[73]

17 Dioghaltas nan Companach

Ged a bha solais air anns an teampall cha robh duine staigh ann. ’S dòcha gur ann airson ribe dheasachadh dhaibh a bha na solais ann o thoiseach.

Bha na ballachan air an taobh a-staigh air an lìnigeadh le fiodh giuthais agus aig aon cheann dhen togalach bha àrd-ùrlar air an robh seòrsa de dhaltair.

Chaidh Tarmad is Miranda a chur ann an aon de na sreathan sheuthraichean a bha air beulaibh an àird-ùrlair le fir-gleidhidh às na Companaich air gach taobh dhiubhs air an cùlaibh. Thug Tarmad an aire do MhacFhraing a-measg nam fear-gleidhidh a bha air an cùlaibh. Sheall Tarmad air ach cha do nochd aodann an fhir eile faireachdainnean sam bith. Cha robh sgeul air amhòr chuid de na Companaich. ’S dòcha nach robh e ceadaichte dhaibh-san a bhithn làthair aig an t-seòrsa coinneimh a bha gu bhith ann.

Rug Tarmad air làimh air Miranda agus dhfhàisg i an làmh aige eadar a làimh fhèin. Bha a h-aodann bàn agus sgìth ach bha coltas ciùin oirre mar gun robh i ga deasachadh fhèin airson aghaidh a thoirt air deuchainn sam bith a thigeadh.

Dhfhairich Tarmad aoibhneas gun robh an nighean àlainn seo measail air, an taca ris aphian a bha e faireachadh gun robh iad ann an suidheachadh mar seo.

Dhfhosgail doras air cùl an àird-ùrlair agus thàinig Marston Singer a-mach is trusgan uaine air. Cha robh càil air a cheann ach bha ball òir de obair-ghrèis ariochdachadh na grèine agus gathan atighinn aiste air oibreachadh air aghaidh an trusgain aige. Thàinig sianar dhe na Companaich a bàirde inbhe a-mach às a dheaghaidh anns an aon èideadh ach nach robh an aon obair-ghrèis air aghaidh nan trusgan acasan idir.

Uair eiles dòcha gun robh Tarmad air gàire dheanamh ri leithid de shealladh fhaicinn ach cha robh sannt sam bith airson gàireachdaich air


[74] a-nochd.

Bha lòchran giuthaisna lasair aig fear de na Companaich air an àrd-ùrlar. Shìn e seo do Singer, dhaom e cheann agus sheas e còmhla ris na Companaich eile ann an leth-chearcall air cùlaibh Singer.

Thog Singer an lòchranna dhà làimh agus chuir e teine ri stuth air choreigin a bha ann am bùla mòr umha air an altair. Dhèirich lasraichean àrda às abhùla agus aig an aon àm dhfhairich Tarmads an fheadhainn eile bha anns an teampall fàileadh cùbhraidh atighinn às abhùla. Shàth Singer an lòchran ann an coinnleir umha a bha ri taobh abhùla agus thog e làmhan. Shlaod na fir-gleidhidh na prìosanaichnan seasamh.

A Dhè an domhain,” arsa Singer. “Tha sinn ag adhradh dhut. Tha sinn atoirt taing dhut gun dfhuair sinn soillseachadh air an fhìrinn. Is tusa Dia na coileantachd agus achumhachd a tha cur às dhan h-uile a tha càm agus anns a bheil truailleadh sam bith. Tha thu atilgeil air falbh agus aleigeil a dhìth a h-uile ruds creutair a tha dìblidh agus lag agus nach eil freagarrach gus a dhol air adhart a shealbhachadh an domhain.

Ach tha thu toirt cumhachd dhan fheadhainn a tha comasach agus làidir airson gum bi iadsan ariaghladh air do shon-sadhan fheadhainn a thanan companaich anns an obair agad-sa – !”

Mar a bha Singer adol air adhart bha Tarmad acuimhneachadh air an t-searmon aig Pàdraig agus air na thuirt Sìne mu dheidhinn creideamh nan Companach. ’S e creud nan Nazi a bha seo ann an trusgan uaine. Bha an aon seann sannt airson cumhachd agus làmh-an-uachdair adol ann an riochd eileriochd a bhuineadh dhan lathan-diugh airson an toil gu cumhachd a thoirt gu buil. Agus ceangailte ri seo bha an aon tàir airson creutairean dìblidh agus lag an t-saoghailrud a bha gu tur an aghaidh teagasg Chrìosda. Tha truas Chrìosd an aghaidh cruas Nàdair.

Fhads a bha aon phàirt de dhinntinn Tharmaid ag èisdeachds agabhail a-staigh bha gabhail àite mun cuairt air bha aphàirt eile afeuchainn ri smaoineachadh air dòigh air am faigheadh e-fhèin agus Miranda a-mach as achùil-chumhang anns an robh iadach cha burrainn dha smaoineachadh air dòigh.

Chan eil againn ach feitheamh,” ars esan ris fhèin, “gus an toir iad an cothrom as lugha dhuinn!” Ach bha eagal air aig an aon àm nach tachradh a leithid a rud.

Bha Singer atighinn gu crìch ùrnaigh a-nise.

“ – agus, a Dhè,” ars esan, “tha sinn atoirt taing dhut gun tug thu


[75] dhuinn làmh-an-uachdair fhaighinn air na nàimhdean againn agus gun tug thu dhuinn cead na nàimhdean agad-sa agus againne a dhubhadh às ge bith iad no cia às a dhèirich iad. Bitheadh cùisean a-rèir do thoil-sa!” Agus dhaithris na Companaich eile na h-aon fhaclan, “Bitheadh cùisean a-rèir do thoil-sa!”

Dhfhan a h-uile duinena sheasamh. An uair sin dhaom Singer a cheann ris na fir-gleidhidh agus chaidh Tarmad agus Miranda a thoirt gu beulaibh an àird-ùrlair.

Aon uairs gun robh iadnan seasamh an-sin le fear-gleidhidh air gach taobh dhiubh shìn Singer a-mach a làmh dheas leis acholgaig acomharrachadh an dithis a bha air a bheulaibh.

Tha na Companaich ann an comhairle air binn bàis a thoirt a-mach ort-sa, Tharmaid Rois, agus ort-sa, a Mhiranda Singer, airson gun robh sibh nur nàimhdean do dhadhbhar Dhè agus dha na Companaich!

Bha thusa, Tharmaid Rois, afeuchainn air a h-uile dòigh a burrainn dhut air oibreachadh nar n-aghaidh agus air bacadh a chur oirnn! Thug thu cobhair dhan bhrathadair, Karl Herder, is dhiùlt thu fiathachadh tighinn an-seo airson stiùireadh fhaighinn mun t-slighe cheart.

Tha thusa, a Mhiranda Singer, uile gu lèir coirbte. Dhiùlt thu comhairle nan Companach a ghabhail. Tha thu cumail companas ri fear a thana dhearg nàmhaid do dhobair Dhè agus tha e soilleir gun robh thu cur romhad na Companaich a bhrath dha na nàimhdean aca!”

Stad e agus thog e làmh.

Biodh binn nan Companach air a cur an gnìomh!” ars esan.

Biodh sin air a dhèanamh!” arsa na Companaich eile.

Fhads a bha Singer abruidheann bha Tarmad acumail a shùil air Miranda. Thàinig clisgeadh oirre nuair a chuala i abhinn bàis ach chùm i a ceann an àirde agus bha e soilleir gun robh i feuchainn ri sealltainn dha na Companaich nach dfhuair iad làmh-an-uachdair air an spiorad aice.

Ged a bha eagal abhàis air Tarmad bha e mothachail nach robh eagal sam bith air roimh Singer a-nise. Bha e soilleir dha nach robh ann an Singer ach fear a bha air ithe suas le uabhar is pròis agus mar bu nimheil a bha enan aghaidhs ann a bìsle bha inbhe dol ann an inntinn Tharmaid. Bha e soilleir cuideachd nach robh ann am fear sam bith a bha comasach air a phiuthar fhèin a chur gu bàs airson na h-innleachdan aige fhèin ach duine uile gu lèir coirbte. A bharrachd air sin bha e cur fearg


[76] air Tarmad gun robh an duine seo asaoilsinn gu faodadh e an rud a thogradh e a dhèanamh le beatha dhaoine eile! Rud eileBha e tuigsinn a-nise gun robh Singer às a rian.

Chunnaic sinne do sheòrsa roimhe!” arsa Tarmad atoirt an aghaidh air Singer, “aguss e deireadh bochd a bhaca! A dhaindeoin coltaiss e saoghal moralta a tha seos tha sibhseg obair an aghaidh an cheart. ’S en fhìrinn nach eil annaibh, a dhaindeoin a h-uile amaideis ris a bheil sibh, ach mortairean beaga suarach!”

Ged a chunnaic Tarmad an gamhlas ann an sùilean Singer airson achiad uairbha fiamh-ghàire tàireil air bilean an fhir eile.

Thoiribh air falbh na prìosanaich airson gun tèid abhinn a chur an gnìomh!” dhòrdaich e.

Nuair a bha na fir-gleidhidh gan toirt a-mach às an teampall smaoinich Tarmad air a mhàthairs air an teaghlach aige ach bha e mar gun robh iad ann an saoghal eile ceudan mhìltean air falbh. ’S gann a chreideadh e gur e cruth Sgurr aMhadaidh Ruaidh a bha e faicinn gu dùmhail tron dorchadas.

Chaidh an cur a-staigh do rùm ann am fear de na bothain a bha falamh. Chuala iad fir-gleidhidh aig an doras agus aig an uinneig.

Cho luaths a bha iad a-staighs an doras glaiste bha iad gu teann an gaoirdeanan a chèile ach chuir Miranda a ceann a-staigh ri bhroilleach agus bha i caoineadh gu goirt.

Na gabh cus dragh, a ghaoil!” ars esan. “Gheibh sinn às a seo air dòigh-eigin!”

O, chan e sin idir, a Tharmaid!” ars ise, “ach bhrath mi thu!”

Nach eil fhios agam gu faod iad rud sam bith a thogras iad a ràdh no sgrìobhadh mu dhaoine a tha am braighdeanas aca!” arsa Tarmad.

Thug iad orm mainm a chur ri litir chun nam poilis anns an robh mi, mas fhìor, agearain gun robh thu sàs annam gun sgur, ag iarraidh orm falbh leatgun do shir mi cuideachadh bho mbhràthair agus gun robh mi cuideachd asireadh dìon bho na poilis agus pàipear-toirmisg acur bacadh ort-sa o bhith cur dragh orm! Gheall iad dhomh nach buineadh iad dhut nan dèanainn sin! O, chan eil fhios agad n seòrsa dhaoine thannta!”

Tha mi faighinn sin a-mach gu math luath!” arsa Tarmad afeuchainn ri gàire thoirt oirre.

Ged tha, chuala mise air ‘inter-com’ an- rudan a thuirt iad aig coinneimh dhùinte nach robh dùil aca chluinninn. ’S e iad fhèin a


[77] mharbh Fennell anns amhonadh. Shad iad le creig e agus is iad a mharbh Karl Herder cuideachd. Tha mi smaoineachadh gu bheil enam beachd ar marbhadh ann an dòigh a bheir a chreidsinn air daoine gun robh thusa air mo ghlacadh an aghaidh mo thoil agus ateicheadh leam nuair a dhèirichtubaistdhuinn! Agus bha minam òinnsich. Thug min aghaidh air mo bhràthair. Donas gun robh e cha robh mi tuigsinn cho fìor chruaidh-chridheach gamhlasachs a bha e air fàs. Tha e fada, fada nas miosa on chaidh e staigh ris na daoine seo! Tha mi creidsinn gu bheil e às deaghaidh mo chuid-sa de dhairgead mathar cuideachd! Agus tha mi cur na coire orm fhìn gu bheil thusa anns an t-suidheachadh seo, a ghaoil!” ars ise acur a làimh suas ri lethcheann agus na deòir asruthadh às na sùilean aice.

Chuir Tarmad làmh air gach taobh dhe ceann agus phòg e a malaidh.

Bha mise air mo tharraing a-staigh dhan lìon co-dhiù,” ars esan, “ri linn mo phiuthar a bhith falbh le Karl Herder! Chan e do choire-sa a bha sin agus innsidh mi rudeigin dhut, a thasgaidh. Ged a tha gnothaichean mar a tha iad, chan eil àite eile air an t-saoghal far am bfheàrr leam-sa bhith an-dràsda nan seo còmhla riut-sa!”

Bha iad apògadh gu dùrachdach nuair a dhfhosgail an doras gu grad agus nochd MacFhraing anns an rùm.

Mach!” ars esan.

Bha triùir eile de na Companaich gam feitheamh cuideachd taobh a-muigh an dorais. Chaidh na làmhan aca cheangal air an cùlaibh agus glas-ghuib a chur orra le chèile. Ann an solas aphoirdse chunnaic iad land-roverna sheasamh. Chaidh an curnan suidhe mu choinneamh a chèile ann an cùl an land-rover agus fear-gleidhidh air gach taobh dhiubh. Bha Singerna shuidhe còmhla ris an draibhear anns an land-rover.Ann an ceann greiseig bha iad gan tilgeil o thaobh gu taobh sìos am frith-rathad chun an rathaid-mhòir.

An deaghaidh a bhith greiseag air an rathad-mhòr thionndaidh an land-river a-staigh air frith-rathad eile gun ear an turas seo. Cha tug an turas fada agus dhaithnich Tarmad a dhaindeoin an dorchadais, gun robh iad agabhail an t-seann rathaid sìos gu Port Eàrlais, bàgh a tha mu choinneamh taigh-solais Rònaigh agus Geàrrloch air tìr-mòr.

Nuair a ràinig iad an cladach chunnaic iad bhàta air bhog, eathar le outboard oirre agus bàta-einnsein mhòr. Dhaithnich Tarmad an t-eathar. ’S en t-eathar aige fhèin a bhinntes bha fhios aige nach robh an t-einnsean ag obair.


[78]

Chaidh na ròpan leis an robh e-fhèin agus Miranda air an ceangal fhuasgladhs chaidh na glas-ghuib a thoirt dhiubh. Cha dèanadh e feum sam bith a bhithg èigheach co-dhiù oir cha chluinneadh duine iad le fuaim na mara. An deaghaidh sin chaidh an cur anns an eathar a bha air a ceangal le ròpa ris abhàta-einnsein.

Thuig e nise bha fa-near dhaibh. Bha iad dol a dhèanamh mas-fhìor gun do ghlac esan Mirandas gun robh e feuchainn ri teicheadh leatha nuair a chaidh am bàthadh. Thug en aire gun robh an t-eathar agabhail uisge mar tha. Bheireadh na Companaich ro fhada mach iad airson snàmh gu tìr.

Chaidh Singer, MacFhraing agus fear eile anns abhàta-einnsein. Bha gunnachan-làimhe aca.

Rinn Tarmad aon oidhirp eile airson e-fhèin is Miranda a shàbhaladh.

Chan fhaigh thu leat le seo idir!” ars esan. “Tha litrichean anns aphost ag innse mu na h-innleachdans na droch-bheairtean agaibh!”

Rinn Singer gàire.

Tha cuideigin againn anns aPhost-oifis,” thuirt e, “agus, co-dhiù, shaoileadh iad nach robh annta ach breugan a bha thu dèanamh suas airson na h-innleachdan agad fhèin a thaobh mo pheathar a chumail am falach!”

Le gàire eile bheothaich en t-einnseans bha aig Tarmad is Miranda ri grèim a chumail air na tobhtaichean air an robh iadnan suidhe.

Tha gaol agam ort!” dhèigh Tarmad tro fhuaim an einnsein. Rinn i fiamh-ghàire ris tro na deòir agus shìn i a làmh ga ionnsaigh. Rug e air làimh oirre. Bha beagan soilleireachaidh ann a-nises chitheadh en dòigh anns an robh i coimhead air le gràdh anns na sùilean aice.

Stad am bàta-einnsein nuair a bha iad pìos a-mach air amhuir. Bha an t-uisge mu na h-adhbrannan aca nise.

Cha leig thu leas Miranda a mharbhadh!” dhèigh Tarmad ged nach robh mòran dòchais aige. “ ’S e do phiuthar a thinnte. Chan innis i ort!”

Thàinig coltas mùgach air aghaidh Singer.

“ ’S e mo nàmhaid a thinnte nise!” ars esan. Cha do sheall e air Miranda idir. Rinn e comharradh leis aghunna do fhear de na companaich an ròpa a bha ceangal an bhàta ri chèile fhuasgladh. Fhads a bha am fear seo atarraing na h-eathair ga ionnsaigh airson seo a dhèanamh chùm Singers an fheadhainn eile na gunnachan aca air Tarmad is Miranda.


[79]

Chrom an Companach airson an t-snaidhm fhuasgladh.

Dìreach anns amhionaid sin chuala Tarmad bhrag bho ghunna mùchte. Anns an t-solas a bha tighinn bho thaigh na cuibhle chunnaic en t-iongnadh ann an sùilean Singer agus an toll anns amhalaidh aige mus do thuit e. Thuit an Companach eil air làr abhàta agus thug MacFhraing sgleog dhan fhear a bha aig an ròpa eile air cùl achinn a thug air tuiteam thar na cliathaich dhan uisge.

Cha robh Tarmad is Miranda achnan suidhe anns an eathar lem beul fosgailtes an sùilean air MacFhraing.

Bha toileachas agus faochadh anns an aodann leis an do choimhead e orratoileachas fir a rinn obair gu math.

Shìn e mach làmh airson an cuideachadh a-staigh dhan bhàta-einnsein. Bha sin cho math oir bha an t-uisge gu bhith aig na glùinean aca.

Tha miseg obair airson an Riaghaltas!” ars esan.

title17 Dioghaltas nan Companach
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page