[116]

20

Leum an Land Rover a-mach às an àite-parcaidh aig Sgoil Lìonacleit, a’ dol seachad air na lùban air an rathad gu Tuath aig astar, ’s na taidhrichean asgreuchail. Air achabhsair eadar Beinn aBhadhla is Uibhist a Tuath, thuirt Mairead, “Tha thu adol ro luath, a Dhaibhidh.”

Ìosa,” thuirt Daibhidh, “an robh thu adol a dhinnse dha na poilis mu dheidhinn dha-rìribh?”

Bha,” thuirt Mairead. “Ach cha leig mi leas innse ortsa. Beiridh fear dhiubh oirnn ma chumas tu ort adràibheadh aig an astar sin.”

Tha thu fuireach ann a Bhàlaigh, a bheil?” thuirt Daibhidh.

Gu math faisg dha,” thuirt Mairead. “Neist, gabh air do shocair.”

Chan urrainn dhomh,” thuirt Daibhidh.

Trobhad, ’ille, cuir maill air achàr seo – ’eil thu tuigsinn?” thuirt Mairead.


[117]

Chan urrainn dhomh,” thuirt Daibhidh. “ ’N fhìrinn ghlan a thagam.”

Tha ùine gu leòr againn,” thuirt Mairead.

Bheil thusa deònach dràibheadh?” thuirt Daibhidh.

Tha,” thuirt Mairead.

Stad an Land Rover gu cas. Dhfhosgaileadh dorsan, chualas ceumannan aruith timcheall air acharbad, agus dhùineadh na dorsan. Thog iad orra, ach an turas seo aig astar na bu shlaodaiche.

Tha min dòchas,” thuirt Mairead, “gum bi thu air sìoladh sìos nuair a bhios agad ris an Land Rover a thoirt suas gu Deas.”

O, bheil agam ri seo a thoirt air ais?” thuirt Daibhidh.

Tha,” thuirt Mairead. “Tha thu dol suas a Loch Baghasdail.”

A bheil?” thuirt Daibhidh. “ mi leis amhotair agam?”

Fàg e far a bheil e an-dràsta,” thuirt Mairead.

“ ’S mar a chuireas mi an Land Rover air ais thugad?” thuirt Daibhidh.

Chan eil mi ga iarraidh air ais idir,” thuirt Mairead.

thuirt thu?” thuirt Daibhidh.

“ ’S e preusant a tha mi toirt dhut, a Dhaibhidh,” thuirt Mairead.

An-asgaidh?” thuirt Daibhidh.

Cuir do làmh sìos dhan phoca a tha ri cliathaich an dorais,” thuirt Mairead. “Gheibh thu na pàipearanMOT, Certificate of Insurance, Registration Document is rudan mar sin. Faodaidh tu a reic nuair a bhios tu deiseil dhed cheann-gnothaich ma thogras tu.”

Dhfhosgail Daibhidh cèis phlastaig agus rinn e sgrùdadh air na bha na broinn.


[118]

O, ceud mìle taing,” thuirt e. “Tha mi fada nad chomain ... umh, bha thu ciallachadh nuair a thuirt thudeiseil dhed cheann-gnothaich’? An ann nuair a ruighneas mi Loch Baghasdail a tha mo cheann-turais ullamh?”

O, chan ann, a Dhaibhidh,” thuirt Mairead. “Tha eagal orm gu bheil thu dol fada nas fhaide na Loch Baghasdail.”

cho fada?” thuirt Daibhidh.

Gu ruige Hamburg,” thuirt Mairead.

Chan aithne dhòmhsa mo shlighe a Bhàgh aChaisteil, gun luaidh air Hamburg,” thuirt Daibhidh.

Chan eagal dhutthuirt Mairead. “Bidh deagh fhear-iùil agad.”

?” thuirt Daibhidh.

Tommy, an gillaig mo phiuthair,” thuirt Mairead.

Ach chan aithnich mi am fear sin ann,” thuirt Daibhidh. “Bidh e doirbh ... umh, cha bhi e furasta còmhradh a dhèanamh ri coigreach air turas cho fada sin. Chan e slighe tac an dorais a thann eadar Uibhist is aGhearmailt, bheil fhios agad?”

O, tha fhios agam,” thuirt Mairead. “Thas aig Calum. Nach robh esans Tommy thall bho chionn cola-deug?”

Cha chuala mi guth mu dheidhinn sin idir,” thuirt Daibhidh.

Nach tu a dhèanadh an deagh fhear-lagha, a Dhaibhidh!” thuirt Mairead.

Ciamar?” thuirt Daibhidh.

Tha thug innse bhreugan mar nach biodh tu smaoineachadh air,” thuirt Mairead.

Uill,” thuirt Daibhidh, “feumaidh mi ràdh nach eil mi às mo chiall mu dheidhinn sgrìob dhan Ghearmailt còmhla ri bugumh, còmhla ri cuideigin nach aithne dhomh.”


[119]

Cha bhi sibh leibfhèin idir,” thuirt Mairead. “Bidh feadhainn air a bheil thu gu math eòlach afalbh còmhla ribh.”

n fheadhainn?” thuirt Daibhidh.

Uill,” thuirt Mairead, “bidh abhean agadsa adol ann.”

Abhean ... agamsa?” thuirt Daibhidh.

Seadh, Tamara,” thuirt Mairead. “Bheir i fhèins a companach Tanya aoigheachd is bàidh dhuibh air an t-slighe.” Stad Mairead aig taigh a h-athar. Cha do bhruidhinn aon seach aon aca airson greis mhath.

Mu dheireadh, labhair Daibhidh is coltas air gu robh Mairead air gabhail air: “Bheil agamsa ri seo a dhèanamh dha-rìribh?”

Tha,” thuirt Mairead. “ ’S e sin mura bheil thu airson a bhith còmhla ri do charaid Calum anns aphrìosan, agus ma tha thu airson ciùird ùr ionnsachadh an Dùn Èideann. Cuiridh tu clann-nighean abhaile mhòir nam puins, a Dhaibhidh. Bidh Land Rover agad. Agus a chionns gu bheil thu fada ro bhrèagha do dhfhireannach, feumaidh mi sabaid riutha mum faigh mi a-staigh dhan oifis agam fhìn sa mhadainn.”

Bha Daibhidh gluasadach air an t-suidheachan-aiseig. “Gun teagamh, tha thu ceart,” thuirt e. “Nuair a chuimhnicheas mi air na thubhairt thu, tha e ... uill, tha blas eile atighinn air aghnothach.”

Tha sin math, a Dhaibhidh,” thuirt Mairead. “Nis, feumaidh mi tfhàgail. Tha tòrr fònaidh agam ri dhèanamh a-nochd fhathast.” Thàinig i a-mach às an Land Rover,aleigeil le Daibhidh sleamhnachadh a-null gu suidheachan an dràibheir. “Tha fhios agad thagad ri dhèanamh, a-nis,” thuirt i.

Tha,” thuirt Daibhidh gu goirid. “Tha mi adèanamh air Loch Baghasdail. Chun achidhe. Bidh an fheadhainn eile


[120] nam choinneimh an sin. Cha stad mi idir aig an taigh-òsta. Coimheadaidh tu fhèin às dèidh amhotair agam gus an till mi.”

“ ’S mi gun dèan sin, a laochain,” thuirt Mairead. “Tha thu taghta nis, a bheil?”

Tha,” thuirt Daibhidh.

Tha mi dìreach adèanamh cinnteach,” thuirt Mairead. “Cha burrainn dhut dràibheadh ceart an uair ud.”

Tha uair an uaireadair agam airson faighinn suas,” thuirt Daibhidh. “Gabhaidh mi air mo shocair e.”

Bidh cuimhnagad air a h-uile dad, nach bi?” thuirt Mairead.

Bithidh, bithidh,” thuirt Daibhidh gu -fhoighidneach. “Cidhe Loch Baghasdail. Togaidh mi Tomaidh agus ... na siùumh, na h-igheanan Ruiseanachagus togaidh sinn oirnn dhan Ghearmailt.”

Seo,” thuirt Mairead, ’s i atoirt cèis dha. “Gabh seo.”

thann?” thuirt Daibhidh.

Beagan airgid,” thuirt Mairead. “Ach am facal a chleachdas daoine mar a tha sinneluchd-lagha, bheil fhios agad? – ’s eretainer’.”

Chaidh doras an Land Rover a dhùnadh le gliong. Ghluais Daibhidh air falbh, ’s e aseinn na dùdaich gu dìoghrasach.

title20. Cruaidh-Leum gu Tuath
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page