7 Creideamh nan Companach
An uair e dh’fhosgail e ’n doras chunnaic e ann an solas a’ phoirdse gur e mini a bha anns a’ chàr agus ghabh e iongnadh nuair a thàinig Sìne a-mach às. Dh’aithnich e air a h-aghaidh gun robh i air a bhith fo chùram ’s cha do chuir e ceist sam bith oirre fhad ’s a bha i tighinn a-staigh.
“Bheil Mamaidh air a cois fhathast?” ars ise. B’ aithne dhi dòigh a màthar.
“Chan eil,” arsa Tarmad. “Thug mi oirre dhol a leabaidh on bha mise air mo chois co-dhiù, ach ’s fheàrr dhut a dhol a bhruidheann rithe airson sealltainn dhi gu bheil thu ceart gu leòr, air neo èiridh i!”
“Nì mi sin,” ars ise.
Chaidh Sìne suas an staidhre gu rùm-cadail a màthar ’s chuala Tarmad iad a’ bruidheann mus deach e staigh dhan chidsin ’s a chuir e air an coire airson cofaidh a dhèanamh.
An ceann greis thàinig Sìne staigh dhan chidsin. Bha i ’n deaghaidh a còta a chur dhith agus ged a bha a h-aodann bàn bha i coimhead gu math aice fhèin.
“Bha Mamaidh ag iarraidh èirigh agus biadh a dhèanamh dhomh ach dh’innis mi dhi gun do ghabh mi biadh aig sia uairean ’s gun do ghabh mi cofaidh on uair sin. Chan e nach gabh mi cupa eile ’n dràsda!” ars ise, a’ ruith a corragan tron fhalt aice.
“ ’S math gur e thusa tha seo ’s gun do dh’fhan mamaidh anns an leabaidh!” ars ise le fiamh-ghàire goirid.
Bha Tarmad an deaghaidh cofaidh is bainne a chur anns na cupannan. Dhòirt e ’n t-uisge goileach annta a-nise ’s shìn e cupa dha phiuthair.
“Tapa leat, a Tharmaid!” ars ise. “Tha mi feumach air seo!” Thug i balgam às a’ chupa ’s an uair sin thuirt i, “A bheil Murchadh a-staigh?”
Dh’aom Tarmad a cheann.
“Tha,” ars esan. Shaoil e gur e ceist caran neònach a bha seo ach cha tuirt e guth.
“Tha sin math!” ars ise. “Tha sinn uile sàbhailte a-nise!”
“ ’S e càr Peigi a th’ agam,” ars ise-- - -Tha cuimhne agad air Peigi?- -- -an tè tha ’g obair còmhla rium.”
“Tha,” ars esan.
“ ’S tha ’n càr agams’ aice-se. ’S b’ adhbhar dha seo gu bheil Karl air teicheadh às a’ chàmpa!”
Chunnaic i sùilean Tharmaid a’ fàs na bu mhotha agus chuir i suas a làmh.
“Stad gus an innis mi dhut!” ars ise. “Thàinig e staigh dhan bhanca le bileig a sgrìobh e ag iarraidh orm a choinneachadh aig còig uairean aig àite taobh-a- deas a’ bhaile far a bheil àite-seachnaidh charaichean ri taobh cloich sgoilte. Dh’iarr e orm, nam b’ urrainn domh, càr eile thoirt leam seach am fear agam fhìn air eagal gu faithnicheadh luchd-tòir sam bith an càr agam agus gun leanadh iad mi air sgàth esan fhaighinn.
“Rinn mi-fhìn agus Peigi suaip agus on tha sinn caran coltach ri chèile ’s còtaichean uisge geal oirnn le chèile bha sinn an dòchas nach aithnicheadh duine dè rinn sinn!”
Rinn i gàire.
“Bha Peigi air a togail gu mòr ris a’ phlana ’s thuirt i gun dreigheadh i dhachaigh gu Ceannsaileighre rathad Staffainn is Uige airson gum bitheadh na Companaich a’ saoilsinn gur e mise bh’ innte air mo rathad dhachaigh!”
“Dè dh’ innis thu dhi mun ghnothach?” arsa Tarmad.
“Cha robh tìde agam ach innse dhi gun robh Karl air teicheadh às a’ chàmpa,” arsa Sìne, “ach bha fhios aice gun robh mi falbh le Karl ’s tha Peigi ’n còmhnaidh deiseil airson dibhearsain sam bith. Chan e gur e dibhearsain a tha seo!” ars ise. “Tha mi ’n dòchas gum bi i ceart gu leòr!”
“Tha mi smaoineachadh gum bi,” arsa Tarmad. “Cha bhi iad ag iarraidh strì adhbharachadh gun adhbhar le bhith gabhail gnothach ri tè nach eil ceangailte ri Karl, eadhon ged a dh’aithnicheadh iad nach e thusa th’ innte, ’s tha mi smaoineachadh gun toir an cleas agaibh an car asda!”
“Tha fhios agam a-nise carson a bha iad a’ cumail sùil air an taigh!” arsa Tarmad. Chunnaic e ’n t-eagal a’ tighinn anns na sùilean aice agus chùm e air.
“Chunnaic Murchadh dithis aca leis a’ ghloinne agus bha e smaoineachadh gun robh fear ann an-dè cuideachd-- -ach cha tàinig iad faisg air
“Dh’innis Karl dhomh nuair a dh’fhòn e gu m’ ionnsaigh an-raoir gun robh e smaoineachadh gun robh iad air fàs teagmhach mu dheidhinn,” arsa Sìne. “Cha robh e air faighinn gu fòn airson lathaichean ’s bha iad a’ cumail sùil air gun sgur, ach chaidh aige air faighinn gu fòn anns an taigh-bìdhe an-raoir. Thuirt e gun robh e dhen bheachd gum faigheadh e a dh’ ionnsaigh a’ mhotor-baidhseagail aige an-diugh ach thug e rabhadh dhomh gun innse do dhuine sam bith dè bha e ’m beachd a dhèanamh.”
“Cha robh e ach air ùr thighinn às a’ chàmpa nuair a thàinig e staigh dhan bhanca. Bha sin na b’ fhasa dha na feuchainn ri fònadh à fear dhe na bocsaichean anns an sgueir.”
“Chunnaic Murchadh e anns a’ bhanca,” arsa Tarmad.
“Tha fhios agam,” arsa ise. “Thug mi ’n aire do Mhurchadh ach cha chreid mi gum faca gin dhe na Companaich Karl.”
Chùm i oirre.
Co-dhiù, nuair a ràinig mi ’n t-àite a dh’ainmich e aig còig uairean bha e cho fada gun nochdadh ’s gun robh eagal orm gun d’ rug iad air, ach cha robh e ach a’ feitheamh gus nach biodh càr eile air an rathad ’s an deaghaidh greiseag thàinig e mach às na craobhan air taobh eile an rathaid-- -Bha e air a mhotor-baidhseagail a chur am falach a-measg nan craobhan-- -”
“Carson nach deach e dha na polais?” arsa Tarmad.
“Bha mi dol a dh’ innse sin dhut,” arsa Sìne. “Tha Karl a’ ràdh gun robh Singer anns an CIA roimhe ’s gum b’ urrainn da faighinn g’ a ionnsaigh ge bith càite an cuireadh na polais ann am Portrìgh e! Bha eagal air cuideachd nach creideadh iad e nan canadh e gun robh e ann an cunnart. A bheil thu-fhèin a’ smaoineachadh gun creideadh iad e, a Tharmaid?”
Bha Tarmad sàmhach airson greiseag bheag ’s an uair sin chrath e cheann.
“Cha chreideadh,” ars esan, “ach tha mise ga chreidsinn!”
Chunnaic e faochadh tighinn anns an aodann aice nuair a thuirt e seo ’s thuig e gun robh an t-eagal air a bhith oirre nach creideadh e i.
“O, tha mi toilichte, Tharmaid!” ars ise. “Bha eagal orm nach creideadh duine sam bith sinn!”
“Tha mise gur creidsinn, ged tha!” arsa Tarmad. “Thachair mise ri Singer.”
Ged a bha aodann Sìne fhathast bàn bha i coimhead na bu toilichte a-nise.
“Chaidh sinn a-null a Charbost,” ars ise, “agus dh’fhàg mi Karl còmhla ri Catrìona.” [B’e Catriona banntrach Sheòrais, bràthair am màthar.] “Tha an taigh aice pìos os cionn a’ bhaile ’s bithidh i toirt a-staigh daoine airson leabaidh is breacaist. Mar sin cha chuir duine uibhreachd air fear a bhith fuireach aice ’s gheibh Karl fois is sìth an sin gus an cuir e roimhe dè an ath cheum a ghabhas e.”
Dh’ aom Tarmad a cheann.
“Bithidh e sàbhailte gu leòr an siud a’ chiad ghreis,” esan, “ach feumaidh tu an aire thoirt nach lean iad thusa! Dè thuirt thu ri Catrìona mun ghnothach?”
“Thuirt mi rithe gun robh eagal air Karl roimh dhroch dhaoine a tha às a dheaghaidh. Bha dùil agam gur dòcha gum biodh eagal oirre a ghabhail ach ’s e shaoil Catrìona gur e gnothach inntinneach a bh’ ann!”
“Cha chluinn duine eile mun ghnothach co-dhiù!” arsa Tarmad. “ ’S e tè gu math earbsach a tha ann an Catrìona, ach chan urrainn dhuinn fhàgail ro fhada còmhla rithe air sgàth an dithis aca.”
Dh’fhàs aodann Sìne stòlda a-rithist.
“Tha sin ceart!” ars ise. “ ’S e daoine gu math cunnartach ris a bheil sinn a’ dèileagadh! Air an rathad a-null a Charbost dh’innis Karl dhomh na b’ urrainn dha mu dheidhinn Singer ’s a luchd-leanmhainn-- -air eagal, thuirt e, gun èireadh càil sam bith dha-san. Thuirt e gu bheil Singer ag iarraidh làmh-an-uachdair fhaighinn air inntinnean dhaoine air sgàth nan innleachdan aige fhèin. Chan eil ceangal aca ris a’ chreideamh Crìosdaidh idir ged a tha iad a’ cumail a-mach gu bheil.
“Bha ùidh aig Karl riamh ann an creideamh agus an toiseach bha e air a thogail gu mòr leis a’ bhuidheann seo oir tha iad a’ cumail a-mach gu bheil dòighean aca air soilleireachadh fhaighinn air inntinn Dhè tro obair nàdair, mar a bha Wordsworth is feadhainn eile an dùil gun robh iad a’ faighinn bho àm gu àm, ach tha na Companaich a’ ràdh gun urrainn dhaibh-san tro na dòighean-adhraidh a fhuair iad a-mach – ’s tha mi dèanamh dheth gur e Singer ’s na fàidhean eile aca a tha dèanamh na h-obrach sin – soilleireachadh fhaighinn uair sam bith.
“Tha Karl a’ ràdh gu bheil buidheannan dhe na daoine seo anns a h-uile dùthaich dhen Roinn Eòrpa, ann an Aimeireaga, ann an Ruisia ’s ann an Afraca. Chan eil cuimhne cheart agam air a h-uile càil a thuirt e rium, ach tha fhios agam gun tuirt e gu bheil còmhlan diamhair de na Companaich anns a h-uile buidhinn ’s gu bheil na daoine seo a’ cur fios g’
“Tha iad a’ cumail a-mach on chaidh co-mhaoineachd às nach eil creideamhan cumhachdach anns an t-saoghal ach an Creideamh Crìosdaidh agus Islam agus gu bheil cùram mu obair nàdair a’ sìor fhaighinn làmh-an-uachdair air na creideamhan sin. Tha buill aca anns a h-uile comann glèidhteachais air an t-saoghal a tha ag obair gun sgur airson na buill eile a thàladh a-steach dha na Companaich – seo an ceangal tro am bheil iad dol a dh’ fhaighinn smachd air inntinnean dhaoine agus air an t-saoghal!”
“Shaoileadh tu gu bheil sin do-dhèanta ged tha!” arsa Tarmad.
“ ’S e ’n t-eagal as motha th’ air Karl gun creid daoine sin!” arsa Sìne. “Tha e ràdh nach creideadh e-fhèin e mura robh e air faicinn dè thachair do Bhill Fennell. Dh’ innis Fennell seo do Kharl an oidhche mus deach a mharbhadh. Thuirt Fennell nach eil dòigh air faighinn às a’ chòmhlan diamhair aon uair ’s gu bheil thu ann – tha a leithid de ghrèim aca air an inntinn agad. Tha iad a’ feitheamh gus am bi na buill chumanta freagarrach airson an leigeil a-staigh dhan chòmhlan ’s tha feadhainn ann a tha iad a’ meas ro lag anns an inntinn airson faighinn ann am feasd. Agus ma tha duine cho làidir anns an inntinn ’s nach urrainn dhaibh smachd a chumail air marbhaidh iad e. Tha Karl a’ smaoineachadh gur e seo a thachair do Fennell.
“Mar a thuirt mi dh’ innis Fennell seo do Kharl an oidhche mus d’fhuaireadh marbh e. Tha e coltach gun tuirt Singer ri feadhainn aca seachdain roimhe sin gun robh Fennell lag anns an inntinn ’s nach robh e cumail ri riaghailtean nan Companach. Chreid a’ chuid bu mhotha dhiubh seo ged a bha Karl air tòiseachadh air fàs teagmhach.
“Thàinig Fennell gu Karl air an oidhche, dhùisg e e agus dh’iarr e air a dhol còmhla ris pìos a-mach às a’ chàmpa on bha rudeigin aige ri innse dha. Thuirt Karl rium gun robh seòrsa de dh’eagal air an deaghaidh na
“Nuair a dh’ innis Fennell dha an naidheachd aige cha robh teagamh sam bith aig Karl nach robh Fennell fhèin ga chreidsinn ach bha cuimhne aige air na chuala e mu dheidhinn Fennell a bhith lag anns an inntinn.
“Ach an deaghaidh do Fennell a bhith air fhaighinn marbh anns a’ mhonadh thuig Karl gur e ’n fhìrinn a bh’ aige – ’s chan e sin a-mhàin ach ann an ùine ghoirid an deaghaidh sin thuig e gun robh e-fhèin fo amharas on bha iad dhen bheachd gun do dh’ innis Fennell rudeigin dha.”
Thàinig briseadh ann an guth Sìne.
“Tha mi ’n dòchas gum bi e ceart gu leòr!” ars ise. Chuir i a ceann sìos eadar a làmhan ’s thòisich i air caoineadh.
Chaidh Tarmad a-null, chrom e sìos r’ a taobh ’s chuir e làmh air a gualainn.
“Tha thu air do chuir thuige, thasgaidh!” ars esan.
Choimhead e air uaireadair.
“Tha e gu bhith dà uair sa’ mhadainn ’s tha agad-sa ri d’ obair a fhrithealadh anns a’ mhadainn. Fiach gun chus dragh a ghabhail. Tha gu leòr air an taobh againne agus le cuideachadh Dhè nì sinn an gnothach orra ’s gheibh sinn cuidhteas an sgàile dhorcha seo a tha air tuiteam air an eilean againn!
“Thalla thusa leabaidh a-nise. Tha agamsa ri coimhead air na caoraich fhathast!”
Thog i a h-aodann suas ’s na deòir fhathast air a gruaidhean ’s thug i pòg dha. Thug i fasgadh air a ghualainn ’s chaidh i suas an staidhre.
Fhad ’s a bha Tarmad a’ dol tro na pàircean a’ coimhead air na caoraich cha robh e idir cho dòchasach ’s a leig e air do Shìne a bha e.
Cha robh mòran teagaimh aige a-nise gur e daoine cunnartach, innleachdach agus le cumhachd mhòr air an cùlaibh a bha ann an Singer ’s na daoine aige ’s gun robh Karl ’s is dòcha Sìne ’s e-fhèin cuideachd ann an cunnart bhuatha. ’S aig an aon àm cò chreideadh iad. Cha robh an dearbhadh as lugha aca gun d’ rinn Singer càil às an rathad. Bha barrachd teagaimh air a bhith ’na inntinn fhèin mura b’ e gun robh cuimhne aige air na briathran aig an Inspector Niall MacLeòid mun chorp aig Fennell. “Chan fhaca mi riamh a leithid a dh’ eagal ann an sùilean duine!”
Ach cha tuirt Niall sin aig a’ chùirt rannsachaidh idir. Eil fhios carson? Dh’ fheumadh e bruidheann ris.
Agus air cùlaibh inntinn Tharmaid fhad ’s a bha Sìne a’ bruidheann ’s on uair sin bha an smaoin, “Dè ’n t-àite a th’ aig Miranda anns a’ ghnothach seo?” Cha b’ urrainn dha a chreidsinn gun robh i de mhuinntir Singer.
’S e oidhche chiùin a bha ann ged nach robh gealach ann idir ’s chluinneadh e torman an Lon-fheàrna air a seann rathad sìos dhan mhuir. Bha oiteag ghaoithe ann ’s cùbhraidheachd na talmhainn innte. Chuir e dheth an toirdse aige. Sheas e greiseag anns an t-sàmhchair.
An uair sin chunnaic e priobadh solais, coltach ri solas toirdse anns a’ mhonadh os cionn taigh Ghilleasbaig. Thàinig seòrsa de chrith air Tarmad. Ghreas e staigh dhan taigh cho luath ’s a bha aige, ghlas e ’n doras ’s chuir e na crainn thuige air a’ chòmhla gu h-àrd ’s gu h-ìseal.
title | 7 Creideamh nan Companach |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |