10 Comhairle Cogaidh
An ath mhadainn nuair a thàinig Tarmad a-nuas an staidhre tràth bha Mòrag ’na seasamh anns a’ chidsin a’ coimhead a-mach air an uinneig leis a’ phrosbaig.
“An tug thu ’n aire dha na daoine ud faisg air a’ bhearradh?” ars ise. “Tha prosbaig an urra aca agus bheirinn mo mhionnan gur ann a’ faire oirnne a tha iad!”
Ghabh Tarmad a’ phrosbaig bhuaipe ’s choimhead e-fhèin. ’S e dithis dhe no Companaich a bha ann. Bha iad uaireannan mar gun robh iad a’ sealltainn thar na mara gu Ratharsair agus tìr-mòr ach a h-uile ceann greiseig bha iad a’ tionndadh ’s a’ coimhead air an taigh.
“ ’S e feadhainn de na Companaich a th’ ann!” arsa Tarmad.
Dh’fhairich e Sìne tighinn a-staigh dhan chidsin air a chùlaibh. Nuair a thug e sùil oirre dh’aithnich e air a h-aodann gun robh rudeigin ceàrr.
“Dè th’ ann, a Shìne?” ars esan.
“Bhruidheann mi ri Karl air a’ fòn an-dràsda,” ars ise. Thuirt e gu faca e bhon taigh aig Catrìona feadhainn às a’ chàmpa a’ coiseachd timcheall Charbost. Tha eagal air gu bheil fios aca gu bheil e ’n àiteigin an-sin!
“Dh’iarr mi air fuireach far a bheil e gus am bruidhninn riut-sa!” arsa Sìne ann an guth briste. “ ’S a bharrachd air sin,” thuirt i “chuala mi air an rèidio an dràsda gun robh muinntir a’ chàmpa ’g ràdh gun robh e air chall!”
Shuidh i aig a’ bhòrd agus chuir i suas a làmhan gu a h-aodann.
Chaidh a màthair a-null agus chuir i a gaoirdeanan timcheall oirre.
“Dè tha seo?” ars ise ri Tarmad.
“Uill, a mhàthair,” ars esan, “ ’s e as coireach gu bheil iad an-sin gu bheil iad a’ coimhead airson Karl. Theich e às a’ chàmpa! ’S e mise ’s coireach nach do dh’innis sinn dhuibh mu dheidhinn a’ ghnothaich seo roimhe. Cha robh mi ’g iarraidh dragh a chur oirbh!”
“Nach eil thu tuigsinn gum b’ fheàrr leam-sa fada fios a bhith agam mu dheidhinn rud sam bith tha tachairt dhan chloinn agam!” arsa Mòrag.
Dh’aom Tarmad a cheann.
“Tha mi tuigsinn sin, a mhàthair,” ars esan. “ ’S bha còir agam air innse dhuibh roimhe seo. Tha mi faicinn gu bheil sibh cho làidir ri duine againn!”
“Chan eil fhiosam mu dheidhinn sin!” arsa Mòrag a’ coimhead air Tarmad ann an dòigh caran magail, a dh’aindeoin cho iomagaineach ’s a bha a h-aodann fhathast, mar gum biodh i ràdh ris, “Cha leig thu leas a bhith ri brosgal, a bhalaich!” “Ach ma tha Karl ann an cunnart sam bith bu chòir dhuinn fònadh dha na poilis. Fònaibh gu Niall Mòr!”
“Tha Niall Mòr air falbh an-dràsda, a mhàthair!” arsa Tarmad, “ ’s tha eagal air Karl gu bheil càirdean aig muinntir a’ chàmpa air a’ phoilis! Chan eil fhiosam dè bu chòir dhuinn a dhèanamh!”
Dh’fhairich e grèim a’ tighinn am meadhan a dhroma leis an uallach a bha air. Cha robh e riamh roimhe ann an suidheachadh mar seo.
“Fònaidh mi gu Pàdraig an toiseach!” ars esan. “Tha fhios aige-san air a h-uile càil mu dheidhinn Karl, a mhàthair!”
“Uill, ’s math gu bheil fhios aig a’ mhinistear air!” arsa Mòrag, ach bha i coimhead iomagaineach fhathast.
Cha robh e ach deich mionaidean gus an cuala iad an càr aig Pàdraig a’ tighinn.
“Tha eagal air Karl gu bheil fhios aig muinntir a’ chàmpa gu bheil e ann an Carbost!” arsa Tarmad ri Pàdraig nuair a leig e staigh e. Chaidh iad a-staigh dhan rùm-suidhe far an robh càch.
“Tha fhios aig mo mhàthair air a h-uile càil ceangailte ris a’ ghnothach aig Karl, a Phàdraig!” arsa Tarmad nuair a chunnaic e Pàdraig a’ toirt sùil air Mòraig.
“Chan urrainn gu bheil na poileasmain uile dhe na Companaich!” arsa Pàdraig, “ach ’s e mhì-shealbh nach eil fhios againn cò tha dhiùbh ’s cò nach eil ’s dh’fhaodadh an neach a tha dhiùbh fiosrachadh sam bith a thoirt dhaibh!”
“Tha rudeigin eile ann cuideachd,” arsa Tarmad. “Tha mi smaoineachadh gur dòcha gu bheil ceangal aig MacFhraing, an crèadhadair, ris na Companaich ’s dh’fhaodadh esan a bhith cumail sùil oirnn cuideachd!”
“Uill, anns a’ chiad àite,” arsa Pàdraig, “Bhitheadh e na b’ fheàrr nach biodh iad a’ saoilsinn gu bheil eagal oirnn, no gu bheil adhbhar againn
Sheall e air Sìne.
“Bheil thu smaoineachadh gum b’ urrainn dhut-sa dhol gu d’ obair mar as àbhaist, a Shìne?” ars esan. “ ’S cha bhiodh iad a’ saoilsinn gu bheil càil às an rathad a’ tachairt!”
Dh’aom Sìne a ceann.
“Bithidh mise ceart gu leòr!” ars ise. “Bithidh eagal orra rud sam bith a dhèanamh air an rathad mhòr feadh an latha co-dhiù!”
Chuir Morag a làmh air gualainn Sìne.
“Ach am bi i sàbhailte?” ars ise.
Choimhead Pàraig air Tarmad.
“Tha sinn uile sàbhailte fhad’s nach fhaic iad sinn a’ dèanamh càil sam bith ’nan aghaidh,” arsa Tarmad. “Cha bhi iad ag iarraidh tuilleadh trioblaid adhbharachadh mas urra dhaibh!”
“Ach cha do ghabh i biadh fhathast, ’s leis an ùpraid a th’ air a bhith ann cha d’ rinn mi a’ bhreacaist!”
“Bheir mi leam pìos, a mhamaidh!” arsa Sìne.
“Feumaidh tu rudeigin ithe agus cofaidh òl mus fhalbh thu!” arsa Mòrag ’s i falbh a-staigh dhan a’ chidsin a dheasachadh biadh do Shìne ’s dhan a h-uile duine eile.
Dh’ èirich Sìne ’s sheall i air Tarmad ’s Pàdraig.
“Tha mi duilich an dragh seo a thoirt dhuibh!” ars ise, ’s airson ur cur ann an cunnart ’s dòcha ach tha mi fada, fada nur comain airson feuchainn ri Karl a chuideachadh!”
Chaidh Tarmad a-null agus chuir e làmh air a gualainn.
“Tha sinne sàbhailte gu leòr!” ars esan. “ ’S e am feum as motha as urrainn dhutsa dhèanamh srian a chumail air d’ inntinn cho fad ’s as urrainn dhut ’s d’ obair a fhrithealadh mar as àbhaist. Tha fhios againn nach eil e soirbh, a thasgaidh, ach feuch ri cumail ort!”
Chuala e Murchadh a’ tighinn a-nuas an staidhre.
“Aon rud eile!” ars esan. “Thèid thu anns a’ chàr aig Murchadh. Tha iad gur faicinn a’ falbh anns an aon chàr tric gu leòr. Bithidh tu nas fheàrr gun thu-fhèin a bhith dràibheadh an-diugh!
Thionndaidh e ri Pàdraig.
“Dh’innis mi do Mhurchadh mu dheidhinn Karl. Tha e gu math earbsach ’s tha e cho math gum biodh a h-uile duine againn a’ coimhead a-mach airson ar nàimhdean – oir ’s e sin a th’ annta!”
Thàinig Mòrag a-staigh dhan chidsin le treidhe air an robh rolaichean
“Tha ur biadh air a’ bhòrd anns a’ chidsin,” a Shìne ’s a Mhurchaidh,” ars ise, “ ’s feumaidh sibhse rudeigin ithe cuideachd!” ars ise ri Tarmad ’s Pàdraig. “ ’S dòcha nach do ghabh sibhse mòran an-diugh fhathast, a Phàdraig!”
Rinn Pàdraig gàire.
“Feumaidh mi aideachadh nach do ghabh!” ars esan.
Bha Mòrag a’ faireachadh na b’ fheàrr on fhuair i rudeigin ri dhèanamh.
“Gabhaidh tu seo ma tha agus cuiridh mi air tuilleadh beucain!” ars ise.
“O, cha chuir!” arsa Pàdraig. “Cha ghabh mise ’n còrr. Chan eil mi eòlach air cus bìdhe ann!” ars esan le gàire eile.
“Bheil sibh cinnteach?” arsa Mòrag.
“Gu dearbh, tha!” arsa Pàdraig. “Chan urra dhòmhsa fàs ach an aon rathad a-nise ’s chan eil mi ’g iarraidh bhith ro chruinn!”
Bha Tarmad toilichte gu robh Mòrag a’ gabhail ri gnothaichean cho math, ach chunnaic e a h-aodann a’ fàs stòlda.
“Ach dè mu dheidhinn Catrìona?” ars ise. “Cha robh cuimhne aig duine againn oirre-se! Tha mi ’n dòchas gum bi i sàbhailte!”
Bha aodann Tharmaid stòlda cuideachd. Thug e sùil air Pàdraig.
“Cha chreid mi gun dèan iad càil air Catrìona!” ars esan.
“ ’S e Karl a tha dhìth orra ’s mar a thuirt mi mar tha cha bhi iad ag iarraidh barrachd triobaid na dh’fheumas iad adhbharachadh dhaibh fhèin!”
Ged a thuirt e seo bha e smaoineachadh nach robh e idir cinnteach às na thuirt e. Mura b’ urrainn dha na Companaich dèiligeadh ri Karl gun Chatrìona a ghoirteachadh cuideachd cha robh cinnt sam bith gun tarraingeadh iad air ais bho bheud a dhèanamh oirre-se.
“ ’S fheàrr dhuinne falbh!” arsa Murchadh agus Sìne ’s e-fhèin san doras.
Mas do lean Sìne e sheall i air Pàdraig.
“Tha e math dhut ar cuideachadh, a Phàdraig!” ars ise a’ dèanamh fiamh-ghàire ris.
Dh’fhàs aodann Phàdraig caran dearg.
“Nach e sin a bu chòir do mhinistear a dhèanamh co-dhiù!” ars esan le gàire.
“Cha chreid mi gum buin iad ruibh-se airson an adhbhair a
Bha iomagain gu leòr air m’ an deidhinn ach cha robh e ’g iarraidh seo a shealltainn dha mhàthair ’s cur ris an iomagain a bha ise faireachadh mar thà.
“Tha mi ’n dòchas gum bi iad sàbhailte!” arsa Mòrag nuair a dh’fhalbh iad, “ ’s tha mi ’g ùrnaigh gun tèid an sgàile dhorcha seo a thogail dhinn!”
“Amen ri sin!” arsa Pàdraig. “Na gabhaibh cus dragh, a Mhòrag. Bithidh Karl sàbhailte dh’aithghearr ’s bithidh sinn air ais mar a b’ àbhaist!”
Nuair a dh’fhalbh Mòrag air ais dhan chidsin thionndaidh Pàdraig ri Tarmad.
“Chan urra dhuinn Catrìona fhàgail ann an cunnart!” ars esan. “Feumaidh mi-fhìn ’s tu-fhèin a dhol a dh’iarraidh Karl feadh na h-oidhche nochd!
“Fònaidh mi gu Dòmhnall ’Illeasbaig airson gun toir e ’m bàta leis am bi e ’g iasgach nam musgan-caol gu Portrìgh ’s bheir sinn Karl a-null gu tìr-mòr. Leigidh sinn fhaicinn dhaibh air dòigh-eigin an deaghaidh sin gu bheil e air falbh ’s togaidh sin an t-uallach dhen teaghlach agaibh, tha mi ’n dòchas!”
Dh’aom Tarmad a cheann.
“Thèid sinn timcheall rathad Uige ’s gabhaidh sinn rathad a’ mhonaidh a-null a Chàrbost,” ars esan. “Fàgaidh mi ’n càr aig a’ Phost-oifis ann a’ Bhaltos agus coisichidh sinn an sin. Faodaidh sinn fàgail à seo.”
“Cha leig mi leas,” arsa Pàdraig. Thig mi air a’ bhaidhseagail. Tha daoine eòlach air m’ fhaicinn air co-dhiù!”
Bha rudan a’ tachairt a-nise. Dh’fhairich Tarmad pàirt dhen uallach a bha air a bhith air a spiorad o chionn seachdainean a-nise a’ togail. B’ fheàrr leis fada nuair a b’ urrainn dha dhol an sàs ann an gnothach. Bha e taingeil cuideachd gu robh caraid cho seasmhach agus cho comasach ri Pàdraig còmhla ris ach bha e fhathast iomagaineach mu Shìne ’s a mhàthair ’s Murchadh ’s bha Miranda air cùl inntinn fad an t-siubhail.
title | 10 Comhairle Cogaidh |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |