6 An Luchd-Faire
An ath latha bha Tarmad a’ faicinn aodann Miranda ’na inntinn ge bith dè bha e dèanamh agus bha e gu math trang oir bha àm breith nan uan air tòiseachadh. Bha na faclan aice an oidhche roimhe, “Bheil mo bhràthair air gnothaichean a mhilleadh orm ann an àite eile?” a’ ruith tro inntinn. ’S e leth-bhràthair dhi a bha ann am Marston Singer. Dè an smachd a bha aige oirre? Gu dearbh dè ’n seòrsa smachd a bha aige air a luchd-leanmhainn air fad? Dh’fhairich e-fhèin an cumhachd aig Singer an latha roimhe. Bha neart eagalach a’ bruthadh a-mach às an duine agus aig an aon àm falamhachd uabhasach de dh’fhaireachdainnean daonda sam bith. Dh’fhairich Tarmad e-fhèin a’ fàs caran fuar leis an smaoin. Bha e mar nach buineadh Singer dhan t-saoghal seo idir, gur e creutair uile gu lèir coimheach à planaid eile a bha ann.
Ach is ann air aodann Miranda a bu mhotha a bha a smaointean. Mar a bha am falt aice a’ sguabadh a malaidh ’s mar a lasadh a sùilean nuair a dhèanadh i gàire. An deaghaidh dha dùsgadh anns a’ mhadainn cha robh e tuigsinn an toiseach carson a bha e faireachadh cho toilichte ’s an uair sin chuimhnich e.
“Thoir an aire!” thuirt e ris fhèin, “air neo nì thu amadan dhiot fhèin a-rithist!” Ach bha e fhathast a’ faireachadh toilichte a dh’ aindeoin sin.
Bhris aon rud air a smaointean ged tha. An uair a sheall e air Sìne aig a’ bhòrd anns a’ mhadainn thug e ’n aire cho geal ’s a bha a h-aghaidh ’s thuig e nach do chaidil i ro mhath.
Thug a mhàthair an aire dhi cuideachd.
“A bheil thu faireachadh gu math, a ghaoil?” arsa Mòrag a’ cur a làimh air malaidh Sìne fiach an robh teas innte.
“Tha mi ceart gu leòr, a mhàthair!” arsa Sìne. “Chan eil orm ach beagan dhen ghalair stamaig a tha dol timcheall an dràsda.”
“Tha mi ’n dòchas nach eil ann ach sin!” ars a màthair. “Ach chan e gun robh thu muigh anmoch o chionn lathaichean!”
Sheall Sìne air Tarmad, ach thionndaidh i a h-aodann air falbh gu math luath ’s thuirt i, “Bithidh mi ceart gu leòr ann an latha no dhà.”
Dh’fhairich Tarmad caran ciontach. Cha robh e air mòran bruidhinn a dheanamh ri Sìne o chionn lathaichean is an raoir bha e-fhèin is Murchadh trang anns na pàircean a’ sealltainn ris na caoraich a bha a’ breith.
Cha do dh’ith Sìne mòran, ’s thog i oirre a Phortrìgh anns a’ chàr aice mus d’fhuair e cothrom bruidhinn rithe.
Bha e trang anns na pàircean fad an latha agus feasgar thàinig Murchadh dhachaigh tràth airson a chuideachadh.
“Chan fhaca thu coltas air Sìne ann am Portrìgh?” arsa Tarmad ris an uair a nochd e anns a’ phàirce-a- deas.
“Chunnaic,” arsa Murchadh. “Chaidh mo chur chun a’ bhanca le airgead agus fhad’s a bha mi ’n sin chunnaic mi Karl a’ tighinn a-staigh agus a’ sìneadh litir, no bileag, do Shìne. Cha do dh’fhan e ach tiotan ’s bha coltas air gun robh e ann an cabhaig. Gu dearbh bha e coimhead mar gun robh an t-eagal air!”
“Tha mi creidsinn gun robh sin air!” arsa Tarmad. “Feumaidh sinn bruidhinn ri Sìne a-nochd.” Bha e air innse do Mhurchadh mar tha mar a thachair e ri Singer an latha roimh ’n sin.
Ach dh’fhòn Sìne mu cheithir uairean ’s thuirt i nach biodh i dhachaigh airson a dìnnear idir, gun robh i dol a-mach còmhla ri Karl.
“Feumaidh gu bheil i faireachadh nas fheàrr!” arsa Mòrag ri Tarmad an deaghaidh dhi an naidheachd seo fhaighinn. ’S dòcha gun tog e a h-inntinn a bhith dol a-mach airson a dìnnear, ach b’fheàrr leam gun robh le cuideigin a mhuinntir an àite seach fear dhe na daoine sin!”
Cha tuirt Tarmad càil. ’S bha e air rabhadh a thoirt do Mhurchadh roimhe sin gun ghuth a ràdh mun choltas a bha air Karl anns a’ bhanca agus a’ bhileag a thug e do Shìne, air eagal gun cuireadh e dragh air am màthair.
Thuit e ’na chadal anns an t-seuthar aig an teine an deaghaidh a dhìnneir. Bha e air a bhith air a chois na h-uiread a thursan an oidhche roimhe sin leis na caoraich ’s bhitheadh e ’n aon rud a-nochd.
Dhùisg e mu ochd uairean ’s chaidh e mach a-rithist. Bha Murchadh a-muigh roimhe. ’S e feasgar brèagha a bha ann ged a bha a’ ghaoth caran fuar ’s bha a’ ghrian a’ cromadh ris an iar.
Bha prosbaig aig Murchadh oir bu toigh leis a bhith coimhead nam bàtaichean agus gu h-àraidh nam bàtaichean-aigeil a bhitheadh a’ seòladh
“Tha feadhainn shuas an siud os cionn taigh Ghilleasbaig gar coimhead le prosbaig!” arsa Murchadh. “Bha aon fhear ann an-raoir, ach ’s e dithis a th’ ann a-nochd!”
“Bheil thu cinnteach nach e Gilleasbaig fhèin fear aca?” arsa Tarmad.
“Chan e. ’S e feadhainn òg a th’ annta le chèile. Chan eil aca ach an aon phrosbaig ’s chunnaic mi ’n dàrna fear ga sìneadh dhan fhear eile.”
“Leig leam-sa coimhead!” arsa Tarmad.
“Tha iad air falbh a-nise,” arsa Murchadh, ach thog e strap na prosbaig far amhaich agus shìn e do Tharmad i.
Chan fhaca Tarmad duine ach dh’fhaighnich e, “An ann air taobh a’ mhonaidh dhen rathad mhòr a bha iad?”
“ ’S ann,” arsa Murchadh.
“Chan fhaiceadh Gilleasbaig bhon taigh idir iad, ma tha,” arsa Tarmad, “agus ’s e droch sheans a th’ ann gun cluinneadh e rud sam bith on tha e cho bodhar, ach faighnichidh mi dheth a-màireach an tug e ’n aire do rud sam bith às an rathad timcheall an taighe aige.”
“Chan e càmpairean a th’ annta co-dhiù,” arsa Murchadh. “Chan eil teanta anns a’ mhonadh, no carabhàn ann an àite-seachnaidh chàraichean eadar seo agus Portrìgh.”
“ ’S dòcha gur e na companaich a th’ ann,” arsa Tarmad, “ach chan eil fhiosam carson a bhitheadh iad a’ cumail sùil air an taigh!”
Chaidh Murchadh a leabaidh aig aon uair deug. Bha e sgìth agus bha aige ri bhith aig obair anns a’ gharaids anns a’ mhadainn. Thug Tarmad air Mòraig a dhol dhan leabaidh aig lethuair an deaghaidh aon uair deug ged a b’ ann an aghaidh a toil.
“B’ fheàrr leam gun tigeadh i dhachaigh!” arsa Mòrag. “Bithidh i cho sgìth a-màireach agus aice ri h-obair a fhrithealadh!”
“Thalla sibhse leabaidh!” arsa Tarmad. “Tha agamsa ri bhith air mo chois co-dhiù ’s chan eil adhbhar sam bith airson an dithis againn a bhith nar caithris!”
“Glè mhath, ma tha,” arsa Mòrag. “ ’S cinnteach gu bheil e nas fheàrr dhomh a bhith ’nam shìneadh ged nach dèan mi norrag cadail gus an till i.”
“Ged nach dèanadh nì e feum dhuibh!” arsa Tarmad. Bha e iomagaineach mu dheidhinn a mhàthar a bhith ro sgìth, ach cuideachd
Bha e faisg air meadhan oidhche nuair a dhùisg fuaim einnsean càir e. Dh’aithnich e nach b’ e an t-einnsean aig càr Sìne a bha ann agus chaidh e chun an dorais, ach bha e air sin a dhèanamh co-dhiù oir bha e faireachadh caran an-fhoiseil on chunnaic Murchadh an luchd-faire.
title | 6 An Luchd-Faire |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |