5
Is iomadh rud neònach—cha chan mi mì-nàdurra—a chunnaic mi rè mo bheatha. Ach nuair a thug mi fa-near nach robh an fheadhainn eile a bha san làthair a’ mothachadh gu robh samhla mì-fhoiseil rin taobh, stad mi bhith dèanamh iomradh mu dheidhinn. Aig toiseach mo bheatha, is mi fhathast ’nam phàisde, bheirinn iomradh air neach a dh’aithnichinn gus an do mhothaich mi nach robh e còrdadh riutha gu robh samhla mì-fhoiseil dlùth dhaibh. Mhothaich mi cuideachd gu robh gnè de dh’eagal aca romham fhìn, mar gum b’e mo choire-sa a bh’ann. Ach cha robh iarraidh agamsa air an fheadhainn ud fhaicinn na bu mhotha na bha aca fhèin. Cha do chuir gin a chunnaic mi eagal orm riamh. Ach ma bha iad rim faicinn, cha b’urrainn domh a sheachnadh, is lean a’ ghibht mi riamh. Lean gus an là an-diugh.
Ach seo sealladh a chuir ioghnadh orm, oir cha b’e am marbh a chunnaic mi ach am beò. Dh’atharraich an sealladh mo bheachdan air aorabh dhaoine. Tha mi nis a’ creidsinn nach eil sinn, am bitheantas, ach a’ faicinn an dàrna leth den duine. Dòcha nach eil sin fhèin. A bharrachd air sin, tha mi’m beachd gu faod gu bheil ar aorabh ag atharrachadh bho àm gu àm. B’ann le bhith a’ beachdachadh air an tachartas mu bheil mi dol a dh’innse dhut a thàinig mi chun a’ cho-dhùnaidh seo.
Bliadhnaichean ron Chogadh, is feadh a’ Cheud Chogaidh Mhòir, bha mo chèile ’na ghrèidhear air oighreachd mhòr. Mun tàinig an Cogadh bha sinn air ar teaghlach a thogail is iad air sgapadh feadh an t-saoghail is gach aon air a thaigheadas fhèin. Bha sinne is taigh mòr falamh againn.
Nis, bha ceathrar ghàrradairean aig an Taigh Mhòr, triùir a bha air an cèaird ionnsachadh agus balach a bha ag ionnsachadh na cèirde. Bha dithis de na fir ann an taighean oighreachd, is an treasa fear a’ fuireach còmhla ri fear dhiubh. Mar bu trice b’e balach anns an nàbachd a bhiodh ag ionnsachadh na cèirde, ach thàinig Seonaidh cho fad’ air astar is nach robh rathad aige air dol dachaigh air an fheasgar. Mar sin ghabh sinne am balach a-staigh.
Cha nàire dhomh aideachadh gu robh uiread a mheas agam air a’ bhalach seo is a bha riamh agam air duine de m’theaghlach fhìn. Bha barrachd tìde agam dha na bha aig a mhàthair fhèin. Chan fheumar dìochuimhneachadh gu robh meas againn air a chèile.
Mar sin, bha mi ga ionndrain is ga chaoidh nuair a thog an Cogadh Mòr leis e. Ach riamh nuair a gheibheadh e fòrladh, b’ann oirnn a dhèanadh e airson a’ cheud latha no dhà.
Faodaidh tu thuigsinn gun do leum mo chridhe le toileachas air Latha Sàbaid nuair a thog mi mo shùil is a chunnaic mi Seonaidh a-nuas an ceum chun an taighe. Tha cuimhne mhath agam air. Is ann a-null toiseach an t-samhraidh a bh’ann, is an latha a cheana cho blàth is gu robh caoir theas ag èalaidh mu na lusan ged nach robh sinn ach a’ deasachadh gu dhol don eaglais. Bha mi air ham is uighean a dheasachadh is Rab a cheana aig a’ bhòrd, a chùl ris an uinneig, is sùil den tug mi is cò bha nuas an ceum ach Seonaidh. Bha e ann an deise is fo uidheam airm, is cho sgìth is gum bu ghann a chuireadh e an dàrna cas seachad air an tèile. Fon uallach thog e a cheann is mhothaich e dhomh.
Dh’èigh mi ri Rab, “A-mach ’na choinneamh. Tha Seonaidh a-nuas an ceum is cho sgìth ’s gur gann a nì e’n doras dheth. Thoir a-staigh air an doras aghaidh e.”
Cha tug mi sùil an còrr, is mi falbh a dh’fhaotainn uighean a dheasaichinn mu choinneamh Sheonaidh.
Leum Rab a-mach, ach cha do thill e air cabhaig. Thàinig e staigh air an doras chùil is e car greannach.
“Nall am biadh sin mu fàs e nas fuaire na tha e. Cha robh Seonaidh no neach eile ri fhaicinn.”
Cha robh sunnd bìdh ormsa, oir chunnaic mise Seonaidh gu soilleir; mhothaich mi gu robh bun feusaig air; choimhead mi ’na shùilean. Thuig mi gum bu ghoirt an gàbhadh anns an robh e. Bha fìor eagal orm gun deach a mharbhadh.
Ach cha deach Seonaidh a mharbhadh idir is thàinig e a dh’fhuireach còmhla rinn airson greiseag, ach bha snuadh a’ bhalaich air falbh far aodainn. Ged a b’e aodann fir air an do dh’amhairc mi nis, dhùisg an tuar a bh’air barrachd truais annam na dhùisgeadh aodann a’ bhalaich. Bha e sàmhach, gun mhire. B’ann mar seo a dh’innis e mar a thachair.
“ ’S e madainn Sàbaid a bh’ann, ach feachdan an Diabhail fhèin fo sgaoil. Air gach taobh. A’ mhadainn ud chaidh ar reubadh, ar riasladh, ar rùsgadh. Chaidh mise a leòn tràth sa chath, is laigh mi’n siud is Ifrinn a’ fosgladh mun cuairt is gun chomas gluasad bhuaithe agam. Thuit fear is an uair sin fear eile air mo mhuin, is bu ghann a bha tarraing analach agam.
“Cha robh aithn’ agam air iarraidh ach a bhith air ais aig fois na dachaigh seo còmhla ri Ma Boyd. Bha mi coma airson cràdh, beatha no bàs, ach ur ruigheachd aon uair eile. Mun deach mi seachad, ar leam gu faca mi ur h-aodann, is dh’èigh mi ur h-ainm. Cha robh aithne agam air a’ chòrr gus an tàinig mi thugam fhìn ann an ospadal. Tha e coltach gun do thuig na balaich gu robh barrachd is cuirp anns an tòrr nuair a chual’ iad mablaich bhuam.”
B’e siud an aon turas a thàinig am beò thugam gu pearsanta, ged a chunnaic mi iomhaigh nam marbh tursan gun àireamh. Cha robh iarraidh agam air am faicinn, ach cha robh eagal agam rompa. Cha bhi mi a’ bruidhinn riutha is cha do bhruidhinn iad rium. Chan eil ann ach gu bheil mo fhradharc nas gèire na fradharc cuid eile.
Gu tric chì mi iad anns an eaglais, agus aig amannan dòcha barrachd is aon neach aig an àm. Tha mi’m beachd gu robh am beò a’ dian-smuainteachadh air a’ mharbh aig an àm is gun do tharraing neart a smuaint gu thaobh e. Cha do mhothaich mi gu robh aithne aig a’ bheò gu robh am marbh dlùth dha. Ma bha an cion mothachaidh seo a’ toirt neart is misneachd bhon t-samhla, cha robh dòigh agam air faotainn a-mach. Is chan
title | 5 |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Watt Gun Fhois %p |
parent text | Gun Fhois |