[31]

8 An Lìon a’ Teannachadh

Bha Tarmad a-measg nan othaisgean a-rithist an ath mhadainn nuair a dhfhalbh Sìne. Bha Murchadh air falbh roimhe sin. Chuir e roimhe gum bruidhneadh e rithe mus fhalbhadh i ach bha tàire aig de na h-othaisgean abreiths chùm sin e gun faighinn a-staigh. Ach anns an dol seachad chuir Sìne a ceann a-mach air uinneig achàirs thuirt i, “Tha mi ceart gu leòr, a Tharmaid!”

Dhaom e a cheann le fiamh-ghàire airs chrath e rithe. Bha e-fhèin air oidhche gu math bruailleanach a chur seachad. Bha e muigh aig na caoraich aig sia uairean samhadainn ach eadhon nuair a bha ena chadal bha e faicinn aislingean anns an robh Marston Singer, Miranda, Karl, Sìne agus e-fhèin, le Pàdraig anochdadh an dràsdas a-rithist, adol a-machs a-steach air dorsan ann an taigh mòr dorcha anns an robh e-fhèin air a rathad a chall.

Lethuair an deaghaidh do Shìne falbh thàinig a mhàthair a-machs dhèigh i ris gun robh Pàdraig air afòn. Bha e-fhèins Pàdraig air a bhith air afòn ri chèile a h-uile latha mar a chuir iad romhpa ged nach robh càil às ùr air a bhith aca, ach an-diugh dhaithnich Tarmad air aghuth aig Pàdraig gun robh rudeigin cudtromach aige ri innse.

An tug thusan aire do dhuine sam bith acumail faire ort?” dhfhaighnich Pàdraig anns abhad.

Thug,” arsa Tarmad, “achs dòcha nach eil iad ach afeuchainn ri eagal a chur oirnn! dhfhairich thusa?”

Thug min aire do sholais anns amhonadh faisg air an taigh feadh na h-oidhche!” arsa Pàdraig agus reighinn air mhionnan gun cuala mi cuideigin astairsearachd mun taigh an-raoir!” Is rudeigin eile ...”

Chan eil fhiosam a bheil e glic dhuinn cus a ràdh air afòn, a Phàdraig,” arsa Tarmad. “Chan eil e thar chomais na feadhainn ris a bheil sinn adèiligeadh inneal-claistneachd a chur air afòn againn! Co-dhiù, tha rudeigin agamsa ri innse dhut-sa cuideachd. An urrainn dhut


[32] tighinn a-nall?”

Bithidh mi còmhla riut ann an lethuair,” arsa Pàdraig. “Tha litir agam ri sgrìobhadh an toiseach.”

Glè mhath!” arsa Tarmad. “Bithidh mi anns aphàirce-a- deas. Bfheàrr leam gun mo mhàthair a chluinntinn càil de ar còmhradh!”

Cha robh e ach còig mionaidean fichead an deaghaidh sin nuair a chuala e fuaim achàir aig Pàdraigs an càr astad aig ceann an rathaid. Chunnaic em pearsa goirid aig Pàdraig atighinn a-machs am falt ruadh aige ga shadadh leis aghaoith.

Thusan toiseach!” arsa Pàdraig.

Bha seann chòta aig Tarmad air tomans shuidh iad an sin fhads a bha Tarmad ag innse do Phàdraig an sgeulachd a fhuair e bho Shìne an oidhche roimhe sin.

Cha tuirt Pàdraig guth fhads a bha Tarmad ag aithris na bha aige ri ràdh ach bha aodann asìor fhàs na bu stòldas nuair a bha Tarmad deiseil leig Pàdraig a-mach anail le fuaims thug e sùil an uabhais air Tarmad.

Bhobh!” ars esan, “ged nach biodh fìor ach an treas cuid de na tha thu ag ràdhs e gnothach fìor chunnartach a thanns fada a bharrachd air rud sam bith a burrainn duinne dèiligeadh ris! ’S an deaghaidh tachairt ri Singer tha mi creidsinn gur en fhìrinn a thann an tòrr dheth!

“ ’S an rud a bha mi dol a dhinnse dhut ... Thachair mi ri Niall Macleòid, an t-Inspector, air an rathad eadar seos Eilisiadar an-. Bha mi gu bhith seachad air nuair a stad e mi ... Tha fhios agam mar a tha mise anns achàr co-dhiù ... cha mhòr gu faithnich mi duine ann an càr, ach dhaithnich esan mises phrìob e solais achàir rium.

Nuair a thàinig e mach às achàr chuir e cheann a-staigh air uinneig achàir agamsa an deaghaidh dha coimhead timcheall.

“ ‘Can ri Tarmad an aire thoirt!’ ars esan. ‘Tha daoine mòra air cùl an fhir ud! Chaidh ghlas-ghuib a chur ormsa!’ ”

Dhfheuch mi ri tuilleadh fhaighinn às ach cha chanadh en còrr. Thog e làmh airson stad a chur orm, chaidh e staigh dhan chàr agus dhfhalbh e.”

Bha mi smaoineachadh air an-raoir,” arsa Tarmad. Chuimhnich mi nach tuirt e càil aig achùirt-rannsachaidh mu dheidhinn coltas achuirp! ... Tha fhios agad tha seo aciallachadh! ... gu bheil fear no feadhainn gu math àrd anns aphoilis a tha air taobh Marston Singers mar sin nach eil e gu feum sam bith dhuinn gearain a chur a-staigh


[33] ... eadhon ged a chreideadh iad sinn! ... ’ S ann a bhitheadh e cunnartach!”

Tha e doirbh fhios a bhith againn càite an tionndaidh sinn,” arsa Pàdraig. “Chan eil mi cinnteach an creideadh gin dhe mo bhràithrean anns aChlèir mi ... ’s thaad uile sean co-dhiù ach Dòmhnall Gordon ann an Uiges Calum Grannd ann am Portrìgh. Ma gheibh mi tuilleadh fianais sgrìobhaidh mi gu Tòmas Todd, mo sheann phroifeasar. Tha fhios aige-san gu bheil beagan toinisg agam co-dhiù ... ach bheir e leòr dha mo chreidsinn anns aghnothach seo!”

Thàinig e staigh ormsa sgrìobhadh dhan Bhall-Pàrlamaid, Teàrlach Moireach, ach cha burrainn dha-san càil a dhèanamh nas motha gun tuilleadh fianais!” arsa Tarmad.

Chaidh Tarmad a-null a chuideachadh othaisg a chunnaic e faighinn tàire. ’S ann a bha e air a bhith toilichte anns amhadainn gun robh aige ri bhith ag obair leis na caoraich. Bha an obair atoirt air a bhith faireachadh gun robh beatha nàdarrach an t-saoghail adol air adhart a dhaindeoin na sgàile dhorcha a bha air tuiteam air abheatha aige-sans air an fheadhainn a bha faisg air ann am fuils an càirdeas.

Thàinig Pàdraig còmhla ris.

“ ’S en rud as miosa dheth nach e sinne sinn-fhìn agus Karl a thann an cunnart, ach Sìne cuideachd!” arsa Pàdraig. “ ’S dòcha gum bu chòir dhi falbh air saor-làithean!”

Choimhead Tarmad air.

Dhfheumadh i h-obair a thoirt suas nan dèanadh i sin, a Phàdraig,” arsa Tarmad, “ ’s a bharrachd air sin cha chreid mi gum falbhadh is gum fàgadh i Karls achuid eile againn.”

Dhaom Pàdraig a cheann is an deaghaidh greiseag ... “Tha thu ceart!” ars esans cha tuirt en còrr.

Thàinig e staigh air Tarmad nach tuirt e guth ri Pàdraig mu dheidhinn Miranda agus shaoil e nach robh e ceart gum bitheadh rudeigin ga bhrosnachadh anns aghnothach seo gun fhiosda do Phàdraig. Gu h-àraidh nuair a bha iad còmhla an sàs anns aghnothachs a bha Pàdraig air a bhith cho fosgarra mu dheidhinn e-fhèins Sìne.

Aon rud nach do dhinnis mi dhut,” ars esan. “Thachair mi ri piuthar Singer ann am Portrìgh a bhòn-. Chan eil i ach air ùr thighinn às na Stàiteans chan eil mi smaoineachadh gu bheil gnothach sam bith aice ris na h-innleachdan aig Singer!”

Ciamar as urrainn dhut a bhith cho cinnteach às a sin?” arsa Pàdraig.


[34]

Dhinnis Tarmad dha mar a thuirt Miranda ris ma bràthair, ach cha burrainn dha innse mun dòigh anns an do sheall Miranda air nuair a bha i tionndadh air falbh còmhla ri Singer.

Feumaidh tun aira thoirt, a Tharmaid!” arsa Pàdraig. “Cha mhòr nach eil thu cho -fhortanach leis na boireannaichs a tha mi-fhìn!”

Rinn Tarmad gàire.

“ ’S chan eil sinn eadhon abuinnig aig na cairtean!” ars esan.

Ach ... ” Choimhead e air Pàdraig. “Cha toir sinn suas dòchas fhathast, a charaid!”

Rinn Pàdraig fiamh-ghàire caran càms cha tuirt en còrr air achuspair sin.

Tha agam ri tadhal air bodach is cailleach no dhà,” ars esan.

Fònaidh mi màireach ... ach bi thusa air dfhaiceall! Cuimhnich na thuirt Niall Mòr!”

Duine beag treun!” smaoinich Tarmad fhads a bha e coimhead Phàdraig acoiseachd sìos na croite air ais dhan chàr. “Cha burrainn do dhuine caraid na bfheàrr a bhith aige ann an suidheachadh mar seo! ’S bochd nach do dhobraich gnothaichean a-mach na bfheàrr dha fhèins do Shìne ach chan eil cothrom air.” Co-dhiù, bha Pàdraig aleantainn a dhleasdanais a dhaindeoin dem briseadh-dùil a dhfhaodadh a bhith aige is dhfheumadh esan an aon rud a dhèanamh. Thionndaidh e air ais dha na caoraich.

Chaidh Sìne dhan leabaidh greiseag an deaghaidh dhi a dìnnear a ghabhail. Thuirt i ris gun do dhfhòn Karl às an taigh aig Catrìona a ràdh gun robh e ceart gu leòr, gun robh e gabhail foiss nach robh e dol a ghabhail ceum sam bith gus am bruidhneadh e rithe a-rithist.

Ged a bha Sìne bàn leis an sgìos bha i coimhead na bu toilichte. Thuirt i ra màthair nach robh ceàrr oirre ach droch chnatan ach cha robh Mòrag cho cinnteach.

Tha mi iomagaineach mun nighinn ud!” ars ise ri Tarmad. “Chan eil i coimhead gu math idir. Tha min dòchas gu bheil i ceart gu leòr!”

Cha chreid mi-fhìn gu bheil mòran ceàrr oirre ach gu bheil i air a claoidh leis cho trangs a tha i air a bhith!” arsa Tarmad. “Co-dhiù, tha i dol a leabaidh tràth an-nochds sin fhèin feum dhi!”

Tha min dòchas gun dèan!” arsa Mòrag. “Feumaidh mi bruidheann rithe uaireigin! Chan urrainn dhi a dhol air adhart mar seo!”

Tha mi smaoineachadh gum biodh e na bfheàrr dhuinn fois a leigeil leatha an-dràsda, a mhàthair!” arsa Tarmad. “Tha fhios agam gu bheil i


[35] mothachail air achùram a tha sibh agabhail dhiths gum bruidheann i ruibhna h-àm fhèin!”

“ ’S en duine ud a tha cur oirre, nach e?” arsa Mòrag-- -- “an t-Aimeireaganach?”

Rinn Tarmad doth.

“ ’S e,” ars esan, “ach tha mi den bheachd gur em feum as motha as urrainn dhuinn dèanamh do Shìne sealltainn dhi gu bheil sinn cùramach ma deidhinn ach leigeil leatha innse dhuinnna dòigh fhèin n cuideachadh a bu toigh leatha fhaighinn bhuainn!”

“ ’S cinnteach gu bheil thu ceart!” arsa Mòrag, “ach bfheàrr leam gun robh gnothaichean mar a bàbhaist dhaibh le Sìne seinn feadh an taighes tìde againn uile bruidheann ri chèile!”

Tha thu-fhèin acoimhead sgìth cuideachd!” ars ise ris. “A bheil thu faireachadh gu math?”

Tha, mhàthair,” ars esan. “Tha fhios agad cho beag draghs a tha mise gabhail de rudan! Nach eil thun còmhnaidh ràdh sin?” Rinn e gàire.

Rinn a mhàthair gàire cuideachd.

O, tha sin fìor gu leòr a thaobh gnothaichean airgid!” ars ise, “ach chan eil mu dheidhinn rudan eile!”

Bha fhios aige gun robh i smaoineachadh air Eilidh Alasdair, an nighean air an robh e suirghes a phòs fear eile. Thàinig e staigh air innse dhi mu dheidhinn Miranda ach smaoinich e gum fòghnadh na dhfhòghnadh an-dràsda le trioblaidean Sìne is Karl.

Cha mhòr nach robh na caoraich uile air breith a-nises bha e faireachadh na bu toilichte na bha e o chionn greis nuair a bha e air a rathad a-staigh aig meadhan oidhche. Bha e dorcha agus chuimhnich e nach fhaca e solas idir. ’S dòcha gun robh iad air sgurach an ath rud chunnaic e solass fear eile a-rithists dhfhairich e an t-aon ghaoirsinns a dhfhairich e roimhe. Bha iad afaire fhathast. Bha eg adhbharachadh bròn dha asmaoineachadh air an nighinn bhrèagha thrèin udna prìosanach ann an olc achàmpa. Choisich e staigh le cheann crom is ghlas en doras.

title8 An Lìon a’ Teannachadh
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page