15 Air Sgàth Miranda
An oidhche sin dh’fhan Tarmad air a chois anmoch a’ sgrìobhadh litrichean – Dearbhadh ann no às bha e ’g iarraidh na chuala e mu na Companaich a chur an dubh ’s an geal. Sgrìobh e gu Teàrlach Moireach, am Ball-Pàrlamaid, gu Prìomh Chonstabal Roinn na Gaidhealtachd, gu Rùnaire na Stàite airson Alba, gu ceannard Rèidio Alba agus gu Ceannard an Telebhisein Albannaich.
Bha e air cur roimhe a dhol gu falachaidh gu càmpa nan Companach an ath oidhche airson feuchainn ri Miranda a shaoradh à làmhan Singer. Cha mhòr nach robh e cinnteach gun robh Singer comasach air cur às dhi, leth-phiuthar ann no às, nam bitheadh e smaoineachadh nach b’ urrainn dha smachd a chumail oirre ’s fhios aice ’s dòcha air cus mu dheidhinn nan Companach, agus cha b’ urrainn dha a bhith aig fois leis an smaoin gun robh an nighean air an robh gaol aige ann an cunnart gun esan a’ dèanamh strì airson a saoradh.
Rinn e dà lethbhreac de gach litir. Bha e dol a thoirt aon de gach tè do Mhurchadh airson an cur anns a’ phost madainn Dìmairt mura bitheadh e-fhèin air tilleadh à campa nan Companach ron uair sin. Bha e dol a thoirt an fheadhainn eile do Ruairidh airson an aon rud a dhèanamh air eagal gum faigheadh na Companaich grèim air na litrichean a bha aig fear seach fear aca.
Bha e air cur air dòigh le Ruairidh cuideachd gun toireadh e-fhèin agus Barabal, a’ bhean aige, aoidheachd do Mhòraig, do Shìne ’s do Mhurchadh airson oidhche no dhà. Bha eagal air an deaghaidh na thachair do Phàdraig gu feuchadh na Companaich ri dìoghaltas a dhèanamh air fhèin no air an teaghlach aige ann an dòigh air choreigin ’s bha e saoilsinn nach b’ urrainn do Mhòraig no do Shìne mòran a bharrachd de dh’ iomagain a sheasamh. Cha do dh’innis e dha mhàthair no do Shìne dè bha ’na bheachd a dhèanamh airson Miranda a shaoradh ’s thug e air Murchadh ’s air Ruairidh gealltainn nach innseadh iadsan
Bha an dithis aca-san airson a dhol còmhla ris chun a’ chàmpa ach thuirt e riutha gum b’ fheàrr leis-san fada iad a bhith ann an àite far am bitheadh e ’nan comas coimhead às deaghaidh a mhàthar agus a’ pheathar.
Cha robh Mòrag agus Sìne iad fhèin ag iarraidh falbh ach gheall Tarmad dhaibh gun d’ reigheadh e-fhèin do Phortrìgh cuideachd nuair a bhiodh obair an latha seachad. Bha e ’na bheachd fònadh gu Portrìgh anmoch oidhche Luain a dhèanamh leisgeul gun robh e ceart gu leòr ach gu feumadh e bhith anmoch. Bha fhios aige gum b’ aithne dha-san am monadh timcheall air a’ chàmpa na b’ fheàrr na b’ aithne dha na Companaich e agus bha e den bheachd nam faigheadh e Miranda a thoirt às a’ chàmpa gun robh dòchas ann gu faigheadh iad air falbh.
An deaghaidh dha crìoch a chur air na litrichean chaidh e leabaidh. Bha inntinn gu ìre aig fois a-nise oir bha fhios aige dè bha e dol a dhèanamh. Cha robh aige ri bhith tilgeil air fhèin gun robh e ’na ghealtaire a’ fàgail na h-ighinn air an robh gaol aige ann an cunnart agus bha e cho sgìth leis a h-uile càil a ghabh àite ’s gun do chaidil e gu math.
Ach nuair a dhùisg e aig seachd uairean madainn Diluain agus a chuimhnich e dè chuir e roimhe ’s ann a chuir e uabhas air. Bha e faireachadh cho lag ’s cho truagh an aghaidh Singer agus a sheòrsa ’s bha e cuideachd ag ionndrain Phàdraig airson a chuideachaidh ’s a chomhairle ghlic. Chaidh e suas a Phortrìgh feasgar na Sàbaid a choimhead air Pàdraig ach bha Pàdraig ’na chadal agus nuair e dh’fhòn e dhan ospadal air an oidhche thuirt muinntir an osapdail ris gun robh Pàdraig ceart gu leòr ach gun robh iad air pile-cadail a thoirt dha airson casg a chur air a’ phian.
Am feasgar sin agus e air a rathad gu tuath an deaghaidh dha a mhàthair agus Sìne fhàgail ann am Portrìgh bha Tarmad a’ faireachadh a leithid de dh’aonaranachd nach do dh’fhiosraich e riamh roimhe. Cha do ghabh e staigh thuige seo na bha e faighinn de chomhartachd agus de chuideachadh bhon teaghlach aige – agus bha e dèanamh cùisean na bu mhiosa gun robh Pàdraig anns an ospadal.
Cha robh mòran nàbaidhean faisg orra ann am Baile a’ Chùirn agus an fheadhainn a bha ann – seann Ghilleasbaig, Màiread is Dòmhnall Friseal anns a’ Phost-oifis – bha iad uile seachad air trì fichead ’s a deich. Daoine gasda, ach cha b’ urrainn dha iarraidh orra a chuideachadh an aghaidh nàimhdean cho borb ris na Companaich – is cò chreideadh e co-dhiù?”
Dha na h-Eileanaich cha robh anns na Companaich ach creideamh neònach eile. Bha iad eòlach gu leòr air feadhainn a bha tighinn à àiteachan fad-às airson sìth is fois airson a bhith ann an co-chomann ri nàdair no airson a bhith leantainn creud iongantach air choreigin. ’S e an aon rud nach do dh’fhiosraich iad, chun na h-ìre gus an robh na Companaich ga thoirt co-dhiù, feadhainn a bha dèanamh feum de chreideamh airson cumhachd fhaighinn dhaibh fhèin agus a bha deònach eadhon duine mharbhadh airson a’ chumhachd sin a chumail.
Nuair a chaidh e seachad air ceann an rathaid a bha dol suas gu càmpa nan Companach cha robh duine ri fhaicinn ach chunnaic e gun robh ceò a’ tighinn às an t-similear aig Don MacFhraing. Chuimhnich e rithist gun robh MacFhraing dhe na Companaich agus, a-rèir coltais, a’ cumail faire air an rathad dhaibh. Bha Tarmad air cur roimhe mar tha gun gabhadh e mach taobh a’ mhonaidh air an turas aige an oidhche sin. Bha e cinnteach gum b’ aithne dha fhèin am monadh na b’ fheàrr na na Companaich ach shaoil e gun robh barrachd is aon adhbhar airson sin a dhèanamh, agus MacFhraing air faire.
Bha feasgar sgòthach ann ged nach robh e fliuch agus cha robh duine timcheall. Dh’fhàg e ’n càr anns a’ chuaraidh a bha leth-mhìle a-tuath air a’ Phost-oifis. Nam bitheadh na Companaich às a dheaghaidh ’s dòcha gun smaoinicheadh iad gun dèanadh e air an taigh.
Nuair a chaidh e staigh air a’ gheata aca fhèin rinn e toileachadh ri Candaidh an cù ’s bha ise cheart cho toilichte esan fhaicinn an deaghaidh bhith leatha-fhèin fad an fheasgair. Thug e dhi biadh anns a’ chidsin agus chuir e mu dheidhinn dèanamh deiseil airson obair na h-oidhche.
Bha e faireachadh na b’ fheàrr bho thàinig e mach às a’ chàr agus a thòisich e ri dèanamh deiseil. Bha e mar gun robh gnothaichean, air dòigh, a-mach às na làmhan aige-san ’s nach b’ urrainn dha-san a-nise ach a’ chuid aige fhèin dhen ghnothach a thoirt gu buil cho fad ’s a bha e ’na chomas sin a dhèanamh. Bho bha e ’na bhalach bhiodh e faireachadh na b’ fheàrr ri aghaidh trioblaid sam bith nuair a thòisicheadh e air deasachadh airson aghaidh a thoirt air an duilgheadas ris an robh aige ri strì.
Is ann a bha am feasgar caran fuar, mar as tric a bha e aig an àm seo dhen bhliadhna ’s mar sin chuir e peitean dorcha air agus an t-seacaid leathair dhubh aige. Bha denims air cuideachd agus chuir e na Doc Martins air. Bha iad an dà chuid aotrom agus làidir gu leòr airson a chasan a dhìon bhon fhraoch. Chuir e mach bonaid chlòimhe ghorm dha
Cha robh sannt sam bith aige air biadh ach smaoinich e gum feumadh e neart a chumail suas airson an deuchainn a bha roimhe agus dh’ith e an fheòil fhuar agus na lusan a dh’fhàg a mhàthair dha anns a’ frids còmhla ri cupa cofaidh. Is ann an uair sin a dh’fhairich e cho aonaranach ’s a bha an taigh ’s a thòisich e ri bhith mothachail air a h-uile fuaim beag is dìosgail a chluinneas duine a tha a-staigh leis fhèin.
Ghabh e bhiadh cho luath ’s a b’ urrainn dha airson nach biodh e ro mhothachail air na fuaimean a bha e cluinntinn anns an taigh agus nach biodh cus tìde aige airson smaoineachadh air dè bha ri aghaidh. Cho luath ’s a bha e deiseil dh’fhòn e Portrìgh. Bhruidheann e ri mhàthair agus thuirt e rithe gun robh tè dhe na h-othaisgean gun bhreith fhathast agus gu feumadh e fuireach gu anmoch, ach rinn e cùisean cho gealltanach ’s a b’ urrainn dha.
A dh’aindeoin sin dh’aithnich e air a’ ghuth aice cho iomagaineach ’s a bha i.
“A thasgaidh, feuch gun toir thu ’n aire!” ars ise. “Cho faoin ’s a tha mi nise faicinn a h-uile càil mu ’m bithinn a’ gearain roimhe – ’s mi càineadh dhaoine airson adhbharan anns nach robh seagh sam bith! Chan eil mi guidhe nise ach gum bitheamaid uile sàbhailte – !” Thàinig briseadh anns a’ ghuth aice.
“A mhàthair,” arsa Tarmad, “bithidh sinn uile ceart gu leòr ma thèid againn air rian a chumail oirnn fhèin airson gum bi sinn comasach air an obair a tha ri ar làimh a dhèanamh!” Bha e mothachail cho fèin-spèiseil ’s a bha na faclan aige ’s cha tuirt e ’n còrr ach, “Tha mise ceart gu leòr! Chì mi anns a’ mhadainn sibh!”
“Tha mi ’n dòchas gu faic, a thasgaidh!” ars ise. “Tha mi ’n dòchas gum bi Dia maille riut!”
Thàinig e staigh air gu robh barrachd fios aice air an rud a bha e cur roimhe dhèanamh na bha i leigeil oirre.
Chuimhnich e cuideachd air ùrnaigh an t-seann saighdeir Shasannaich ron bhlàr: “A Dhè, tha fhios agad cho trang ’s a dh’fheumas mise bhith an-diugh. Ged a dhìochuimhnichinn-sa thusa, fiach nach dìochuimhnich thusa mise!”
“ ’S i sin m’ ùrnaigh-sa cuideachd, a Dhè!” smaoinich Tarmad.
Thug e mach map agus choimhead e air. Bha e airson cruth na tìre a
thoirt ’na chuimhne cho math ’s a b’ urrainn dha. Ged nach robh an tuabhas coille air a cur, bha pìosan coille air taobh an-ear a’ chàmpa, an taobh a bha ris an rathad mhòr, air an taobh a-deas agus air an taobh an-iar, an taobh a bha ris a’ mhonadh. Chitheadh na Companaich feadh an latha duine sam bith a thigeadh a dh’ionnsaigh a’ chàmpa bhon taobh a-tuath oir cha robh a’ choille ach air a h-ùr chur air an taobh sin ach chan fhaiceadh iad sin air an oidhche. Nan d’ reigheadh e tron choille dh’fhaodadh e tuiteam ann an ribe sam bith a bha na Companaich air deasachadh airson feadhainn a thigeadh orra gun fhiosda.
Thigeadh e orra bho thuath. Ghabhadh e mach Achadh Ghaoithe ’s chumadh e ri taobh a’ mhonaidh.
Chunnaic e ’n càmpa bhuaithe uair no dhà an uair a bha e anns a’ mhonadh, ’s bha cuimhne aige co ris a bha e coltach. ’S ann de dh’fhiodh a bha na togalaichean air an dèanamh ged as e “an càmpa” bha aig a h-uile duine air. ’S e dà thogalach mhòr a b’ fhaisge air àirde a’ mhonaidh.
’S e seòrsa de dh’eaglais, no teampall far am biodh na Companaich a’ coinneachadh a bha ann an aon dhiubh sin. ’S e taigh mòr anns nach robh ach aon ùrlar a bha anns an togalach eile. Seo far an robh Singer ’s an teaghlach aige a’ fuireach agus ’s ann an seo cuideachd a bhiodh an còmhlan diamhair a’ cruinneachadh. Bha na Companaich eile fuireach anns na bothain a b’ fhaisge air taobh an rathaid mhòir dhen chàmpa – an fheadhainn a bha pòsda ann am bothain dhaibh fhèin, ’s an fheadhainn nach robh ann am bothain air leth, fir is mnathan.
Bha Tarmad air an fhiosrachadh seo fhaighinn bho Shìne a bha air a bhith anns a’ chàmpa aon turas. Dh’innis i dhaibh co ris a bha e coltach nuair a thill i ’s i làn de thoileachas m’a deidhinn fhèin is Karl.
Bha e fàs dorch a-nise ’s bha fhios aig Tarmad gum bitheadh e cho dorcha ’s a bhitheadh e mus ruigeadh e ’n càmpa. Dh’èirich e ’s chuir e air a bhonaid. Dh’fhàg e Candaidh a-staigh a dh’aindeoin a gearain. Cha dèanadh ise ach mì-fheum anns a’ ghnothach a bha roimhe. Chaidh e mach agus ghlas e ’n doras. Dh’fhairich e fionnaireachd na gaoithe air aodann.
title | 15 Air Sgàth Miranda |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |