[18]

2

Ann an toiseach na bhana bige bha Calum agus Daibhidh nan suidhe gu sàmhach gun ghluasad, cho fada air falbh o chèile ’s a b’ urrainn dhaibh a bhith, a’ coimhead a-mach air a’ bhruchlaig.

Mu dheireadh, bhruidhinn Calum. “Right: tha thu dol a dhèanamh?”

Tha e cho math dhomh,” thuirt Daibhidh, “dèanamh air an taigh ... seadh, taigh mo pheathar.”

Mar a thoilicheas tu fhèin,” thuirt Calum. “Tha mise dol suas a Pholl a’ Charra. Tha point agam an sin aig ceithir uairean. As dèidh sin, tha mi dol air chèilidh air Fhrangach a choinnich mi rithe a-raoir ann an Sgoil Lìonacleit.”

Tha point agamsa aig ceithir uairean cuideachd,” thuirt Daibhidh. “Mi fhìn ’s Pàdraig Post. ’S beag an t-iongnadh gu bheil muinntir a’ bhail’ againn a’ smaointinn gu bheil mi air a dhol neònach.”


[19]

Nach tèid thu sìos a Bheinn a’ Bhadhla chun na sgoile?” thuirt Calum. “Tha an t-àite sin làn gu spreaghadh le nigheanan òga às gach dùthaich san Roinn-Eòrpa. Chan eil agad ri ràdh ach gur aithne dhut far a bheil dreothann a’ neadachadh, ’s bidh iad timcheall ort mar na seangannan.”

Tha sin gu math furasta dhutsa,” thuirt Daibhidh. “Tha mise caran diùid dhìom fhìn timcheall air boireannaich sna lathaichean seo.”

Tud,” thuirt Calum, “tha mise air a bhith a’ ruith bhoireannach on a ghabh Làsarus an norrag. ’S e cion cleachdaidh a tha ceàrr ortsa.”

Ciamar a gheibh mi sìos ’s gun cuibhlichean agam?” thuirt Daibhidh. “Uill, tha seann chranàitseach de bhaidhsagal aig mo bhràthair-cèile gun teagamh, ach ged a gheibhinn iasad dheth’s tha droch amharas agam nach fhaigheadh’s e fìor bhriogadair cruaidh a th’ annsan: mun ruiginn Beinn a’ Bhadhla à Baghasdal bhiodh an dreothann air falbh air saor-làithean gu Tenerife. ’S bhithinn-sa cho sgìth ’s gum bithinn a’ feumachdainn holiday ann an Tenerife mi fhìn.”

Uill,” thuirt Calum, “cha chreid mi nach bi mise a’ togail orm an ùine nach bi fada. An ceann mìos no dhà, rudeigin mar sin, ma chumas mi fhìn ’s Tòmas oirnn leis an rud a th’ againn an-dràsta, bidh bhana ùr agamfrids innte, ’ille’s mi a’ reic na sìthne ri na Gearmailtich.”

B’ fheàrr leamsa gu robh an spionnadh sin annam fhìn,” thuirt Daibhidh. “Saoilidh mi gu bheil mi a’ caitheamh mo bheatha ag argamaid ri Alina ’s an duin’ aice. Nuair a bha mi san oilthigh an Glaschu, smaoinich mi, bha mi a’ smaoineachadh: a ghràidhein, ma gheibh mi a-mach à àite na galla tha seo, ’s fheàrr


[20] dha na h-igheanan aig an taigh an aire thoirt dhaib’ fhèin, ’eil fhios agad? Ach a bheil fhios agad air a seo? An aon rud teth a tha nam bheatha an-dràsta, ’s e a’ hairdryer agam. ’S tha mac ifhreann briste.”

Faigh an raidhfil,” thuirt Calum. “Thèid sinn às dèidh nam fiadh air Eubhal. Bheir mi P45 do Thòmas. Chan eil ann ach Pròstanach dubh às Cheann a Tuath co-dhiù. Reicidh sinn sitheann anns a’ Ghearmailt. Chan fhaigh iad gu leòr dhith.”

Och, tapadh leat, a Chaluim,” thuirt Daibhidh, “ach cha robh mise san Arm riamh mar a bha thusa ... ged a bha mi gu math tric air bàtaichean Chal-Mac. ’S tha fìor dhroch chuimis agam. Sin as adhbhar, an obair tha seo aig Donnchadhchan eil fhios a’m tha fa-near dha’s i an aon rud a tha romham an-dràsta. Feumaidh mi èisteachd ris.”

Bha mise deònach gu leòr èisteachd ris-san,” thuirt Calum. “Cha robh esan deònach bruidhinn ’s mis’ ann. Bha e a’ sìor choimhead orm mar a bhiodh Samson, tha fhios, a’ coimhead air Delìlah nuair a dh’ inns i dha gu robh i a’ dol a ghearradh na gruaig aige. Bheireadh e Taigh Iain Ghròt air. Cha toigh leis miseokay. Ach cha bhi mise a’ slìobadh a thòine-san los gum faigh mi deagh mhogan bhuaithe.”

Nach buidhe dhut!” thuirt Daibhidh. “Chan eil thusa ag iarraidh an mhìle. Tha mise. ’S chan aithne dhomh càit eile am faigh mi e. ’S aithne dhutsa, ge-tà.”

Seadh,” thuirt Calum, “ach cha tubhairt echa do dh’inns e dhuinn ciamar a bha sinn a’ dol a dh’fhaighinn mhìle not.”

Tha Donnchadh onarach gu leòr ... na dhòigh fhèin,” thuirt Daibhidh.

Onarach mo thòn,” thuirt Calum. “Tha Tiny MacCormaig


[21] cho cam ’s nach eil e dìreach nuair a bhios e na shineadh san leabaidh.”

Bheil sin a’ ciallachadh,” thuirt Daibhidh, “nach eil thu tighinn còmhla rinn?”

Trobhad,” thuirt Calum, “thalla ’s coinnich ris an duine. Feuch am faigh thu mach tha na cheann. Bidh mise mun cuairt. Ma gheibh thu a-mach, ’s ma tha thu smaoineachadh gu bheil fiach ann, chan eil e gu diofar dhòmhsa. Ma thig thu gu co-dhùnadh gu bheil thu airson a dhèanamh, tha sin math gu leòr dhòmhsatha mi leat. Mura bi e gam iarraidh, tha mi a-muigh. Is coingeis leamsa.”

Thèid mi chun an taighe aige Diciadain,” thuirt Daibhidh.

Dèan thusa sin,” thuirt Calum. “Nist, an tarraing thu a-mach às a’ bhana seo, no bheil thu gu bhith nad shuidhe an sin gus an tig cuairt ort a-rithist?”

Thàinig Daibhidh a-mach às a’ bhana. Choisich e sìos an ùtraid. Chaidh a’ bhana seachad air, ’s an t-einnsean a’ sgiamhail.

title2. Tha Calum air Bàinidh ’s tha Daibhidh fo Sprochd
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page