[47]

3

Chuir Seònaid an lampa a bha i air ùr-lasadh air meadhan abhùird, is thug i sùil mun cuairt le tlachd nach robh dol an lughad ged a bha corr is mìos bhon a thàinig i don taigh is don dùthaichna h-eilthireach isna bean òig. Air abhòrd bha tubhailte mhìn, gheal, gach truinnsear is uidheam-bùird adeàrrsadh, uisge-beatha is glainne air a bhòrd-thaoibh, oir bu mhath leis an doctair deuran a ghabhail an dèidh a shuipreach nuair a bhiodh na boireannaich anighe is acur seachad nan soithichean. Chuir i fàd no dhà air cùl an teine gan tiormachadh gus an tugadh i iad gu lasair bheothail nuair a bhiodh an t-àm iomchaidh, oir bha an taigh fhathast fuar ri linn da bhith cho fada fàs. Ann an sàmhchair an taighe cha robh glid ri chluinntinn, ach thog oiteag fhann thuice torman an uillt is cnàmhan na mara on t-saoghal mhì-fhoiseil taobh a-muigh an taighe.

Gu gleusda, cùramach, thionndaich Seònaid sìos an t-siobhag, oir cha robh reusan dhi a bhith cosg ola chionns nach biodh feum air solas an seo gus an tigeadh an doctair dhachaigh. Bha Mòr, piuthar a màthar, a bha dèanamh a dachaigh còmhla riutha, aig acheart àm anns achidsin adèanamh cupa a bhiodh aca le chèile. Le sùil eile mun cuairt, chaidh Seònaid i fhèin don chidsin far an robh Mòr.

Is e seo an t-àm as fheàrr leam den latha,” thuirt Seònaid, “ar h-obair dèanta is gach gu foiseil rèidh. Nach suidh sibhse a-nis is dèanaibh an t-altachadh is bidh an atarraing. Tha fios agam gun toigh leibh cupa math làidir.”

mi sin,” thuirt Mòr.


[48]

Shuidh an dithis aca is chrom iad an ceannach cha drinn Mòr an t-altachadh, ni a dhòl iad an . Mun tàinig facal bho a bilean thàinig gleadhar a chriothnaich an taigh air ùrlar anns an rùm-cadail os an cionn.

Thàinig thuca fuaim ghleadhar is stàirnich is sgreuch a bha mùchte, is iadsannan seasamh is greim aca air a chèile airson taic. Mar a thuirt iad a-rithist, cha be mhàin gun do bhuail am fuaim an cluasan ach chriothnaich e an com is an colann. Fad mhionaidean lean an ùpraid oirre. An uair sin stad an stàirnich is bha an t-sàmhchair a lean na buabhasaiche na h-uile stàirnich, is gun fhios bha ri tighinn. Ge be a dhadhbhraich am fuaim ud, bha e an siud fhathast.

Sheas iad mar seo fad ùine gun charachadh, an sùilean togte ri mullach geal achidsin far nach robh ri fhaicinn, gus an duirt Mòr, “Mach a seo sinne.”

Gu luath, ach air an corra beaga, rinn iad air an doras aghaidh. Mun druig iad bonn na staidhre air am feumadh iad dol seachad, sheas iad reòthte a-rithist, oir chualiad ceum trom cabhagach air an staidhre is gun duine atighinn. Ged nach robh ri fhaicinn, thàinig oiteag le fuachd a ghreimich air smior nan cnàmhan aca. Be am fuachd -nàdurra seo a mhair riamhnan inntinn. Ged nach fhaciad dhfhosgail an doras, dhfhosgail e is dhùin e, is bha iad leotha fhèin. Ged a bha an taigh sàmhach, cha robh fois ann daibh.

Chunnaic an doctair solas lainnteir a bha air a giùlan le neach a bha asnìomh is aseasamh an dràsda is a-rithist. Chionns nach do las e fhèin solas a ghige, oir cha robh sùil aige gum biodh neach air an rathad seo ach e fhèin, dhèigh e nuair a bha e pìos air astar, “ tha siud?”

Thainig an solas thuige gun dàil is chuale Seònaid ag èigheach, “Tha sinne.”

Ach an aon deamhain a chuir sibh an seo aig an àm seo dhoidhche?” dhèigh esan, nach robh aithnichte airson fhoighidinn aig àm sam bith.

Dhuine, dhuine,” chronaich Mòr e, “na tog an t-ainm sin cho faoin sin. Tha an Deamhain fhèin anns an taigh ud.” Shreap i gu subailte a-steach don ghige le Seònaid air a sàil.


[49]

O dhà ghorag,” arsan doctair nuair a chuale na bha aca ri innse, “cha bhiodh ann ach eun san t-similear.”

Ged nach dubhairt e, cha deach e thar a chuimhne mar a theireadh muinntir an àite, “Is ciamar a than taigh atighinn ribh?” an àiteCiamar a than dùthaich atighinn ribh?” Ged a mhol esan riamh an taigh, bha em beachd gu robh iad acleith rudeigin; ach an ceartuair, airson nam mnathan, bha iad coma ciamar a shloinneadh e iad fads nach diùltadh e a thaic dhaibh is iad acrùbadh gu dlùth ris.

Nuair a ràinig iad an taigh bha gach gu rèidh, foiseil, blàth. Anns an rùm far an robh an ùpraid bha a h-uile ròineanna àite fhèin. Bha gach doras is uinneag dùinte.

Air an latharna-mhàireach fhuair an doctair cothrom tadhal air oifis an fhactair, duine aoigheil, gasda.

An gabh thu drudhag?” thuirt e, atoirt sùil gheur air an doctair.

Dìreach leth na glainne,” fhreagair esan, is e asuidhe gun chabhaig.

Seadh,” arsam factair is e asìneadh glainne dha, “is ciamar a tha an taigh atighinn ris abhean?”

Ghabh an doctair blaiseag ach cha do fhreagair e, ach thug e sùil air fhiaradh air an fhear eile.

Taigh math ùr,” lean am factair air, mar nach do mhothaich e nach do fhreagair am fear eile. “Is e call a bhiodh ann e bhith fàs.”

Is carson a bhitheadh e fàs?” Chuir an doctair a cheist gu ciùin.

Be am factair a bha nisna thosd, is e acoimhead fon t-sùil. Thionndaich e a ghlainne eadar a mheòirean turas no dhà mun duirt e, “Tha fios agaibh nach eil mise dol leis na beachdan neònach a thaig muinntir an àite seo. Chan e gu bheil dad agam an aghaidh nan daoine mar dhaoine. Chionns gun tàinig sibh ùr don àite thathainn mi an taigh dhuibhse. Taigh math.”

Taigh math,” thuirt an doctair. “Is e call a bhiodh ann e bhith fàs.” Ghabh e blaiseag eile is e afeitheamh.

Dòcha gum bfheàrr dhomh an eachdraidh innse dhuibh,” thuirt am factair gun mòran sunnd.


[50]

Tha tìde gu leòr agam,” fhreagair an doctair.

Lìon am factair an ghlainne mun do thòisich e ris an eachdraidh. “Bhuel, seo mar a bha. Nuair a leig Seonaidh Og dheth a bhith seòladh thàinig e dhachaigh is thog e an taigh ud. Taigh math. Taigh brèagha. Bha airgead aige. Dheth fhèin bha e cùramach, gleusda, is air chùl sin theireadh iad gun drinn e airgead ann an Afraga a Deasann an àiteigin thall thairis co-dhiùbh. Cha robh fearas mhòr sam bith ann. Cha robh guth mòr no droch fhacal aige do neach. Is iomadh duine don tug e cuideachadh beag le airgead, oir bha bochdainn gu leòr anns an sgìraig an àm.

Dòcha gu robh Seonaidh air tilleadh aon chòig no sia bhliadhnaichean nuair a mhothaich cuideigin nach robh e air ceò a thogail airson aon latha. Cha robh dad ga thadhal is bha e aig ceann an t-slios co-dhiùbh. Chaidh dithis fhear suas. Cha robh an doras air a ghlasadh is fhuair iad a-staigh. Cha robh sgeul air Seonaidh Og. Ach ann an rùm-cadail bha corp, corp boireannaich. Chaidh a murt. Bha sin gun cheist. Ach bha acheist ann i, oir cha baithne do neach san àite i. Cha be boireannach a mhuinntir na dùthcha a bhinnte.

Is ann an uair sin a chuimhnich fear is fear gun tàinig far bàta Ghlaschu air feasgar bho chionn ghoirid is i ag iarraidh seòladh air taigh Sheonaidh. Fhuair i sin.

Ròinean de Sheonaidh chan fhacas riamh tuilleadh. Bhiodh e soirbh gu leòr dha coiseachd tarsainn amhonaidh is am bàta a ghlacadh sa mhadainn is a chasan a thoirt leis a-null thar chuain.

Gus an an-diugh chan eil fios le cinnt co-dhiùbh tha e beò no marbh no an ceangal a bhaig abhoireannach seo ris. Bha an taigh fàs airson ùine, is an uair sin thàinig feadhainn a bhuineadh dha fhèin a dhfhuireach ann. Ach cha bfhada a chum iadsan ceò ann. Chuir na chualiad a leithid de dheagal orra is nach faighear neach a chuireas seachad oidhche ann. Their iad an seo gu bheil samhla no tamhasg atilleadh is a cur an gnìomh uair is uair na thachair san taigh ud. Tha cuid am beachd gu bheil Seonaidh marbh is gu bheil a spiorad neo-fhoiseil, gu bheil e tilleadh a-rithist is a-rithist is adol thairis


[51] air na thachair. Tha beachdan nas neònaiche na sin aig cuid eile. Ach ciamar a chaidh dhuibhse?”

Dhinnis an doctair mar a thachair is shuidh an dithis acanan tosd tacain.

Thuirt mi a cheana gu bheil beachdan neònach aig muinntir an àite. Their cuid gu bheil Seonaidh fhathast beò ach nach eil fois aig a chogais. Nuair a chaidileas e thig a shamhla, no a cho-choisiche, is cuiridh e an gnìomh a-rithist mar a thachair. an dòigh a thaige air seo a dhèanamh chan aithne dhaibh, ach cha chum sin iad gun a bhith cumail gu dian rim beachd. Bha dòchas agam gun cuireadh sibhse solas air dhomh.”

Ach cha robh solas no mìneachadh aig an doctair dha aircha robh a rèir laghan nàdurra. Bha beachdan aigesan cho neònach is a bhaig càch, ach cha do leig e inntinn ris an dùthaich.

Agus,” thuirt mi fhìn ri Seònaid, a dhinnis dhomh an sgeul seo, “an cuala sibh am fuaim seo a-rithist?”

O, iomadh turas,” arsise. “Iomadach uair sin. Is cha be mise no Mòr a-mhàin, ach an doctair is luchd-cèilidh.”

Am bann aig an aon àm a chluinneadh sibh e?” dhfhaighnich mi.

Suas mun aon àm a latha,” thuirt i. “Ach dòcha gun cluinneamaid e fheasgar an dèidh a chèile. Dòcha an uair sin gum biodh mìos no mìosan mun cluinneamaid glid a-rithist. Bha sinn aon trì bliadhna anns an taigh; is ged nach robh eagal mòr orm bhon cheud oidhche, cha robh aithreachas orm an taigh fhàgail. Saoilidh mi nis nach robh sinn acluinntinn na gleadhraich buileach cho tric mu dheireadh. Ach bha i riamh cho làidir is riamh acumail an aon phàtran. Tha mim beachd gun do sgrìobh an doctair sìos cunntas air na h-amannan. Tha mi creidsinn gun deach an losgadh còmhla ri pàipearan eile gun fheum. Ach bidh cuimhnagam air an fhuachd ud gu latha mo bhàis.”

title3
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Watt Gun Fhois %p

parent textGun Fhois
<< please select a word
<< please select a page