16 Ann an Garaidh nan Leòghann
Chaidh e suas a’ bhruthach chun an iar tro chroitean a’ Bhreacruigh gun duine fhaicinn, ach bha e cho dorcha a-nise ’s gu feumadh duine bhith faisg air neach, no air fàire, mus fhaicte e. Cha robh mòran uisge air a bhith ann o chionn seachdain ’s mar sin bha an talamh tioram gu leòr fo chasan agus ann an ùine ghoirid bha e anns a’ chùl-chinn air cùlaibh Ghrealainn.
Bha na solais air anns na taighean anns an robh feadhainn a’ fuireach fad na bliadhna. Thug e ’n aire nach robh solas air ann an taigh MhicFhraing cuideachd. “Eil fhios càite a bheil MacFhraing fhèin?” smaoinich e. “Feumaidh mi ’n aire thoirt!”
Thug an t-àm ’s an t-àite ’na chuimhne na h-oidhcheannan a bhiodh e muigh a’ poidsigeadh. B’ fheàrr leis gur ann an ceann an aoin ghnothaich a bha e nochd ach, aig an aon àm, bha e toirt comhartachd dha gun robh e anns a’ mhonadh aige fhèin. Bha e faireachadh gum bitheadh e ceart gu leòr nam faigheadh e cothrom coise anns a’ mhonadh – mura faigheadh iad a chròthadh a-staigh.
Nuair a ràinig e mullach na h-ath uchdaich chunnaic e bhuaithe solais a’ chàmpa ’s thàinig e staigh air a-rithist nach robh fhios fon ghrèin aige càite an robh Miranda air a cumail anns a’ chàmpa ach shaoil e gur dòcha gun robh i ann an taigh a bràthar.
Air dha tighinn na b’fhaisge air a’ chàmpa thug e ’n aire gun robh na solais air anns an teampall agus thug seo togail dha. Feumaidh gun robh coinneamh aig muinntir a’ chàmpa air fad on ’s ann an-siud a bha iad a’ coinneachadh agus on bha Miranda ’na prìosanach bhitheadh e buailteach gum biodh i anns an taigh.
Ghabh e air a tharsainn gus an robh e a-measg nan craobhan an-iar air a’ chàmpa air cùlaibh an taighe mhòir. Chluinneadh e coin a’ comhartaich ach on bha feadhainn de mhuinntir a’ chàmpa iad-fhèin a’ gluasad timcheall shaoileadh e nach cuireadh na coin uibhreachd air aon
Shlèag e suas chun na feansa a bha aig oir na coille agus chaidh aige air faighinn troimhpe gun aire nan con a tharraing g’ a ionnsaigh fhèin. Choisich e cho socair ’s a b’ urrainn dha air a’ ghreabhal a bha air an staran timcheall an taighe, ga chumail fhèin crom fad an t-siubhail. Cha robh solas ann an gin de na trì uinneagan a bha air cùlaibh an taighe idir – Shaoil e gur e uinneagan rumannan-cadail a bha annta – ach bha solais air beulaibh an taighe agus a’ deàrrsadh a-mach à uinneig ann an stuaidh a-deas an taighe.
Chrùb e timcheall oisean a’ bhalla agus, an deaghaidh sùil a thoirt mun cuairt, thog e cheann air a shocair airson sealltainn tron uinneig. Bha seo soirbh gu leòr, oir cha robh sgàilean, no cùirtearan air an tarraing. Thug a chridhe leum às nuair a choimhead e staigh.
Bha Miranda ’na suidhe ann an seuthar aig an teine a’ leughadh. Co-dhiù, bha leabhar aice ’na h-uchd ach cha robh i ga leughadh idir. Bha a sùilean air a’ bhalla ’s a h-aodann a’ coimhead cho tùrsach ’s gun robh e soilleir gun robh i air a dòchas a chall. Dh’fhairich Tarmad an truas ga thachdadh nuair a chunnaic e cho sgìth ’s a bha a h-aodann a’ coimhead.
Mu choinneamh Miranda ann an seuthar eile bha Zara. Bha ise a’ leughadh iris air choreigin ’s an-dràsda ’s a-rithist bheireadh i sùil air Miranda le aodann anns nach robh bàigh sam bith. Bha e soilleir gur e tè-ghleidhidh a bha innte.
Fhad’s a bha Tarmad ’na chrùban aig an uinneig dh’fhan an dithis bhoireannach anns an aon chruth ach an uair sin dh’èirich Zara.
“Fan an-sin!” ars ise ann an guth cruaidh ri Miranda a’ comharrachadh an t-seuthair le corraig. An deaghaidh sin chaidh i mach, a’ toirt na h-iuchrach às an doras agus chuala Tarmad brag na h-iuchrach a’ tionndadh anns a’ ghlais bho thaobh a-muigh an dorais. An ath rud chunnaic e solas a’ deàrrsadh aig ceann an taighe mar gun robh a’ bhean-ghleidhidh air a dhol a-staigh dhan rùm-nighe.
Ghnog Tarmad air an uinneig. Bha a leithid a dh’eagal air gun cluinneadh cuideigin e ’s nach cuala Miranda e an toiseach. An uair sin ghnog e rithist na bu làidire ’s sheall i air an uinneig. Air dhi tuigsinn gun robh cuideigin aig an uinneig thog i a ceann le rudeigin eadar eagal is iongnadh anns na sùilean aice ’s an uair sin chunnaic Tarmad an t-aoibhneas a’ tighinn ’na h-aghaidh.
Ruith i null agus dh’fhosgail i ’n uinneag cho fad ’s a reigheadh i.
“Tharmaid!” ars ise a’ seanais ’s a h-aodann a’ lasadh suas leis a’ ghàirdeachas ’s an ath rud dh’fhàs a h-aodann sòlaimte.
“Cha robh còir agad air tighinn!” ars ise.
Cha do chosg e tìde ann an argamaid.
“Dèan cabhag!” ars esan. “Mach an uinneag mus till i!”
Dh’fheuch i ris an uinneig fhosgladh nas leatha.
“Cha tèid i nas fhaide na seo!” arsa Miranda.
Bha bacadh air a chur air an uinneig air leithid a dhòigh ’s nach fhosgladh i ach beagan.
Rug Tarmad air an uinneig ’s thug e tarraing oirre.
Dh’fhalbh i le brag agus, le cuideachadh bho Tharmad chuir Miranda aon chas a-mach air an uinneig ’s an uair sin an tè-eile.
“Nise!” arsa Tarmad, a’ breith air làimh oirre.
Bha iad a’ gabhail timcheall oisean an taighe nuair a dh’fhàs an iarmailt soilleir. Bha solais a’ deàrrsadh orra o gach taobh.
Chunnaic Tarmad Singer ’na sheasamh mun coinneamh le feadhainn de na Companaich air a chùlaibh.
“Bha dùil agam gun gabhadh tu ris an fhiathachadh agam uaireigin!” thòisich Singer.
Bha Tarmad mothachail air dithis dhaoine teannadh a-staigh air an cùlaibh ach mus d’fhuair iad grèim orra thug e breab anns an stamaig do fhear aca agus buille anns an lethcheann dhan fhear eile ’s rinn e air an fheansa a’ slaodadh Miranda às a dheaghaidh.
Aon uair ’s gun do thuig i dè bha fa-near dha bha i thairis air an fheansa cho luath ris fhèin ’s iad a’ dèanamh air a’ mhonadh cho math ’s a bha aca.
Dh’ fhairich e brag gunna air an cùlaibh agus an uair sin guth Singer a’ toirt òrdan dhan duine aig an robh an gunna stad. An dàrna cuid cha robh Singer ag iarraidh gun d’ reigheadh a phiuthar a mharbhadh, air neo bha e ag iarraidh an cumail beò airson adhbhar air choreigin eile.
“Beagan eile ’s nì sinn an gnothach orra!” arsa Tarmad. Bha Miranda a’ falbh cho luath ris fhèin ’s na casan fada aice a’ rèiseadh tron fhraoch.
Ach an uair sin chuala e comhartaich chon agus dh’fhairich e a bhroilleach a’ fàs fuar. Bha fhios aige dè a b’ urrainn dha na coin sin a dhèanamh air duine.
“Na mìol-choin!” arsa Miranda le uabhas anns a’ ghuth aice. “Tha sinn deas!”
“Chan eil fhathast,” arsa Tarmad, “ma gheibh sinn ar druim ri creig!”
Ach cha robh sgeul air creig agus ann am mionaidean eile bha na coin gu bhith aca a dh’aindeoin na spàirn a rinn iad. Ràinig iad toman beag agus sheas Tarmad. Thug e ’n sgian a-mach às a phòcaid agus spìon e badan mòr fraoich.
“Tha e cho math dhuinn seasamh an seo!” ars esan.
“ ’S aithne dha na coin mise! Chunnaic iad mi anns a’ chàmpa! ’S dòcha gun stad iad dhomh!” arsa Miranda ’s an t-aonach oirre leis an ruith.
Mus d’fhuair Tarmad freagairt bhrùchd dà chù mhòr dhubh a-mach às an fhraoch g’ an ionnsaigh.
“Stadaibh!” dh’èigh Miranda.
Sheas fear aca ach shad am fear eile e-fhèin air Tarmad le dranndan eagalach.
Chrom Tarmad. Spàrr e ’m badan fraoich ann an aodann a’ choin leis an làimh cheàrr agus aig an aon àm shàth e ’n sgian ann an sgòrnan a’ choin leis an làimh eile.
Leig an cù sgiamhail às ach chaidh an sgiamhail a bhàthadh leis an fhuil a bha ga thachdadh.
Leum an cù eile a dh’ionnsaigh Tharmaid a dh’aindeoin èigheach Miranda ach thàinig guth eile – guth Singer.
“Stad, Jason!” agus stad an cù.
Sheall Tarmad air Miranda nuair a bhathas gan toirt sìos a’ bhruthach agus chunnaic e gun robh i caoineadh. Cha mhòr nach robh e-fhèin a’ dèanamh an aon rud.
title | 16 Ann an Garaidh nan Leòghann |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |