[69]

11

Stiùir Daibhidh MacÌosaig an Suzuki a-steach do ghàrradh an taigh-òsta ann am Poll a’ Charra an Uibhist a Deas. Stad e, chuir e car dhen iuchair agus theirinn e. Chuir e am motair na sheasamh. Choisich e chun an dorais, a làmhan air an teannachadh ri uchd los nach biodh iad a’ critheadaich. Sin an staid anns an robh e nuair a shuidh e aig bòrd far an robh Donnchadh na shuidhe is glainne uisge-bheatha air a bheulaibh.

An ann a’ gabhail d’ ùrnaigh a tha thu, a Dhaibhidh?” thuirt Donnchadh ris an fhear òg.

’S beag feum a dhèanadh sin dhomh,” thuirt Daibhidh. “Bhrath Calum sinn.”

Ciamar?” thuirt Donnchadh.

Dh’inns e a h-uile sìon mu dheidhinn Dacha Mo Ghaoil, an dol-air-adhart aig Tamara is Tanya agus ... na h-ostraitsean,” thuirt Daibhidh. “Chuir nighean a’ Bhàillidh ann an Uibhist a


[70] Tuath brath gu Steòrnabhagh a dh’iarraidh duine ris an can iad an t-Èildear. Tha e a’ tighinn an seo a dh’aithghearr agus tha e dol a dh’fhaighinn cuidhteas na Ruiseanaich agus tha e a’ dol a bhristeadh mo chasan-sa. e an aon rud air Calum ma gheibh e grèim air.”

Bheil thu cinnteach, a Dhaibhidh?” thuirt Donnchadh.

Bhruidhinn Daibhidh ann an da-rìribh: “Cho cinnteach ’s a tha mi beò ... ge brith cho fad’ ’s a bhios sin.”

Uill, ’s tusa a bha ga iarraidh còmhla riut,” thuirt Donnchadh.

Thuirt thu gum biodh e taghta. ’Eil cuimhn’ agad air a sin?”

Chan eil annad ach am bastar,” thuirt Daibhidh.

Tha teagamh agam,” thuirt Donnchadh. “Chunna mi m’ athair agus tha mi gu math coltach ris.”

Rinn mi mearachd,” thuirt Daibhidh. “ mar fo thalamh a bha fios agamsa gu robh Calum gu bhith mar seo? Cha robh fios agam gun dèanadh e èisteachd ri Pròstanach dubhfear a tha càirdeach dhan Bhàillidh mu Thuath.”

Dh’fheumadh sùilean a bhith agad an cùl do chinn mum bi thu suas ris an dol-air-adhart a bhios aig feadhainn de bhoireannaich,” thuirt Donnchadh. “Tha thu ann an amhoin gun teagamh, a laochain. B’ àbhaist dhutsa a bhith gam chàineadh air sàillibh nan t-shirts le Death before the Free Church. ’S mise a thagh na faclan. ’S ann agam fhìn a bha a’ choire.”

Rinn thusa mearachd an turas sin,” thuirt Daibhidh. “An turas seo, feumaidh mi fhìn rudeigin a dhèanamh. Ma tha mi ann am bogadh, ’s esan am fear a chuir ann mi, agus lùiginn a mharbhadhan fhìrinn a th’ agam.”

Cha chreid mi gum bu chòir dhut sin a dhèanamh,” thuirt Donnchadh. “Leig leis an Èildear dèiligeadh ris.”


[71]

’S an uair sin thig mac na seana ghalla às mo dhèidh-sa?” thuirt Daibhidh. “Gun teagamh, chan e do ghlùinean-sa a th’ ann, ach chan eil sin gu diofar, a bheil?”

Co-dhiù,” thuirt Donnchadh, “chan eil ceangal eadar mi fhìn ’s na h-igheanan Ruiseanach. Cha mhise a phòs shìos an Glaschu ann.” Dhùin e a bheul is dh’fhàs e stùiceach. “Tha an taigh anns an t-Sruth Mhòr ann gun teagamh,” thuirt e, “ach chan eil gnothach agamsa ri mar bhios an fheadhainn a tha fuireach ann gan giùlain fhèin. ’S tha a bhlàth sin air.”

Na bi gad mhealladh fhèin, a Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh.

Tha thusa ann an cunnart cuideachd. Leig Calum às d’ inntinn. Thèid esan dhan Ghearmailt air neo beiridh an t-Èildear air ron uair sin.” Rinn e snodha-gàire. “Air neo thèid a ghlacadh le na poilis ’s an stuth ud aige, agus ’s e ’m prìosan a gheibh e.”

’S fheàrr dhuinn smaoineachadh air an Èildear. Na fosgail do dhoras ri duine sam bith a bhios abruidhinn ann an cainnt nan Leòdhasach ... ma chluinneas tu aghairm chearc aig cuideigin, dèan às cho luaths as urrainn dhut.”

Chan ann mar sin a tha mise afaicinn ghnothaichean,” thuirt Donnchadh. “Cha chreid mi gun dèanadh an t-Èildear fhèin an gnothach air Tamaras Tanya nan rachadh iad a shabaid. Agus air do shon-sa, ged a tha sibh pòsta, tha sibh mar gum biodh dealaichte, agus tha ise adèanamh mar a thoilicheas i fhèin.”

A Dhonnchaidh, tha min dòchas gu bheil thu ceart,” thuirt Daibhidh. “ ’S fìor thoigh leam na glùinean a thagam. Bfheàrr leam gum biodh iad agam airson ùine mhòir fhathast.”

Tha mi ceart,” thuirt Donnchadh.

Bheil thu coma, ge-,” thuirt Daibhidh, “ged a thèid mi a dhfhuireach airson greis còmhla ri Alinas ris achloinn ... agus na pìosan Lego?”


[72]

A Dhaibhidh,” thuirt Donnchadh, “dhfhaodadh tu dhol a dhfhuireach còmhla ri do bhean anns an t-Sruth Mhòr, nam biodh tu faireachdainn na bu shàbhailtes ise gad dhìon. Gheibh sinn clìdhear às. Tha mise dol a sgrìobhadh sgriobt no dhà dha na bodaich. Gheibh thu brath bhuam nuair a bhios an t-àm agad sgur a bhith iomagaineach agus teannadh ri obair a-rithist.”

title11. Is Miosa an t-Eagal na ’n Cogadh
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page