18
Bha Daibhidh na shuidhe air beingidh ann an Reception an Creag Ghoraidh, pinnt lagair air a’ bhòrd air a bheulaibh. Bha e mu chòig uairean feasgar.
Chroch Mairead a còta air cromag ri taobh an dorais is shuidh i ri thaobh. Dh’òrdaich i fìon geal.
“Am faod mi suidhe an seo?” thuirt Mairead.
“Faodaidh, a leabhra,” thuirt Daibhidh.
“Chan eil mòran a-staigh mun àm seo,” thuirt Mairead.
“Chan eil,” thuirt Daibhidh. “ ’S ann as fheàrr leamsa. Bidh mise tighinn an seo a h-uile latha.”
“Tha fhios agam,” thuirt Mairead.
“Chan fhaca mi thusa a-staigh an seo roimhe,” thuirt Daibhidh. “Chan eil mi gad aithneachadh idir.”
“Cha tuirt mi gun aithnicheadh,” thuirt Mairead. “Chan eil mòran ann a dh’aithnicheas mise an seo. Chan eil annam ach neach-lagha – sin uile. Cha robh mi riamh nam bheatha a-staigh an seo.”
“Dè thug ort tighinn a-staigh an-diugh?” thuirt Daibhidh.
“Bha mi a’ coimhead air do shon-sa,” thuirt Mairead. “Bha mi a’ coimhead air do shon agus dh’inns am fear a bha seo gum biodh tu tighinn a-staigh an seo gu math tric mun àm seo dhen latha. Mar sin, thàine mi a-staigh. Furasta, dè?”
“Cò am fear a bha seo?” thuirt Daibhidh.
“Caraid dhut,” thuirt Mairead. “Uill, tha e na charaid aig fear air a bheil thu fhèin gu math eòlach.”
“Dè an t-ainm a th’ air?” thuirt Daibhidh.
“Tomaidh,” thuirt Mairead.
“Chan aithne dhomh duine air a bheil an t-ainm sin,” thuirt Daibhidh. Shluig e sìos mu chairteal dhen phinnt aige. “ ’S fheàrr dhomh falbh.”
“Cuiridh sin iongnadh air Tommy ... ’s air Calum cuideachd,” thuirt Mairead.
“Tha fhios agad dè dh’èirich do Chalum?” thuirt Daibhidh.
“Tha,” thuirt Mairead. “Nis, nach gabh thu fois airson mionaid, a Dhaibhidh – okay?Gabh pinnt eile. O, tha motair agad, cuideachd, tha mi tuigsinn.”
“Tha,” thuirt Daibhidh.
“Suzuki Bandit 600,” thuirt Mairead. “An tanca air a pheantadh orains?”
“Ceart,” thuirt Daibhidh.
“Am bi thu smocadh?” thuirt Mairead.
“Dìreach Marlboro,” thuirt Daibhidh.
“Uill, tha sin math,” thuirt Mairead. “Feumaidh tu bhith faiceallach mu dheidhinn sin. Tha na poilis uabhasach fhèin trom air an fheadhainn a tha ris an stuth eile. ’S ann aig Calum còir a tha fios air a sin, dè? Tha thu air a bhith a-mach às an oilthigh, dè – bliadhna?”
“Bliadhna gu leth,” thuirt Daibhidh.
“Ceart,” thuirt Mairead. “Sociology – ’n e ’n fhìrinn a th’ agam?”
“ ’S e,” thuirt Daibhidh.
“Sin thu fhèin,” thuirt Mairead. “Tha e math nach eil thu smocadh nan spliffs tha sin. Chan eil thu airson gun tig na poilis às do dhèidh, a bheil?”
“Chan eil,” thuirt Daibhidh, ’s e a’ gluasad gu h-anshocrach air a’ bheingidh.
“Agus cha tig iad às do dhèidh,” thuirt Mairead, “a chionn ’s nach do rinn thu cron – a bheil mi ceart?”
“Dìreach a’ gabhail pinnt san taigh-òsta,” thuirt Daibhidh.
“Gu dearbha fhèin,” thuirt Mairead, “chan eil dad ceàrr air a sin. Feumaidh gu bheil thu air fàs an-àird, a dhuine.”
“Uill,” thuirt Daibhidh, “fhuair mi girlfriend mu dheireadh thall.”
“Tha sin math,” thuirt Mairead. “Dè mar a tha i?”
“Chan eil i cho math sin,” thuirt Daibhidh. “A dh’innse na fìrinn, tha i grod. Cha tèid i dhan leabaidh còmhla rium. Ach tha mi dol a chumail orm, ge-tà, gus am faigh mi tè a bhios deònach. Tha e coltach gu bheil iad pailt gu leòr – ’s e dìreach nach eil mise a’ coinneachadh riutha.”
“Sin thu, bhalaich,” thuirt Mairead. Rinn i ‘Hud’ le teanga ’s le fiaclan. “Shìorraidh,” thuirt i, “ ’s olc an airidh. Nan robh mi air coinneachadh riut na bu thràithe. B’ aithne dhomh nighean a bheireadh deagh chuideachadh dhut anns an obair a tha sin. Gu mì-fhortanach, tha i a’ fàgail Uibhist a-nochd.”
“Seadh?” thuirt Daibhidh.
“Seadh,” thuirt Mairead. “Tha sin mì-chiatach. ’S dòcha gun cuala tu iomradh oirre. Tamara NicÌosaig. Nighean bhrèagha.
Nighean mhòr bhrèagha, ’s tha i a’ togail oirre a-nochd dhan Ghearmailt. I fhèin ’s a caraid, Tanya.”
“Feumaidh nach d’ fhuair i duine ann an Uibhist,” thuirt Daibhidh.
“ ’S dòcha,” thuirt Mairead. “Ach chuala mi gu robh duine aice an Uibhist.”
“Seadh, gu dearbh,” thuirt Daibhidh.
“Agus gu robh an tèile, Tanya, pòst’ aig Calum Dòmhnallach,” thuirt Mairead.
“Cha chreid mi nach gabh mi pinnt eile,” thuirt Daibhidh.
“Uill, a-nis,” thuirt Mairead, ’s i ga leigeil seachad, “tha e coltach gun do ghluais iad a-staigh do thaigh anns an t-Sruth Mhòr – taigh a bhuineadh do chailleach ’s a tha a-nis ann an ainm duine às Uibhist a Deas. ’S e Donnchadh MacCormaig a chanas iad ris. O, ghràidhein, bhiodh parties eagalach aca a h-uile h-oidhche dhen t-seachdain – òl is ceòl is fireannaich, bheil fhios agad? – agus a h-uile madainn thigeadh tè dhiubh a-nuas gu Deas le parsail làn notaichean.”
“Wow!” thuirt Daibhidh.
Bhruidhinn Mairead ann an guth ìseal: “Cà ’m bi e a-nochd?”
“Cò?” thuirt Daibhidh.
“Donnchadh MacCormaig,” thuirt Mairead. “A-nochd: cà ’m bi e?”
“Chan eil fhios agam,” thuirt Daibhidh.
“Dhaibhidh, a laochain,” thuirt Mairead, “tha an t-àm agad a bhith smaoineachadh ort fhèin. Tha mise deònach do chuideachadh, ach feumaidh tu fhèin oidhirp a dhèanamh.”
“Seo a’ chiad uair a chunnaic mi thusa,” thuirt Daibhidh.
“ ’S e càirdean ùra an fheadhainn as fheàrr,” thuirt Mairead. “Am fear sin, Tiny, chan urrainn dhut a bhith cinnteach às. Cuimhnich air Trà Lì.”
“Chan aithne dhomh bho thalamh cò thu,” thuirt Daibhidh.
“Chan eil mòran sam bith eòlach ormsa,” thuirt Mairead. “O, an t-Èildear, agus, O, seadh: Seòras, am poileasman. ’S aithne do Sheòras mi. Bheil thu airson gum fòn mi gu Seòras? Faodaidh tu bruidhinn ris, feuch am faigh thu a-mach tuilleadh mu mo dheidhinn.”
“Chan eil,” thuirt Daibhidh.
“Okay, ”thuirt Mairead, “cà ’m bi e a-nochd?”
“Chan eil clue fon ghrèin agam,” thuirt Daibhidh. “Chan fhaca mise Donnchadh ach dhà no trì thursan bhon a thill mi dhachaigh. Chan eil fhios agam dè bhios e a’ dèanamh air an oidhche. Bidh e aig an taigh, tha mi creidsinn.”
“Okay, ”thuirt Mairead. Chuir i crìoch air a glainne fìon. “Bidh mi gad fhaicinn, a Dhaibhidh, a laochain. Feumaidh mi bruidhinn ri Seòras.” Dh’èirich i far na beingeadh.
“Fuirich mionaid,” thuirt Daibhidh.
“Carson?” thuirt Mairead. “Tha thu ’g innse dhomh nach eil fios agad. Okay,gabhaidh mi ris a sin.”
“Càit am bi Donnchadh a-nochd,” thuirt Daibhidh, “ ’n e sin a tha thu ’g iarraidh orm innse dhut?”
“Trobhad, ’ill’ òig,” thuirt Mairead, “tha Calum sa phrìosan. Tha dà rathad a dh’fhaodas mi a leantail. Rathad an Acrais, thèid an dithis agaibh, thu fhèin ’s Donnchadh, dhan phrìosan còmhla ri Calum. An rathad eile, cha tèid ach aon fhear agaibh ann.”
Theann Daibhidh ri bruidhinn gu sgagach: “Tha mi ... Ìosa, chan eil fhios agam.”
“Ceart,” thuirt Mairead, “gabh do roghainn, agus gabh an-dràsta fhèin i.”
“Leig leam smaoineachadh ... ” thuirt Daibhidh.
“Cha leig,” thuirt Mairead. “Cas no bas, an-dràsta fhèin. Feumaidh mise falbh.”
“Chan eil fhios a’m ... chan eil fhios a’m an tèid agam air seo a dhèanamh,” thuirt Daibhidh.
“An tèid agad air an rud eile a dhèanamh?” thuirt Mairead. “Am prìosan?”
Chagainn Daibhidh a bheilleagan, ’s e a’ sìor shuathadh a làmhan air a bhriogais. “Cha tèid.”
“Uill,” thuirt Mairead, “tha e coltach gu bheil thu air roghainn a dhèanamh, mar sin.”
“Dè th’ agam ri dhèanamh?” thuirt Daibhidh.
“Faigh a-mach cà ’m bi e a-nochd,” thuirt Mairead.
“Tha fhios a’m air a sin mar-thà,” thuirt Daibhidh. “Bidh e snàmh anns a’ phool an Sgoil Lionacleit. Uaireigin eadar còig ’s a sia. Tha e dol a chur fòn thugam no rudeigin a-nochd. Dh’inns mi dha gum bithinn aig an taigh fad na h-oidhche.”
“Cha bhi thu,” thuirt Mairead.
“Nach bi?” thuirt Daibhidh.
“Cha bhi,” thuirt Mairead.
“Càit am bi mi?” thuirt Daibhidh.
“Bidh thu còmhla riumsa,” thuirt Mairead, “agus bidh sinne far am bi esan – anns a’ phool.”
“Mhoire Mhàthair,” thuirt Daibhidh, “chan urrainn dhomh sin a dhèanamh.”
“Okay, ”thuirt Mairead, “tha thu air an roghainn eile a ghabhail mar sin.”
“Chì e an dithis againn còmhla ’s tuigidh e sa bhad gu bheil rudeigin fada ceàrr,” thuirt Daibhidh.
“Ach tha cothrom againne gnothaichean a chur ceart,” thuirt Mairead. “Dhaibhidh, tha cothrom agadsa thu fhèin a chur air an t-slighe dhìrich às dèidh seo.”
“Dè tha thu ciallachadh?” thuirt Daibhidh.
“Dh’fhaodadh tu a dhol a-staigh airson lagha,” thuirt Mairead. “Tha companaidh agamsa an Dùn Èideann agus tha sinn an còmhnaidh a’ coimhead a-mach airson dhaoin’ òga a dhèanadh adhbhar luchd-lagha. Bi smaoineachadh air. Neist, ’s fheàrr dhuinn dèanamh air Sgoil Lìonacleit.”
“An lean mi thu air a’ mhotair?” thuirt Daibhidh.
“Fàg an seo e,” thuirt Mairead. “Leum a-staigh dhan Land Rover còmhla rium fhìn.”
“Okay, ”thuirt Daibhidh.
Rug Mairead air a còta is thug i roid a dh’ionnsaigh an dorais, Daibhidh ga leantainn ann an cabhaig.
title | 18. Is Minig Carach na Boireannaich |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |