Uibhist a Deas
Tobar na Cròic NF 739455
Bha i seo aig a’ Chròic, an Aird a’ Mhachair aig a’ chladh ùr. Bhiodhte a’ toirt botail dhen uisge aiste airson leigheas. Tha ri ràdh gun deach an tobar seo fon t-siaban, ach tha fios fhathast aig muinntir an àite càit a bheil i.
Tobar Crò Naomh
Bha i seo an Druim Mòr. Tha cunntas oirre aig Carmichael (1900): “A well at Drimore, in South Uist, is called ‘Tobar Cro Naomh’ , Well of the Holy Heart. All who drank of its refreshing and curative waters placed a votive offering in the cairn beside the well. ” (260).
Tobar Beinn Ghòit
Tha an tobar an Uisinis eadar Beinn Ghòt agus a’ Bheinn a Tuath, mu mhìle on taigh-sholais. Bhiodhte a’ dol thuice airson slàinte, agus bhiodhte a’ fàgail airgid innte.
Tobar Easbaig Eòghainn NF 804402
’S ann a-muigh anns a’ mhonadh aig bonn Beinn an Tairbeirt agus aig ceann an ear dheas Loch nan Sgeireag a tha i seo. ’S e tobar slàinte a bh’ innte. Bhiodh an t-Easbaig Eòghainn a’ gabhail anail aice, ’s ag òl deoch aiste.
Tobar Aonghais Ruaidh
Tha i seo a-muigh eadar Corodal agus Hecla. Bhiodh muinntir Dhramasdail a’ dol thuice, ’s bhiodh iad a’ fàgail sgillinnean ann.
Tobar Creag an Fhìon
’S ann glè fhaisg air Uamh a’ Phrionnsa a tha an tobar seo. Dh’òl am Prionnsa Teàrlach deoch aiste agus mhol e an t-uisge, ’s thuirt e gur e seo Tobar Creag an Fhìon agus lean an t-ainm. Bha uisge glan ga mheas mar fhìon; dh’ainmich Donnchadh Bàn, ‘fìon Allt na h-Annaid’.
Is coltach gur e seo an tè a tha aig anOrdnance Surveymar Tobar a’ Phrionnsa: “This name given to a spring well of very pure water, which lies at the northern base ofBeinn Sgreadhan.The name arose from Prince Charles visiting it when on the island. It means Prince’s Well. ”
Tobar Aird Mhaoil NF 718299
Bha ri ràdh gum biodh daoine a’ dol thuice airson deoch nuair a bha iad bochd. Tha i seo ann an cladach a tuath na h-Airde. Tha a’ mhuir ga lìonadh le clachan agus gainmheach.
Tobar an Dèididh NF 7534
Tha i seo am baile Shnaoisebhal, agus tha fios aig daoine oirre fhathast.
Tobar an Donnain NF 730278
Tha i seo an Cill Donnain air a’ chruit aig Iain Dhòmhnaill ’Ic Iain, faisg air làrach teampall Chill Donnain (NF 731282). Bhiodh iad a’ toirt uisge aiste ‘airson bochdain’. Tha clachaireachd mhath oirre agus mullach fiodh oirre, ’s bhathas a’ cleachdadh an uisge mar uisge coisrigte.
Tobar Thiobartain NF 7415
“Tobar Thiobartain nam buadh, i air iomall an Domhain Mhòir.”
Bha an tobar iomraiteach seo ann an Smercleit, ‘seachd iomraichean o rathad an rìgh’. A rèir aithris, bha i seachd iomairean an ear air an rathad a tha suas ris a’ chladach: tha i an-diugh fodha anns a’ mhachair.
Bha ri ràdh anns an àite gun tàinig cailleach chun na tobrach le each le sùil cham, gus uisge slàinte na tobrach a shuathadh rithe. Ri linn seo, chaill an tobar a cumhachd. Dhùin i suas on uair sin. Tha cunntas math aig Carmichael (1900):
“Tobar Thiobartain nam buadh
A chasgas gach falc is fual.
An eilean iomartach a’ chuain
Am fìor iomall an domhain mhòir.
According to tradition, the well of Tiobartan was famous in olden times, pilgrims resorting to it from afar. Then a man brought his sick horse to it, and the spirit of the well fled, shrieking, and never returned. The well is in the machair, near the sea, and is now filled with drift sand. ”(286)
Tobar Adhratobhta NF 796200
Tha i seo faisg air Cill Choinnich an ear-thuath air Loch Baghasdal. Chaidh clach na cill a chur dhan fhaing, agus tha an fhaing air làrach a’ chlaidh. Tha an tobar fhèin am measg chonasg. Tha ri innse gum biodh iasgairean a’ dol thuice air an t-slighe air ais ’s air adhart gu iasgach.
Tobar na Reulaig NF 783096
Tha i seo an Eirisgeigh: toll ann an leac mhòr chiar eadar Uamh na Lice Ruaidhe agus Sloc Ruadh, an iar air Reulaig. Tha an toll mu ochd òirlich de dhoimhnead anns a’ chloich, ’s glacaidh e mu phinnt de dh’uisge. Bhiodh na h-iasgairean tric ag òl aiste.
title | Uibhist a Deas |
internal date | 2000.0 |
display date | 2000 |
publication date | 2000 |
level | |
parent text | Tobraichean sláinte anns na h-Eileanan an Iar |