[59]

14 Teisteanas Phàdraig

Aig uair dheug Latha na Sàbaid bha an teaghlach uile ann an eaglais Baile aChùirn, eadhon Murchadh a bha uaireannan doirbh a thoirt innte.

Smaoinich Tarmad feasgar Disathairne air Sìne agus a mhàthair a thoirt a Ghlaschu air falbh bhon h-uile càil a bheireadh an cuimhne Sìne na rudan a thachair, agus far am bitheadh iad sàbhailte, ach chuimhnich e na thuirt Karl mu na Companaich agus thàinig e staigh air gur dòcha nach biodh Sìne càil na bu shàbhailte, ach ma dhfhaoite ann am barrachd cunnairt, anns abhaile mhòr.

Co-dhiù nuair a dhfhaighnich e de Shìne am bu thoigh leatha falbh, dhiùlt i muigh no mach a leithid a rud a dhèanamh.

Seo mo dhachaigh!” ars ise. “Seo far a bheil mo theaghlach agus mo chàirdeans ma tha cunnart ann tha miseg iarraidh a bhith ri aghaidh còmhla riuthas cuideachd tha mig iarraidh crìoch fhaicinn air aghnothach seo air sgàth Karl!” Thàinig na deòir gu na sùilean aice a-rithist.

Ged a bha coltas bàn agus sgìth oirre bha i aice fhèin agus bha e soilleir gun do chuir i roimhpe nach biodh ina h-uallach do chàch.

Tha mi toilichte, air dòigh, gun tuirt thu sin, a ghaoil!” arsa Mòrag, oir bha mi eadar chomhairle co-dhiù bu chòir dhomh fuireach, no falbh agus na gillean fhàgail!”

Bha Mòrag i-fhèin acoimhead sgìth agus coltas oirre gun robh i air a bhith fo uallach airson greis. Thàinig e staigh air Tarmad nach burrainn do dhuine seach duine aca an suidheachadh seo a sheasamh mòran na bfhaide.

Thathainn Mòrag air Sìne gu fanadh ise staigh còmhla rithe fhads a bhiodh càch anns an eaglais ach dhiùlt Sìne seo ged a bha e soilleir gun robh e toirt a leòr dhi cumail oirre uaireannan.

Bha an eaglais beagan na bu làine na bàbhaist oir bha saor-làithean na


[60] Caingis ann agus bha smodair de luchd-turais an làthair a bharrachd air achoithional àbhaisteach.

Leis mar a bha Miranda air inntinn cha robh Tarmad uile gu lèir mothachail air achiad chuid dhen t-seirbheis ach nuair a chuir Pàdraig a-mach a cheann-teagaisg thàinig e ga ionnsaigh fhèin.

Ben ceann-teagaisg a roghnaich Pàdraig achòigeamh earrainn anns achiad chaibideil de Chiad Litir Eòin:

Agus is i seo an teachdaireachd a chuala sinn uaith-san, agus a tha sinn acur an cèill dhuibhse: Gur solas Dia, agus nach eil dorchadas air bith ann-san.”

Theagaisg Iosa agus a dheisciobail mu dheidhinn Dhè ann an dòigh a dhadhbharaich oilbheum do dhiadhairean mòra an latha!” arsa Pàdraig.

Cha bann anns an dòigh seo a bha iad-san cleachdte ri bhith coimhead air Dia ged a bha toiseach abheachd seo anns na sgriobtairean aca.

Thuirt Iosa gur e lànachd beatha Dia a ghràdhachadh an toiseachDia anns a bheil a h-uile maitheasagus an uair sin ar nàbaidhean a ghràdhachadh mar a ghràdhaicheas sinn sinn-fhìn.

Bha Iosa an còmhnaidh, anns an teagasg agus anns na cosamhlachdan aige, afiachainn ri toirt air daoine an inntinns am mac-meanmhain a chur gu feum. Thuirt iosa nach burrainn do dhuine fìon ùr a chur ann an seann chraiceannan-fìona no tuthag ùr a chur air seann aodach!

Ach tha daoine dèanamh an-diugh? Tha iad adèanamh an dearbh rud a bha Iosa atoirt teagasg dhuinn ma dheidhinn: tha iad acur an t-soisgeil ann an seann chraiceannan-fìona. Tha seo acòrdadh ris an fheadhainn a thag iarraidh creideamh air a ghleidheadh ann an òmar, ach chan eil am mòr-shluagh ag èisdeachd ris oir chan eil iad afaicinn gu bheil e buintinn ris abheatha acas tha seo aleigeil le fàidhean-brèige daoine a bhreugadh air falbh le creideamhan brèige agus saobh-chreideamh.

“ ’S e tha Crìosd aràdh ann am faclan an lathan-diugh ma leigeas duine leis an ego aige, am fèin, làmh-an-uachdair fhaighinn air gum bi i sìor fhàs nas cruaidhes nas mairbhena spiorads ma thèid sin air adhart gum bi an spiorad aige caillte, ge bith n ciall a bheir sinn don fhacalcaillte’!

Mar sin tha e soilleir nach eil creideamh no feallsanachd sam bith a tha feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn air daoine mar phrìomh rùn achreideimh sins ran toil a lùbadh gu toil dhaoine eile dhèanamh, ’na chreideamh ceart agus gu bheil an fheadhainn a tha teagasg a leithid de


[61] chreideamhnam fàidhean-brèige. Ma leanas na fàidhean-brèige sin orra air an t-slighe seo thig iad gu bhith dèanamh gnìomhan oillteil mar a bha na Nazis, agus an fheadhainn a leanas na daoine sin tha iad an cunnart an anam a challan spiorad a mharbhadh.

Thuirt Iosa gur ena daoine macanta a shealbhaicheas an saoghal mar oighreachd.’

Thuirt e cuideachdGràdh nas motha na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine anam sìos airson a chàirdean.’ ”

Chunnaic Tarmad na deòir aruith sìos aodann Sìnes thuig e gun tug na faclan sin comhartachd dhi.

Nuair a choimhead e air na coigrich atighinn a-mach às an eaglais chaidh e tro inntinn gu faodadh fear no dhà de na Comapanaich a bhithnam measg. Agus bha e soilleir gu leòr a thuigsinn bha am-measg na feadhainn a bha Pàdraig asònrachadh a-mach marfhàidhean-brèige”.

Bhan dìnnear gu bhith seachad nuair a chuala iad glag afòna. ’S e Miranda a bha ann. Dhaithnich Tarmad air aghuth aice gun robh i troimhe-chèile.

Chan eil mòran tìde agam!” thòisich i. “Fhuair mi brath an- gun do chaochail mathair ach cha leig mo bhràthair air falbh mi! Tha mi dol a dhfheuchainn ri teicheadh agus tha fhios agam gun toir thusa àite-tearmainn dhomh, a thasgaidh! Tha eg ràdh gun èirich rudeigin dhomh ma dhfhònas mi dha na poilis agus ma nochdas iad nach fhaigh iad mi gu sìorraidh.

Cha robh tìde aig Tarmad ach airson a ràdh, “Tha mi smaoineachadh ort gun sgur, a ghaoil– !” nuair a thuirt i ann an guth cabhagach, “Feumaidh mi falbh! Tha mi faicinn cuideigin atighinn– !”

Chaidh Tarmad a-mach a choimhead air na caoraich feasgar. Bha inntinn làn de Mhiranda. bu chòir dha dhèanamh? An robh gu leòr ann dha fuireach an-seo gus an dreigheadh aice air teicheadh?

Chuir e roimhe gun dreigheadh e choimhead air Pàdraig. Achar mu dheireadh mus do thuit ena chadal an-raoir smaoinich e air an aires an gabhail aige a fhuair esan seach Pàdraig nuair a thàinig e dhachaigh madainn Disathairne. Bha e toilichte nuair a thug Mòrag fiathachadh do Phàdraig aig an eaglais biadh a ghabhail còmhla riutha ach dhiùlt Pàdraig seos thuig Tarmad nach robh Pàdraig ag iarraidh e-fhèin a sparradh air Sìne.

Bha e lethuair an deaghaidh dhà mus dràinig Tarmad an seann mhansa. Bha Leanaidh, an aig Pàdraig, acomhartaich mar gun robh


[62] an cuthach air. Cha robh sgeul air Pàdraig aig aghaidh an taighe agus smaoinich Tarmad gum bitheadh e air cùlaibh an taighe abiathadh nan calman. Bha calmain aig Pàdraig ann an lobhta an t-seann sabhail. Ach badhbhar dhan chù a bhithna bhreislich?

Dhèigh e air Pàdraigs e dol timcheall oisean an taighe ach cha tàinig freagairt sam bith air aiss cha robh duine gluasad timcheall an t-sabhail. Ach nuair a thàinig Tarmad mu choinneamh doras an t-sabhails a chunnaic ena bhroinn chaidh ena ruith.

Bha Pàdraigna laighe air a bheul-fodha gun ghluasad air ùrlar an t-sabhail.

Dhfhairich Tarmad cuisle a dhùirn agus rinn e mach gun robh Pàdraig beò, ach bha e smaoineachadh leis mar a bha a chas cheàrr gun robh i briste.

Cha tàinig Pàdraig ga ionnsaigh fhèin gus an tàinig an dotair.

Dhiarr an dotair air a chasans a ghaoirdeanan a thogails dhearbh e nach robh mòran ceàrr air ach gun robh a chas briste mar a shaoil Tarmads gum faodadh beagan co-thulgaidh a bhith air.

Bha mi an deaghaidh dhol suas a bhiathadh nan calman,” arsa Pàdraig nuair a dhfhaighnich an dotair dheth ciamar a thachair an tubaist, ach nuair a bhathas ga thogail a-staigh dhan ambulans sheall e air Tarmad.

Thoir an aire ort-fhèin!” ars esan.

Bithidh mise ceart gu leòr, a charaid,” arsa Tarmad. “Fiach gun gabh thusa comhairle nan dotairean!”

Nuair a dhfhalbh an ambulans choimhead Tarmad suas agus chunnaic e gun robh dèileachan briste ann an ùrlar an lobhta faisg air an doras far an robh am fàradh adol suas. Achs e an rud eile dhan tug en aire a thug barrachd smaoin air.

Dìreach ri taobh an àite far an do thuit Pàdraig agus air cùlaibh an fhàraidh bha seann chliathna laighe leis na fiaclan aice gu h-àrd, seann chliath a bàbhaist a bhithna seasamh ris abhalla. Nan robh Pàdraig air tuiteam oirre bhitheadh e marbh.

Bha Tarmad air fònadh gu na poilis cuideachd aguss e an Seàirdeant Mac an Tòisich, a chunnaic iad ann an Càrbost, agus poileasman òg a thàinig.

Choimhead an Seàirdeant air an toll anns an lobhta agus air achlèith.

S math nach do thuit e air sin!” ars esan.

Dhìrich e suas air an fhàradh agus choimhead e air an toll.


[63]

Tha an làr seo grod!” ars esan. “Chan urrainn dhomh ràdh gu bheil càil às an rathad an-seo ach gun robh e -chùramach leis achlèith! Bruidhnidh mi ris amhinistear fhèin nuair a bhitheas e comasach.”

Tha achliath sin an còmhnaidh ris abhalla!” arsa Tarmad.

Thug an Seàirdeant sùil air agus sgrìobh e rudeigin anns an leabhar aige.

Ma tha sinn asmaoineachadh gun do thachair càil as an rathad cuiridh sinn balaich aCID a-nuas a thoirt sùil timcheall!” ars esan.

An deaghaidh dhaibh falbh thàinig e staigh air Tarmad gur dòcha gun robh Pàdraig ro dhòchasach ann a bhith smaoineachadh gum bitheadh eagal air na companaich gluasadnan aghaidh ro luath an deaghaidh na ghabh àite mar tha.

Ghluais doras an t-sabhail leis aghaoiths chaidh seòrsa de chrith ro Tharmad. Dhùin e doras an t-sabhail, rinn e cinnteach gun robh uinneagans dorsan amhansa glaistes an uair sin rinn e air achàr agus chaidh e dhachaigh cho luaths a bha aige.

Air a shlighe dhachaigh chunnaic e MacFhraing atighinn às an land-rover aiges adol a-staigh. Cha do thionndaidh e idir nuair a chuala e an càr aig Tarmad.

title14 Teisteanas Phàdraig
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page