12 Amharas
“Agus carson a thàinig sibhse cho anmoch a choimhead air?” dh’fhaighnich an t-Ard Inspector Mac an Rothaich.
“Mar a dh’innis mi dhut mar tha,” arsa Tarmad, “bha eagal air – eagal a bheatha agus bha sinne dol ga thoirt air falbh ’s cha robh e ’g iarraidh gu faiceadh duine sinn!”
Cha do dh’innis e idir gun robh iad am beachd a thoirt a-null gu tìr-mòr oir cha robh e ’g iarraidh Dòmhnall a thoirt a-staigh anns a’ chùis. Chaidh aige air Dòmhnall fhaighinn aig a’ bhocsa-fòna air a’ chidhe airson innse dha gun tàinig atharrachadh anns na planaichean aca.
’Se fear àrd, caol le falt dubh, mìn a bha ann am Mac an Rothaich. A dh’aindeoin ’s gur e meadhan na h-oidhche a bha ann, cha robh fuiltean às àite air a cheann. Bha a dheise air a bruisigeadh gu math ’s bha gleansadh anns na suaicheantais a bha air a ghuaillean ’s air a cheap.
Fad na tìde bha e bruidheann ris an duine seo bha inntinn Tharmaid a’ dol air ais gu ’n fheadhainn aig an taigh. Bha Pàdraig anns a’ chidsin ga cheasnachadh le seàirdeant. Bha iad air cur romhpa roimhe dè na dh’innseadh iad do na poilis.
An deaghaidh do Tharmad fònadh dha na poilis ’s don dotair, dh’fhòn e dhachaigh ’s dh’ iarr e air Murchadh fuireach aig an taigh ’s a thoirt air Sìne an aon rud a dhèanamh. On ’s e Disathairne a bha ann cha bhiodh Sìne aig a h-obair co-dhiù ach dh’fheumadh Murchadh a’ mhadainn a ghabhail far obrach anns a’ gharaids.
’S e mhàthair a fhreagair a’ fòn ’s mus tàinig Murchadh thuice thuirt Tarmad rithe gun deach e-fhèin ’s Pàdraig a chumail air ais agus gun d’fhuair e fiosrachadh a thug air smaoineachadh gum bitheadh Sìne agus Murchadh na b’ fheàrr aig an taigh an latha sin. Thuirt e rithe cuideachd gun robh e dol a dh’fhònadh gu Ruairidh, mac bràthair athar, ann am Portrìgh a dh’ iarraidh air a dhol sìos gu Baile a’ Chùirn airson a bhith staigh còmhla rithe-se ’s càch.
“Tha thu cinnteach gu bheil thu-fhèin ’s Pàdraig ceart gu leòr?” ars ise.
“Tha,” ars esan.
“Feuch gun toir thu ’n aire, thasgaidh!” ars ise. Bha e faireachadh an iomagain ’na guth.
An deaghaidh dha fhèin ’s do Phàdraig an corp aig Karl fhaighinn chaidh Tarmad a-staigh agus dh’innis e do Chatrìona gun do dh’èirich tubaist do Kharl. Bha e taingeil gun robh Catrìona làidir anns an inntinn.
A dh’aindeoin sin dh’fhàs a h-aodann geal nuair a dh’innis e dhi agus shuidh i ann an seuthar.
“ ’N tàinig e ri bheatha fhèin?” ars ise.
“ ’S ann coltach ri sin a tha e!” arsa Tarmad, “ach chan eil sinn cinnteach!”
“A bheil àite agaibh far an urrainn dhuibh a dhol?” ars esan, “neo an tig sibh dhachaigh còmhla rium-sa?”
“Faodaidh mi a dhol sìos còmhla ri Peigi Uilleim anns na taighean-comhairle,” ars ise.
“Glè mhath!” arsa Tarmad. “Nise, feumaidh mi fònadh dha na poilis agus dhan dotair!”
Thàinig an dotair ann am beagan mhionaidean. Cha robh Tarmad ach air tighinn far na fòna an deaghaidh bhith bruidheann ri Murchadh.
Dhearbh an Dotair MacFhearghais gun robh Karl marbh ’s nach robh e air a bhith marbh ach ùine ghoirid ’s an uair sin thug e sùil air Catrìona. Thug e dhi pile ’s thug e sìos gu taigh Peigi i anns a’ chàr aige fhèin.
“Faithnichidh tu gun d’fhuair i creathnachadh,” ars esan riutha mus do dh’fhalbh e, “ach tha i mìorbhaileach aig a h-aois!”
Bha Tarmad toilichte seo a chluinntinn oir bha e faireachadh ciontach gur e a buinteanas ris an teaghlach aige-san a b’ adhbhar gun tàinig an trioblaid seo oirre.
Nuair a bha Pàdraig a’ sìneadh do Tharmad cupa cofaidh a rinn e an deaghaidh dhan dotair falbh le Catrìona thuirt e ris, “Dh’fhaodamaide sinn-fhèin a bhith ann an crois ri linn a’ ghnothaich seo ’s feumaidh sinn a bhith deiseil air a shon!
“Dh’fhaodadh trì beachdan a bhith aig a’ phoilis mu dheidhinn bàs Kharl!” ars esan.
“Anns a’ chiad àite dh’fhaodadh gur e cur às dha fhèin a rinn e.”
“Bheil thu-fhèin a’ creidsinn sin?” arsa Tarmad.
“Chan eil!” arsa Pàdraig. “Ach feumaidh sinne coimhead air a’
ghnothach mar a choimheadas iad-san air. Chan eil càil againne ach an rud a thuirt Sìne, ’s chan eil càil aig Sìne ach an rud a thuirt Karl ’s tha Karl marbh!”
“ ’S dè eile bha thu dol a ràdh?” arsa Tarmad.
“Anns an darna àite dh’fhaodadh gur e sinne a mharbh e!”
“Dè ’n t-adhbhar a bhiodh aca airson sin a smaoineachadh?” arsa Tarmad, ’s tusa nad mhinistear cuideachd!”
“Dh’fhaodadh iad smaoineachadh nach robh thusa ’g iarraidh gum pòsadh Sìne fear de na Companaich. Cha robh do mhàthair a’ cleith a beachd mun ghnothach sin ’s cha robh an teisteanas a thug thu seachad aig a’ chùirt-rannsachaidh uile gu lèir ’nam fàbhar!”
“Tha sin ceart!” arsa Tarmad, “ach chan eil e coltach gum marbhadh cuideigin neach eile air sgàth rud mar sin!”
“Bithidh daoine dèanamh rudan gu math neònach uaireannan!” arsa Pàdraig, “ ’s a thaobh dè shaoileas iad dhiom-sa – chan eil mi fada ’nam mhinistear agus ’s dòcha gu bheil fhios aig feadhainn gun robh nòisean agam de Shìne!”
Bha sin air tighinn a-staigh air Tarmad cuideachd ged nach tuirt e càil. Bha ceist ’na inntinn mu dè bha Pàdraig a’ smaoineachadh ach chùm Pàdraig air.
“Anns an treas àite dh’fhaodadh gur e na Companaich a mharbh e, ach chan eil teisteanas sam bith ’nan aghaidh ach na thuirt Karl ri Sìne mar a bha mi ràdh.”
“Thuirt an dotair nach robh fada bhon chaidh a mharbhadh ’s tha fhios aig Catrìona cuine thàinig sinn!” arsa Tarmad.
“Tha fhios aice cuine thàinig sinn dhan doras, ach dh’fhaodamaid a bhith air a mharbhadh mus deach sinn dhan doras!” arsa Pàdraig. “Cuimhnich gun tuirt i gun cuala i guthan dhaoine!”
“Tha sin ceart!” arsa Tarmad. “ ’S ann bu lugha a bu bhuailtiche an t-amharas m’ ar deidhinne bhith nam biodh iad a’ saoilsinn gur e cur às dha fhèin a rinn Karl!”
“Ged tha, nach fhaodadh gur e sin a bh’ ann?” arsa Tarmad.
“Chreidinn gur ann mar sin a dh’fhaodadh e bhith!” arsa Pàdraig, “mura robh mi air Marston Singer fhaicinn anns a’ chùirt agus taobh a-muigh dhith! ’S dòcha gu bheil mi ceàrr, ach tha mi faireachadh gu làidir gur e mort a chaidh a dhèanamh air Karl!”
Dh’aom Tarmad a cheann.
“Tha mise dhen aon bheachd!” ars esan.
A-nise bha e ’n deaghaidh trì uairean sa’ mhadainn ’s bha Tarmad a’ faireachadh sgìth. Bha rosg a shùil dheis a’ priobadh mar a bhiodh i dèanamh nuair a bhiodh e fo uallach airson greis agus bha e faireachadh grèim an cùl a dhroma.
Thug an t-Ard Inspector sùil air na notaichean aige.
“Faodaidh sibh a dhol dhachaigh an-dràsda!” ars esan, “ach feumaidh sibh tighinn gu Oifis a’ Phoilis ann am Portrìgh aig trì uairean feasgar an-diugh, agus bheirinn comhairle oirbh gun a dhol taobh sam bith a-mach às an Eilean gun fios a leigeil thugainn!”
Bha e fàs soilleir nuair a bha iad air an t-slighe dhachaigh. ’S e taobh Shligeachain a ghabh iad an turas seo agus bha na h-eòin a’ ceilearadh anns na preasan an cois na coille ann an Gleann Bhairigill. Bha Tarmad a’ smaoineachadh air Karl agus ciamar a dh’innseadh e do Shìne gun robh e marbh. Bha e mar gun robh e faicinn Karl às ùr. Thuig e gur e duine math a bha ann an Karl. Cha robh càil a dhìth air ach a bhith dèanamh gnìomh a’ cheartais ged nach e duine làidir anns an inntinn agus anns a’ bhodhaig a bha ann idir. Bha dùil aige gun d’fhuair e am-measg dhaoine a bha leantainn spiorad ceart an t-saoghail ach cha b’ e sin an seòrsa a bha annta idir. Nuair a fhuair e sin a-mach dh’fheuch e rim fàgail agus mharbh iad e.
Nuair a thàinig iad chun a’ mhansa thionndaidh Tarmad ri Pàdraig.
“Bheil thu ’g iarraidh tighinn còmhla rium?” ars esan.
Chrath Pàdraig a cheann.
“Chan eil,” ars esan. “Bu toigh leam tighinn còmhla riut, ach chan eil mi smaoineachadh gur e ’n aghaidh agamsa a bu toigh le Sìne fhaicinn aig an àm seo!”
Bha iad sgìth le chèile, ach bha barrachd is sgìos ann an guth Phàdraig. Thuig Tarmad nach robh beachd mhòr sam bith aig Pàdraig air dreach a’ phearsa fhéin ’s nach robh e ’g iarraidh e-fhèin a phutadh an làthair Sìne aig àm mar seo.
Dh’aom e cheann.
“Glè mhath, a charaid,” ars esan. “Chì mi ’n-diugh fhathast thu agus tha fhios agad cho mòr ’s a tha mi nad chomain airson na rinn thu air mo shon-sa ’s airson an teaghlach againn!”
Rinn Pàdraig fiamh-ghàire caran càm ’s e tighinn a-mach às a’ chàr. Bha am falt aige sìos air a’ mhalaidh, bha an t-aodach aige coimhead caran loireach ’s bha dust air na gloinneachan.
“Clann nan Gaidheal an guaillibh a chèile!” ars esan.
Bha Sìne leatha fhèin aig a’ bhòrd anns a’ chidsin. Bha cupa cofaidh air a beulaibh ach cha robh i air an cofaidh òl idir.
Choimhead i suas nuair a thàinig Tarmad ’s Ruairidh a-staigh. Bha Ruairidh ’s a mhàthair air a dhol a-mach an coinneamh Tharmaid.
“Tha Karl marbh! Nach eil?” arsa Sìne.
Chaidh Tarmad a-null agus chuir e làmh air a gualainn.
“Tha!” ars esan.
Thàinig car anns an aodann aice ’s chuir i a h-aodann sìos eadar a làmhan. Bha i caoineadh mar gum briseadh a cridhe.
Dh’fhairich Tarmad tuainealaich ’na cheann.
Chunnaic e mhàthair ga choimhead bhon doras. Bha ise caoineadh cuideachd agus bha truas anns na sùilean ’s iad làn dhe na deòir ach ’s ann air a mac ’s e coimhead cho claoidhte agus cho brònach ’s e ’n deaghaidh a dhìchill a dhèanamh a bha pàirt de h-aire-se.
Chaidh i null agus phòg i e a’ suathadh an fhuilt air falbh bho mhalaidh.
“Tha mi ’n deaghaidh tuba uisge teth ruith dhut anns an rùm-ionnlaid, a thasgaidh,” ars ise. “Dh’fhairich mi ’n càr a’ tighinn. Bheir mi dhut rudeigin ri ithe nuair a bhios tu deiseil.”
Thionndaidh i ’n uair sin ’s chuir i a gaoirdeanan mun nighinn aice.
“Thalla thusa, Tharmaid!” thuirt i rithist. “Coimheadaidh mise às deaghaidh Sìne!”
title | 12 Amharas |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |