éiridh gu math mas tionndaidheadh e aiste, a-mach dhan a’ ghleann le mhùn: baraille ’m broinn baraille, baraille mu leth-bharaille, a’ stealladh bhuaithe na h-àmhghairean a thàinig ’san oidhche. Thilleadh e ’n uairsin ’s a ghnùis a’ deàlradh:
‘Mo bhracoisd, a thràill air do chasan.’
Duine beag cruinn le pluicean, duine beag pluiceach, a bha aice bho chionn aon latha ceòthanach ’s i air mhuinntearas anns a’ bhaile mhór. Thàinig e feasgar chun an doruis. Bhiodh daoine a’ tighinn chun an doruis gun sguir: thigeadh fear le gual, fear le bainne, fear le pàipeirean-naidheachd; thigeadh feadhainn a bhiodh a’ creic rudan — pionaichean-aodaich, prìneachan-banaltrum, leabhraichean, ‘flagaichean’, stuth a dhèanadh caol thu, stuth a ghlanadh do thaobh-a- stigh, acfhuinn nam biodh a’ siatuig ort, no losgadh-bràghad, no glasadh-uisg — a h-uile seòrsa duine leis a h-uile seòrsa rud. Cha bu chaomh leatha a bhith freagairt an doruis. Nuair a thàinig an gnogadh seo air feasgar ceòthanach bha i aig toll na h-iuchrach a’ smaoineachadh:
duine bhios a’ creic sguaban, clabhdan-sgùraidh, LB canastairean polish LB duine air an allaban, ag iarraidh sean bhrògan, LB cùl lof LB duine chaill a chiall LB duine le sgian ’na phòcaid. ..
Dh’ fhosgail i ’n dorus agus thuirt e, ‘Hello.’
A shùilean air chùl speuclanan, aon cluais mholach, fàileadh an tombac.
‘Hello.’
Gàirnealair a bh’ann, le bara agus spaidean agus gràp. Duine sona dòigheil. Thug e fad an t-samhriadh ud ag obrachadh cuibhrionn na caillich aice-se dhan talamh bheannaichte.
Samhradh àluinn. Bha i sunndach, òg.
An uair a bhiodh an t-uisg ann dh’éigheadh i air: ‘Trobhad mas téid do bhàthadh!’
‘H-abair dòrtadh.’
‘Gu sealladh sealbh ort. Tha thu bog fliuch.’
Sheasadh e aig a’ stòbha mhór ’s bhiodh ceò ag éirigh bho chuid-aodaich.
‘Am bi ’ad ag ithe tòrr?’ dh’fhoighnich e aon latha.
‘Có?’
‘Na daoine tha ’san tigh seo.’
‘Cha bhì. Bi ’ad a’ piocladh na h-uidhir. .. ach feumaidh mise an t-uamhas a dheasachadh dhaibh a chula latha.’
‘Tha sin diabhult.’
‘Tha.’
‘Bu chòir dhaibh am biadh fhéin a dhèanamh. Bugairean leisg.’
An ath latha thuirt e: ‘Tha mi fàgail a màireach.’
‘O.’
‘Tha mi dol dhachaidh.’
Bha i aig an uinneag an uair a dh’fhalbh e, e-fhéin ’s am bara, deireadh an t-samhraidh. Thog e làmh rithe agus dh’fhalbh e. ’S cha do shaoil i càil dheth — bha a’ latha man latha sam bith eile, a’ feasgair a’ ciaradh ’s an obair seachad. Ach tràth air an ath mhaduinn chuimhnich i air, chuimhnich i nach biodh e tilleadh, an gàirnealair. Dh’fhairich i seòrsa de chianalas. Bha i ’ga ionndrainn.
Geamhradh fada sàmhach a bh’ann dhith. Dh’fhàs i seachd sgìth dhan a’ bhaile ’s dhan fheadhainn a bha i frithealadh shuas a’ staidhre. Na daoine móra. Bugairean
leisg, thuirt esan. Bhiodh i a’ cuir seachad nan ionnairidhean a’ smaoineachadh air.
Dh’innis e dhith mu-dheidhinn a dhachaidh agus na daoine a dh’fhàg e innte. Bha an tigh aige ann an Gil-a’ -Chlamhain, gleann fasgach, far an robh cearcan-fraoich agus caoraich, lochan is lòin, uillt agus abhainn agus dà thobair — aon dhiubh sin le bùrn an iaruinn, tobair a’ Ghlaisein. Bha athair agus a mhàthair ’nan aonar ann; bha muinntir Choinnich Mhóir ann an Ard-nan-Claisean, ’s bha dà bhràthair — Aonghas agus Calum — ann an àite ris an canadh ’ad Léinebroc. Dh’fhalbh am bàs leis an fheadhainn eile. Chitheadh tu na dachaidhean aca — tobhtaichean fàs — a’s a’ Ghil, ann am Buaile-na-Crois, agus air an Dùn.
Bha eòlas mór aca air muir agus mòinteach, iasgach agus caoraich. Bha eathair aca air an tràigh, ’s an uair a thigeadh an tìde mhath chuireadh ’ad gu sàl i. Gheibheadh ’ad rionnaich, saidheanan, adagan, liùghan is leóbagan; agus a muigh gu h-àrd bha lorg aca air grunnd-mara nan trosg.
Dh’iarr a’ muir a bhi ’ga thadhal, thuirt Goromal rithe bliadhnachan an deidh sin, ’s iad ’na seasamh air bàrr a’ chladaich feasgar ciùin samhraidh, a’ faicinn nan iasgairean ’ga stiùireadh gu cala. ’S an uair a chrom iad sìos dh’aithnich ’ad gu robh rudeigin air tachairt, rudeigin ceàrr — cha robh na fir ag radh càil ’s bha Ailean a’ gal. Thog Calum Bàn agus Coinneach a chorp aiste, corp Ruairidh, le na speuclanan ’s a dhà bhòtunn mhór.
Chuir i mòine mu’n teine. Bha sgòthan trom dubh ’san àird an iar ach bha i ’n dòchas gum biodh feasgar math ann ’s gun tigeadh Coinneach a dh’ithe nan cearcan còmhla riutha. Cha b’ann tric a bhiodh Coinneach aca aig diathad, ach nuair a thigeadh e, gu dearbha bhiodh slugadh ann — bha slugan ann an Coinneach man slugan sùlaire. Thòisich i air a’ nigheadaireachd. Bha tuba mór aca a rinn Seonaidh Dubh le fiodh a’ chladaich. ..
Tha ’n cladach fialaidh, ars esan, ’na sheasamh aig
a’ stòbha agus uisge drùidhteach a’ bhaile a’ dòrtadh dìreach a-nuas.
Dh’innis e dhith gum biodh ’ad air na creagan le slatan fada cuilc. Bhuaineadh ’ad scrom (feusgan beag dubhghorm) agus phronnadh — biathadh math chudaigean. Thigeadh a’ saidhean ’s a’ smalag a-steach chun na creige cuideachd. Dhèanadh ’ad sabhs leotha sin, agus ceann-propaig le na truisg.
Ach cha b’e iasg a mhàin a bhiodh iad a’ faighinn: bha maorach gu leòir — faochagan is bàirnich — air na cladaichean; crùbagan is portain, agus feamainn. Bha feamainn ann a dh’itheadh iad: mircein, duilisg, agus stamhan; bha feamainn ann a bhruicheadh ’ad dhan a’ chrodh, ’s bha feamainn ann a sgaoileadh ’ad air a’ chlàr bhuntàta. ’S bhiodh na tonnan a’ tilgeadh suas gu mol a chula seòrsa rud: fiodh, ròp, bucais-éisg. .. bho chionn fhada, bha bodach a’ spàgail air a’ chladaich. .. chunnaic e tocasaid.
Muir agus mòinteach.
Chumadh sin còmhradh ris, ’s e blàthachadh a thóin ann am baile mór grànda.
Thill e. Thill e aig toiseach na Bliadhn Ùr.
‘Hello Nellie. Seo mise rithist.’
Bha i cho dòigheil, cha robh dòigh aic’ air innse.
‘Cha chreid mi gun bhuail a’ ghaoth ort bho chunna mi thu.’
‘Cha do rinn mi móran a-muigh idir.’
‘Tugainn ma-tha. Cuir umad do chòta ’s do chlogaid, ’s ruigidh sinn na beanntan.’
Bha na beanntan seo air taobh a-muigh a’ bhaile — tlachdmhor a bhi ’nam measg ’s an adhar bhos do chionn.
‘Seall,’ chanadh e. ‘Seall air a’ sgòth sin. Tha i col’ach ri Aonghas Bàn Léinebroc a’ séideadh na pìob.’ Bhiodh e ’n còmhnaidh a’ faicinn dhaoine a’s na sgòthan. Bha cuimhn aice air aon gu h-àraid: ‘Donnchadh Bàn ’s a bhriogais m’a chasan agus bardachd a’ togail cinn.’
Aon latha rinn e searmon dhith:
Shuas gu h-àrd anns an adhar, far nach ruigeadh sùil ’s nach cluinneadh cluais, bha bodach feusagach le sùilean caogach biorach, cho geur ris an t-saighead, cho eagallach ri dealanaich, a’ gabhail alla ann am breitheanas le leabhar agus pinseil purpaidh. Agus bha sluagh àraid de dhaoine meanbh geal anns na néimhean còmhla ris: feadhainn a bha cùramach mu’n deidhinn fhéin an uair a bha iad làthair anns an fheòil. Bha iad sona agus sóghail, a’ dol bho àite gu àite le ’n òrain a bha naomh, a’ seinn le ’n uile chridhe mór-mholadh agus glòir, ’s cha robh an tùchadh air duine dhiubh oir cha robh tùchadh tuilleadh ann. Cha mhotha bha grian no gealach ann, no eadhon clachan-meallain, gaoitean borb a’ gheamhraidh, caisean coimheach na Bealltainn, rotach donn ’ill Donain. Agus ’nan teis-mheadhon bha ’n duine feusagach, Alpha Beta Omega, le phinseil purpaidh ’s a’ leabhar mór sgaoilte fosgailt air a ghlùinean. ’S nan gabhadh ise — Nellie — oirre breug innse, breith a thoirt, droch ghnìomh a ghnìomhachadh, droch chainnt a chleachdadh, droch smuain a smuaineachadh (air folach no gu follaiseach) bha ’n duine seo le dreun a’ tionndadh nan duilleag chun na litreach N, agus ann a-sin, còmhla ri Nebuchadnesar, Nehemiah, Niall Odhar, agus Noah, bhuaileadh a shùil air Nellie agus sgrìobhadh e sìos a dol a-mach agus a teachd a-steach le osnaich ro-throm. ’S bha latha ri tighinn (no oidhche uamhasach) air am biodh Nellie, ’na h-aonar, air a gairm gu a bheulaibh, ’s mura biodh i deamhnaidh sgiobalta air a teanga bha àite àraid eile a’ feitheamh oirre.
Sloc dhubh na mì-mhisneachd: cnàmhan a’ bragail, cnàmhalaidean le fiaclan a’ dìosgail. Sluagh mór: muirteirean, misgeirean, meàrlaich; strìopairean, cealgairean, balgairean. Ròsdadh agus dàthadh. Aite duilich. Agus a’ cumail na cùis fo mhì-rian bha a’ Sàtunn ’s a chàirdean — rudan iargalta le earbaill agus adhaircean. A-nis cha robh feum aig a’ laoch seo air leabhar no pinseil, ach bha fios aige gu robh peacach ris an goirear Nellie air uachdar na talmhainn ’s gum biodh droch smuaintean ’ga gluasad aig amannan. Agus b’e an
dleasdanas aige-san na smuaintean sin altrum chum ’s gu fàsadh iad torach agus lìonmhor, agus mar sin gun tigeadh Nellie maille ris an uair a ruigeadh i ceann a lò. Bha ’n t-sloc a’ cuir a-mach air a bus, ach bhiodh rùm ann dhìthse, ha-ha!
LB ‘Muirt mhóir, Ailein, cà ’n cuala tu sin?’
‘Cha chuala tu siud a riamh?’
‘Cha chuala,’
‘Obh obh-obhan,’ thuirt e, a’ crathadh a chinn.
Ghabh iad seachad ma-tha, na làithean aotrom ud. Thàinig làithean eile. Ach a dh’aindeoin gaiseadh agus gathan bha lorg aca fhathast air sunnd agus ceòl.
Bha puirt aca agus abhrain mhath. Feadhainn shuigeartach a chuireadh gu danns thu:
Theirig thusa dhanns LB ’s gabhaidh mise port leat — LB earball a’ radain, earball a’ radain. ..
Feadhainn shlaodach a chuireadh an cianalas ort:
Thug thu ’n ear dhiom is thug thu ’n iar dhiom, LB Thug thu ghealach is thug thu ghrian bhuam, LB ’S ghoid thu ’n crìdh bha ’n taobh-stigh de m’ chliabh bhuam — LB Cha mhór, a ghaoil, nach dug thu mo chiall bhuam.
Bu chaomh le Coinneach an t-abhran ud, bhiodh e aige ’n còmhnaidh. Dh’iarradh i air a ghabhail a-rithist, troimh shròin ’s a cheann an àirde, mar a bha e uaireigin air oidhche na bainns aice.
Latha sonraichte bh’ann, a’ latha phòs i. Bha teas na gréine duilich a ghiùlain, ’gad fhàgail sgìth agus fann. Thaom a’ sluagh a-mach chun na sràidean; a chula duine ’na lòn falluis, na boireannaich ’nan aodach samhraidh a’ nochdadh shliasaidean saillmhor geal — na seacaidean beaga air am pasgadh air falbh ’s na màsan fo sgaoil aon uair eile. Rinn i fhéin agus Ailean a rathad tromhpa gus na choinnich iad ri duine àrd cnàmhach.
‘Seo Gandhi,’ ars Ailean, ’s rinn an duine gàire cruaidh eagallach. Bha dùil aice gun tuiteadh e an comhair a chùil. Coinneach Meadhonach mór:
‘Well, well, well,’ ars esan. ‘Well, well.’
Bha a’ ministeir maol. Bha ball-dóbhrainn air os cionn na cluais taisgeil, putanan a’ ruith sìos a bhroilleach, fàileadh siabunn dearg. Ministeir glan, snog, bog, man cluasag. Thuirt Coinneach ri Ailean nach robh ’n droch aghaidh air a dhol gu ministeir ’s a chliù cho cugallach anns na raointean naomha sin. Cha robh dragh aig Ailean, ach bha crith ’na thóin an uair a thàinig cùisean gu buil:
‘A bheil thus Ailein a’ gabhail a’ bhoireannaich seo’ . .. ploscairtich a chuirp, rùchdail a mhaodail. ..
‘A bheil thus Nellie’ . .. an uair a stadadh e chanadh i ‘Tha — tha, tha, tha.’
Bha cuirm aca air an oidhche, abhrain agus ceòl. Sheas Coinneach air bòrd agus labhair e:
‘Tha mise glé eòlach air an duine seo — Ailean mac Ruairidh, a rugadh ’s a thogadh ann an Gil-a’ -Chlamhain. ’Se bàrd a th’ann — bàrd agus fear-siubhail na mòintich d’ am bu dual a bhi smiorail ’s na blàran.’
‘Och isd.’
‘Agus seach gu bheil e ’na bhàrd, nach biodh e iomchuidh dhòmh-sa rann neo dhà, a rinn mi-fhìn, aithris dhuibhse an dràsda. Cha b’e gu robh bàrdachd air a buileachadh oirnne — clachairean agus luchd-togail na salm — ach an deidh sin, rinn mi mo dhìcheall ’s tha mi glé chinnteach gu’n gabh sibh mo leisgeul. Seo agaibh e ma-tha.’
Agus le sin dh’aithris e Dha Nellie:
’S mór mo thoileachas a-nochd LB a bhi làthair aig do bhanais. LB Na biodh gruaman ort, a luaidh — ’S tusa fhuair an gaisgeach fearail.
Bheir e fiadh dhut ás a’ bheinn, LB Bheir e breac dhut ás a’ linne, LB Iasgair air cuan mór nan tonn
’S a’ chraobh as àrda tha ’sa’ choille.
’S tusa fhuair am fleasgach stuam — LB Gu Là Luain chan fhaic thu shamhail. LB Nis guidheam sonas dhuibh gach ré LB Is òlamaid le chéile gloinne.
’S an uair a thràgh iad na botuil ’s a fhuair an tùchadh làmh-an-uachdair, thàinig a’ chuirm gu ceann agus dh’fhalbh iad ’nan triùir dhachaidh.
“Faire, faire shaoghail,” arsa Nellie, a’ fàsgadh drathairs chlòimh Ailein. Bha an t-uisge trom a’ dòrtadh a-nuas ’s a’ cuir deann ás an talamh. Bhiodh Ailean air ruighinn Ard-nan-Claisean ’s bhiodh e-fhéin agus Coinneach am broinn an taigh a’ coimhead dhan teine. Dh’fheumadh i-fhéin a dhol cuairt an taobh sin a dh’aithghearr, ged nach biodh ann ach gu faiceadh i a’ bhó bhreac ’s a’ bhó ruadh a-rithist. Dh’aithnicheadh iad gu math i, ’s iadsan a dh’aithnicheadh. Bhiodh ’ad aice a chula samhradh, ’gam buachailleachd air a’ ghleann. ’S cha robh uair a bhiodh i leotha nach tigeadh Goromal gu cuimhne, Goromal agus a’ bhó chiar a bh’aca nuair a thàinig ise ’n toiseach.
‘Seall oirre Nellie. Sin a’ chailleach chiar againne, ’s chan eil air an t-saoghal a tha saoilsinn uidhir.’
‘Seall a-nis cho dòigheil ’s a tha i, a’ cnàmh a cìr ’s a broinn gu sracadh. Cuir do làmh oirre. ’S caomh leatha sin, a bhiasd gun nàire. . .’ Cha bhiodh Goromal a’ sguir a bhruidhinn rithe ’s ’ga cìreadh le cìr mhór fhiodha a bha fhathast aca a’s a’ bhàthach. Goromal chòir choibhneil. Aon latha ’s iad a’ buain na mónach, rinn Coinneach Mór a mhùn ris a’ pholl. Bha Coinneach agus Ruairidh air a’ bharrfhad; Calum Bàn agus Ailean air fàd a’ ghàraidh; Goromal agus Catriona, bean Choinnich, a’ buain a’ chaorain. ’S rinn am breitheanas ud a mhùn. ’S an uair a thàinig Goromal air a’ lòn a dh’fhàg e, thoisich i a’ flodranaich ann le a làmhan.
‘ ’Il fhios agaibh air a-seo fhearaibh,’ dh’éigh i ’s i togail a cinn. ‘Gheibh thu mach gad a tha latha fuar, tha ’m bùrn blàth.’
‘An trusdar grànda,’ thuirt i nuair a chaidh innse dhi, ‘dhèanadh e ’n àit sam bith e.’
Dh’ionnsaich Goromal bleoghan dhith, ’s mar a dhèanadh i gruth is ìm ùr, ceann-propaig, maragan agus lus-nan-laogh. Chumadh sin greann ri na fir. Dh’ionnsaich i snìomh agus fighe — geansaidhean, stocainnean, bonnagan agus balaclàvas — chumadh sin blàths riutha. Ann an ùine glé aithghearr cha robh cuimhne air a’ bhaile mhór.
Bha i taingeil cùl a chuir ris. Ailean ’na shuidhe mu coinneamh, moch ’sa’ mhaduinn air là Lùnasd, ’s iad a’ siubhal troimh ghlinn. Dh’aithris e bloigh bàrdachd dhith:
Dh’iarrainn-sa nis a bhith còmhnaidh gu bràth LB far nach tig doinionn a dh’oidhche ’s a là, LB far nach bi foill agus caoidh agus cràidh LB far nas fàs guirean LB niosgaid no fuine LB fada bho ghlaodhraich na sràidean.
Mise ’s mo leannan ’sa’ ghleannan as bòidhch LB còmhladh a’ tàmh far a seinneadh na h-eòin, LB is far am bi sàmhchair a-ghnàth ’na ar còir LB gun aimhreit no bròn, LB deuchainn is deòir, LB ach beò ann an aoibhneas is àilleachd.
‘Dé do bheachd air?’
‘Glé mhath Ailein. Có rinn e?’
‘Mise. Dhut-sa.’
‘Cha thill sinn dhan a’ bhaile mhór tuilleadh.’
‘Eil thu smaoineachadh gu’n còrd a’ Ghil riut?’
‘Tha mi cinnteach as.’
’S math sin.’
‘Dé bhios ’ad a’ dèanamh an dràsda?’
‘An dràsda. .. woill, bi sinn a’ tòiseachadh air obair an fhoghair. .. a’ spealadh an fheòir ’s ga chaoineachadh. . .’
Bha i cho saoirsinneil. Cho taingeil.
Chaidil i agus Ailean a’ bruidhinn air corc agus
sneapan, an t-sealbhag ruadh ’s am buntàta. ’S cha do thill ’ad tuilleadh, ’s cha thilleadh gu bràth.
Dh’fhosgail i an dorus dhan a’ chat.
Bha turadh ann, ’s bha feum air. Chrochadh i ’n t-aodach air a’ ròp. .. leigeadh i na h-uain a-mach. .. biadh dha na cearcan. .. ’s an uairsin an diathad mhór.
title | 3 |
internal date | 1979.0 |
display date | 1979 |
publication date | 1979 |
level | |
reference template | Caimbeul Deireadh an Fhoghair %p |
parent text | Deireadh an Fhoghair |