17
Thionndaidh Mairead dheth einnsean an Land Rover agus dh’fhan i gus an tàinig MacAsgaill a-mach às a’ bhanca an Loch nam Madadh. Nuair a fhuair e a-staigh theann e ri bruidhinn sa bhad: “Chan ann a’ gearain a tha mi, ach a bheil fhios agad gun do chuir thu còrr is ceud mìle air a’ mhileage bhon a thug mi iasad dhen charbad seo dhut a’ bhòn-dè?”
“Faigh os a chionn,” thuirt Mairead. “Bidh fada a bharrachd air a’ mhileage mun tig ceann na seachdain. Tha mi feumachdainn an Land Rover a-màireach a-rithist.”
“Nach tu a tha toirt na h-ùine, a nighean!” thuirt MacAsgaill. “Okay,tha mi an seo. Dè an droch naidheachd a th’ agad dhomh a-nis?”
“Uill,” thuirt Mairead. “tha e coltach gu bheil ... umh, gu robh cnap-starra romhainn leis an Leòdhasach.”
“Chan eil còir aig cnap-starra sam bith a bhith romhainn,” thuirt MacAsgaill. “Dè tha ceàrr?”
“An t-Èildear,” thuirt Mairead. “Chan eil feum sam bith ann. Chuir mi às dha na Ruiseanaich mi fhìn. Uill, nuair a thig an ath-oidhch’, cha bhi sgeul orrasan. Tha seòrsa de thuairmse nach bi sinn a’ cluinntinn guth bhon Dòmhnallach airson deagh ghreis ... ”
“Dè mu dheidhinn Dhaibhidh?” thuirt MacAsgaill.
“Leig leam crìochnachadh,” thuirt Mairead. “Tha mi glè chinnteach gum faigh mi grèim airsan nuair a thogras mi, ach Tiny, chan fhaigh mi faisg airsan an-dràsta.”
“Ach ’s esan an ceannard,” thuirt MacAsgaill. “Nach dèan an t-Èildear an gnothach air an fhear sin?”
“Chan urrainn dha,” thuirt Mairead. “Nam b’ e an t-Èildear a b’ aithne dhòmhsa bho chionn fhada, bha e air an gnothach a dhèanamh. Ach an-diugh, chan eil ann ach siofag.”
“Dè tha ceàrr air?” thuirt MacAsgaill.
“A’ chiad rud,” thuirt Mairead, “tha e ag òl mar an trosg. Cuideachd, tha e air fàs uabhasach dèidheil air ganja.”
“Dè thuirt thu, a nighean?” thuirt MacAsgaill.
“Ganja ... stuth ... cannabis ... marijuana,bheil fhios agad?” thuirt Mairead.
“O, tha mi tuigsinn,” thuirt MacAsgaill.
“Co-dhiù,” thuirt Mairead, “tha e air a bhith an trioblaid leis an lagh a thaobh nighean òg aois sgoile; tha e dìomhain; tha a’ bhean a’ falbh le gill’ òg; agus tha àmhghair aige leis a’ chloinn aige fhèin. Agus chan eil e na èildear nas mò.”
“Cha chuireadh sin bacadh air an obair a bha e dol a dhèanamh an seo, an cuireadh?” thuirt MacAsgaill.
“Chuireadh,” thuirt Mairead. “Cha tig e a-mach às an rum.”
“Carson?” thuirt MacAsgaill.
“Paranoia, ”thuirt Mairead. “Nuair a ràinig e Beinn a’ Bhadhla dh’iarr e orm cnap dhen stuth fhaighinn dha, agus shaoil mi: chan e mo ghnothach-s’ e. Bhruidhinn mi ri cuideigin, is thug am fear a bha seo stuth dha. Ach ’s e a rinn an t-Èildear an uair sin, thug e air an duine innse dha cò an fheadhainn eile a bha sa ghnìomhachas sin. Tha e air a bhith beò air cannabis is uisge-beatha bhon a thàinig e.”
“Feumaidh an t-Èildear Uibhist fhàgail,” thuirt MacAsgaill. “Bha e air a bhith math nan robh e air falbh an-dè.”
“Trì uairean an-diugh, a dh’innse na fìrinn,” thuirt Mairead.
“Dè thuirt thu?” thuirt MacAsgaill.
“Chaidh a ghlacadh le triùir bho eaglais mhòr a’ Bhac an-diugh aig trì uairean,” thuirt Mairead.
“Ciamar?” thuirt MacAsgaill.
“Dh’fhòn mi thuca,” thuirt Mairead. “Dh’inns mi dhaibh gu robh e às a chiall ’s gum biodh e na b’ fheàrr dha a bhith am measg a dhaoine fhèin air leabaidh a bhàis.”
“ ’S thug iad air falbh e gun strì?” thuirt MacAsgaill.
“Cho luath ’s a thug e sùil air na feannagan a bha siud,” thuirt Mairead, “dh’fhalbh e mar uan beag. Chunnaic mi an ceathrar aca a’ falbh. Bheil fhios agad dè thuirt am fear àrd tana dhiubh ris an uair a stob iad a-staigh dhan chàr e? ‘Tugainn, a Mhurchaidh;’ thuirt e, ‘chan eil Soisgeul Crìosdail aca an Uibhist ann. ’”
“ ’S dòcha nach robh e fada ceàrr,” thuirt MacAsgaill. “Okay,chan eil air fhàgail a-nis ach Tiny ... agus am fear òg, Daibhidh.”
“Thàinig smaoin thugam dìreach an ceartuair,” thuirt Mairead. “Cha chreid mi nach tèid agam air faighinn faisg air.”
“Bha dùil a’m nach b’ urrainn dhut,” thuirt MacAsgaill. “Cha robh fhios agad cà ’m bitheadh e.”
“Daibhidh,” thuirt Mairead. “Cuiridh mi geall gu bheil fios aigesan càit am bi Tiny, a-màireach feasgar no an ath-oidhch’ .”
“An inns e dhut?” thuirt MacAsgaill.
“Innsidh,” thuirt Mairead. “Cha chreid mi nach eil dòigh agam air faighinn a-mach far am bi Donnchadh còir ag atharrais air Clint Eastwood, a’ smocadh a chuid Hamlets agus a’ dèanamh a shùilean caogach.”
“Cha bhi aimhreit sam bith ann, ge-tà,” thuirt MacAsgaill.
“O, tha e doirbh a ràdh,” thuirt Mairead.
“Ach bidh seo uile seachad a dh’aithghearr, nach bi?” thuirt MacAsgaill.
“A Mhaighstir MhicAsgaill,” thuirt Mairead, “bidh a h-uile sìon seachad an ath-oidhch’ aig deich uairean. Mo ghealladh: mura bi, innsidh mi dhut dè nì mi. Leigidh mi leat mo thoirt a-mach gu dìnnear.” Rinn i gàire. “Ann am Maxim’s am Paris.” Bhruidhinn i gu ciùin na chluais: “Agus cha chan mi guth ri Màiri.” Rug i air aodann le a dà làimh is thug i dha pòg. “Mmmmm.”
Bhrùth i MacAsgaill a-mach às an Land Rover,chuir i an t-einnsean a dhol agus ghluais i air falbh.
Bha MacAsgaill na throtan às a dèidh. “Stad, a Mhairead, stad,” dh’èigh e.
Stob Mairead a ceann a-mach air an uinneig agus bhruidhinn i ann an guth milis: “Cùm ort, a Mhaighstir MhicAsgaill. B’ fheàirrd’ thu beagan eacarsaich. Chan eil mi airson gum bi tinneas cridhe ort.”
“Cha chreid mi nach eil stròc a’ tighinn orm an-dràsta fhèin,” thuirt MacAsgaill.
title | 17. Nuair a Thigte ri Duine, Thigte ris Uile |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |