15
“Nach ann ann a tha ghloidhc!” thuirt Daibhidh ri Donnchadh. Bha iad nan suidhe aig bòrd ann an Taigh-òsta Bhorghadail aig crois-rathaid Dhalabrog. Bha boireannach a’ seinn òran tuath-chiùil am badeigin anns an lounge,ach leis an ùpraid a bha timcheall orra, eadar fireannaich a’ gabadaich is glainneachan a’ dèanamh gleadhraich, bu ghann gun dèanadh iad a-mach am fonn no na briathran.
“Bheil fhios agad cò thuige a chuir e fòn às an stèisean?” thuirt Daibhidh. “Thugamsa. Uill, dh’fhòn e gu Alina, ’s chuir e ise ’s a’ chlann air an cois, is bha ’n caothach oirre, is bha agam ri m’ ainm innse dha na poilis mun leigeadh iad leis bruidhinn rium.”
“Thuirt thusa gu robh e air fàs na b’ fheàrr,” thuirt Donnchadh.
“Na b’ fheàrr na cò?” thuirt Daibhidh. “Peter Manuel? Fred West? Hannibal the Cannibal?Tha e dol gam mharbhadh – sin an rud a tha e dol a dhèanamh.”
“Gille laghach,” thuirt Donnchadh.
“Och,” thuirt Daibhidh, “ ’s e tha dhìth air ach fear-lagha. Thuirt mi ris, ‘A Chaluim, gheibh mi fear-lagha dhut. Chan urrainn dhomh an còrr a dhèanamh. ’”
“Dè am feum a tha fear-lagha a’ dol a dhèanamh dha?” thuirt Donnchadh.
“Nì e feum dhòmhsa,” thuirt Daibhidh. “Cha bhi Calum na uallach ormsa an uair sin.”
“Bidh e doirbh fear math fhaighinn a ghabhas Calum,” thuirt Donnchadh.
“An ainm a Dhia,” thuirt Daibhidh, “tha fhios a’m nach fhaigh mi fear math. Bha Calum leis fhèin nuair a chaidh a ghlacadh ’s bha an stuth ann an cùl na bhana. Dè dhèanadh fear-lagha? An toir e air an stuth a dhol à sealladh? Am fear a tha dhìth air Calum, ’s e Paul Daniels.”
“Bheil de dh’airgead agad a phàigheas fear-lagha?” thuirt Donnchadh.
“Chan eil,” thuirt Daibhidh. “Bha mi dìreach ... dè mar a tha thu fhèin dheth, a Dhonnchaidh?”
“A Dhaibhidh, tha mi cho lom ri frìne an-dràsta,” thuirt Donnchadh. “Bheil fhios agad air a seo? Feumaidh gu bheil rudeigin air tachairt dha na h-igheanan Ruiseanach, oir cha d’ fhuair mi sgillinn ruadh bhuapa bho ... tha mi smaoineachadh, an t-airgead mu dheireadh a fhuair mi, ’s ann a’ bhon-dè a bha sin ... Diluain ... ’s ann.”
“ ’S e ’n t-Èildear a rinn e,” thuirt Daibhidh. “Tha am bugair cracte ud air murt is marbhadh a dhèanamh orra shuas aig Tuath, agus tha e a’ dèanamh a shlighe a-nuas gu Deas fhad ’s a tha sinne a’ gabadaich an seo.”
“Na diolacha-dèirce,” thuirt Donnchadh.
“Uill,” thuirt Daibhidh, “tha mi ciallachadh, bha leth-dhùil againn gun tachradh rudeigin mar seo.”
“Ghabh sinn an cothrom,” thuirt Donnchadh.
“Seadh,” thuirt Daibhidh, “ ’s tha an t-Èildear a-nis ga ghabhail air a shocair, mar ghadaiche san oidhche. Nach inns thu dhomh dè ’s còir dhuinn a dhèanamh?”
“Chan eil an t-Èildear a’ dèanamh dragh dhòmhsa,” thuirt Donnchadh. “Thàinig brath a-nuas mu dheidhinn an-diugh fhèin.” Leig e osna. “Trobhad ort, a bheil e caran diùid dheth fhèin?”
“Diùid?” thuirt Daibhidh. “Tha e cho diùid ri streaker.Carson a tha thu a’ faighneachd?”
“Tha e coltach nach eil e airson a bhith am measg dhaoine,” thuirt Donnchadh. “Cha do dh’fhàg e an rùm aige san taigh-òsta bhon a thàinig e a dh’Uibhist.”
“Chan eil mi cinnteach, a Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh.
“Cuiridh mi an tè bheag aig Alina chun an dorais ma chluinneas mi cuideigin a’ beatadh air tron oidhche.” Chrath e a cheann. “A bheil sinn a’ dol a chumail oirnn leis an rud eile? Cuimhn’ agad, Còmhradh gun Chrìochan?”
“Nam shùilean-sa tha e coimhead gu math,” thuirt Donnchadh. “Tha mi air sgriobt no dhà a sgrìobhadh mar-thà. Cha bhiodh tu fada gus am fàsadh tu fileanta leotha. Ach mura bheil thu deònach a dhèanamh, gheibh mi cuideigin eile.”
“Feumaidh tu mo leisgeul a ghabhail, a Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh. “Chan eil mi faireachdainn coltach ri mòran a dhèanamh an-dràsta. Tha mi dìreach eadar a’ chlach ’s an sgrath. Mar a bha am bodach Barrach, tha mi ann an quadrangle.”
title | 15. O Shìorraidh! Tha Gnothaichean Air a Dhol Ceàrr! |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |