[21]

1

Bha fhacal an còmhnaidh air bilean Ted; dhfhòghnadh aonan dhiubh ann an cluais Thormoid, gu chìrean a thogail.

Nan robh Ted air fuireach ann an New York, far an robh a dhachaigh; no mur robh e airlocal colourabairt cho tric; no mur robh e acathachadh an aghaidh Thormoid bhon cheud oidhche a thàinig e le ceum spairiseil a-steach don bhàr far an robh Dòmhnall Phàdraig ariaghladh is na firnan suidhedòcha gu robh seann dòighean air a dhol bàs gun dad den neònachas seo a bhith air an ath-dhùsgadh. Ach chionns gu robh Ted air nighean as na h-Eileanan a phòsadh, thàinig e air sgrìob a-nall as New York còmhla rithe. Dòcha nach tigeadh seòrsa spadaireachd Ted ri Tormod, ach cha be spìocaire a bhann; chòrd e gu math ris an fheadhainn eile is dhòladh iad glainne bheag fads a bhiodh Ted fhèin ris aChoca-Cola. Ach cha bu dhiubh Tormod. Cha rachadh esan an taing neach sam bith.

Mholadh Ted an sgìreachd don tàinig echo brèagha, cho foiseil is a bha i; cha bionann sin is New York, far an robh fir cruaidh, far nach robh e sàbhailte do neach coiseachdna aonar air latha no oidhche mun cuirte sgian fo asainn. Dhèisdeadh achuid mhòr ri ruais mar gum biad fhèin a bhathas amoladh, no chrathadh iad an ceann ga chronachadh, no theireadh iad, “Chan eil thu fhèin ag ràdhan uair a bhiodh Ted ag aithris eu-ceartas New York.

Dhèisd Tormod e fhèin gu sòlaimichte, modhail, gus an oidhche a thuirt e as a thromada-tàmh, is Ted air eachdraidh a


[22] dhèanamh air murt ro bhorb, “Ach ann an New York laighidh na mairbh ann am fois. Ach an seo, thèid an urras air sin?”

Thuit sàmhchair an-shocair air a h-uile neach a bha san èisdeachd, is tharraing iad òirlich na bu dlùithe air a chèile mar gum bu mhath leotha iad fhèin iomsgaradh bhon dithis dhàn seoach gu h-àraidh bho Thormod, a bha air teagamh fuar a dhùsgadh air an siubhal, teagamh a thraoigh bhuapa blàths is comhfhurtachd na deoch.

Seadh?” arsa Ted, is ged nach duirt elocal colournoatmosphere, ”bhitheadh e air a bhith cho math èigheach aig àird a chlaiginn. Rinn lasair a shùilean an gnothach.

Cha bu ghealtair Tormod, is cha bfhear e dom bàbhaist còmh-stri a bhrosnachadh; ach air an oidhche seo chaidh e an aghaidh a nàduir. Cha robh tarraing as aige chionns gun do bhruidhinn e, ged a thuig e fìor mhath gu robh tosdachd nam fear adìteadh a h-uile facal a labhradh e air achuspair seo.

Nuair nach do fhreagair Tormod acheist a chuir e airson tacan, lean Ted air. “Cha laigh na mairbh, an duirt thu? Tha fios nach eil thu fhèin acreidsinn sin? Tha fios nach eil eagal agad rompa marbh? A bheil dearbhadh agad nach eil iad aig fois?”

Anns achomann cha robh neach eile, sean no òg, a bha air leithid a cheistean a chur. Ach nuair a thuirt Tormod, “Chan eil eagal orm rompa,” chaidh anailean a tharraing tro fhiaclan mar gu robh e air toibheum a labhairt.

Gu las-shùileach thionndaich Ted air, is e air am fàth ris an robh e fada afeitheamh fhaotainn; ach mun duirt e an còrr bha seann Dòmhnall Phàdraig air a chasan, asuathadh a làmhan ri chèile is ag ràdh, “Than t-àm aig balaich a bhith air an rathad dhachaigh a-nis. Tha bun gealaich ann.” Cha robh fear gun fhios bhair cùl na comhairle. Dhrùidh gach fear a ghlainne is fo cheannsal eagail ceilte fhèin ghabh e a rathad. Gus am bfheudar dha, cha do ghabh neach rathadna aonar air cho dànas gu robh e.

Ach cha do chuir eadar-thighinn Dhòmhnaill Phàdraig crìoch air an aimhreit; cha robh maoladh air ioghnadh Ted. Chaidh oidhche is oidhche seachad, ach bainneamh an oidhche nach


[23] tigeadh Ted thairis air mar a thuirt Tormod. Ach ged a leum a theanga air Tormod aon uair, bha i fo srian a-nis, is esan cho bodhar balbh ri càch. Ach gheur-lean Ted gu seòlta, is ann an teis-meadhan còmhraidh theireadh e, “ bhuaithe tha eagal acasan? Nach innis thu.” No theireadh e, “n gleidheadh a thortsa nach eil eagal ort? Bheil thu cinnteach nach eil eagal ort?”

Nuair nach tigeadh facal bho Thormod, thionndaicheadh e air falbh mar nach robh sùil aige ri freagairt is leanadh e air bruidhinn ris an fheadhainn eile. Is a h-uile oidhche thigeadh an cèilidh gu ceann na bu tràithe, isnan dithis isnan triùir ghabhadh iad an rathad, ach gu an-shocairnan inntinn. Bha sìor-cheistean gam bioradh mar sgealb fo ìnidh.

Ach cha be Ted am fear a leigeadh as a ghreim is tìde aige ri chur seachad. Is air oidhche cha be ceist a chuir e. Thionndaich e air Tormod is sheas e ga amharc is snodha gàire air aodann, gus an robh e cinnteach gu robh aire gach fir air. An uair sin thuirt e, “Mur eil eagal ort, dearbh e.”

Cha robh guth bho neach, is Tormod cho balbh ri càch. An uair sin thuirt Ted, ga chur gu dhùbhlan, “Mur eil eagal ort, thig còmhla riumsa gu làrach an Taighe Mhòir air Achadh an t-Seagail.”

Chuir fear is fear bhuaithe a dheoch, is cha do bhlais neach an oidhchud tuilleadh air an deoch a cheannaich Ted. Agus is iomadh drudhag a chuir seann Dòmhnall Phàdraig, an duine suairc, glèidhteach, air ais don bhotal. Ged baotrom, dearmadach ainm an Taighe air bilean Ted, theagamh gum be an làn-aineolas a chuir orra e.

Ach bha eòlas acasan. Mar sin, chan òladh iad deoch a shlàinte air an oidhchud, oir bha amharas aca dhfhaodadh tachairt don fhear ladarna a thug dùbhlan. Aig an àm seo fhathast bu dhiubhsan Tormod, is shuidh iad gun làmh a ghluasad, afeitheamh.

An uair sin, mar nach robh seachnadh aige air, thuirt Tormod, “An ath-oidhch’, ma-tha.”

Ged a sgar e e fhèin bhuapa leis na faclan, sheall iad air le truas is co-fhaireachadh, oir bann mar siud a fhreagradh gach fear


[24] nan robh ena bhrògan. “Siuthadaibh, fhearaibh, òlaibh suas,” arsa Ted, a bha sàr-riaraichte leis an spòrs. Cha do thog fear glainne. Is gu socair, gun chabhaig, ach gun ghuth a-null no nall, ghabh Tormod an rathad a choisicheadh e leis fhèin a-nochd. Ghabh na fir eile an rathad cuideachd, abruidhinn gu h-ìosalnam measg fhèin, ach gun sunnd. Nuair a dhfhàg Ted, is e afeadarsaich tro fhiaclan, bha Dòmhnall Phàdraig crom mu ghnothach fhèin is cha do chuir e oidhche mhath air. Ach bha Ted coma.

An ath-oidhch’, nuair a ràinig Ted, bha a ghlainne no a shiuga a cheana làn mu choinneamh a h-uile fir. Chan òladh iad fhathast, is dhfhòghnadh seo dhaibh fad an fheasgair air cho fad’ ’s gu maireadh e.

Cha robh glainne no siuga ann an dòrn Thormoid, ged a bha ena sheasamh, afeitheamh.

Nuair a thug Ted sùil mun cuairt is sùil air Tormod, thuirt e gu sùrdail, “Seadh a-nis, an cuir sinn chun an dearbhaidh e?”
Bi tighinn, ma-tha,” thuirt Tormod, is ghabh e ceum air thoiseach a-mach don oidhche.

Fhliuch fear is fear a theanga, ach cha do dhòl iad is iad afeitheamh gun mòran còmhraidhnam measg, mar gu robh iad ri caithris cuirp. Shnàig na mionaidean slaodach seachad, dòcha còrr is fichead, nuair a thog fear a làmh airson iad uile a bhith sàmhach. Dhèisd iad, is an uair sin thuirt e, “Eisdibh, ’illean, fear leis fhèin is e tighinnna ruith.”

Air crùn an rathaid chluinneadh iad fear ateicheadh le bheatha. Bu ghann a chaidh an doras fhosgladh gus an robh Tormod air an starsaich is air sin atomhas fhaid air an làr, far an do dhfhan e. Rùisg fear is fear a cheann, an dùil gu robh iad an làthair abhàis. Bha an t-aodann dom bu chòir a bhith gu ruiteach, fallain cho geal ri càise earraich. Bha iad acoimhead sìos air, ’nan crò, is gun làmh a chur air, nuair a thuirt fear gu dubh, doilleireach, “Seo am fear eile.”

Le sin bha Tednam measg le sìnteagan fada, troma.

Sheas e atarraing anail ghoirt is a ghualainn ri tacsa na h-ursainn, is e acoimhead sìos air Tormod. Mun dfhuair iad cothrom ceist a dhealbh no chur thuirt e gu crosda, “Thuirt e


[25] gun cuale sitrich each. Theich e mar gu robh a h-uile deamhain as Ifrinn an tòir air, is dhfhàg e mise an siud leam fhìn.”

Leis na faclan cha robh ceann nach robh air a rùsgadh; is bha sùil gach fir air Tormod, Tormod a chuala sitrich nan each.

Thionndaich Tormod air a leth-thaobh is chrom fear acur glainne ri bheul, ach thionndaich Tormod aodann air falbh, ag ràdh, “Chan e. Uisge. Uisge fuar.”

Bha Tormodna shuidhe leis fhèin aig bòrdan mun dfhuair Dòmhnall Phàdraig siugan uisge dha. Shuidh es a cheann crom, a shùilean air an làr. Ged nach dabair e aon fhacal, bha e soirbh ri fhaicinn gun dfhuair e criothnachadh.

Bha Ted gus an dàrna botal den Choca-Cola a thraoghadh mun duirt e gu frionasach, “ tha cur air? Cha chuala mise sitrich each. Cha chuala mise ged a bhan oidhche sàmhach.”

Thoir thusa taing do Dhia, a bhalaich,” arsa bodach is e togail a ghlainne is ag òl.

Innis thachair,” arsa fear. “Seadh, innis thachair,” thuirt fear is fear. Bha Ted glè thoilichte air sin a dhèanamh, is e air a thàmailteachadh gun do chlisg is gun do theich e.

Bhuel, seo mar a bha. Ghabh sinn ceum is sinn sunndach gu leòr, is sinn acumail druim an rathaid. Mar tha fios agaibh, chan eil Tormod ro bhruidhneach aig achar as fheàrr, ach cha robh e na bu mhiosa nan àbhaist. Bha facal no dhà aige an dràsda is a-rithist, ach gun ghuth air ar ceann-turais. Choisich sinn còrr is mìle is bhitheamaid, tha mim beachd, am fianais làrach an taighe nuair a mhothaich mi do lasair ag èirigh dearg as acheàrn sin. ‘Faic,’ thuirt mi ris, ‘faic an teine a than siud agabhail gu dearg, dealrach.’

Sheas esan mar stoc is chrom e a cheann is sheas e ag èisdeachd. Cha chuala mise lid, ach thàinig ràn tùchaidh bhuaithesan is thuirt e, ‘Sitrich nan each. Cluinn sitrich nan each.’

Le sin, thug e chasan leis. Lean mise apunndadhna dhèidh mar a bhfheàrr a burrainn domh. Ghabh mise an clisgeadh bhuaithe is theich mi fhìn, gun fhios carson. Nuair a thàinig mi thugam fhìn theann mi ri coiseachd. as Ifrinn a chuir a leithid a chlisgeadh airsan?”


[26]

Ach bha gach fear trang ri ghlainne is cha tug neach freagairt dha. Ged a thug iad sùil thruasail air Tormod, cha tug iad an aghaidh air is cha drinn neach gàire. Nach bu leòr dha gun cuale sitrich nan each.

Is am facthusa teine?” cheasnaich fear Ted.

Cha mhionnaich mise chunnaic mi. Ar leam gu faca mi teine adeàrrsadh gu dearg. Ach thoiribh fa-near nach eil mo shùilean-sa cleachdte ris an dorchadas mar a tha na sùilean agaibhse. Dòcha gun tug an oidhirp a bhith faicinn lasan dearg annta. Ach be mo bheachd gu faca mi teine, agus teine mòr cuideachd. Ach nuair a thainig mothachadh thugam air cho gòrachs a bha mi apunndadh air an dearg chuthach as dèidh Thormoid, sheas mi is choimhead mi air ais. Cha robh sùil theine ri faicinn, cha robh ann an ceàrn sam bith.”

Is an cualthusa na h-eich?” dhfhaighnich fear eile.

Ciamar a chluinninn eich is gun each anns an àite? Ar leam gun cuala mi sgreuch àrd gheur bho gheàrr is i ga reubadh aig sionnach. Ach na h-eich a than seo?”

Dhfhaodadh Ted ceistean a chur, ach bha a h-uile fear acaogadh a shùilean atomhas na bhana ghlainne is gun fhreagairt aige do cheist. Thuig e nach faigheadh e facal an còrr bhuapa air achuspair ud.

Nuair a chunnaic Tormod e iomchaidh dhèirich e is, le facal goirid aig an doras, bha e air a shlighe gun neach atabhann a bhithna chomann.

Nuair a bha Dòmhnall Phàdraig sgìth a sheachnadh cheistean bho Ted, thuirt e ris e dhol far an robh Calum Bàn, aig an robh eachdraidh na dùthcha air a theanga. Dòcha gum biodh esan deònach solas a chur air an tachartas seo.

Ràinig Ted taigh Chaluim Bàin aig beul oidhche, is ghabh Calum a naidheachd gu suairc is bha greis air a dhol seachad mun dfhuair Ted cothrom air ceist a chur. Dhèisd Calum ris an eachdraidh le làn-aire, is bha e sàmhach airson ùine mun duirt e gu dubhasach, “Tormod bochd, is gun ann ach an duinòg fhathast. Tha thu fhèin ag ràdh rium gun cuale sitrich nan each. Dòcha gun do dhùisg as ùr a bha min dòchas a bhair a dhol bàs. Tormod truagh.”


[27]

Shìn Calum a làmh gu glas-fhad a bha làimh ris is thog e nuas dòrlach den t-slàn-lus. Chunnaic Ted aig clann iad, adèanamh saighdearan dhiubh, feuch a chuireadh an ceann den t-saighdear eile an toiseach. Bha an dòrlach a thagh Calum crìon, gun shùgh, is chuir e e air cùl an teine, far an do ghabh e gun lasair ach acur fàileadh mi-thaitneach feadh an taighe. Shuath e a shùilean, a bha sileadh leis acheò, mun do bhruidhinn e.

Seo an aithris a chuala misbho msheanair.

Be Uisdean Garbh a bhana uachdaran an uair ud. Bolc, an-iochdmhor e. Bha e afuireach ann an Taigh Mòr Achadh an t-Seagail. Chithear an làrach fhathast. Ged nach eil eòrna no seagal afàs ann an-diugh, bha uair eile dha sin. Ri linn Uisdein cha be luachair no raineach ruadh toradh nan raointean ud.

Bhan Taigh Mòr fhèin àrd is sheasadh e gaoth is uisge. Bha mullach sglèat air. Theireadh mo sheanair gun tàinig làn luinge a BailaChaolais a dhaon ghnothach. Ach is e tughadh luachrach a bhair abhàthaich is air an stàball. ’S e.”

Thainig stad air an eachdraidh aig Calum is ospag bheag bho uchd. Bha a shùilean air na h-èibhlean dearga, mar gu robh iad an sin adealbh dha a bha air a dhol as bith.

Sin far an robh am -shealbh, anns amhullach thughaidh.

Bu ghlè ao-coltach an Taigh Mòr ri bothan Alasdair Bhig Choinnich Ghiobaich. Ach air feasgar ghabh Uisdean a-staigh, a mhaidena dhòrn. Chualiad guidhe aige is e nuas an trannsa bhon doras far an tigeadh gach duine is beathach a-staigh. Cha robh aig Alasdair ach aon mhart le h-àl.

Ged a chualan teaghlach uile Uisdean adèanamh orra, cha do ghluais neach le modh no urramna choinneamh am feasgar ud. Chrùb Sìneag na bu tinne ri glùin a seanmhar. Cha do ghluais neach eile.

Thug na gillean sùil air am piuthar is gun iad atuigsinn carson a theich i dhachaigh bhon Taigh Mhòr; is cha do thuig iad chuir am màthair cho deurach, is i cho measail air Sìneig; cha do thuig iad chuir an athairna shuidhe gun ghuth aige,


[28] a smeigead air a bhroilleach is a shùilean air an làr dhubh; no carson a thigeadh stadna seanmhair is i ri càrdadh. Cha robh an teine fhèin agabhail mar bu chòir dha, oir ged a bha e am meadhan an làir, far am bu chòir dha, is gann gu robh neach atoirt sùil air fad an latha. Ar leis na balaich nach robh ach aon gun atharrachadh: an t-acras a bha an còmhnaidh gan tolladh.

Sheas Uisdean mionaid, a dhruim ris an ursainn ach e acur a thaic air a mhaide a bhana dhòrn. Is e bun de dhuine làidir a bhann fhathast ged a bha e nis astreap ris an trì fichead. Ann an solas mùgach na lampeòlain sheas e, acaogadh a shùilean an aghaidh goirteas na deataich, a shùil dhrùiseil air aphàisde ged a bann ri h-athair a bhruidhinn e. ‘Am feum mise na breunagan riasgach agad a ghabhail os làimh, is modh ionnsachadh dhaibh?’ ars esan. ‘Nam bann leamsa iad bhiodh an caol dubh mun lurgann. Ghabh an nighean agad fasdadh bhuam. Theich i dhachaigh gun ghuth ri neach. Ghabh thu rithe. Faiceam-sa, a dhuineachain, gun till i, is sin gun dàil.’

Leag e a shùil air Alasdair is dhfhan i air.

Le sin bha iad uile air an casan, is na pàrantan a bha cho balbh fad an latha abruidhinn aig an aon àm.

“ ‘Cha robh am pàisde toilichte,’ arsAlasdair.

“ ‘Bha i ag ionndrain na cloinne,’ arsAnna, bean Alasdair, gu sìobhalta.

Ach cha robh sìth ann an guth Sìne Mòire, a sheas leis achàrdana làimh mar gum bàill leatha ball-airm a dhèanamh dhith, is i ag ràdh, ‘Is thug air an leanabh teicheadh? Bheil de bhathais agad a dhinnseas?’

“ ‘Nam faiceadh sibh rathad air Sìneag fhàgail againn greiseag fhathast. Ghabhadh a màthair cuideachadh. Rachainn fhìn… ’

Fo shùil mhagail Uisdein bhàsaich na faclanna bheul. Bha uair gum bann air Anna fhèin a bhiodh sùil Uisdein, ach bha ise air a dholna riochdal le bhith agiùlan is acall chloinne. Thug Uisdean sùil oirre, ach chan aithriseadh mo sheanair na briathran suarach, drabasda a bhaige dhi, ged a chòrd iad ri Uisdean fhèin. Is lean e air. ‘Ach do roghainn fhèin, Alasdair. Is coma leamsa. Ach biodh i shuas an ath-oidhch’. Cha duine cruaidh mi. Ach biodh shuas an ath-oidhchno bidh teine ris na cabair.’


[29]

Stad e is thug e sùil air na cabair, a bha air an tearradh le sùith is le snighe dubh, mar gu robh e gam faicinnnan teine. Cha robh fiamh gàire air aodann nuair a thuirt e gu maoidheachail, ‘Chan fhàgar clach air muin cloich. Bidh an làrach ann iomadh linn mar leasan do dhfhear leis am bu mhath seasamhnam aghaidh. Ach do roghainn fhèin, Alasdair, do roghainn fhèin. Cha duine cruaidh mi.’

O fhir gun iochd,’ arsa Sìne.

Cha robh guth aig Alasdair.

Thionndaich Uisdean air falbh. Bha Eòin, balach aon deich no dusan bliadhna, ’na sheasamhna thosd, ged a bhan fhearg alasadh a shùilean. Anns an dol seachad thug Uisdean dha sgailc mun pheirceal a theab a thoirt far a bhuinn. Ged a lìon sùilean aghille le cràdh is tàmailt, sheas e is thilg e smugaid rathad Uisdein. Le sin bha Sìne ri taobh abhalaich, achàrdana làimh.

Iomhaigh an Diabhail, a ghin is a sgeith thu, na tog do làmh a-rithist ri mogha-sa, oir ged bheirinn manam dha, bidh tu ann an spògan an Fhir as leis thu.’

“ ‘Tud, tud, a Shìne, cha chuirinn mearbsa ann. Is mi nach cuireadh.’ Ghàir Uisdean, anochdadh nam fiaclan fada buidhe nach do dhfhairich riamh dèideadh.

Ach cha do mhair amhear mheallta, oir aig an doras thionndaich e ri Alasdair, ag ràdh, ‘Cion amhodha air muinntir na h-fhàrdaich seo. Feumar an ceannsachadh.’

Sheas Alasdair eadar Uisdean is Eòin is thuirt e gu duineil ach gu trom, ‘Is e abhochdainn a dhfhàg uireasbhach mo làmh an- diugh… ’

“ ‘Tha facal agad fhathast,’ arsUisdean, ‘ach coma. Biodh do nighean agamsa a-maireach, ged a be taod a chuireadh tu innte. Air neoan teine.”

Dhfhalbh e, afàgail an dorais fosgailte, is chualiad crònan òrain aige air Is Caoin Geal Mo Luaidh. Cha baithne dòigh a bfheàrr air tàmailt a chur orra, oir be seo òran gaoil a rinn Alasdairna òige is e amoladh Anna.

Bha. Bha Alasdair ri bàrdachd, is bu ghasda is bu bhlasda achainnt anns amharbhrann a rinn e do Shìne Mhòir, a


[30] mhàthair. Is i gu dearbh a thoill sin. Tha na faclan air a dhol as mo chuimhne an-diugh, ged a bha rann no dhà aig mo sheanair. Ach bhàsaich spiorad na bàrdachd ann an Alasdair le bàs a mhàthar is na bhana lùib. Cha chluinnear iad an-diugh chionns gu bheil daoine am beachd gun tig am -rathnan cois, mar nach bi cuid airson a bhith seinn Cha Till MacCruimein. Ach bitheadh no nach bitheadh -shealbhnan lùib, bheir mi mo mhionnan nach robh sunnd aig Uisdean airson òran an dèidh na h-oidhche ud.

Ach co-dhiùbh bu tùrsach, tàmailteach an teaghlach a dhfhàg e. Fhuair na gillean greim suipreach, is am barrachd chionns nach itheadh na h-inbhich, aig nach robh càil do bhiadh. Chaidh càch a laighe, ach shuidh Sìne Mhòr far an robh i. Cha do dhùin a sùil ann an cadal, is nuair a dhèigh Sìneag leis an trom-laighe be a làmh-se a chaidh oirre ga ciùineachadh gus an do chaidil ise mar a an òige.

Air an latharna-mhàireach cha duirt neach ach Eòin guth an aghaidh Sìne a dhol gu Achadh an t-Seagail. Nach duirt Uisdean gu robh a roghainn fhèin aig Alasdair, is carson a bha e ga h-iarraidh co-dhiùbh? Ach an aithne non tuigse a bhaig abhalachan air olc an t-saoghail? Cha drinn an fheadhainn aig an robh an aithne na bu ghlice e, is iad gu tùrsach, sàmhach. Air chùl a h-uile bha fios aca nach fosgaileadh doras nàbaidh dhaibh ge be cho goirt an eucoir a leagte orra.

Mar sin, aig ciaradh na h-oidhche, cha do choimhead Alasdair air Sìneig, ach thuirt e, afalach a chion sunnd, ‘Nach fheàrr dhuinn a bhith falbh, a chagair.’

Gu sàmhach, umhail, dhèirich am pàisde; ach mun druig iad an doras thuirt Sìne Mhòr gu cridheil, ‘Fuirichibh is thèid mi pìos an rathad còmhla ribh. Theagamh gum bi an ceum dorcha is sinn atilleadh. Is fheàirrde sinn ath-theine leinn.’

As aghrìosaich thagh i fhàd mhònadh is chuir i an lasair ri beul a chèile. Mar sin ghabh iad an rathad, Alasdair gu balbh, am pliut tana aig aphaisde fuarna làimh is ise ga h-earbsa fhèin ris. Bha Sìne fhèin gu còmhraideach, is i acoimhead ri a h-ath-theine an dràsda is a-rithist. ‘Cha bu mhath leam e dhol as, ach air an làimh eile chan eil mi airson gun cnàmh e gus am bi


[31] fheum seachad,’ theireadh i is i stad is i leigeadh aghaidh an teine ris aghaoith airson mionaid. Is cha robh cabhag oirre.

Aig acheann thall, is iad am fianais an Taighe Mhòir is an oidhche air tuiteam, thuirt Sìne, ‘Bithibh air ur rathad a-nis. Cha tèid mise nas fhaide. Ach Alasdair, a mhic, thèid thusa a-staigh is cumaidh tu bruidhinn ri Uisdean airson mionaid no dhà.’

Chan eil iarraidh agam air a chomann,’ arsAlasdair gu dubh.

Chan eil, a mhic,’ arsa Sìneis bha an cridhealas air falbh— ‘ach dèan thusa mar a tha do mhàthair ag iarraidh ort.’

“ ‘Bidh cabhag air,’ arsesan.

“ ‘Cha bhi cabhag idir air. Am facthu riamh cat is cabhag air is an luch fo spòig? Dèan thusa mar a tha mise ag iarraidh ort.’

“ ‘ mi nas urrainn domh,’ arsAlasdair. ‘Tiugainn, a chagair.’

Dhfhalbh iad.

Mar a thubhairt Sìne, cha robh cabhag air Uisdean is an latha leis gun dragh. Ach mu dheireadh dhfhàg Alasdair is chaidh Uisdean pìos an rathad leis. Cha bann le modh. Cha bann, ach afògairt bhon taigh fear sam bith a dhfhaodadh cron a dhèanamh dha chuid. Chan fhuilingeadh e aon den luchd-obrach a bhith mun taigh air an oidhche. Aonan fhèin. Dhfheumadh a h-uile fear a dhol gu bhothan fhèin air cho fads a bhiodh a shlighe.

Ach ged nach robh facal aig Alasdair dha ach na bheireadh an t-eagal bhuaithe, cho do leig am fear eile air agus, chionns gu robh an luchag fo spòig, thuirt e, is e fhathast am fianais an taighe, gun tilleadh e.

Thionndaich an dithis far an do dhfhàg iad am feudal, is anns an tionndadh chunnaic iad gu robh iodhlann-chruach Uisdeinna teine.

Sheas Alasdair far an robh e, is cuimhne aige air an ath-theine ann an làimh a mhàthar. Anns an dorchadas, is a shùil air an teine, ruith is leum is thuit is dhèirich Uisdean.

Rinn each sitir geur.

Chuimhnich Uisdean air tughadh blàth tioram a stàbaill fon


[32] robh sia eich. Bu choma nis an iodhlann ach na h-eich. Dhèirich e is sitir geurna chluasan.

An cualthu riamh sitrich eich, is e air achuthach le eagal? Each a bhrist a chas? Dìreach. Bhan seo sia eich is iad air achuthach. Bha samh an teine is acheò ann an cuinneanan is an t-sitrich eagalach ann an cluasan Uisdein nuair a ràinig e doras an stàbaill. Is cha be eagal no clisgeadh a rinn maol, slaodach a mheòirean, ach gun deach spealg a chur air chùl an t-sneich. Cha rachadh aig Uisdean air an doras fhosgladh air chabhaig, oir cha be buamastair a bha air a bhith ris aghlais.

Bha uinneag bheag air cùl an stabaill a bha deiseil gu fodar no a leithid a thilgeadh a-staigh gus eich a bhiadhadh, is mur rachadh aige air na h-eich a leigeil fo sgaoil chuireadh e as dhaibh gun iad a bhith fulang achòrr. Cha be mhàin gu robh gunna aige, ach bha an deagh chuimis aige agus is iomadh fiadh reamhar a thuit dha a shlaod e dhachaigh, ach dha fhèin.

Fhuair Uisdean an gunna is thill e, is bha an stàballna dhearg lasair a-nis. Anns an t-solas dhearg chunnaic e air mullach balla an stàbaill ach gum be Sìne Mhòr, an teine deargna làimh. Thog e an gunna ri ghualainn is bhitheadh e soirbh do dhfhear-eòlais am peilear a churna cridhe. An àite sin a dhèanamh, leag e an gunna air mionaid is nuair a thog e e ri ghualainn a-rithist ghabh e cuimis a chuir am peilear, cha bann tro cridhe, ach tro chnàimh na slèisne aice. Loisgeadh ise cuideachd. Cha robh dol as a siud aice.

Ach carson a bhithinn aleudachadh air a h-àmhghair? Thuit ise nuair a thuit an stàball am broinn a chèile, is shaltair is phronn na h-eich i. Loisg an teine na bha air fhàgail dhith. Chaidh a cnàmhan a thiodhlacadh am measg cnàmhan nan each.

Bha cuimhne air an teine mhillteach ud fad iomadh geamhradh. Ach cha be deireadh gnothaich. Cha be bhann ach a thoiseach. Ged a buabhasach na thachair gu seo, is ann a bhan sàr-uabhas is an neònachas do-thuigsinn gun tighinn. Theagamh nach eil e fhathast air a dhol bàs.

Ach bha aon mhath an cois aghnothaich bhrònaich seo: chan fhuilingeadh Uisdean Sìneag anns an aon taigh ris, is


[33] dhachaigh chaidh a cur. Nuair a fhuair Uisdean e fhèin a thionndadh rinn e air taigh Alasdair Bhig Choinnich Ghiobaich. Ghabh e suas an trannsa is sheas e taobh a-staigh an dorais. Cha tug e iomradh air Sìne a dhfhalbh no air an àmhghair a dhfhuiling i. Cha duirt e ach gu goirid, ‘Thig thusa nis, Alasdair, is obraichidh tu dhòmhsa mar an t-each nach eil agam. Is thusa cuideachd, ’ille.’

Thug e sgailc le mhaide air lurgann Eòin is dhfhalbh e. Is bann mar sin a bha. Mar na h-eich fhèin dhobraich iad, gun diùltadh ann. Rachadh Alasdair dhachaigh a h-uile oidhche, ach mar fhasdadh fhuair Eòin fasgadh an Taighe Mhòir is an greim a leigeadh an sgìths leis ithe.

Mar bhean-taighe aig an àm ud bha ris an cante Ceit Bhrucach. Bha i fhèin is pàisde nighinn a bhaice is Eòghain, balach le Uisdean a bha beagan na bu shine na Eòin, is Uisdean fhèin afuireach anns an taigh, agus bann bho Cheit fhèin a thainig mòran den eachdraidh. Gun teagamh, cha be beul na fìrinn a bhair Ceit, ach ged a bu mhàthair nam breug i, cha bhiodh i ri breug nach robh gu feum dhi fhèin. Chì thu nach cuireadh an naidheachd seo ri a cliù.

Tha e coltach gum bu tric le Eòin a bhith cho sgìth is gun tuiteadh ena chadal is e aig abhòrd còmhla ri Ceit is Annag, am pàisde nighinn a bhaig Ceit. Air an oidhche seo thuit Eòinna chadal trom far an robh e. Is e buntàta is blàthach a bhaca airson na suipreach, is bha blàthach air a fàgail anns achuachaig aig Eòin. Cha be Ceit a bhiodh deònach biadh a dhol a dholaidh is Anna air leth-tràth, ar leatha. Mar sin, nuair a bha i cinnteach gu robh Eòinna chadal, shìn i a làmh gus achuach bhlàthaich a thogail bhuaithe. Mun drinn i greim air an t-soitheach rugadh gu cruaidh teann air chaol an dùirn oirre is bha i gun chomas air ais no air adhart airson tacan. Mu dheireadh fhuair i cothrom a làimhe air ais, is nuair a phaisg i a làmh anns an làimh eile ar leatha gun cuali guthna cluais ag ràdh, ‘Be sin do ghliocas!’

Bha Annag trang ris abhuntàta, is cha do mhothaich i gun tàinig ath-smuaint gu a màthair. Is a burrainn dha màthair a ràdh? Mun tàinig an ath oidhche bha Ceit den bheachd nach


[34] robh ann ach rud a thug i a chreidsinn oirre fhèin. Mar sin, nuair a bha Eòinna chadal, shìn i a làmh gu fiata chun na cuaiche. Chan fhaca Ceit no ciamar, is cha robh ach aon air am mionnaicheadh i: be sin gu robh abhlàthach mu claigeann is guth crosdana cluais ag ràdh, ‘Nach fòghnadh an t-aon rabhadh dhut idir?’

Is e sgreuchan Ceit a dhùisg Eòin is a thug Uisdean le rann ghuidheachan air a theangaidh don chidsin, far am face Ceit ghlèidhteach is sruthan blàthaich mu cluasan.

Cha robh dhòigh air ach gu robh neònachas air choreigin air bonn. Bhon fheasgar sin a-mach, bu ghann gu robh feasgar foiseil anns an fhàrdaich. Bha rudan atachairt a bha glan an aghaidh Nàduir. Tha mi tuigsinn nach tachradh dad an toiseach mur robh Eòinna chadal, ach anns acheann thall bu chomana chadal nona dhùisg ebha nithean atachairt anns an fhàrdaich ud a bha cho -nàdurra is gun cuireadh iad geilt air ceatharnach.

Aig toiseach aghnothaich bha Ceit is Annag air an sàrachadh is air am buaireadh air leithid a dhòigh is gun toireadh Ceit an greim a beul fhèin nan robh e air Eòin a shàsachadh is gum biodh fois aca. Ach mun àm sin bhuail an trom-laighe Eòghain Uisdein. Cha robh oidhche dhe bheatha a gheibheadh e fois cadail. Dhèireadh e is dhèanadh e air uinneig no air fàradh. Thug iad air a bhith cadal ann an rùm ìosal mun tuiteadh e is gu rachadh e far na h-amhaich. Is nuair nach robh fois na h-oidhche aig duine anns an àite ud, is ann a sgeumaich Uisdean gun cumadh e Eòin ri thaobh a h-uile feasgar, is gun cumadh e e adol air ais is air adhart afaicinn an robh Eòghainna chadal. Nam fàgadh e Eòin ri taobh Eòghain thuiteadh Eòinna chadal, tha thu atuigsinn. Cha robh glas a chumadh Eòghain is ena chadal. Dhfhosgaileadh e gach doras, no rachadh doras fhosgladh dha. Chan eil agamsa ach mar a chuala mi.

Ach aon oidhche, nach ann a thuit Eòinna chadal air an fhurm ri taobh teine Uisdein, is chaidil e cho trom is nach do dhùisg guidheachan Uisdein e. Shìn Uisdean a chas a-mach gus Eòin a bhrodadhna dhùisg. Ma shìn, thachair an cleas ceudna


[35] ri Uisdeans a thachair ri Ceit Bhrucach. Ghlacadh caol na coise mar gum bann le geimheal, a chum a chas troigh bhon làr is gun an tacsa rithe. Chaill e cothrom a choise is dhfhan i rag, sìnte bhuaithe. Cha dfhuair e cothrom a choise gus an cuale sgreuchan Eòghain, a bha air dìreadh, air dhòigh nach do thuig e fhèin, gu mullach fuar an taighe, far an robh e an impis a dhol as cochall a chridhe leis an eagal a-nis. Mun dfhuair Uisdean fàradh thuige thuit am balach is chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air. Cha deach e riamh os a chinn. Thuirt Eòghain fhèin gun do chuir sitrich each air bhoil e air dha tighinn thuige fhein air sglèat fhuar an taighe, is gun do chaill e greim coise. Theireadh feadhainn gum be a chuale ach an fhuil apunndadhna chluasan leis an eagal. Ach is ao-coltach an fhuaim ri cheile. Ach , cha robh ann ach am balachan.

Ged a be siud acheud turas a chualas iomradh air sitrich each, cha be an turas mu dheireadh e. Bhon uair sin is iomadh fear is a thuirt gun cualiad an t-sitrich seo, is cha bann gu am feum. Bha Iain Peigi air a h-aon diubh. Balach òg gasda, bha e coimhead ri molt a bha e areamhrachadh airson na Nollaig, is be sin Nollaig nach fhace. Bha am beathach air teadhair aige, is bhiodh e coltach gun do ghabh an creutair sgeun aon latha is Iain ag atharrachadh na teadhaire. Shuain an ròp mu chas Iain is thuit e, abualadh a chinn air achipean iarainn. Sin agad dhut. Ann an seagh, be bàs nàdurrach a fhuair e. Ann an seagh eile… ?

Aonghas an t-Saoir, a-rithist. Fhuair iad esan marbh. Fhuair e buille air a lethcheann bho thram na cairt. Bean Dhòmhnaill Alasdair i fhèin.. .O, dhfhaodainn a liuthad ainmeachadh. Thuirt iad uile gun cualiad sitrich each ro àm am bàis. Chan eil sin acur dearbhadh air . Bha eich anns an àite an uair sin. Agus Eòghain fhèin? Mar a thubhairt mi, cha deach e riamh am feabhas bhon mhilleadh a fhuair e. Chaochail e mun tàinig e gu inbhe.

Ach bha min dùil is an dòchas nach robh an seo ach teine fuar an-diugh.

Chan eil mòran agam ri aithris tuilleadh, ged a bheireadh mo sheanair fad oidhche gheamhraidh air an sgeul aithris. Co-dhiùbh,


[36] chaidh Eòin a chur dhachaigh gu phàrantan. Ach lean am -shealbh an Taigh Mòr. Chaidh a losgadh gu làraich, gus nach robh ann ach an t-slige dheth. Chan fhios ciamar.

Agus Uisdean fhèin? An duine truagh! Bha, ma-tha, bha esan beò gus an robh ena sheann duine. Bha e anns an taigh-chuthaich fad iomadh bliadhna. Theireadh mo sheanair gun do chagainn e a mheòirean gus an robh iadnam fuil dhearg gu na h-uilt. Cha robh dòigh aig an luchd-frithealaidh air fois inntinn a thoirt dha leithid aig an àm ud mar a iad an ceartuair. Bha na seann lusan a bhathas acleachdadh bho shean air a dhol a fasan is cha robh an fheadhainn ùr air tighinn. Sin mar a bha, ach cha robh caoidh air.”

Bann mar sin a dhinnis Calum a sgeul, is cha chuireadh e an còrr solais air na thachair. Nuair a bha Ted ga dhlùth-cheasnachadh, thuirt Calum, “Bhuel, theireadh mo sheanair aig crìch na sgeòile, ‘Mairidh gaol is cha tèid gràin as.’ Is cinnteach gu robh meas gu leòr aig Sìne air an ogha, is gu deimhinn bha a h-uile adhbhar aice gràin a bhith aice air Uisdean. Ach ciamar… ?”

Ghabh Ted beannachd gu càirdeil ris an fheadhainn air an do chuir e eòlas, is gheall e gu faiceadh e iad air ath thuras. Is ghabh e beannachd ri Tormod. Bha iad gu coibhneil ri chèile, ach ris-san cha duirt e, “Chì mi thu an ath-bhliadhna.” Chan abradh an teanga na faclan ged a bàill leis, oir nach cuala Tormod sitrich nan each? Chaidh Ted air ais gu New York, far an laigh na mairbh ann am fois. Dh’fhàg e Tormod is e feitheamh a bha em beachd a bhan dàn da.

title1
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Watt Gun Fhois %p

parent textGun Fhois
<< please select a word
<< please select a page