2 Ràn anns a’ Ghaoith
Bha Mòrag, a mhàthair, anns a’ chidsin a’ fuine nuair a chaidh e staigh, a’ bruthadh sìos gu làidir air an taois mhin-choirce ’s ga thionndadh eadar a làmhan air a’ bhòrd-arain. Ged a bha strìochan liath anns an fhalt dhubh aice ’s e boireannach snog a bha innte fhathast, smaoinich e.
Thug i sùil gheur air nuair a thàinig e staigh an doras ’s chunnaic e faochadh a’ tighinn anns na sùilean aice nuair a bha i ga dìreadh fhèin ’s a’ suathadh an fhuilt air falbh bho malaidh le cùl a dùirn. Cha b’ urrainn do Tharmad mòran fhalach o mhàthair.
“Bha e ceart gu leòr!” arsa Tarmad a’ cur dheth a sheacaid denim ’s ga cur anns a’ phreasa. “Cha robh am manaidsear ach ag iarraidh faighinn a-mach an robh e ’nam bheachd airgead mòr sam bith a chosg airson mìos no dhà.”
“Agus chreid e thu nuair a thuirt thu nach eil!” Bha spòrs ann an sùilean Mòraig. Dh’fhairich Tarmad e-fhèin faochadh nuair a thuig e gun robh i air faighinn thairis air an iomagain mu ghnothaichean airgid a bha oirre anns a’ mhadainn.
Rinn e gàire ’s rug e air ghualainn oirre.
“Bhitheamaid math gu leòr dheth nan robh sibhse air a’ bhodach Ghallda ud à Dun Eideann a phòsadh!” ars esan.
Shad i min ’na aodann, a’ toirt air aghaidh a shuathadh.
“ ’S e peasan a bh’ annad riamh!” ars ise. “ ’S e ainglean a bha ann an Sìne ’s Murchadh an taca riutsa! Thalla ’s cuir na soithichean air a’ bhòrd airson na dìnnearach. Tha mi gu bhith deiseil dhe seo ’s bithidh Murchadh dhachaigh a dh’ aithghearr. Tha Sìne ’g obair anmoch a-nochd.”
Thàinig e staigh air rudeigin a ràdh mu Shìne ’s na h-Aimeireaganaich, ach cha bu toigh leis tuilleadh dragh a chur air a mhàthair ’s i ann am fonn cho math.
’S gann gun robh e air tòiseachadh air a’ bhòrd a dheasachadh nuair a
“Eil am biadh deiseil?” ars esan cho luath ’s a thàinig e staigh. “Tha mi-fhìn ’s Calum a’ dol gu disco anns an Ath Leathan.”
“Cha bhi e fada,” ars a mhàthair. “Thalla thusa ’s nigh do làmhan ceart.”
“Bheil fhios agaibh cò chunnaic mise ann am Portrìgh an-diugh?” arsa Murchadh nuair a bha iad uile ’nan suidhe mun bhòrd agus gun feitheamh airson freagairt thuirt e, “Sìne agus fear de na h-Aimeireaganaich. Bha iad a’ gabhail cofaidh còmhla anns a’ Chalaidh aig meadhan latha.”
Chunnaic Tarmad beul a mhàthar a’ teannachadh.
“Co ris a bha e coltach?” dh’fhaighnich e.
“Fear caran àrd le falt donn is seacaid leathair uaine air,” arsa Murchadh. “Cha bhi e ach mu aois Sìne fhèin.”
“Chunnaic mi uair no dhà anns a’ bhaile e,” arsa Tarmad. “Tha coltas laghach gu leòr air.” ’S e seo a bha e smaoineachadh ach, cuideachd, bha e ’g iarraidh beagan fois-inntinn a thoirt dha mhàthair. Cha do dh’innis e idir gur e seo am fear a chunnaic e-fhèin ’s Ruairidh a’ faighinn a chàineadh leis an fhear mhòr air Sràid Wentworth o chionn beagan ’s uair a thìde air ais.
Bha e gu bhith dà uair dheug nuair a thill Sìne. Bha Tarmad a’ feuchainn ri tòimhseachan-tarsainn anns a’ phàipear-naidheachd a dhèanamh an deaghaidh dha bhith ag obair fad an fheasgair air mullach na bàthcha agus bha a mhàthair ’na suidhe air taobh eile an teine bhuaithe a’ fighe. Dh’fhairich iad doras càir a’ dùnadh agus fuaim nam brògan aice air an staran fhads a bha einnsean a’ chàir a’ dol gu àirde.
“Hai!” ars ise a’ tighinn a-staigh dhan chidsin às a’ phoirdse chùil.
Chunnaic Tarmad gun robh snodha-gàire caran mì-nàdarrach air a h-aghaidh ’s fhios aice nach robh a màthair toilichte gun robh i muigh cho fada leis a’ choigreach Aimeireaganach.
Cha d’ rinn a màthair snodha-gàire idir.
“ ’S cinnteach nach robh tìde agad ithe ceart!” ars ise, a’ coimhead air Sìne thairis air na speuclairean aice ’s na bioran-fighe fhathast a’ dol gu trang.
“O bha! Ghabh mi mo dhìnnear,” arsa Sìne a’ tionndadh air falbh ’s a’ togail a sùilean ri Tarmad gun fhiosda dha màthair airson sealltainn dha
“Chan eil mi toilichte idir i bhith falbh leis an fhear ud, ’s gun fhios againn co às a thàinig e no dè ’n seòrs duine th’ ann!” arsa Mòrag ’s na bioran a’ dol aig astar math.
Bha fhios aig Tarmad dè ’n ath rud a chanadh i.
“Tha còir agad-sa bruidhinn rithe. ’S tu ceann an taighe o nach eil d’ athair beò!”
Chùm Tarmad a shùil air a’ phàipear ged a bha fhios aige nach robh e gu feum sam bith dha bhith feuchainn ri fuasgladh fhaighinn anns an tòimhseachan a-nise.
“Uill, tha i naodh-deug, a Mhàthair,” ars esan. Bu chòir fhios a bhith aice fhèin dè tha i dèanamh a-nise!”
Bha an aon chòmhradh air a bhith aca iomadach uair mar tha.
“Tha sin soirbh gu leòr a ràdh,” ars a mhàthair a’ stopadh na bioran anns a’ bhaga aice ’s i ’g èirigh a dhèanamh na teatha, “ach tha fhios agad, a dh’ aindeoin bliadhnaichean, nach eil innte ach am pàisde fhathast ’s chan eil aice ach sinne airson stiùireadh a thoirt dhi.” Chaidh i a lìonadh a’ choire.
Thàinig Sìne staigh dhan t-seòmar-cadail aig Tarmad an deaghaidh dom màthair a dhol a leabaidh. Chaidh i null g’ a ionnsaigh far an robh e ’na shuidhe ri taobh na leapa a’ cur dheth a bhrògan ’s chuir i làmh air a cheann.
“Tha mi duilich, a Tharmaid,” ars ise. “Tha fhios agam na tha thusa faighinn bho Mhamaidh ri mo linn-sa!”
“ ’S ann airson gu bheil i cho measail ort a tha i dèanamh a leithid a dh’ othail!” arsa Tarmad.
“Ach tha fhios agam air sin,” ars ise, “ach b’ fheàrr leam gu leigeadh i leam. Tha mi sean gu leòr a-nise airson fhios a bhith agam air m’ inntinn fhìn!”
Sheall Tarmad oirre dìreach anns an aodann.
“Ach a bheil, a Shìne? ’S e sin a’ chùis. A bheil fhios agad dè a tha thu dèanamh?”
Chrom Sìne air a bheulaibh ’s rug i air làimh air mar a bhiodh i riamh a’ dèanamh nuair a bhiodh iad leotha fhèin ’s i ’g iarraidh gnothach cudtromach air choreigin a nochdadh dha.
“Tha mi ’g iarraidh gun tuig thusa, Tharmaid,” ars ise, “seach duine sam bith eile. Tha mi faireachadh nas toilichte còmhla ri Karl agus aig an
Rinn Tarmad e-fhèin gàire ’s rug e air an làimh eile aice.
“ ’S tu tha eòlach air gillean!” ars esan. “Cha do dh’fhairich mi riamh gun robh thu falbh le duine sam bith ach Calum a’ Ghobha ’s Iain Bàn, an dithis a bha air an aon chlas riut anns an sgoil!”
Dh’ fhàs an snodha-gàire air aodann Sìne nas leatha.
“Tha iad laghach le chèile ach cha d’fhuair mi riamh cho faisg orra ’s a fhuair mi air Karl ... a thaobh faireachdainnean!” ars ise, a’ toirt buille do ghlùin Tharmaid nuair a chunnaic i gàire tighinn air aghaidh.
Rug Tarmad air làimh oirre a-rithist.
“Uill, mar a tha fhios agad, chan eil mise gam fhaireachadh fhìn comasach air comhairle thoirt dhutsa no do dhuine sam bith eile ach –” Rinn e gàire. “Tha fhios agam gur e ‘comhairle bhuat nach d’fhuaradh agad’ a tha seo, ’s gun d’rinn mise amadan dhiom fhìn a’ ruith às deaghaidh Eilidh Alasdair, ach thoir an aire! Na leig le do chridhe cus làmh-an-uachdair a bhith aige air do cheann mus urrainn dhut!”
Chuir Sìne aodann sòlaimte oirre mar a bhitheadh i dèanamh nuair a bhiodh i tarraing às agus thuirt i eadar fealla-dhà ’s da-rìreadh, “Gabhaidh mise comhairle ghlic mo bhràthar.”
Dh’fhàs aodann Tharmaid stòlda a-rithist.
“Ach dè mu dheidhinn a’ chreidimh aige?” ars esan.
“Tha iad a’ bruidhinn air sìth fad an t-siubhail,” arsa Sìne. “ ’S cinnteach nach eil càil ceàrr air sin!”
“ ’S cinnteach nach eil ach chunnaic mi ’n ceannard aca-- -Dè ’n t-ainm a th’ air-- ?”
“Marston Singer,” ars Sìne.
“Uill, chunnaic mi e tionndadh air fear eile aca ’n diugh ... . ’s tha mi smaoineachadh gur e Karl a bh’ ann-- -ann an dòigh gu math fiadhaich.”
Thàinig rudhadh ann an gruaidhean Sìne.
“ ’S e Karl a bh’ ann ceart gu leòr. Bha e ’g innse dhomh. Thuirt e gun robh còir aig na companaich, mar a chanas iad riutha fhèin, barrachd gnothaich a bhith aca ri muinntir an àite, ach tha Marston a’ cumail a-mach nach bu chòir gnothach a bhith aca ach ri feadhainn a ghabhas ris a’ chreud aca.”
“ ’S dè thuirt Karl mu dheidhinn na dòigh anns na ghabh Singer ris na beachdan aige?”
“Cha chluinn e càil an aghaidh Singer. Tha e ràdh gu feum luchd-leanmhain creidimh, no pàrtaidh sam bith gèilleadh don cheannard aca. Tha e soilleir,” ars ise, “gu bheil buaidh anabarrach làidir aig Marston Singer air na companaich uile agus”- - -Stad i greiseag ’s an uair sin chùm i oirre a-rithist. “Tha mi smaoineachadh nach eil Karl ro chinnteach às fhèin. Thuirt e rium uaireigin gun robh athair uabhasach cruaidh air nuair a bha e òg.”
“ ’S dè mu do chreud-sa?”
“Uill, ged nach eil mi ’nam bhall den eaglais tha fhios agam gu bheil àite mòr aig sìth anns a’ chreud againne cuideachd.”
“Tha barrachd ’s sin anns a’ chreud againne ach co-dhiù-- -”
Phòg Tarmad a malaidh.
“Cuimhnich thusa comhairle ghlic do bhràthar! ’S fheàrr dhut a dhol a leabaidh a-nise!”
Chuir Sìne làmh air gach gualainn agus phòg i air ais e.
“Mòran taing, a Tharmaid,” ars ise. “Rinn e feum dhomh bruidhinn riut. Nach eil mi fortanach gu bheil bràthair cho glic agam!”
“Thalla leabaidh, a bhradag!” ars esan le gàire agus le crathadh làimhe shlèag i mach an doras air eagal gun dùisgeadh i a màthair.
Bha Tarmad a’ cromadh a-rithist airson a bhrògan a thoirt dheth nuair a chuimhnich e gun do dh’fhàg e geata na pàirce deis fosgailte ’s b’fheudar dha dhol a-mach g’ a dhùnadh. Bha a’ ghaoth air èirigh beagan ’s nuair a bha e dùnadh a’ gheata chuala e rudeigin a shaoil e ’n toiseach a bha coltach ri cuideigin a’ bruidhinn ann an guth ìseal ach ann am mionaid no dhà shaoil e gun robh e na bu choltaiche ri cuideigin a’ rànaich le pian no eagal. Thàinig am fuaim na bu làidire an ath thuras ’s cha robh teagamh sam bith an turas seo gur e ràn a bha ann. Thuig e cuideachd gur ann bho chàmpa nan coigreach a bha am fuaim a’ tighinn.
Dh’fhairich Tarmad gaoir a’ dol tro fheòil ’s thàinig crith air. Dhùin e ’n geata cho luath ’s a bha aige agus ghreas e air ais a-staigh.
title | 2 Ràn anns a’ Ghaoith |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |