[36]

4

Bha an duine agus an agabhail gu socrach tarsuinn na mòintich. Bha esan abruidhinn ris fhéin, ’s bha an asnòtaireach aig toill air an robh e glé eòlach. Gu dearbha bha an dithis aca cho eòlach air an t-slighe seos nach iarradh iad solus alatha no solus sam bith eile airson a rathad a dheanamh. Rathad nan Caorach, còmhnard agus tioram. Bha an fhaing acana theis-mheadhon, eadar Ard-nan-Claisean agus aGhil. Ach bfheàrr le na caoraich na ròidean cumhang lùbach aca fhéin. Bha amhòinteach làn dhiubh, agus cha robh aon ann nach aithnicheadh esan. Cha robh àite gun ainm, ’s bha na h-ainmeanan sin aige. Glé thric bhiodh ega fhaicinn fhéingan innse dha coigreach a choireiginduine le peann agus pàipeir aig an robh ùidh ann an ainmeanan.

Seo agad ma-tha Rathad nan Caorachs bheir e dìreach gu stairseach aSgudalair sinn. Tha Rathad AonghaisIc Dhomhnaill ann a sin, Siar oirnn; agus air an taobh eile, aruith gu Sear, tha Rathad na Buaile. Bheir an rathad sin air ais chun achladaich thu.’

Fear foghlumaicht nan ainmeanan le sgoinn asgrìobhadh.

A nis. .. na leanadh tusa Rathad AonghaisIc Dhomhnaill ruigeadh tu an Dùn. Be sin dachaidh Aonghais, agus dachaidh a mhics a nighean. Ach nam be rud es gun gearradh tu gun Iaras, ruigeadh tu an uairsin na Lochan Sgeireach agus an Cladh. Cladh Thómais air bàrr achladaich.

Tha Rathad Caol na Buaile adìreadh suas gu Buaile-na-Croiss alùbadh a-steach fad mìle gu àite ris an


[37]

canadhad Léinebroc. Bha dachaidhean a sin cuideachdmuinntir AlasdairAnIc Sheumais as aBhuaile, muinntir Ailein Ruairidh agus muinntir Mhurchaidh Bhàin ann a Léinebroc. .. bha, daoine gu leòir. .. agus dhfhalbhad. .. bhàsaichad. ..

Ach chunnaic mise uair a charaid, chunnaic mi uair. . .’

Maduinnean socair séimh an uair a dhéireadh aghrian. .. na maduinnean a dhfhalbhadh iad gu léir còmladhs an talamh fliuch le dealt, an gleann fo cheò. Dhfhaodadh gum biodh an gnothuich ris abhaile a bha seachd mile deug gon Iar-dheas orragach duine le threud fhéin adol gu margadh. Neos dòcha gun deanadh iad air an àrd mhòintich a chruinneachadh nan caorach. ..

An àrd mhòinteach,’ chanadh e ris an duine, ‘ . .. sin agad amhòinteach a chì thu os cionn na Gil. .. suas uachdair aghlinn agus a-mach romhad. Nam biodh tu ag iarraidh sealladh math fhaighinn oirre chan eil àite nas fheàrrchan eil àite nas fradharcaichnan Tom Geur ann am mullach na beinne. Seall, sin an Tom Geur an taobh-sa. .. seas thusana mhullach latha glan soilleir, agus tha siorruidheachd de mhòinteach sgaoilte fo dchomhair. .. sgaoilteach de mhòinteach mhór bhriste. .. lochan agus uillt agus aibhnichean, féithichean agus raoin. .. ’s chan eil àite gun ainm.’

Thòisicheadh e a-muigh gu fada aig an aona bheinn eile a bha air amhòinteach acaSgriothabhals ina h-aonar acumail fasgadh ri Lochan aGhille Ruaidh. Bha feadan cam Idhagro acuir nan caran gu Sear, timchioll Loch Bhréitheabhat agus suas gu Blàr na Fala. Agus faisg air abhlàr bha Loch Chaol Shanndabhat farna ghabh e-fhéin agus aSgudalair feagal am beatha aon fheasgar fann meanbh-chuileagach. Rug an oidhche orras gu dearbha cha bann geàrr a bha an t-slighe: sìos Garadh Mór Shanndaidhs a-steach an gleann gu Gil-a’ -Chlamhain. Ainmeanan gu leòir: an Airidh Ghlas, an t-Slugaid, aLeana Bhàn, Bhréitheascro, an Garadh Dubh agus Bota-Cnàmh. Bhiodh daoine afaicinn rudan aig


[38]

Bota-Cnàmh, rudan neònach. .. Thuirt Seonaidh Dubh aon oidhches e air chéilidh:

Tha rudeigin as an diabhul àit ud nach ceannsaich do reusan.’ ’S cha robh duine nach do chreid Seonaidh Dubh ach Seonaidh Dubh fhéin.

Air amhòinteach a-stigh bha loch eile Sear air aBheinn: Loch Léineabhat, domhain agus dorch le bruaichean àrda dubhcha tigeadh eunna h-àruinn ach an fhaoileags an fharspag; agus Loch Sléibht, air a cuairteachadh le feur agus fraoch agus luachair, far am faiceadh tu an fheadags anaosg agus an eala bhànna h-àm fhéin. Bhiodh balaich Dhomhnaill Mhurchaidh Bhàin asnàmh ann an Loch Slèibht a chula samhradh. Bha an tigh-mòintich acana ceann-a- Tuath ri taobh an fheadain. Bha an tigh-mòintich aca-fhéin ann an Gearraidh na Beinnechitheadh tu na làraich: àiridh AlasdairAnIc Sheumais agus àiridh AonghaisIc Dhomhnaill air Bhréitheascro; Seonaidh Dubh agus an Glaisean aig Lochan aGhille Ruaidh; àiridh Ailein Ruairidhathair aSgudalaira-muigh air aLeana Bhàin. Bhriseadh e do chridhe a bhigam faicinn.

Shuidh e sìos air cnoc fraoich far am biodh curra-mheadhagan afàs gach bliadhna. Bha afeasgar a nis dorch, agus chunnaic e gu robh dreach agheamhraidh atighinn oirre a rithist. Cha robh sgeul air cuileag no meanbh-chuileag, daolag no damhan-allaidh. An damhan-allaidh a bfhearr leis a bhann. Uaireigin bheireadh e fad alathaga choimhead ag obair, afalbh leis alìon ud gu faiceallach, foighidneach. Cha dèanadh mac an duine gu bràth cho iongantach, cho sgileil, ri seo. Ach sgriosadh e ian trocle dhà chas spàgach agus bata. ’Se sin a thigeadh air, aSgriosadair mór grànda, fàth abhròin. Bha an damhan cho sgiamhach, le chasan caola tuigseach, ann an teis-mheadhon a dhachaidh. Lorgadh e cuileag mhór dha, agus chòrdadh e ris a bhina fhianuis air an t-sabaid aithghearr ud: srann àrd an eagail aig achuileag agus fear treun amhonaidh, gun iochd, gun aithreachas, ’ga bruthadh gu bàs. Agus cho luaths a bha an ùpraid seachad,


[39]

cheangladh e an t-anart glan-thimchioll na closaich agus dhfhàgadh e ann an siud i gus am buaileadh an t-acras air. ’S dòcha cuideachd gun tilgeadh e geug fraoich dhan alìon ach bha an damhan sgiobaltas cha bhiodh fada gus an tilgeadh e a-mach air ais i. Aon uair thilg e seillean-each innte, ach cha do rinn an damhan cron sam bith air. Dhaithnich esan alatha sin gu robh an damhan agus an t-seillean-each dàimheil ri gach-a- chéile. Chanadh feadhainn bodach-spàgach ri seillean-each, agus chanadh feadhainn eile seillean-each ri bodach-spàgach. ’S cha robh focal molaidh aig Domhnall aChladaich dhaibhbha iad adèanamh dìol air achàl, agàrachadh obair a làimh le uighean beaga dubh a bhiodh iad abreithnan ceudan.

Chan eil annta,’ chanadh Domhnall aChladaich, ‘ach donais, agus strìopairean, gun mhionaid ach steigte ri chéile no abreith uighean anns achàl agam-sa.’

A dhaindeoin sin cha robh càil aige fhéinnan aghaidh. ’S ann a bha Domhnall aChladaich abruidhinn air a bhroinn, agus dhfhaodadh gu robh farmad aige riutha cuideachd. ’S cha do thilg e an còrr dhiubh a lìon an damhain-allaidh.

Ged a bha amhòinteach aognaidh anns agheamhradh, bha iga tharraing-san gu mór. Bha i mar gum bann sìnte marbh, ach thuigeadh esan, dhfhairicheadh agus dhaithnicheadh e, nach robh i mar sin idir. Bha i ag éisdeachd, afeitheamh. Dhfheumadh duine faicealna còir.

Thachair rud dha-fhéin bho chionn fhada, ’s ena ghille òg alorg chaorach ann an Dùbhlachd agheamhraidh. Fhuair e iad aig ceann-an-Iar Loch Bhréitheabhat ann am fasgadh nam bruthaichean dubha. mhult agus caora, na h-aodainn aca air bòcadh leis an fhuachd. Thug e dhaibh aran agus sgealban bhuntàta, an déireachna làmhan aig neimh na gaoithe, a shùileans a shròin asileadh. Cha robh fada gus an dàinig afeasgar a-mach: chruinnich na sgòthansan àirde Tuath, las an dealanaich, agus rinn i fras chlach-mheallain a chuir dearg uamhas air. Chrùb e ri


[40]

seann thobhta àiridh, agus chrùb na caoraich còmhla ris. Bha feagal orra. Aloch cho uamhalt; an t-uisge ri frasadhs astealladh mu bruaichean, agus sualaichean abriseadh oirre mar gum biodh sluagh dhiabhuill ag iarraidh suas gu h-uachdair. Na h-uillt air éiridhs asgaoileadh gu brais feadh raoin is ghlinn. Amhòinteach gu léir air dùsgadh ann an corruich. Thug e chasan leis cho luaths a thog i baltag. Ruith e le beatha, mar gum biodh na deamhnan ud teann air a shàil, ’s bha amhòinteach afanaid air fad na slighe dhachaidh. Chan fhac e na caoraich tuilleadh.

Ach nan robh glic man Teàrlach air a bhi aige, bhiodh e air an toirt leisfeagal ann no ás, cha chuireadh iad maill air a cheum agus math leotha. Bhon uairsin, bha coin aca: coin bhìdeach, coin chadalach, coin gun fheum, coin nach robh a leithid a riamh ann. Agus be Teàrlach a bainm dhaibh uile.

Cha robh gin idir cho math ris an fhear a bhaige an dràsda: Teàrlach Mór, robach, ruadh. Fhuair e e air crùns cha cheannaicheadh an t-òr an diugh e. Suas ri seachd bliadhna bho fhuair e e, ann an tigh-òsd, ’s e thall anns abhaile afaighinn spaid.

Bhuineadh fear achuilein dha na ceàrnaidhean-a- Deas, agus bha pathadh mór air.

Mhuire, Mhuire,’ arsa fear achuilein. ‘Sgràthail an obair an òl.’

Thoir dhomh fhìn an cuilean,’ arsa Coinneach.

thuirt thu, laochain?’

Bheir mi dhut crùn air.’

Dia, Dia.’

Thug e dhachaidh fo achlais e, gu Ard-nan-Claisean, far an deach nochdadh dha, troimh thìde, agus far na thuig e gu luath gum be ghnothuich-san sùil gheur a chumail air na caoraich. A thaobh nan caorach, bha an agus aSgudalair air an aon fhacal: cha robh sgot a dhòrduich Dia aca; ach cha robh cron air thalamh anntafiùs eunlaith nan speur nach laigheadh orraagus càil a bfheàrr idir, bha iad atoirt ùmhlachd dha. Cha be sin dhan an trusdar cait e, asalachair a bhiodh a


[41]

geamhrachadh aca, a nàmhaid gus an stadadh an anail: mórchuiseach, beag-nàire, gràineil, -fhallain. Cha robh uair a leagadh Teàrlach sùil air nach biodh grìs aruith troimh chorp, spiorad na muirtga lìonadh bho bhàrr a shròin gu bàrr earbaill. Bhiodh e ag ùrnaigh gun deidheadh achuis-ghràin a thachdadh, no gu sluigeadh an talamh e, no gu sgriosadh Dia e, mar bu nòs, ann am priobadh na sùla.

Ach an aon rud bu dorra dha idirrud a bhiodhga fhàgail fo mhulad agus fo imcheist, ’se gum biodh a mhaighstir atoirt lòn agus aoidheachd dhan ainmhidh seo. A mhaighstir-san, duine tuigseach, toinisgeil, atoirt biadh agus bainne dha, cothrom an taigh agus cothrom na bàthaich, cothrom ilmeachd fhéinsan àite bfheàrr an tac an teine, agus cadal agheamhraidh far an togradh e. ..

Mar bu mhotha a leanadh na smuaintean sin ri Teàrlachsann bu ghràinde a shealladh. Bha e air a leòn eadar fearg agus eudachds cha robh cobhair an dàn dha. Leis an fhìrinn innse, bha feagal air roimhn chat. Chual e ro thric an durraghan eagallach a bha aige; chunnaic e ro thric an corp ateannachadhs na h-inean alùbadh a-mach. Bhiodh egan gleusadh ris an tocasaidsealladh a dhfhàg gun chadal Teàrlach bochd. Deuchainneach dha-rìreabh a bhi beò geamhradh achait, gun shaoirsinn gun cheol-gàire. Thigeadh sgleò air a shùilean agus lorgadh e cùil far a sìneadh e a cheann.

Co-dhiùbh, bha e sona gu leòir a-nise-fhéin agus a mhaighstir asiubhal na mònitich gu Gil-a’ -Chlamhain, gu tigh aSgudalair agus cat aSgudalair a bha solt, modhail agus cadalach.

Bha an oidhche air tuiteam an uair a ràinig iad; solus na lamp air an uinneag agealltainn blàths; fàileadh blasda na circe brice nuair a dhfhosgail an dorus.

Hello,” arsa Neillie, ann an guth socair. A gruaidhean dearg aig teas an teine mar ghruaidhean te a


[42]

bhiodh fad feasgar bhos cionn na greideil afuine nam bonnach eòrna.

Hello, a Choinnich,” thuirt ise. Agus air a cùlaibh, man aghealach ag éirigh, ’s acuir fàilte le mór-thoileachas, aodann eile. Aodann na Nollaige, ag aithris duan:

Gur minig, minig, minig LB Thàinig Crìosd ann ariochd achoigrich, LB Gur minig, minig, minig LB Thàinig Crìosd an ariochd achoigrich.

Than uiseag aseinn,” thuirt Coinneach.

Hello bhalaich,” arsa Nellie. “Teàrlach bochd, Teàrlach bochd agamsa. . .” Earball Theàrlaich asgabadh na gaoith, air a chasan-deiridh ag iarraidh a h-ilmeachd, ag iarraidh oirre-se a chluasan a thachais.

Teàrlach còir, Teàrlach agamsa. . .”

Chan eil mi faicinn no cearc,” ars aSgudalair, ’s e atogail a làimh ri mhaoils acoimhead dhan an oidhche.

Laigh sìos a nis,” arsa Coinneach.

Carson nach tug thu leatad? ’S dhfhaodadh tu danail a leigeil còmhla rinn-fhìn no dhà. .. do chasan a chuir suass do phutan-mionaich fhosgladh. . .”

Fear a ràinig mo latha, buachailleachd chearcan. . .”

Tróidibh a-steach,” arsa Nellie.

Bha prais-phùlais air an t-slabhraidh, prais air leac an teine, prais apìochail air éibhiliad uile asmùideadh, asméideadh, agealltainn dhut làn do bhroinn. Chaidh Teàrlach a steach fon bheings ged a bha an cat ann roimhe, cha do leig an cat air gum fac e càil, gun cual e dùrd. Laigh iad gu sóghail an sin, acoimhead nan casan a bha muigh: bhròg leathair aSgudalair; brògan tacaideach Choinnich; na stocainnean cloimh aca; chas Nellie, le spotagan beaga dubh ás an robh gaiseanan tana mìn afàs.

Bha am bòrd deasaichte, agus lìon aSgudalair trì gloinneachan móra gum beul le uisge-beatha.

Ar deagh shlàint,” arsa Coinneach.


[43]

Slàinte mhath.”

Slàint.”

Thog gach duine a ghloinne, ’s chaidh an traoghadh gu luath. Rinn Nellie beagan sitrich, deòirna sùilean.

Oich is oich.”

do bheachd air, a Choinnich?”

Cha robhn gadaich cho feumach air achroich.”

Suidhibh sìos a nis,” thuirt Nellie. “Thusa aig acheann seo, a Choinnich.”

Shuidh iad. Agus sgaoil aSgudalair a-mach a ghàirdeanan, chrom e chean, agus rinn e altachadh:

Dèan tròcair oirnn a tha airidh air ar lòn. Beannaich sùgh na circe, spàg na circe, agus giaban na circe. Agus gu seachd àraidh beannaich uisge na beatha seo. Abheatha nach eil maireannach. A-mén.”

Théid do sgrios,” arsa Coinneach.

Siùthdaibh a nis,” arsa Nellie.

Théid do sgrios le teine agus pronnasg.”

An ith Teàrlach cearc?”

Ithidh. Rud sam bith.”

Than t-uamhas a seo. .. sùgh gu leòir. .. chan fhaod sibh càil dheth fhàgail.”

Smaoinich ort, Ailein. .. a-cheart cho ròsd ris abhuntàta sin.”

Seall thus a-mach air do shon-fhéin,” ars aSgudalair. “Tha mises am bodach feusagach afaighinn air adhart uamhasach math an dràsda.”

Bha mi smaoineachadh air an diugh fhéin,” arsa Nellie.

Dìon is gléidh sinngu a dhfhairich thu?”

Bhiodh e bruidhinn air uaireigin, a Choinnich. Bodach as an adhar le leabhar mórasgrìobhadh … ”

Bhiodh.”

Agus afear eilefear an earbaill … ”

Hah!”

Cha do dhiompaich sin thusaair dhòigh sam bith … ”

Gu- Ailein,” arsa Coinneach, “cha be sin dhut-se.”


[44]

Cha be ma-thacha be, cha be. . .”

An triùir ag ith; clab aig beul aSgudalair.

Bha uamhasan as an t-slighe,” ars esan. “Cunnartan.”

Dìreach a dhuine,” arsa Coinneach. “Mar a thuirt am bàrd: Thug mi greis mhór, le crithna mo thóin.”

?”

Bloigh bàrdachd a thàinig thugam.”

Nach mise. . .”

“ ’S tu gu dearbha.”

Well, well, well. .. siuthad thoir dhuinn e.”

Ith do bhiadh Ailein, agus fàg abhàrdachd gu rithist.”

Siuthad a Choinnich.”

Stad mhionaid. .. tha mo cheann-slàn bàrdachd.”

Cha robh cuimhne aig aSgudalair air focal a sgrìobh e a riamh.

Shluig Coinneach sìos na bha fo fhiacail agus ghabh e balgam bùrn.

Ceart a nis,” ars esan. “Bloigh bàrdachd.”

Thug mi greis mhór le crithna mo thóin LBS mi atoinndadh bho mchadal LB Gun mhisneachd gun threòir; LB An oidhchde cho fada LBS mo shùil air an dorusLB Deònaich, O deònaich dhomh solus alatha.

An oidhche cho fada LBS mi sìnte fuar reòidhtLB Dèan tròcar air truaghan chaidh tuathalna òig, LB A chunnaic na madaidh LB Abriseadh troimhn bhalla, LBS a dhfhalbh leis air amhaich LB A dhionnsaidh an teineLB O anam, pheacaich mi gu mór.

An uair a chrìochnaich e chaidh an triùir aca sàmhach. Bha Coinneach afiachainn ri cuimhneachadh


[45]

air an tuilleadh rainn; aSgudalair acagnadh nam briathran a chuala e; agus Nellie abeachdachadh air praisean agus biadh.

Chaidh e glan ás mo chumhne,” thuirt aSgudalair mu dheireadh.

Mm,” arsa Coinneach.

Co-dhiùbh. . .”

Stop am biadh sin sìos do ghoile,” arsa Nellie. “Do thruinnsear a Choinnich.”

Nuair a bha mi beag,” ars aSgudalair, “bha oidhcheanan dhan t-seòrsa sin ann. .. chrùbainn ri cùlaibh mo sheanair. .. ’s bhiodh feagal orm. .. gu h-àraid nam biodh dealanaich is tàirneanaich ann. . .”

Guth Dhé.”

Sin a thuirt mo sheanmhair rium. . .”

A dhuine bhochd.”

“ . .. mo sheanmhair Léinebroc. Cha robh i beò fada as deidh mo sheanair.”

Bha a sheanmhair Léinebroc air aleabaidh ann a Léinebroc a riamh bho bhàsaich Ailean Ruairidh an duine aice. Bha aodach mu ceann agus beanntan de dhaodach mu h-uachdairplangaidean agus cuibhrigean a rinn a làmh fhéin. Bha iomadach rud aice air a chàrnadh a-measg an aodaich: luideagan, fuidheagan, putanan, fiucanan; snàth agus snàthadan; bioran-fuilt; grìogagan gloinne, grìogagan fiodh, sreangan; sgilligean-ruadh agus buinn-a- sia; briosgaidean agus pronnagan agus botul beag le uisge-beath an t-suathaidh a bhiodh i suathadh ri casan. Agus air abhòrd ri taobh na leap bha leabhar mhór. Chan fhaca duine riamh leabhraichean cho trom ri siud. Bhiodh isegam fosgladh bho àm gu àmdhùineadh i a sùilean an toiseachs bhiodh a beul agluasad. An uairsin thionndaidheadh i na duilleagan, afliuchadh a h-òrdag le teanga.

Bhiodh aSgudalair uaireanan afuireachd cómhla ri sheanmhair Léinebroc, agus goirid mas do bhàsaich i, aon oidhche dhorchs ena shuidhe ris an teine, nach ann a chual iad an tàirneanaich fad ás. Cha do shaoil e


[46]

móran dhethcha robh fiùs dealanaich ri fhaicinn. Ach cha mhór nach do stad a chridhe an uair a chunnaic e ceann aosd a sheanmhair ag éirigh a-mach ás an ùpraid a bha mun cuairt oirrea sùilean alasadh, thuirt i ris: ‘Cluinn, Ailein. .. tha an Tighearna ri labhairt. .. guth Dhé a ghràidh, guth Dhé.’

An uair a dhinnis e seo a rithist dha Seonaidh Dubh thuirt Seonaidh Dubh gu robh a sheanmhair Léinebroc air a subhailcean a chall.

Eil cuimhn agad, a Choinnich, air an leabhar a bhaice. .. ri taobh na lamp air abhòrd? ’S bhiodh sinn acoimhead ri na dealbhan a bhunnta. .. ’s bhiodh iseg innse dhuinn mun deidhinn. . .”

Bha dealbh an t-Sàtuinn ann.”

Bha agus. .. nach robh dealbh eile. . .”

Saighdeir,” arsa Coinneach. “Saighdeir le clogaid agus claidheamh acoiseachd troimhn teine. Cha robh feagal aige-san roimhn t-Sàtunn, gu dearbha fhéin cha robh. . .”

Robh agad-s’ ?” arsa Nellie.

Agam-s’ ! Cho luaths a chunna misen dealbh ud thuirt mi rium-fhìn nach robh càil air an talamh cho feumail ri deise mhór iarainn, claidheamh is clogaid. .. Agus a riamh bhon uairsin bha mi coimhead ri peileachan sinc ann an dòigh ùr.”

Thàinig bailc mhór de ghàireachdainn airgàireachdainn àrd chruaidh — ’s e ri toinndadh a chinn bho Nellie gu Ailean gu Nellie, adèanamh cinnteach gu robh iadsan agàireachdainn cuideachd. Bha Nellie agus Ailean gus call a mùn acoimhead ris. Troimh thìde, co-dhiùbh, fhuair iad air sìoladh sìos.

bha sinn ag radh?” ars aSgudalairs a dhà shùil dearg.

Do sheanmhair Léinebroc,” arsa Nellie. “Leabhraichean a bhaice.”

“ ’Se, na leabhraichean. Cha robh dealbh Dhé idir ann.”

Cho robh,” arsa Coinneach. “Ach a dhaindeoin sin bha fada bharrachd feagal agam roimhe-san.”


[47]

Bhas agam-sa.”

Na rudan a dhèanadh e ann an droch nàdur. . .”

Obh-obhan.”

Dhéirich Nellies chaidh i gu Teàrlach le na corran.

Pudding buidhe agus duff,” ars ise.

Woill,” arsa Coinneach, “tha mi-fhìn gu stracadh.”

Ni mi balgam a-réisd. Gabhaidh sinn an duff air ar suipeir.”

Bha chearc math dha-rìreabh. ’S am buntàta ròsd, ’s na curranan. . .”

Fiach gum bi thu tighinn nas tric ma-tha.”

Bithidh. Bithidh gu dearbha.”

Thug aSgudalair sgian agus spliuchan agus pìob a-mach ás a phòcaid.

Gheibh thu mach ma-tha,” ars esan, “nuair a smaoinicheas tu air, a Choinnich — ’ilfhios agad, bha mo sheanmhair-sa air a beò-ghlacadh leis an fheagal. . .”

Cha bi na h-aonar,” arsa Coinneach. “Daingead Ailein, eadar am bodach feusagach agus na bha dhuamhasan a-muigh air an oidhche. .. woill, ’se dìreach iongantas a bhann gun ghléidh duin idir a chialls a reusan. Dìreach iongantas.”

Bhiodh stòraidhean math aca gu-ta,” arsa Nellie. Bu chaomh le Nellie stòraidhean mu dheidhinn uamhasan a bhiodh a-muigh air an oidhche.

Stòraidhean,” arsa Coinneach. “O bhrònag, cha robh a leithid eile ann.”

Chuir e thuige a phìob.

Fuirich gus a suidh mi,” arsa Nellie. “Siud do chopan-s’ , Ailein. . .. seo a nis.”

Agus dhinnis Coinneach stòraidh, de stòraidhean Dhomhnaill aChladaich.

Bho chionn fhadan t-saoghail,” arsa Domhnall aChladaich, agus cha chuala e-fhéin na Coinneach Beag facail cho ceòlmhor, oidhche geamhraidh air Ard-nan-Claisean.

Bho chionn fhadan t-saoghail bha boireannach


[48]

àraidh agus anighean aice acòmhnaidh ann am baile man am baile seo. H-abair thusa gu robh iad dòigheil, agus bha an tigh aca glan, comhfhurtail. Ach cha robh sgeul air fear-an-taighe, agus bhiodhad ag ionndrainn sin, gu h-àraid nuair a dhéireadh air aghaoths a thigeadh i le fasan trom.”

robh e?”

O, fad air falbh. .. cha robh fios aig duine.

Ach tha na boireannaich cho innleachdach, ’s cha robh glé fhada gus an cualar air feadh na tìr ud gu robh rùm aca dha duine sam bith a bhiodh alorg tàmh na h-oidhche.

Agus air feasgar grianach samhraidh, thainig fear òg eireachdail chun a taighduine snog man Calum Dhomhnaill Bhàinagus bu mhór an gàirdeachas a rinn am boireannach agus a nighean ris.

Thug en ionnairidh sin ag innse dhaibh mu dheidhinn fhéinfear siubhal a bhanns cha robh mìr dhan t-saoghal mhór nach fhac e. ’S bha a chòmhradh cho tlachdmhors nach do dhfhairich an dithis eile an oidhche dol seachad.

“ ‘Mo chreach!’ ars am bioreannach, ‘nach seall sibh! Tha alatha tighinn!’

Dhéirich an duine gu h-obann, thuirt e gu robh esan adol a chadal a-nis, agus thug e àithne dhaibh gun a dhùsgadh gus am biodh an oidhche ann a rithist. Agus sin mar a bhà, fad thrì latha, ’s cha robh am boireannach no a nighean rim faicinn anns abhaile na h-ùine sin.

Air acheathramh latha, co-dhiùbh, chan fhaigheadh anighean òg cadalbha gaol mór aice air an duines cha leigeadh an galair sin dhith a sùil a dhùnadh.”

An e rud man galair nan cearc a bhann?”

Galair nan cearc. .. rudeigin mar sin. Mu dheireadh bfheudar dhith éiridh, ’s bha na h-eòin aseinn a-muigh, aghrian adeàlradh ann an adhar gorm samhraidh. Agus smaoinich i air cho mìorbhuileachs a bhiodh e alatha mór math sin a chuir seachad còmhla rise-san, afalbh na mòintichs nan cladaichean, acadal


[49]

còmhladh an cois na tràghad. bfheàrr, ma-tha, na dhol far an robh e agus a dhùsgadh gun fhios dha màthair? Cha robh earbs aicena màthairgu dearbha bha i làn chinnteach gu robh a màthair asnìomh a lìon fhéinson an duine a ghlacadh. Bha i faireachdainn naimhdeas dha màthair, agus rud nach do dhfhairich i a riamh roimhe: spiorad na muirt. Ach shealladh ise dhithbha ise òg agus làidir; cha bann searbh agus grànda agus agearain leis an aois.

Dhfhosgail i dorus aruma far an robh an duine ri cadal, agus chaidh i thuige gu socrach. ..

Eil seo acòrdadh ribh, a bhalachaibh?”

O na stad a-nis co-dhiùbh.”

An innis mi dhuibh an rud a chunnaic i? As aleabaidh, air achluasag gheal? Cha mhór nach deach i á cochull a cridhe, an truaghag bhochd. Bha an ceann molach dubh sin le gàire oillteil, fiaclan, agus shùil dhearg acoimhead rithe. Chan fhaca ise no duine beò eile càil cho goiriseachail ri siud. Mar a thachair dha Belsasar nuair a thàinig achròg troimhn a bhalla; bha uilt a leasraidh air am fuasgladh agus bhuail a glùinean an aghaidh a chéile. Obh-óbh-óbhan.

Ach fhuair i neart, agus thug i a casan leatha a-steach far an robh a màthair.

“ ‘Trobhad, a mhàthair, trobhad man do bheathan duine, an duine.’ Cha dfhuair i air an còrr a radh. Chaill i a lùths agus thuit i seachad. ’S bhan oidhche ann an uair a dhfhosgail i a sùilean a rithists bha a màthairna suidhe ri taobh.

“ ‘Na dhfhalbh e?’ dhfhoighnich i.

“ ‘Cha do dhfhalbh, a ghràidh,’ thuirt a màthair. ‘Cha do dhfhalbh e idir.’

“ ‘ ’S a faca tu. .. ?’

“ ‘Chunnaic, chunnaic,’ ars a màthair. ‘Ach na leig thusa càil ort nuair a chì thu nochd e.’ Agus dhinnis a màthair dhan anighean gu robh bodach le Dia atighinn a chéilidh an oidhche ud fhéin.

Woill, air an oidhche sin, a bhalachaibh beaga nan clibeanan odhar, bha an duine aig àrd a ghairmcha


[50]

robh e riamh cho éibhinnna chòmhradh, cho sgiamhach, tarruingeach. Bha am boireannach agus a nighean air an dalladh aige, ’s cha robh cuimhn aca air amhaduinn. Cha mhotha bha iad ag iarraidh duine a thighinnnan gaoth, agus an uair a nochd bodach beag croiteach, gu dearbha cha be an fhàilt a bfheàrr a fhuair e. A dhaindeoin sin dhfhuirich am bodach, agus aig meadhon-oidhche thuirt e gu robh esan a nis adol a dhèanamh focal ùrnaigh. Cha do shaoil am boireannach no a nighean càil dheth — ’sann a bha iad toilichte agus fios aca gu falbhadh am bodach cho luaths a ruigeadh e A-mén, ’s gu faigheadh iadsan an uairsin saoirsinn.

“ ‘O Dhé uile-chumhachdaich,’ thòisich am bodach. Agus chunnaic am boireannach agus a nighean caochladh atighinn air aodann an duine: dhatharraich a chruth agus ìomhaigh, agus chunnaic iad arud grànda iargalta seo mun coinneamh, aglaodhaichs asgriachail, gus mu dheireadh gun deach e suas ás an t-sealladhna shradagan.”

O mo chreach-s’ , a sheanair!”

Sin agaibh stòraidh a bhalachaibh. Caidlibh a nis.”

title4
internal date1979.0
display date1979
publication date1979
level
reference template

Caimbeul Deireadh an Fhoghair %p

parent textDeireadh an Fhoghair
<< please select a word
<< please select a page