[28]

3 Na Bun-sgoiltean

FIONNLAGH MACLEOID

Bhon latha a tha clann ri dol don sgoil gus an latha a dhfhàgas iad i thathas ri toirt dhaibh mìrean de dhionnsachadh a tha air an deilbhna chéilena churriculum. Tha na mìrean sin air an taghadh a-mach ás an fhiosrachadh, agus ás na beachdan, agus ás na modhan-smaoinich a thaig inbhich. ’Se rud annasach a thanns an taghadh a tha seo, oir tha e air a bhith anabarrach buan agus neo-chaochlaideach. Ach thathas an diugh ri toirt sùil mhion air buin-stéidhidh achurriculum agus ri foighneachd carson a tha sud no seo annCiamar a fhuair mathematics an inbhe a thaige ann? Ceistean mar sin.

Ach mar taghadh sam bith chan e a-mhàin na chaidh a thaghadh a thana cheist, ach na dhfhàgadh ás. Oir chaidh fàgail ás rudan nach robh cho brìghmhor an sùilean nan daoine a bha ri cur aghnothaich seo air choisna rudan nach robh cho airidh air an toirt gu aire agus ceud-fàthan na cloinne. Anns achurriculum a thàinig thugainneGaidheil na h-Albainna-measg nan rudan a bha air am meas neo-fhreagarrach an cur far comhair mar fhoghlum tàbhachdach, bha ar cànan fhéin agus ar dòigh-beatha fhéin. Agus mhair an éis eucorach sin troimh iomadh ginealach.

Mar sin thainig asgoil chun na Gaidhealtachd, le a taghadh de chuspairean coimheach air an tàthadhna chéile le cànan nach buineadh don òigridhòigridh aig an robh ri frithealadh, gu stuama, fad bhliadhnaichean an òige anns an t-saoghal chiar aice. Saoghal a bha ag innse dhaibh ann a mìle dòighnan éirigh suas nach robh brìgh no uaisleachdnan cultur, ’nan cànan, no an dad a bhuineadh dhaibh. Agus saoghal a thug an aire daonnan, troimh leabhraichean is chainnt is eile, gu dòigh-beatha eile a bhair a mheas fada na bfheàrr na càil a bhacasan.


[29]

Dhfhàs cuid suas gu gréim fhaighinn air sgoil is foghlum ach thill iad gu tairgse nan aon bheachdan, troimh an aon chànan, do ghinealaich òga eile, oir tha rian na sgoile cho làidir agus nach e am fàsach tulgadh a thoirt air. ’Se rud air leth neònach a thann cho duilich agus a fhuair ginealaich de thidsearan bruidhinn ri clann anns achainnt mhàthaireil a bhaca le chéile. Amaighstir-sgoile air am beòlach mi fhìn, ’nam bhalach, cha chuala mi lideadh Gàidhlig bhuaithe riamh agus aig a chagailt fhéinse bhann dheth, tha e coltach, ach beag sheanchaidh Gàidhlig. ’N dùil a thug dha fhéin agus dha linn am beachdan air foghlum agus cànan agus clann?

Cha leigear a leas iomradh a dheanamh air cho cuibhrigte agus a bha an rùm-tionntaidh a fhuair aGhàidhlig anns achurriculum fad iomadh linn, no cunntas a thoirt air cho buileach tuaireapach agus a bha i air a tabhach don chloinn. Seach nach dfhuair i àite agus inbhe mar mhodh-oibreach anns achurriculum bho thùs, cha robh aice ann ach àite bochd nuair a thugadh a-steach i bho dheireadh air iomall na cùise. Cha robhas idir cinnteach bu chòir a dheanamh leatha. Chaidh taghadh eile a dheanamh an sin; air na feuman gun cuirte aGhàidhlig am foghlum. Agus chaidh a ceangal ri cuspairean mar eadar-theangachadh, gràmair agus litreachas.

Chaidh a ceangal glé mhór cuideachd ri làithean a bhair falbh, agus gréim a dheanamh ris na nithean sin ann am facail. Ma bha fhios aig sgoilear air ainm gach pàirt de dheathar no de thigh-dubh, bhathas agabhail ris gu robh ionnsachadh Gàidhlig aige. Nan ainmicheadh e a h-uile clach is bioran bho thòisicheadh e air cùl an tallain gus an ruigeadh e an toll-innearach agus a mach troimhn tughadh, gun dragh a chur air dragh no acair, gus an suidheadh e air achorra-thulchainn/maide fithich/maide starraig, bha e ri cur na Gàidhlig gu feum a réir an àite agus an obair a thugadh dhi am foghlum. Tha e an còmhnaidhna aobhar-smaoinich gu tha sinn ri sùileachdadh bho chànan sam bith, agus gu na dòighean anns a bheil sinn ga cur an sàs, oir tha seo aleigeil ris ar beachd air tha an cànan comasach air a dhèanamh. Eadhoin fhathast, théid tomhais cho maths a tha aGhàidhlig aig duine a réir agus cho comasachs a tha e air freagairt cheistean mar – “Eil fhios agad Ghàidhlig a thair large-headed red wrasseas t-Samhradh? No


[30]

air saber-tooth tiger? No fiùs banana? Abair cànan, ’s co-dhiù chan eil i agad ach mu-làimh.”

Seach nach robh aGàidhlig ri faighinn móran rùm-snaoidheadh am foghlum, agus gur ann gu feuman cumhang a bhathas ga cur, bha aire dhaoine glé mhór air gnè achànain fhéin agus cha bann idir air na dòighean anns an gabhadh i a cur an gréim am beatha agus mac-meanmna na h-òige. Mar sin bha Gàidhlig mhórcheartair a tabhach dhaibh, air a taraigneachadh agus air gabhail-aice le datives agus genitives. Dhfhàs achùis cho static agus gu robh sinn a-mach air Gàidhligcheartmar nach biodh ann ach aon seòrsa den sin. ’Se Gàidhlig nan linntean a dhfhalbh ris an robhas agabhail mar Ghàidhligcheart” – Gàidhlig thomadach Dhonnchaidh Bhàin agus aBhìobuill. “Tha Gàidhlig mhath dha-rìribh aige, cha mhór gun do thuig mi dùird a thuirt e.” ’Se a rithist beachd annasach a tha seo air cànan. A thaobh na h-òige, tha seona arasbacan mór, oir tha e ri séileachadh dhaibh nach e Gàidhlig cheart a thaca fhéin ann Seach nach robhas ga cur gu feum troimh fhoghlum is eile cha tainig modhan-cleachdaidh eadar-dhealaichte gu buil. Cha tainig codes bruidhinn eadar-dhealaichte gu foirfe: tha sinn fhathast a-mach air Gàidhlig mhath agus droch Ghàidhligagus thathas ri deanamh aithnichte don òigridh gu an seòrsa a thacasan. An àite bhith ri dealbhadh modhan-cleachdaidh loma, siùbhlach, thathas fhathast ri glaodhadh ghnàthasan-cainnte agus sheanfhacail ris aGhàidhligcheart” – modhan a thathar afaicinn an diugh, le gu leòr, mar chlichés.

Ann a bhith acoimhead ri dòighean anns am faigh aGhàidhlig àite cothromach an curriculum na bun-sgoile an Alba, tha obair ri dheanamh aig ìre nàiseanta agus an taobh-a- stigh gach roinn. ’S fhada nis bho thug an S.E.D. an aonta gum bu chòir don Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh anns an fharsaingeachd le clann aig a bheil i mar chainnt mhàthaireil. Tha aMeòrachan a chuir an S.E.D. a-mach an 1965 ag ràdh geil e -nàdurrach do chlann bheaga le Gàidhlig mar chiad chànan a bhith atòiseachadh air leughadh agus cunntadh am Beurla. Ged a tha rùn math air a bhith aig an S.E.D. don Ghàidhlig anns abhun-sgoil cha dean deagh-rùn leis fhéin achùis, agus tha sin air a dhearbhadh dhaibh. Nam biodh iadsan a-


[31]

mach airson àite a thoirt don Ghàidhlig taobh ri taobh ri Beurla anns na bliadhnaichean a dhfhalbh, dhfheumadh iad a bhith air inbhe na Gàidhlig am foghlum àrdachadh gu nàiseanta le buidhinn brosnachaidh agus ùrachaidh a chur air chois bho chionn fhada. Tha e air leth inntinneach gu bheil proisect -chànanach a nis adol againn anns na h-Eileanan an Iar agus gu bheil an S.E.D. a-stigh air achùis agus ri pàigheadh leth na cosgais, agus ri toirt seòladh is cuideachadh an iomadh dòigh eile. Cha bann ri linn gearain a-mhàin a fhuaireadh an cuideachadh seo bhon S.E.D. Chaidh cur riutha gu mionaideach an dòigh anns an gabhadh am proisect a chur air chois, agus gu bhiodhte ris, agus ciamar. As déidh coinneamhan agus còmhradh ris an fheadhainn a dhealbh rian aphroiseict, thug an S.E.D. seachad airgiod mór air a shon. Bu bhochd nach deach rian agus rian de sheòrsaichean eadar-dhealaichte a chur riutha fad fhicheadan bhliadhnaichean: is beag tha dhfhios cho fad air adhart agus a bhiodh sinn an diugh.

Ri linn agus gun deach iad an sàs anns aphroisect mar seo, thug an S.E.D. àite nas làidir agus nas diongmhalta don Ghàidhlig anns abhun-sgoil na bha aice riamh. Bitheadh e ceart no ceàrr, ach tha daoine fhathast ri coimhead ris an S.E.D. airson stiùireadh, agus nuair a bheir iad ceum mar sud chan e an t-airgiod a bheir iad seachad as fheumaile idir, ach an inbhe tha an cuspair ri faotainn. Thoireadh iad a nis an tuilleadh uaisleachd air ais don Ghàidhlig le buidheann rannsachaidh a chur air chois a dhobraicheas an taca ris an C.C.C. (Central Committee on the Curriculum) gu sùil a thoirt, agus beachdan a chumadh, air an àite a ghabhas a bhith aig Gàidhlig am foghlum an Alba. Oir feumaidh deasbad ionnsaichte a bhith ann aig ìre nàiseanta mus fhaighear air thoirt fainear do dhaoine cho fortanachs a tha sinn an Alba geil cànan eile nar rìoghachd, a thuilleadh air Beurla, a ghabhas a cur gu feum troimh fhoghlum is eile gus an tìr a dheanamh nas beartaiche mar àite fuirich. Gus an tig deasbad mar sin bidh inbhe nach gann aig Fraingeis agus Gearmailt am Foghlum Alba, agus iad den bheachd geil aGhàidhlig fhathast an crochadh ris achorra-thulchainn.

Be chùis-iongnaidh cho inntinneach agus a bhiodh e nam brosnaicheadh an S.E.D. Comhairle nan Eilean gus bun-sgoil


[32]

Ghàidhlig ùr-nodha a thogail agus a sgeadachadh leis gach goireas a tha dol, agus taghadh de fhìor luchd-teagaisg a chur innte, gus am faiceadh sinn uile a ghabhadh dèanamh an suidheachadh mar sin. Gu bràth tuilleadh, is iongantach gun cluinnte gu bheil chànan ri cur bacadh air òigridh agus nach eil tìde airson sheòrsa rian a bhith anns an sgoil. Bhitheadh a leithid seo de sgoilna h-eiseimpleir do phàrantan agus luchd-teagaisg, agus gach buidheann feumach air eiseimpleir den t-seòrsa. Bhitheadh sgoil mar seona laboratory ás an tigeadh dòighean teagaisg -chànanach air nach do dhearc sinn fhathast. (Bho chionn ghoirid chuireadh fios gu ceud pàrant am baile Steòrnabhaigh, aig an robh clann bheaga gun Ghàidhlig ri tighinn don sgoil, am bu toigh leotha achlann aca a bhith air an cur an clas anns am biodh barrachd Gàidhlig agus nithean co-cheangailte rithe: dhiarr ceithir fichead pàrant agus deugachadh mór an leanabh a chur don chlas sin.)

Sann troimh an S.E.D. agus comhairle-oibreach a thigeadh dealbh soilleir air na dòighean anns a faodadh Gàidhlig agus cuspairean Ceilteach a bhith air an toirt a-steach do churriculum na bun-sgoil am bad sam bith de dhAlba far a bheil clann aig nach eil Gàidhlig. Tha fios le cinnt againn a nis gur e aois na bun-sgoil an aois is fheàrr gu cànain ionnsachadh. Cha deach dìcheall a dheanamh a riamh gu Gàidhlig a thoirt do chlann na bun-sgoil air Galldachd Alba, agus is aobhar nàire sin do dhùthaich a ghabhas oirre gu bheil, agus gu robh i adhartach am foghlum. Ma bha, ’sann le foghlum nach buineadh dhith fhéin, agus tha bhuil oirre.

Nan toireadh an S.E.D. stiùireadh anns na dòighean sin dheanadh e an dealachadh bu mhotha do luchd-teagaisg agus pàrantan agus do gach duine a tha mothachail air achomas a thaig aGhàidhlig mar mhodh foghluim. ’Se thann ach aobhar thlachd air leth a bhith an rùm sgoile far a bheil obair na cloinne anns aGhàidhlig a cheart cho beòthail, inntinneach ris na tha iad adeanamh anns aBheurla. Tha sinn eòlach gu leòr a nis air faicinn na h-oibreach mhath, ùrail a tha chlann ri deanamh le Beurla, agus an liuthad seòrsa seadh anns a bheil iad ga cur an céill, ach chan eil móran chloinne anns an rìoghachd seo a tha cho sealbhach agus gu bheil chànan aca gus an toirt beò an caochladh dhòigheannan obair sgoile. ’Se thann an


[33]

rùm bun-sgoil an diugh ach àite dòigheil, tlachdmhor; chan eil duine ri sgiamhail ris achloinn no agabhail dhaibh le pìos leathair. Aite dòigheil le tòrr còmhraidh agus gàireachdainn, agus barrachd urram ga thoirt do dhòigridh na bhaca a riamh. Far is fosgailte an riaghladh, agus mar is fhaisge a tha an tidsear air achloinn, is ann is dòcha aGhàidhlig a bhith afaighinn àite cothromach, oir bidh tòrr còmhraidh adol, chan ann a-mhàin anns gach rùm ach anns gach corridor agus air taobh a-muigh na sgoile. Mur a bheil na cùisean seo air an deanamh le liut agus loinn, bidh aGhàidhlig mar sin cuideachd.

An diugh chan eil duine nas toilichte na tha amhór-chuid den luchd-teagaisg a bhith cur na Gàidhlig an céill còmhla ris achloinn, gu h-àraid nuair a chì iad gu bheil luchd-stiùiridh an fhoghluim leotha, agus gu bheil iad ri fairbheanadh gu bheil fiùs Dun Eideann ri cur sùim anns na tha iad adeanamh troimh an chànan. Gabhaidh an dearbh rud a ràdh mu dheidhinn phàrantan, oir tha ena dhoilgheas agus thar tuigse dhaibh a bhith ri faicinn an cuid chloinne ri call rud a bha cho nàdurrach dhaibh fhéin rin anail a tharraing. Fhads a bha achùis ri dol sìos gu brais bha gach buidheann ag ràdh gur e cion-sùim abhuidhinn eile a bhana mheadhon air achrìon. Ach bha an t-aobhar na bfharsaing na sin, agus bha e ri toirt briseadh-dùil agus cion-misnich do gach buidheann a bhann, eadar thidsearan is phàrantan is chlannglé thric gun mhothachadh aca gu robh sin ri tachairt.

Gus an tuilleadh brosnachaidh agus misnich a thoirt do bheag agus mhór, agus gu goireasan freagarrach a chumadh, tha am proisect foghlum -chànanach air a chur air chois anns na h-Eileanan an Iar, agus mairidh e airson trì bliadhna anns acheud dol-a- mach. Tha ena chùis mhìorbhail gun deach aleithid seo a chur air chois ri linn cho gann agus a tha an t-airgead an dràsda, ach bha fhios aig a h-uile duine cho buileach riatanach agus a bha achùis. Tha am proisect mar chliath air an téid againn air deilbh foghlum Gàidhlig anns abhun-sgoil, le clann fhileanta, an dòigh a bha do-dhèanta dhuinn roimhe seo. Oir théid leabhraichean is gach goireas eile a bha roimhe seonan laighe sgaoilte, a nis fhighe a-steach an altan a chéile gus rian a chur air aghnothaich. Seach gu bheil achliath ann,


[34]

is urrainn do gach seòrsa duine tabhach beag no mór gus an t-aodach a dheanamh nas dreachmhor, agus tha sin ri gabhail àite mu thràth.

Than t-adhartas is motha atighinn air leabhraichean chloinne. Roimhe seose aGhàidhlig mhórchearta bhunnta, ach an diughse achainnt aca fhéin a gheibh achlann anns na leabhraicheanle na fuineachan fhathast oirre. Carson a sgrìobhas duine an leabhar sgoile, “na bi daftan àite, “na bi gòrach”? Tha seo thar tuigse do ghu-leòr. Ma tha aleabhar air a sgrìobhadh an Gàidhlig chumanta na cloinne chan e a mhàin geil seo nas tarraingich dhaibh, ach tha iad fhéin ri faighinn cìs air aleabhar, agus ri toirt breith air. An iomadh sgoil tha mise air faicinn claim air P6 agus P7 ri toirt beachdan tuigseach, eirmseach air leabhraichean mar Iain a Measg Nan Reultan agus Na Balaich air Rònaidh. “Bu toigh leam faicinn an duine a sgrìobh an leabhar seo. Cha chreid mi gu bheil e idir ciallach.” Sud aig nighean dusan, am Barraidh, mu Iain Mac aGhobhainn. chanas nach tig achlann sin gu bhith cho inntinneach, siùbhlach an Gàidhlig ri duine againne. Agus gun dean iad rudan leatha agus oirre air nach do bheachdaich sinne fhathasta lomadh agus a crathadh agus a togail agus a neartachadh: rud sam bith a shaoras i bhon h-uile seòrsa braighdeanas dha na chuireadh i.

Achse arud as motha a tha ri dol a bhrosnachadh na Gàidhlig anns abhun-sgoil anns na bliadhnaichean a thair thoiseach oirnn, an oidhirp a tha ri dol a thighinn gus ceangal obair na sgoile nas cinntiche ris gach a bhuineas don choimhearsnachd. A dhùine nach bi fada tha dùil gun téid obair mhór a dheanamh air a seo agus is ann troimhn Ghàidhlig a théid a thoirt gu buil. Tha sinn air ais aig achurriculum an seo a rithist, afiachainn ris an taghadh a dheanamh air dhòigh agus gun toir e don chloinn mothachadh cunbhalach air an dòigh-beatha a bhuineas don Ghaidhealtachd agus troimh a bheil iadsan ri fàs. Feumar gach goireas foghluim mar leabhraichean is eile a dhealbhadh gus taca agus cùl a thoirt don dòigh foghluim seo.

Tha am proisect -chànanach mu thràth asàs an seo, agus tha ùrachadh mór air a thighinn bho phrògraman nam bun-sgoil a tha am B.B.C. ri deanamh. Tha leabhraichean gu bhith nas fheàrr agus nas pailte. Tha aGhàidhlig ri faighinn neartachadh bhon


[35]

h-uile seòrsa adhartas a tha sinn ri deanamh le cuspairean eile agus le modhan teagaisg anns abhun-sgoil.

title3. Na Bun-sgoiltean
writersFinlay MacLeod
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Gàidhlig ann an Albainn %p

parent textGaidhlig ann an Albainn
<< please select a word
<< please select a page