[77]

DRAMA

Chan eil mi asmaoineachadh gu bheil sgrìobhadh air thalamh cho truaghs cho -bhlasdri dràma Ghàidhliguill, a chuid is motha dheth. Air a làimh eile, chan eil mi acreidsgu bheil bàrdachd ann an àite sam bith dha mheud a tha cho math, ùr is tlachdmhor ri bàrdachd Ghàidhlig. s coireach ri seo?

Chan eil math cus coire a chur air an eaglais a-mhàin ged a bha droch ainm aice troimh na linntean (gu h-àraidh bhon ochdamh linn deug); tha sgoilean na Gaidhealtachd a cheart cho ciontach oir cha robh iad a riamh deònach teagasg, chan e a-mhàin dràma ach ann an dràma. Tha luchd na foghlum ann an àitichean eile air dearbhadh o chionn fhada gu bheil e adeanamh feum mór do sgoilear gabhail pàirt ann an dealbh-chluichean, gu h-àraidh nithean mar sgeulachdan cluiche, puppets, etc. Tha e fada nas fhasa ionnsachadh anns an dòigh seo na suidhe air cathair chruaidh agus ag éisdeachd ri tidsear aclabadaich gun sgur!

Feumaidh mi aideachadh nach eil e furasda gabhail compàirt ann, neo stiùireadh, dràmagu h-àraidh air na stéidsichean ùr oir tha innleachdan mar soluis, fuaimnean, cùrstairean, agus mar sin air adhart, duilich an ceannsachadh. Tha e follaiseach gu feum luchd-teagaisg ionnsachadh seo nuair a tha iad adol troimh an fhoghlum. Ach gun fhios nach teid mo thogail ceàrr feumaidh mi a ràdh gu bheil e comasach dràma a chur air ann an àite sam bith far a bheil làr agus solus.

Se achuistean an diughs urrainn dhuinn a dhèanamh airson càradh amhì-cheartais a rinn ar n-aithrichean a thaobh dràma? Tha eachdraidh air dearbhadh gur e an dòigh as éifeachdaich, an grunnis làidir airson brosnachadh dràma agus a cumail beò, ’se sin an rud ris an can sinnRepertory Theatre”. Chìthear am feum a rinn buidheann mar seo ann am bailtean mar Dun-dèagh, Peairt, Dun-éideann agus Glaschu. O chionn ghoirid tha luchd-comhairle air feadh Alba mar Inbhair-àir agus Sruighlea air toirt móran airgid do bhuidheannan marTheatremakersagusBorderline”. Mar dhuais airson seo tha na h-actairean asiubhal air feadh na


[78]

siorrachd atoirt foghluim agus toileachas-inntinn do luchd nach robh eòlach air feum an dràma a riamh roimhe seo.

Ged a tha còrr math agus fichead bliadhna bho thug Pàrlamaid cumhachd do ar luchd-comhairle, cha tàinig móran do thoradh an Achd seo ann am follais air feadh na Gaidhealtachd. aig a tha fios nach dean muinntir Comhairle nan Eilean (iadsan a tha sealltainn móran gliocais taobh brosnachadh na Gàidhlig ann an ùine cho goirid) cobhair air a mhì-cheartas seo.

Ach mus tachair sin feumaidh sinn cuideachadh a thoirt dha na buidheannan a tha ag obair gu dìchiollach air feadh nan eileanan airson meudachadh an obair a tha iad adeanamh gach bliadhna. Feumaidh iad àite airson deanamh an obair seo agus airson toirt dràma Ghàidhlig anns gach cèarn far a bheil i air a misneachadh.

Tha e air a dhearbhadh iomadach uair gu bheil daoine le tàlantan ann an dràma air feadh na Gaidhealtachd agus nuair a théid gach a dhainmich mi fhighe ri chéile, cha bhi càil a nàire oirnn an uair sin cur dràma air stéids, réidio agus telebhisean fada nas tric na tha sinn – ’s nach eil làn thìdagainn?

title7. Dràma
writersDonnie Maclean
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Gàidhlig ann an Albainn %p

parent textGaidhlig ann an Albainn
<< please select a word
<< please select a page