[51]

5

Tha mi smaoineachadh,” ars aSgudalair, “— mas math mo chuimhnegur ann mun tìd’ -sa bhliadhna bhann. Deireadh an fhoghair. . .”

Bha an triùir acanan suidhe aig an teine, acnàmh na circ agus ag òl tea. Bha Coinneach air sgeulachd Dhomhnaill aChladaich innse, agus bha an còmhradh a nis air a dhol gu Seonaidh Dubh, seanair aSgudalair.

Thug e mhaduinn ud afalbh nan cladaicheane fhéins an buidhe. . .”

Gu dearbha cha robh sinna annas dhaibh,” arsa Coinneach.

A woill cha robh. .. Nach ioma maduinn a dhfhalbh mi còmhla riutha. .. glé thràth a-steach Rathad nan Caorachs a-null chun an Dùin. Bhiodh misena mo shuain ann an cùl na leap sin, agus dhùisgeadh e mi: ‘Siuthad thus, a bhalaich bhig,’ chanadh e, ‘crath dhìot an cadal.’ An còmhnaidh an aon rud: ‘Crath dhìot an cadal.’ Bhiodh an teine air a thogail aige, agus biadh air abhòrd.

Co-dhiùbh, thachair seo nuair a bha mise. .. O cha bhithinn ach mu thrì bliadhna. .. deireadh an fhoghair. Bha e air an t-slighe dhachaidh. ’S cha bann gun eallach mhath air a dhruim.”

Man an t-each, cho làidir.”

Man an t-each. Shlaodadh e na thasaChuan Siar, mo sheanair-sa. Woill co-dhiùbh, agabhail a-null gu Buaile-na-Crois a bha e, suas Tom na Spréidheadh far am biodhad ag àiteach. .. ’s chunnaic e ach Seòras Alasdair abuain shnéapan.”

Seòras AlasdairAnIc Sheumais.”


[52]

Seòras. .. Ach aig a cheart àm chunnaic e caoraichdha-no-thrì a bha dhìth air, ’s chaidh e air an tòir leis achù. Cha robh mionaid ann gus an dfhuair e chun arathaidadcha robh, mionaid — ’s bha làn dùil aige gun tigeadh Seòras a thoirt cuideachadh dha. .. Ach cha bann mar sin a bhacha robh sgeul air Seòras. ’S chuir sin fìor-ìongnadh air mo sheanair. Tha fios agad fhéin, a Choinnich, cho braiss a bha e?”

Tha.”

“ . .. Woill cho luaths ràinig e Bhuaile, a-steach leis a thigh Sheòrais. ‘Gu ,’ ars esanguth àrd aige — ‘Gu achabhaig chac a bhort-sa?’ ’S tha colach gun rinn e trod mhór, asiamadh dha Seòrass acàineadh na bhuineadh dha. Cha robh as an tigh ach Seòras fhéin agus Seonaid a phiuthardaoine solt, modhail. ‘Od-od, a Sheonaidh, od-od. . .’ bhiodh e-fhéin adèanamh guth Sheòrais dhuinn, ‘Od-od-od, a Sheonaidh, tha thuga do chall fhéincha robh mise faisg air snéap an diugh. . .’ ’S bha dearbhadh aig Seònaid air a sin: thug iad amhaduinn ataghadh sìol-curson an t-sloc bhuntàta.

Deireadh na seachdain sin, fhuairear Seòras marbh as achlàr-shnéap.”

O dhuine bhochd.”

Chaidh Seonaid a dhiarraidh dhaoines thug na daoine dhachaidh e.”

Well, well.”

Coinneach alìonadh na pìob:

Nach bàraid an duine.”

?”

Do sheanair.”

An dùil,” arsa Nellie, “an en fhìrinn a bhaige? Gu face Seòras as achlàr-shnéap?”

Bhiodh e faicinn rudan co-dhiùbh.”

Nach deach e fo ghiùlain trup? As aGharadh Dhubh?”

Cha bann ach air Rathad AonghaisIc Dhomnhaillgoirid mas do bhàsaich an Glaisean.”

Chaidhs as aGharadh Dhubh.”

Cha chreid mi gu-. .. seadh. . .”


[53]

Chaidh. .. tha cuimhn agam-fhìn air abruidhinn aircuideam eagallach as achiste, chaidhad am bogadh leatha aig Blàr aChiop Dhuibh. . .”

Cha chuala min sin a riamh aigeco-dhiùbh, cha robh taobh a dheidheadh e nach biodh rudeigin. . .”

Bhiodhad ag radh nach do dhinnis e riamh sgeulachd gun na h-uidhir a chuir rithe.”

Bhiodh. .. ’s bheireadh e chreidsrud sam bith ort. .. ach a dhaindeoin sin, bfhiach éisdeachd ris.”

Nellie afighe stocainn chloimh:

Nach robh sgeulachd a-choireigin eilann,” ars ise, “mu dheidhinn Sheòrais sin? Nuair a chaidh e dhan achladh a dhiarraidh clagunn. . .”

Cha be, cha be, cha be, ” ars aSgudalair. “Athair Sheòrais a bha sin. .. chaidh e dhiarraidh achlaguinn dha Màiread a phiuthar.”

Màiread Bheag an t-sabhail.”

Bha na daoine sin càirdeach dhuinne,” ars aSgudalair. “ClannIc Sheumais sin.”

Thug e dheth na speuclanan agus theann egan glanadh.

Bhuineadh mo sheanmhair dhaibh,” ars esan. “Mo sheanmhair Léinebroc. Mura h-eil mise air mo mhór mhealladhsann le te de nigheananAnIc Sheumais a bha mo sheanmhair. .. mo sheanmhair agus Seòras Alasdair a-réisd clann aphiuthars abhràthair. .. mathair agus Iain Sheumais Alasdair na h-oghaichean.”

Iain Sheumais Alasdair?”

An Traon.”

An Traon?”

Seadh, an Traon. Iain Sheumais AlasdairAnIc Sheumais.”

Tha thu ceàrr,” arsa Coinneach. “Tha thu fad do dhroma ceàrr.”

Bha iad acoimhead a chéile, asmaoineachadh.

Chan eil mi ceàrr idir,” ars aSgudalair, an ceann greis.

Tha thug ràdh,” arsa Coinneach, “gum be dathair agus an Traon na h-oghaichean.”


[54]

Tha.”

Do sheanmhair agus Seòras Alasdair clann aphiuthars abhràthair.”

Tha.”

Gur ann le nigheanAnIc Sheumais a bha do sheanmhair.”

Seadh.”

Tha thu ceàrr.”

Ciamar?”

Tha thu ceàrr. Thàinig do sheanmhairbean Ailein Ruairidhthàinig i ás Léinebroc. Bhuineadh i dha na Bànaich a bhann a-sin.”

Bhuineadh. Seann Dhomhnall Bàn a bathair dhith, ’s bha esan pòsd aig de nigheananAnIc Sheumais.”

Cha robh. Tha thu ceàrr.”

Ciamar?”

A chula ciamar.”

riabhach ort a seòrsa freagairt a tha sin!”

Cha robh aig IainIc Sheumais ach an aona nighean. Màiread Bheag an t-sabhail. Alasdair bu shine, Iain a-rithist, ’s an uairsin Màiread Bheagcha robhn còrr ann. ’S cha do phòs Màiread Bheag a riamhbha i as an t-sabhal agus bhàsaich i as an t-sabhal. Le Alasdair a bha an tigh, ’s bha triùir a theaghlach aige-fhéin: Seòras, Seumas, agus Seònaid. Tha sin afàgail IainIain IainIc Sheumais. Agus càite robh esan afuireachd?”

Ann a Léinebroc.”

Dìreach. Ann a Léinebroc, pòsd aig piuthar Mhurchaidh Bhàin, màthair do sheanmhair. Do sheanmhair a réisd agus Seòras AlasdairAnIc Sheumais clann an bhràthair.”

Agus bhean a bhaig seann Dhomhnall Bàn?”

An robh bean aige?”

Gu sealladh Dia ort a dhuine.”

Stad an còmhradh. Cha robh duine dhan dithis glé chinnteach, ach cha be annasach a bha sin an uair a thigeadh an gnothuich gu càirdeas. Chuir iad smùid ri na pìoban, mar gun greasadh seo fuasgladh dhan acheist thuaireapach a bha aca.


[55]

Tha mo cheann fhìnna bhrochan co-dhiùbh,” arsa Nellie. Agus sheall an dithis rithe. Cha robh iadga faicinn. Dhfheumadh i an tilleadh gu sgeulachdan, gu bàrdachd, gu rudeiginrud sam bith ach càirdeas: oghaichean agus iar-oghaichean, seanairean agus dubh-sheanairean, an eanchainn acuir nan car-a- mhuilteins abhruidhinn atighinn gu éigheachd dhaibh. Rug i air aphoit-tea. Is beannaichte luchd-dèanamh na tea agus na sìthe.

Balgam eile, Choinnich? Ailein?”

O, glé mhath.”

Bha thu bruidhinn,” ars ise, “air an fhear a chaidh a dhiarraidh achlaguinn.”

?”

Seoras Alasdair.”

A well, well,” ars aSgudalair, acrathadh a chinn, “ math dha duine bhig innse cail idir dhut-sa. . .”

Alasdair fhéin a bhann, Nellie,” arsa Coinneach.

Ose. Alasdair. . .”

Alasdair, am mac bu shine a bha aig IainIc Sheumais, bràthair dha Iain agus dha Màiread Bheag an t-sabhail. Bha an tinneas air Màireadan tinneas tuiteamachagus bhiodh iad ag radh gur e obair an t-Sàtuinn a bhann. Ach chuala Alasdair gu fàsadh Màiread Bheag gu math nan gabhadh i deoch de dhuisge fuar anns am biodh clagunn duine air a bhogadh. Agus dhfhalbh e air an oidhche, tarsuinn Rathad nan Caorach chun na Lochan Sgeireach, agus Siar gu Cladh Thómais.

Gabh thusa beachd air,” ars aSgudalair, “acladhach ann a siud leis-fhéin as an dorchadas, fuam na marana chluasan. .. alorg clagunn geal cruaidh dha Màiread.”

Fhuair esan sin. Agus thug e dhachaidh e. Ghlan e ùir na talmhainn dheth, chuir e am bogadh ann am peile-sinc e, agus chaidh e gu Màiread le deoch.

Cha robh fios aig duine an fhuair Màiread bhochd saoirsinn, ach aon fìor, cha robh saoirsinn an dàn dha Alasdair an oidhche ud. Dhfhàg e an clagunn air bòrd an dreasairs chaidh e dhan aleabaidhdhèanadh e


[56]

moch-eiridh agus thilleadh e an clagunn mus gluaiseadh duine a-mach á dorus. Sin a bhana rùn, ach óbh-óbh-óbhan. .. Chaidh a dhùsgadh troimhn oidhche agus, mar a chanadh Seonaidh Dubh, fhuair e e-fhéin air a dhùmhlachadh. Dhaithnich e gu robh rudeigin nach robh ceart a-stigh còmhla ris. .. bha rudeigin nach robh ceart astrucadh ann. .. abuntainn ri chialls ri reusan. ..

An oidhche sin chuala iad ann an Ard-nan-Claisean Alasdair ag éigheach nan creachan. Bha ghaoth bhon Earadheas agus Alasdair na Buaile aglaodhaich, aglaodhaich, gu bràth gus an duirt an guth socair ciùin seona chluais: ‘Arud nach buin riut, Alasdair, na buin dhà.’

Fhir na faire,” arsa Coinneach, “ciod mun oidhche?”

thuirt thu?” ars aSgudalair.

Earrainn a thainig thugam. Na chuir astòraidh ud feagal ort, Nellie?”

Rinn i gàire.

Bha i air a dòigh ag éisdeachd riutha, agus bha iadsan dòigheil cuideachd. Dhéirich i a leigeil achait a-mach. Bha dorus tigh-nan-cearc ri dhùnadh, agus bha trì uain anns abhàthach ag iarraidh riarachadh. Cha robh an crodh an urra rithe air agheamhradh ann, ach bhiodh igan ionndrainn.

Chunnaic i gu robh bloigh gealaich anochdadh. Bha na rionnagan man a bha iad a riamh. An oidhche cho séimh. ..

Am broinn an taigh, bha Coinneach agus Ailean acoimhead dhan an teine.

Seadh an Traon, arsa tusa,” thuirt Coinneach.

“ ’Se. Traon Sheumais Alasdair.”

Chaidh e glan ás mo chuimhne, an duine sin.”

Chaidh e dhan an Talamh Fhuar. Bha mi seachd bliadhna nuair a dhfhalbh e.”

A mheasg nan daoine dearga.”

Domhnall aChladaich a bhiodh ag radh sin, gur e daoine dearg a bhann. Ach an Traon. .. O bhalaich ort!


[57]

. .. cha robh ann dhàsan ach saoibhreas agus beartas. Bha mi ann amullach na cruach-mhònaich alatha dhfhalbh e, ’s cha do charuich mi gus an deach e-fhéins an t-eachs achairt ás an t-sealladh a-mach Garadh Shanndaidh.”

Seadh gu dearbha.”

Bha mi glé dhuilich as a dheidh, ’s cha robh uair a sheallainn gu muir nach bithinn acuimhneachadh air as an Talamh Fhuar còmhla ri daoine móra beartach.”

Tharraing an t-àite sin gu leòir ás a seo.”

“ ’S cha do thill duine.”

Cha do thill.”

“ ’Se rud glé chianail a thann. .. afaicinn nam ballachan ud adol fo thalamh uaine. . .”

Gle chianail dhuinne, a chunnaic na chunna sinn.”

Léinebroc, ’s an Dùn. .. LB Buaile-na-Crois LB agus an Airidh Ghlas LBsàmhach a nis.

Bha bodach air an Airidh Ghlas ris an canadh iad an Glaisean. Bha casan na briogais aige air an tionndadh suas ma chalpannan agus ròpa-siaman ceangailte mu mheadhon. Bhiodh e asùghadh snaoisean suas troimh shròin, agus aguidheachdan gun sguiraguidheachdan ris achù a bhaige, ri na cearcan, ri bhean, ris an t-saoghal, agus ris-fhéin.

Cha robh an Airidh Ghlas ach mu leth mhìle a-mach an gleann bho Ghil-a’ -Chlamhain, agus bhiodh aSgudalair adol a chéilidh ann a chula latha. Dhionnsaich e focail mhath bhon aGhlaisean agus aon latha leig e ás sruth dhiubh anns an tigh aca fhéin. Thug a mhàthair dha i mu tholl na cluais, agus dhionnsaich e an uairsin gur e focail a bhannta a bhiodh tu ag radh gun fhiosd, leat fhéin. Bha sin buileach math. ’S bhiodh e spàgail a-measg afhraoich, eadar aGhil agus an t-Slugaide Ghorm, abruidhinn ris fhéin am briathran diamhair aGhlaisein: ‘Tigh na galla, O tigh na buidsort. . .’ acoimhead gu faiceallach gu chùlaibh gun fhios


[58]

nach robh duine-mór aspàgail a-measg afhraoich cuideachd.

Tigh dorch a bhann an taigh aGhlaisein. Cha robh solus alatha abualadh orra ach troimh aon tholltoll nan cearc — ’s bha na cearcan a-machs a-steach mar a thogradh iad. Nuair a thigeadh an tìde fhuar, thigeadh na luchain, agus bha deargadan aca co-dhiùbh, biodh i fuar no teth. Thug esan feadhainn dhachaidh leis, ’s bha iad anns aleabaidh aige, fo chluasagmath dha-rìreabh a bhi coimhead riutha aleum bho àite gu àite; ach dóruinneach a bhiga do thachais fhéin fad na h-oidhche. Na deargadan a bfheàrr na na miallan gu-ta. .. ‘Clann an diabhuil sin,’ chanadh an Glaisean. Bha miallan gu leòir afaighinn an àrachna fheusag-san agusna cheann cléigeach geal.

An trup mu dheireadh a chunnaic aSgudalair e, bha ena shìneadh air abheingmar bu mhinig a bhàle bhonaid sìos mu shùilean. Bha a bhean agurraban anns an dorchadas, an tigh cho dorchs iad-fhéin cho aosd.

Chunna mi aisling a raoir,’ ars ise. ‘Bha thu ann an ifrinn.’

Thog an Glaisean bil a bhonaid:

A Dhia,’ ars esan, ‘ robh dùil agad am bithinn?’ agus gun an còrr a radh, chaidil e.

Làirne mhàireach chaidh aSgudalair a Léinebroc, a thigh a sheanmhair. Bhàsaich an Glaisean fhads a bha e ann, agus thàinig daoine chun an tiodhlaiceadhcàirdeanrudeigin mar sin, chan fhac aSgudalair a riamh roimhn a sin iad. Thug iad leotha bean aGhlaisein agus dhùin iad an tigh. Cha robh sin furasd, a bhi faicinn tigh dorch aGhlaisein cho dùinte ris an uaigh; tobair agus saoibhear aGhlaiseins gun an Glaisean fhéin ann.

Agus thàinig an aon sàmhchantas air an Dùn, air aBhuaile, agus air Léinebroc. Domhnall Beag AonghaisIc Dhomhnaill agus Catriona; ClannAnIc Sheumais agus muinntir Mhurchaidh Bhàinchaochailad uile. ’S bha iadsan iad-fhéin aosd a nis, ’nan triùir, ’nan aonar, acoimhead dhan an teine, agus acuimhneachadh. ..


[59]

Bha oidhcheannan mór air an Dùn,” ars aSgudalair.

Bhas maduinnean.”

Aonghas Mhurchaidh Bhàin leis aphìob. .. tha colach nach robh shamhail ann.”

Bràthair-athair dhan fheadhainn a dhaithnicheadh tusa Nellie. .. dha Aonghas is Calum.”

O seadh,” arsa Nellie. “Esan.”

Bha mi bruidhinn air bho chionn ghoirid,” ars aSgudalair. “An tigh aige ri taobh tigh mo sheanmhair. .. bhiodh ena shuidhe le làmhan air a ghlùinean. .. a dhruim dìreach. .. mar seo. .. acoimhead rium.

man a tha balach beag aghlinne an diugh? Eil do sheanair air a chasan?’ ’S bhithinn-safeitheamh, fios mhath aige carson. .. ’s cho luaths a bhiodh an còmhradh seachad, an dithis againn acoimhead a chèile, thogadh e aona mhanachan agus leigeadh e braim.”

Ha!”

Chan fhalbhainn gu bràth gus a leigeadh em braim.”

Chan fhalbhadh. . .”

Siud na chuala misa cheòl aige. Ach bhiodhad ag radh gu robh e na phìobaire air leth math.”

Agus bàlainn a chluicheadh e air an Dùn, air na h-oidhcheanan mór ud is MacBrìdesan tìr.

MacBrìde: pòiteir fìona agus deoch làidir; fear a shiubhail asaoghals a fhuair blàths agus coibhneas bho Chatriona Bhàn AonghaisIc Dhomhnaill. Latha mór a bhann alatha nochdadh MacBrìde le bhaga dubhsìos Garadh Shanndaidhs a-steach gu Gil-a’ -Chlamhain.

Bhiodh mo sheanair,” ars aSgudalair, “adol còmhla ris chun an Dùin, ’s chan fhaiceadh sinn tuilleadh e gu feasgar an ath latha. Tha cuimhn am air mo mhàthair a bhig radh rium: ‘Nach seall thu air an diol-déirig a ghràidh. Fad alatha air an uinneags a shùil a-mach airson baga dubh MhicBrìde. ’”

Thàinig e dhan tigh againn uair,” arsa Coinneach.

“ ‘Well, well,’ thuirt e ri mathair. ‘Well, well, well, a Choinnich, bheil am pìgean? ’”

Bha geòla bheag aig MacBrìde. Agus aon latha leig a


[60]

mach gu àird achuain is chan fhacas a riamh tuilleadh e. ’S rinn Catriona Bhàn abhran dha.

Thoir dhuinn abhran Chatriona,” ars aSgudalair.

Ceart gu leòir,” arsa Coinneach, “abhran Chatriona.”

O MhicBrìde gur cruaidh oirnn LB asgeulachd a chualas an ; LB chan fhaic mu thu tuilleadh LB atilleadh le suigeartnad cheum. LBS cha chluinn mi do chòmhradh LB bha tlachdmhor an còmhnaidh leam fhéin LBs ged a lìonainn aghloinne, LB Cha bhiodh i ach searbh ri mo bheul.

Och gur dorch leam amhaduinn LBs mi gun chadal asileadh nan deur, LBs mo smuain air afhleasgach LB bha uasal is taitneachna bheus; LB tha thu nis na do laighe LB an doimhneachd na mara leat fhéinLB O MhicBrìde nach truagh leinn LB asgeulachd a chualas an .

Sin thu-fhéin a Choinnich,” ars aSgudalair.

Catriona bhochd,” arsa Nellie.

Thoir dhomh do ghloinne. ’S math is fhiach thu làn do bhroinn.”

Mo thearmunn is mo neart,” arsa Coinneach. “Air do shlàint.”

Bha abhran,” arsa Nellie, “ ’na mo cheann fhìn an diugh, fad alatha.”

Tha làithean agus abhrain mar sin ann,” thuirt aSgudalair.

man a tha rann seo adol? Fuirich a nis ort. .. Arann seo: gad gheibhinn-sa tigh is oighreachd. .. ?”

Thòisich Coinneach air:

Làn de dhairgiods de dhòrs de dhaoimean LBS mac a rìgh a bhith airna oighre, LB Gum bfheàrr leam fhìn


[61]

A bhi sìnten raoir leat. ..

s cha robh glé fhada gus an robh an triùir aseinn, ’s bhan oidhch air Gil-a’ -Chlamhain.

LB Bhan oidhche socair, carthannach. Thàinig a mhùn gu Teàrlach agus chaidh ise cuairt leis sìos chun na h-aibhne. Dheanadh i fhéin a mùn cuideachd, agus an uairsin dhéisdeadh i ris an oidhche mun cuairt oirre, Teàrlach asnòtaireach.

Dhfhàg i Coinneach agus Ailean abruidhinn. An uair a thilleadh i, ghabhadh iad an t-suipeiram pudding buidhe agus an duffnos dòcha, nam biodh iad ro làn, mìr-corc agus bainne. Bhiodh sin na bfheàrr, mìr-corc agus bainne, neos dòcha lit agus bainnebha na stamagan ag iarraidh cùram, ’s cha bfhiach alosgadh-bràghad.

Dhfhalbh gaoth air aSgudalair; Coinneach abruidhinn:

“ . .. chan eil fiaclan innte,” arsa Coinneach. “Chan eil aon. Ach bheir mi dhith aon bhliadhn eile gun fhios nach bi uan boireann aice.”

“ ’Ne rùda breac?”

Chan e. Leigidh mi areaththuice dhan trup-sa.”

Chan eil e càirdeach dhith?”

Chan eil. An Fhìor-othaisg a mhathair. Thainig ise bho Chaora Ruadh Dhìobadail.”

An Fhìor-othaisg?”

Caora Bheag na tràghad, daingead, Ailein. Na caoraich bhon dàinig an Fhìor-othaisg. .. pìatan bàn Bhréitheascro. . .”

O seadh, seadh.”

Cha do rinn Caora Bheag na tràghad no gin a bhuineadh dhith móran air mòinteach a riamh. Chan fhuireadhad ann.”

Caoraich mhath.”

Cha robh na bfheàrr. Cha robh na bfheàrr.”

Woill,” ars aSgudalair, “tha min dòchas gu faigh thu uan boireann bhuaipe.”


[62]

Na faigheadh. . .”

Chuir aSgudalair móine mun teine.

Cuine tha dùil agad,” ars esan, “na h-uain a thoirt a-steach?”

Na h-uain? Tràth gu leòir. . .”

Thaad aig Nellie a-stigh bho chionn seachdainn.”

Tha.”

Chan eil spùt aice. Carson, arsa mise, air sgàth math, a tha thu cuir nam beathaichean sin a-steach an dràsdadeireadh an fhoghair? Deireadh an fhoghair, ars ise, ’s colach ri bàrr do shròin e. An còrdadh e riut-fhéin a bhi air an t-sitig samhail nan oidhcheannan seo? ’S cha robhn còrr mu dheidhinn math dhut?”

Dìreach, a dhuine, dìreach.”

Ach ge boil leatha, marbhaidh sinn amult am bliadhna.”

An cóig-bhliadhnach!” thuirt Coinneach.

An cóig-bhliadhnach. Chan eil ann ach arrachd beathaich, nach do charaich a riamh ás na dìgean. Feum a dhòrdaich Dia chan eil a siud.”

Cuine mharbhas sinn e?”

Uair sam bith.”

Tha miann agam-fhìn air maragan.”

Tha mi coma gad a mharbhadh tu màireach e.”

“ ’S tusa gheibh do dhonas.”

Dragh.”

“ ’S an uairsin bidh tigh-fhaire agaibhfad seachdainn co-dhiùbh, acaoidh amhuilt.”

Dragh. Cha ghabh a leasachadh.”

Tha i ro cheangailte riutha.”

Tha.”

Thug Coinneach sùil air.

Ceart ma-tha,” ars esan. “Nuair a thig thu-fhéins amult a màireach bi asgian agam-sa air a gleusadh, bòrd amharbhaidhna àit. .. Cuidichidh mi-fhìn thu leis an fhuils leis an duis, ’s bidh maragan math againn an t-seachdainn-sa tighinn.”

Glé mhath,” ars aSgudalair. Ach bha fios agus cinnt aig Coinneach nach buaileadh a shùil air amhult


[63]

acheud ghreis, ’s gum biodh Ailean atighinn le na leisgeulan a chula maduinn: chan fhaighinn lorg air a Choinnich. .. dhfhaillich e orm aig an fhaing. .. bha sinn dìreach afalbh nuair a nochd Nellie. Leisgeulan Ailein. Mu dheireadh chanadh e gun choisinn amult buaireadh mór eadar e-fhéin agus Nelliebfheudar dha innse dhiths chaidh i ás a ciallagus seach nach robh esan, aig aois, fulangach air faobhar a teanga, bhiodh e cheart cho math dhaibh amult a shaoradh on chlaidheamh airson bliadhna mhór eile.

Cha robh e comasach dhan aSgudalair cron a dhèanamh air creutair cruthaichte. Dhfhág sin Coinneachna mhàl abàthadh phiseagan, atachdadh chearcan, agus aspoth nan uansgan comharrachadh. Am bàrr deas, beum foidhp’, slisinn as achluais taisgeil. ..

An uair a bha iad beag, bhiodh Coinneach afanaid air seach nach cuireadh e boiteag air dubhan.

Agus an còrdadh e riut-sa,’ thuirt aSgudalair, ‘an còrdadh e riut, nan tigeadh biasd mhór de bheathach le biasd mhór de dhubhan. .. ’s gun cuireadh e steach troimh mhullach do chinn e, sìos troimh do mhionachs a-mach air do thóin?’

Smaoinich Coinneach air a seo, agus an uair a thainig an triuthach air chunnaic e an dearbh bheathach agus an dearbh dhubhan air na bhruidhinn Ailean. Cha robh sin cho math idir. Ach math no dona, cha do dhfhairich esan mór-thruas ri boiteagna bheatha, agus a thaobh nan cearcans nan caorachwoill, be gné an duine a bhi muirts amarbhadhs alìonadh a bhroinn gu ìre stracadh. Na boiteagan a bfheàrr dheth aig acheann mu dheireadh co-dhiùbh.

n fheadhainn a tha thu-fhéin amarbhadh?” dhfhoighnich aSgudalair.

Woill,” ars esan, “tha mi toirt bliadhna eile dha Caora Bheag na tràghad. .. than uairsin aBhlàragnach eil? — agus an Tóbach. .. agus aChaora Sgrogachna trì sin, seachd bhliadhna nach e? An aon aois ris achaora cheann-dubh agad fhéin.”


[64]

Ochd bliadhna mase sin a thaad.”

Ochd bliadhna.”

Eil thu marbhadh nan trì?”

Chan eil fhiosam. Caoraich mhath.”

Dhéigh Nellie riutha bhon dorus a-muigh.

Tróidibh! Gealach deireadh oidhche. Tha i brèagha dha-rìreabh.”

Air do bheatha-bhuan a nis,” ars aSgudalairna chluais, “na leig guth ort gun deach bruidhinn air amhult.”

An téid sinn a dhfhaicinn na h-oidhche?”

O théid, théid gu dearbha.”

Nach iongantach arud e,” arsa Coinneach, “duine ràinig do latha air an talamh, nach do leig thu fhathast seachad na caran sin. . .”

Isd mas cluinn i thu.”

“ . .. Co-dhiùbh, an car a bhasan t-seana-mhaide. .. càite facas duine cho seòlta ri dathair, agus athar fhéin roimhe.”

Isd a nis.”

Bhan oidhche brèagha gun teagamh.

Cha robh deò gaoith ann.

Na h-eòin agus gach ainmhidh dha robh amhòinteach mhór ud ri toirt fasgadhnan cadal-suain. Bhiodh feadhainn aca air falbheòin an t-samhraidh: an topags an fheadag, chan fhaiceadhs cha chluinneadh tu iad gus an tigeadh sìneadh agus blàths dhan alatha a rithist. ’S cha mhotha chitheadh tu na teilleanan. .. na cuileagan. .. robh na greumaireans na meanbh-chuileagan, clann an donais?

Nan tigeadh fear foghaidneach, foghlumaicht. ..

Bha i soilleir, glan. Bha na fir-chlissan àirde Tuath, agus na rionnagan. . .. uaireigins tu coiseachd arathaid shaoileadh tu gu robh thunam measg.

Rionnag an earbaill,” arsa Nellie.

Cha chreid mi nach eil i reothadh,” arsa Coinneach, “than adhar sin cho glan.”

Glé cholach ris.”

An aithnich thu gin, a Choinnich?”


[65]

Rionnagan?”

Seadh.”

Eil thu faicinn na seachd sin. .. seall, shuas an taobh-sa. .. man sgeileid. . .”

An Crann,” ars aSgudalair.

An Crann. Agus seall. .. trobhad. .. eil thu faicinn an gròileagan beag sin nas fhaid ás na càch. .. aon as amheadhon, agus aon, dhà, tri. .. sia timchioll oirre?”

O tha.”

Sin an Grioglachan. Chan aithnich min còrr.”

Venus,” ars aSgudalair.

Càite?”

Shuas a sin. .. an àiteigin. . .”

Nach iad a tha geal a nochd.”

Nach iad gu-.”

Sguir an còmhradh. Bha gach duine aca afaireachdainn seòrsa de chianalas, ag ionndrainn oidhcheanan eile agus oidhcheanan nach robh a riamh ann. Ach bha iad toilichte cuideachd; toilichte a bhi fhathast beò agus a leithid seo fhaicinn agus fhaireachdainn a rithist; toilichte a bhi còmhladh ann an Gil-a’ -Chlamhain acluinntinn fuam na h-aibhne agus na bfhaide air falbh fuam aosd na mara.

An ceann greis chaidh Nellie a-steach.

Than oidhche seo,” arsa Coinneach, “atoirt bloigh bàrdachd eile gu mo chuimhne. Bardachd a rinn thu-fhéin. . .”

bhann?”

Oidhche le sneachd. .. oidhche shoilleir. .. ’s fhadan t-saoghail bho rinn thu e.”

Oidhche le sneachd.”

Cha chuimhnich mi air.”

Tugainn a-steach. Bi e as achiste.”

Tugainn ma-tha.”

Bha a chula seòrsa rud as achiste: òrd-chlach agus òrd-ladhrach; croman, corran, ceap-bhròig, agus tairgean lùbach, ruadh leis amheirg; rifeidean is banndaichean is cnagan-doruis; cruidhean na làir bhuidhe, alàir mu dheireadh a bhaca; càrdan, crois-


[66]

iarna, dealgan is maide-siubhail; bacan airson dàthadh chinn, branndair treun nam bonnach. Bha sìoman-fraoich innte, agus adhairc na chiar; fiaclan ràcain, ràsar is deimhis; tacaidean, pinteagan, bioran-fuilt a bha aig Goromal; slacan-pronnaidh abhuntàt agus deagh chlàr-fuine.

Bha bàrdachd aSgudalair innte, agus fàileadh na deathaich dhith.

Oidhche le sneachd,” ars esan. “Seo e. Fhuair mi e.” Nellie acuir mun cuairt alit. Ghlan e na speuclanan agus leugh e dhailbh e:

A nochd tha am baile sàmhach LB oidhche bhrèagha gealaich; LBs tha asneachda glan àillidh LB gu h-aotrom alaighe LB air mullach nan taighean, air bàrr a bhalla, LBs adìreadh an àirde LB aig bonn an doruis.

A nochd cha chluinn thu ach fuam na mara, LB na tonnan trom LB atighinnnan deann gu cladach; LBs cha bhi bàta ri fàgail calaLB na lìn paisgte LB na bucais falamh LB an t-iasgach seachad.

A nochd tha amhòinteach aognaidh LBs tha fead na gaoith LB troimh na glinns na bealaich; LB na h-uillts na lòintean LBs na lochan reòidhte LBs gach creutair beò LB a nis marbhna chadal

S tha asneachda gun fhiosd alaighe LB air mullach nan taighean LBs air bàrr abhalla; LB asaoghal gu léir air ùr-ghlanadh LB an oidhche àluinn gealaich seo.


[67]

Agus dhiarrainn sìth LB a bhi a nochdnad chòir LB is aoibhneas nan clann òg LBs amhaduinn.

Cuine rinn thu fear sin, Ailein?”

Nuair a bha mi òg is èasgaidh,” ars esan. “ ’S fhada bhon uairsin — ’s fhada, ’s fhada. . .”

Tiud, fiach an isd thu. . .”

Tha mi déanamh fear eile an dràsda.”

Bheil?”

Tha. Rinn mi cheud ranns an mu dheireadh.”

O rinn, rinn. Chuala mi as amhaduinn e:

Na fiùrain bha bòidheach LB tùrail is dòigheil LB chaochail iad uile LBs tha sinne leinn fhìn.

Siud e, nach e?”

“ ’Se. Bheir mi iormadh orra gu léir.”

Oran mór.”

Gun teagamh.”

Seo dhuibh ar lit ma-tha,” arsa Nellie.

LB Bha i glé fhada dhan oidhch, an oidhche mhath.

Na sùilean aca trom, acoimhead an teine ri dol sìos.

Sgìos agus miaranaich.

Bfhadan t-saoghail bho dhéirich iad, bho chunnaic iad amhaduinn gheal. Na làithean a nis dhaibh-san cho fada ri freasdal, làithean a chaidh seachad cho luath.

Rug an aois orra mu dheireadh thall.

Ann an ùine glé aithghearr bhiodh asgeulachd air a h-innse. ’S cha bhiodh an còrr ann. ..

Chaidh Nellie dhan aphreas a dhiarraidh nam botuil theth. Greis mhór bho nach do chaidil duine aig an teine, ach bhiodh aleabaidh blàth. .. bhiodh gu dearbha. . .. Chan fhaigheadh afuachd grànda gu cnànhan Choinnich idir.

Afuachd bu dorra dhaibh. Afuachd a thug bàs dha


[68]

Goromal agus dha Calum Bàn. .. atòiseachadhna do chasan agus asgaoileadh suas troimh do chorp gu léir. Dhùisgeadh i air an oidhchs bhiodh a casan fhéin cho fuar ris an deigh, agus cràidhteach, gort. Theann i acleachdadh stocainnean oirre anns aleabaidh ach a dhaindeoin sin, bhiodh afuachd mar achnuimh ag ith a-steach gu cnàmhan.

Bfheàrrd i Ailean gu-ta. Bha teas gu leòir ann. agheamhraidh bhiodh a gheansaidh moban air inntegearainneach agus fàileadhach an uairsin esan, ach h-abair teas.

Dhèanadh i geansaidh ùr dha, agus stocainnean dha Coinneach. An geamhradh marbhteach atighinn orra a-rithist, na làithean dubh dorch a bha duilich dhaibh.

Dhèanadh iad ullachadh.

Bi cho math dhuibh,” ars ise, “a dhol dhan a bhaile. Mas dig agharbhseach.”

Chunnaic Coinneach e-fhéin agus Ailean air sràid mhór nam bùthan t-uisge adòrtadh orraan dithis aca aig bùth nam bròg acoimhead dhan uinneag.

Brogan ùr, na ficheadan dhiubh. Agus nighean òg, air a ghlùin, ’nam measg. Aglanadh agus asgioblachadh. An uair a lùbadh i a druim, chitheadh iadsan na cìochan beaga geal aice.

Tlachdmhor don t-sùil, ’s gun dùil riutha. Thug Ailean dheth na speuclanan agus ghlan e iad cho luaths a rinn e car a riamh.

Agus sheas iad ann an siud, anns an uisge mhór. Aosd agus bog-fliuch, cha robh iad tlachdmhor idir. Duine dhan dithis.

Cho luaths a mhothaich i dhaibh, leig i sgriach àrd agus ruith i. Ruith i aig peileir dearg a beathnighean bhòidheach chas mhath oirre cuideachd.

Cha do charuich iadsan gus am fac iad cinn eile air chùl nam bròg acoimhead air fàth riutha.

An trup mu dheireadh a bha sinn ann. . .” arsa Coinneach.

Am bùrn mór, alatha sin.”

Bha. Dòrtadh.”


[69]

Feumaidh mi dubhanan fhaighinn,” ars aSgudalair. “Cuimhnich dhomh-sa dubhanan.”

Réileadh e-fhéin an ite riutha, ite gheal an t-sùlaire.

Bha aSgudalairga fhaicinn fhéin air achreagach, aig Caolas Idhanis aslaodadh a-steach nan cudaigean.

Na dhfhiach thu fhathast e, Choinnich?” ars esan.

An creagach?”

Hm.”

Cha do dhfhiach. Chan fhada thuige.”

Bha Ard Idhanis math an uiridh. ?”

Bha. Uamhasach math.”

Sia air a chula sgrìob. Saidheanan cuideachd.”

A dhuine. . .”

“ ’S dòcha màireach. . .”

Chan eil mig radh nach bi-tu na bfheàrr air an Dùn.”

Smaoineachadh.”

Cha shaoilinn-snach biodh achudaig dheargga thadhal an dràsda. .. rudeigin tràthson Ard Idhanis.”

Bha dùil agam fhiachainn an diugh. . .”

Siol-mara math ann.”

Alìonadh anmoch, nach ann?”

Alìonadh feasgar. Tràth. Siol-mara mathson an Dùin.”

Woill, a màireach. . .”

Théid mi còmhriut.”

Theann iad amiaranaich.

Oich is oich is oich,” arsa Nellie.

Sgìth.”

Gu bhith leis. . .”

Thas mi-fhìn.”

Well,” ars ise, “cha chreid mi nach dèan mi dìreach oirre. . .”

Tha cho math.”

Tha.”

Thig thu rithist an ath-sheachdainn,” ars ise.

Thig. ’S mi gun dig.”

Cuimhnich a nis. Well. .. oidhche mhath leat, a Choinnich.”


[70]

Oidhche mhath.”

Chaidh i suas dhan a chùlaist.

Sheas aSgudalair airson greis acoimhead ris alàr. A làmhanna phòcaideans a mhionach a-mach.

Coinneach afosgladh phutanan.

Cha bhin trom-laighe tighinn ort?” ars aSgudalair.

Cha bhi.”

Hmm.”

Aislingean neònach agam. .. gu h-àraid ma chaidleas mi troimhn latha.”

Sin an cadal nach fhiach.”

Co-dhiùbh. . .”

Seadh ma-tha. .. woill. .. tha cho math. . .”

Chaidh Coinneach dhan a leabaidh.

ASgudalair amiaranaich:

Poit-mhùin am bonn aphris,” ars esan. “Chan eil càil tuilleadh. . .”

Chan eil, chan eil. Oidhche mhath leat Ailein.”

Théid sinn chun achreagach a màireach.”

Théid.”

Oidhche mhath leat ma-tha.”

Ailein?”

?”

Eil cuimhn agad air anighean a bhasan uinneag?”

Càite?”

An trup mu dheireadh a bha sinn as abhaile.”

Uinneag bhrògan.”

“ ’Se.”

Smaoineachadh air a sin a tha thu? ’na do leabaidh. . .”

Bha i snog.”

Tha mi falbh.”

Na daoine bha coimhead rinn. .. air fàth. . .”

O Dhia.”

Ha!”

Dhùin Ailean an dorus; dhùin esan a shùilean.

title5
internal date1979.0
display date1979
publication date1979
level
reference template

Caimbeul Deireadh an Fhoghair %p

parent textDeireadh an Fhoghair
<< please select a word
<< please select a page