16
Sheas an t-Èildear am meadhan an t-seòmair aige anns an taigh-òsta, An t-Eilean Dorcha, am Beinn a’ Bhadhla, agus a rèir cho dearg ’s a bha aodann, bha caothach tioram air. Eadar làmhan mar spaidean chrath e am botal uisge-bheatha.
“Tha seo falamh,” thuirt e. “Tha fear eile am badeigin.” Thog e cluasag a bha air an leabaidh agus ghabh e grèim air botal slàn Grouse. “Seo e. Bheil thu ’g iarradh tè bheag, a Mhairead?” Cha tug e fiathachadh dhan gille òg philleagach a bha na sheasamh san doras. Chuir e car de mhullach a’ bhotail agus lìon e glainne leth-phinnt leis an uisge-bheatha.
“Tha e ro thràth dhòmhsa,” thuirt Mairead, ’s i na suidhe air sèithear tiugh ri taobh an telebhisean.
“Ro thràth?” thuirt an t-Èildear. “Tha e gus a bhith cairteal gu deich.”
“Tha e fhathast ro thràth,” thuirt Mairead. “Siuthad thusa ma tha thu ’g iarraidh drama, ge-tà.”
“Gabh mo leisgeul, a bhean chòir,” thuirt an gille. “Bheil thusa dol gam phàigheadh airson ... uill ... umh, an stuth?”
“Chan eil,” thuirt Mairead.
Choimhead an gille oirre san dà shùil. “Nach ann annad a tha a’ bhanaicheard!” thuirt e. “Bha dad a’m gu robh thu toirt a chreidsinn orm.”
“Cha bhi mise toirt a chreidsinn air duine uair sam bith,” thuirt Mairead. “Iarr an t-airgead air an Leòdhasach.”
“Tha an troich beag ud ag iarraidh airgead, a bheil?” thuirt an t-Èildear. “Bastar. Ma bheir mise làmh ort, cha bhi càil dhìot ach na brògan.”
“Mhurchaidh,” thuirt Mairead, “ge brith dè reic e dhut, feumaidh tu a phàigheadh.”
“Leth-chairteal a thug mi dhut,” thuirt an gille. “Còig nota deug, a dhuine.”
“Tha an stuth agad gun fheum, a bhalaich,” thuirt an t-Èildear. “Bhiodh barrachd kick ann an Oxo cube.Nuair a smaoinicheas mi, ’s dòcha gur e Oxo cube a thug thu dhomh.”
“Cha b’ e, cha b’ e,” thuirt an gille.
“Mhurchaidh,” thuirt Mairead, “pàigh e.”
“Air an dreasair,” thuirt an t-Èildear. “Tha mo mhàileid-phòca air an dreasair.”
“Leig leis falbh,” thuirt Mairead. “Tha mi airson bruidhinn riut.”
“Hoigh, bhalaich,” thuirt an t-Èildear. “Tha dà fhichead ’s a trì innte. Nuair a dh’èireas mi bidh mi ’n dòchas gum bi trì-deug thar fhichead innte. Tuigsinn?”
Choisich an gille chun an dreasair, thog e a’ mhàileid-phòca agus thug e a-mach deich notaichean.
“Okay,” thuirt an gille. “Nach eil mi faighinn tip idir?”
“Chan eil,” thuirt an t-Èildear.
Thionndaidh an gille a cheann agus choimhead e air an Leòdhasach mar gum biodh e air a leamhachadh ’s air a sgreamhachadh aig an aon àm. Thuirt e, “Cha b’ e sin an duanag a bh’ agad aig leth-uair an dèidh còig sa mhadainn an-diugh.”
“Bheir mi dhut tip,ma-thà,” thuirt an t-Èildear. “Faigh obair cheart.”
“Tha seo nas fheàrr na bhith a’ buain na mònadh,” thuirt an gille.
“Chan aithne dhomh càil mu dheidhinn sin,” thuirt an t-Èildear. “ ’S e oil-fired central heating a th’ againne air a’ Bhac.”
Choisich am fear òg chun an dorais. Stad e. Thionndaidh e is chuir e aghaidh ris an Leòdhasach. “Uill,” thuirt e, “chan eil e mòran nas fheàrr na bhith buain na mònadh, aig amannan. Ach tha e, tha e a’ chuid as motha dhen ùine nas fheàrr na sin. Corra uair, bheil fhios agad, coinnichidh tu ri cruadhlag, agus an uair sin tha e dìreach nas slaodaiche.”
“Bheil fhios agad air seo, a bhalaich?” ’s e a’ cur na glainne sìos air bòrd gu faiceallach. “Latha brèagha air choreigin bheir cruadhlag dhut buille a leabhailigeas tu, ’s tu bruidhinn mar sin. Dè mar a chòrdadh sin riut?”
“Saoil an cuireadh e barrachd gaoir annam na ’n t-Oxo cube? ”thuirt an gille.
“Tarraing, a mhic na mallachd,” thuirt an t-Èildear.
“Thoir grunnd ifhreann ort,” thuirt an gille, is dh’fhalbh e gu luath, ’s e dèanamh brag nuair a dhùin e an doras.
Lion an t-Èildear a ghlainne a-rithist agus ghabh e balgam.
Bhruidhinn e ri Mairead le mulad na ghuth: “Sin an dearbh àite far a bheil mi air a bhith bhon a ràinig mi an t-eilean seo. Tha mi air a bhith glaiste a-staigh an seo bho Dhimàirt seo chaidh, ’s chan eil mi faicinn ach mèirlich. An dàrna fear nas miosa na ’m fear eile. ’S tha mi air fortan a chosg air ... air Oxo.”
“Am bi thusa taght’ airson Latha na Sàbaid?” thuirt Mairead.
“ ’S e Diardaoin a th’ ann an-diugh. Chan eil cus ùine agad.”
“Tha mi cho fiot ri fiadh an-dràsta fhèin,” thuirt an t-Èildear. “Thighearna, nach leig thu leam?”
“Tha mi air m’ inntinn atharrachadh,” thuirt Mairead. “Seachain na h-igheanan Ruiseanach. Chan eil iadsan an lùib a’ ghnothaich a-nis ann. ’S e a nì thu, thèid thu as dèidh an duin’ ud, Tiny MacCormaig, ’s nuair a bhios tu ullamh, cuiridh tu eagal a bheatha air Daibhidh. An urrainn dhut sin a dhèanamh? Cha gheàrr mi d’ airgead idir.”
“Tha sin math gu leòr dhòmhsa,” thuirt an t-Èildear.
“Trobhad, a Mhurchaidh,” thuirt Mairead. “An-diugh feasgar thig triùir a-nuas dhan rùm agad an seo agus bruidhinnidh iad riut mu dheidhinn dè th’ agad ri dhèanamh. Thèid thu air sgrìob còmhla riutha.”
“Cà ’n Diabhal a bheil iad?” thuirt an t-Èildear. “Iarr orra tighinn suas an seo.”
“Thusa,” thuirt Mairead, “innsidh mi dhut dè tha thusa dol a dhèanamh – ceart? Tha thu dol innte.”
“Chan eil mi sgìth,” thuirt an t-Èildear.
“Tha coltas ort gu bheil thu cho sgìth ri seann chù,” thuirt Mairead. “Theirg dhan leabaidh, amadain. Chan eil e aon uair deug fhathast. Thig na daoine a choimhead ort timcheall air trì uairean, agus ’s fheàrr dhut bhith air do chois, oir mura bi,
“Okay, ”thuirt an t-Èildear.
“Chan fhaigh thu deoch,” thuirt Mairead, “chan fhaigh thu dad a smocas tu, chan fhaigh thu dad idir. Gabh shower agus theirg dhan leabaidh. Tuigsinn?”
“Cha ghabh mise òrdughan bho neach sam bith,” thuirt an t-Èildear, “gun luaidh air do leithid-sa, a phlàigh.”
title | 16. Onfhadh an Eildeir |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |