[110]

19

Sheas Mairead agus Daibhidh air na leacagan a bha a’ ruith timcheall air an amar-snàimh an Sgoil Lìonacleit. Bha gleadhraich anns an àite, uisge asuathadh gun sgur agus clann ag èigheachs asgreuchail. Chùm Mairead a sùil air Donnchadh, ’s e asnàmh na bfhaisges na bfhaisge air oir an amair far an robh i fhèin is Daibhidh nan seasamh. Nuair a làimhsich Donnchadh am balla, chrùb i sìos is rug i air a chluais.

Haidh, a Dhonnchaidh,” thuirt Mairead. “Nach tu tha math air snàmh. Ach tha na siorcan uile math san uisge.”

Haidh,” thuirt Donnchadh is anail na uchd. Chaith e smugaid. “ tha seo, a Dhaibhidh?”

Dhimlich Daibhidh a bheilleagan mun do fhreagair e. “Seo agad ... umh, chan eil fhios am chanas iad rithe ... Seo agad an gafair ùr agam, a Dhonnchaidh,” thuirt e. “ ’S fheàrr dhut èisteachd rithe.”

Okay, ”thuirt Donnchadh, “greas ort, a nighean. Chan eil cus ùinagam.”


[111]

Chan eil ùinidir agad, a Dhonnchaidh,” thuirt Mairead. “Tha achluich caillte.”

tha thu smaoineachadh a thannadreferee?” thuirt Donnchadh.

Chan eil thu fada ceàrr,” thuirt Mairead. “ ’S e neach-lagha a thannam.”

Tha gràin an uilc agam air luchd-lagha,” thuirt Donnchadh. “Agus chan eil mòran agam mu do dheidhinn-sa, a ghalghad.”

Abharail a thaig mo chàirdean agam ormsin an rud a tha prìseil dhòmhsa,” thuirt Mairead. “Mura bheil meas agad orm, biodh agad. Tha mise coma.”

Tha mi air bhioran gus an cluinn mi thagad ri ràdh,” thuirt Donnchadh.

Cha do leig Mairead oirre gun cuala i e. “Tha mi deònach gum bi a h-uile dad ceart agus cothromach air oighreachd Lord Granville an Uibhist a Tuath. Chan eil iad sin – ’s fada bhuaithe.”

O, tha mi duilich sin a chluinntinn,” thuirt Donnchadh. “Cha dèan math dhuinn fear a bhuineas do dhEalasaid chòir a chur throimht-a- chèile. as miosa tha dèanamh dragh dhut?”

Thusa,” thuirt Mairead.

Dhia,” thuirt Donnchadh, “cha robh fios agam gun aithnicheadh neach-lagha mo leithid-sa.”

Ach tha mi gad aithneachadh, a ghràidhein,” thuirt Mairead. “Agus mura dèan thu mar tha mise ag iarraidh ort, bidh neach-lagha a tha fada nas àirde na mise afaighinn gu math eòlach ort cuideachd: an Siorram.”

Tha fhios aice air a h-uile sìon, a Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh.


[112]

Chan eil fios aice air sgath,” thuirt Donnchadh. “ ’S dòcha mu do dheidhinn-sa, ach cha dèan i damaist ormsa.”

Sa chiad àite,” thuirt Mairead, “bheir mi iomradh air achruit anns an t-Sruth Mhòr. Le Ciorstaidh a bha i siud. Thug thu air achaillich bhochd a h-ainm a chur air pàipear a dhfhàg an t-àite agadsa. ‘Extortion of Assignation of Tenancy’ ,a Dhonnchaidh. Trì bliadhna co-dhiù. ‘Conspiracy to Circumvent Immigration Laws’ ,a Dhonnchaidh. bhliadhna eile. ‘Living on Immoral Earnings’ ,a Dhonnchaidh. Bheir iad bhuat a h-uile rud a bhuineas dhut: taighean, càraichean, a h-uile leabhar-banca a bhagad riamh. Thèid càin ort a bhios cumhachdach agus gheibh thu poile eile sa phrìosan.”

Thog Donnchadh e fhèin a-mach às an amar agus sheas e air beulaibh an dithis eile, a bhodhaig asileadh uisge agus coltas diombach air aodann. “Trobhad, tha mi duilich gur ann mar seo atha sinn acoinneachadh ... ”

Chan eil thu leth cho duilichs a tha mise,” thuirt Mairead.

“ ’S a tha mise,” thuirt Daibhidh.

Dhfhosgail Donnchadh a bheul ach cha tàinig fuaim sam bith às fad dhioga: “Achs cinnteach gun tèid agad air dìochuimhneachadh mu dheidhinn seo ... umh, air duais bheag luath air choreigin?”

Rinn Mairead lachan gàire. “Beag?” thuirt i. “Luath? Chan ann adèanamh -meas ort fhèin a tha thu, Dhonnchaidh, an ann?”

Thàinig stad air an triùir aca. Mu dheireadh, thionndaidh Donnchadh ri Daibhidh. “A Dhaibhidh,” thuirt e, “thallas faigh searbhadair dhomh.”

Chan ann còmhla riutsa a tha mi, Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh. “ ’S ann còmhla rithese a tha mi a-nis.”


[113]

Dhinns mi dhut tha dol a thachairt,” thuirt Mairead, “ ’s chan eil e acòrdadh riut. Innsidh mi dhut a-nis dhfhaodas mi a dhèanamh air do shon. Gabh e no fàg e.”

Cha mhòr nach eil mi an ìmpis mo dhòchas a leigeil suas,” thuirt Donnchadh, is fhiaclan asnagadaich. “Gabhaidh mi rud sam bith.”

O, tha fhios am air a sin,” thuirt Mairead. “Ach tha rud beag a bharrachd air rudeigin a ghabhail ceangailte ris a seo. ’S e tha seo ach cunnradh. Feumaidh tusa rudeigin a thoirt seachadceart?”

Ceart,” thuirt Donnchadh ann an guth similidh.

Cuiridh mi na casaidean a tha nad aghaidh air mullach an teine,” thuirt Mairead, “ ’s cha chan mi guth ris na poilis.”

Chan eil mi dol a dhfhàgail Uibhist,” thuirt Donnchadh.

A Dhonnchaidh,” thuirt Mairead, “chan ann ag iarraidh ort rudeigin a dhèanamh a tha mi.” Stob i a corrag air uchd. “ ’S ann ag innse dhut a tha mi.”

Ach feumaidh mi rudeigin a dhèanamh,” thuirt Donnchadh.

Ceart,” thuirt Mairead. “Thoir dhomh tfhacal fìrinneach nach bi làrach do bhròig air talamh Uibhist a Tuath gu bràth tuilleadh. Faodaidh tu spùinneadh a dhèanamh mu Dheasagus bidh thu ann an staing an ath-bhliadha rithistach seachain an Ceann a Tuath.”

Okay, ”thuirt Donnchadh gu h-ain-deònach.

Chan eil mi ullamh fhathast,” thuirt Mairead. “Tha mi dol a dhfhaighinn fiach mairgid an seo. Cuir tainm ris a seo.” Thug i grunn phàipearan agus peann a-mach às a baga agus chùm i a sùil air Donnchadh fhads a bha e asgrìobhadh. Nuair a bha e ullamh, thug i na pàipearan bhuaithe agus chuir i air ais dhan bhaga iad.


[114]

na pàipearan tha sin?” thuirt Daibhidh.

“ ’S ann a thaobh an taighe anns an t-Sruth Mhòr a tha iad,” thuirt Mairead. “Tha Power of Attorney agamsa air gnothaichean Ciorstaidh a-nis, agus is leamsa achruit.” Chrom i ceann gu cluais an fhir òig is rinn i sanas: “Eadarainn fhìn agus an ursann, a Dhaibhidh, nach i a dhèanadh an deagh phad do fhleasgachnàdar de Dacha dha air an tuath, ’s e fhèin ag obair sa bhaile mhòr, ’eil fhios agad?”

Sguiribh a ghabadaich an sin,” thuirt Donnchadh, ’s e air chrith leis an fhuachd. “Tha mi gus mo reothadh an seo.”

“ ’S tu tha, ’ille,” thuirt Mairead, ’s i adèanamh praoisgeil. “Tha mi mothachadh dhan sin. Bha dùil am gu robh mi dol a bhruidhinn ri fireannach nuair a thàine mi a-staigh an seo.” Dhamhairc i a dhaon ghnothach air a ghobhal. “Chan e ospadal BhailaMhanaich no ospadal Steòrnabhaigh a bheir leigheas dhut. ’S fheàrr dhut a dhol a Yorkhill an Glaschugu ospadal na cloinne.”

Thug seo gàire air Daibhidh. “Nach eil i amaiseach, a Dhonnchaidh?”

Sgràthail fhèin èibhinn,” thuirt Donnchadh gu farmadach.

Bheil còrdadh eadarainn?” thuirt Mairead.

Tha,” thuirt Donnchadh, ’s a smiogaid air a theannachadh ri bhroilleach.

Mo ghràdh air abhalach,” thuirt Mairead. “Trobhad an seo mionaids gum fàisg mi thu los gum blàthaich thu beagan.” Chuir i a gàirdean timcheall air Donnchadh agus theann i ri ghurradhs ri pheataireachd. Bha seo afìor chòrdadh ris. Bha e aplosgartaichs ag othail. Gu h-obann, bhrùth Mairead e gu oir an amair.


[115]

“ ’S fheàrr dhut fantail air an taobh sa dhen fhadhail o seo a-mach,” thuirt Mairead. “Bha fadachd orm gus am faighinn do bhrathadh.” An sin, phut i Donnchadh dhan uisge.

Chaidh Donnchadh bàrra-fairis an coinneimh a chùil dhan amar agus rinn e plub mòr.

Bha achlann a chunnaic acharachd air an dòigh agus chaidh iad nan lùban agàireachdainn.

title19. ‘Geal Cha Bhi,’ Ars an Fheannag Nuair a dh’Fhàs i Sgìth a’ Nighe a Casan
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page