[22]

3

Sheas Daibhidh ann an taigh Dhonnchaidh ann an Geàrraidh na Mònadh. Bha am fear a bh’ ann ag obair le sgriubhaire air inneal eleactronach san oisean. Bha an teip Ruiseanach a’ cluich gu ciùin.

A Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh, “nach cuir thu nighean na galla ud dheth?”

’S fheàrr dhut faighinn cleachdte ris a’ chainnt ud,” thuirt Donnchadh, ’s e a’ cur dheth an reacòrdair. “Cluinnidh tu gu leòr dhith a dh’aithghearr.”

thuirt thu?” thuirt Daibhidh

Coma leat an-dràsta,” thuirt Donnchadh. “Ma tha thusa deònach an obair seo a dhèanamh, eile tha sinn a’ dol a dh’fhaighinn?”

Tha am fear a th’ ann deònach cuideachd,” thuirt Daibhidh.

Thuirt e nam biodh tu ga iarraidh gun dèanadh e an rud a tha thu ’g iarraidh. Mura biodh tu ga iarraidh, cha chuireadh sin sìos no suas e: tha esan a’ dèanamh gu math mar a tha e.”


[23]

Chan eil fhios a’m, ” thuirt Donnchadh. “Am fear a tha mise ’g iarraidh, feumaidh e bhith math air dèanamh suas ri boireannaich. Co-dhiù, math dh’fhaodte nach eil e singilte.”

Singilte?” thuirt Daibhidh.

Seadh, gun a bhith pòsta,” thuirt Donnchadh. “Cuideigin mar thu fhèin aig nach eil bean a bhios ga shàrachadh a h-uile latha dhe bheatha, a’ bruidhinn thro sròin a chionn ’s gu bheil a beul air caitheamh.”

Chan eil fear seach fear againn pòsta,” thuirt Daibhidh.

’m fios a th’ agad,” thuirt Donnchadh, “nach do phos e òinseach air choreigin latha ’s e air a dhalladh? Nach do dh’fheuch e ri rudeigin mar sin a dhèanamh nuair a bha sinn thall an Trà Lì a’ reic t-shirts aig an Fhèis?”

Death before the Free Church, ”thuirt Daibhidh. “Sin a bha sgrìobht’ orra. Cha do reic sinn gin. Cha robh duin’ agam a chuidicheadh leam. Bha mo laochan glaiste san rùm còmhla ris a’ bhanaicheard ud an t-ainm a bh’ oirre a-rithist?: Mirren, sin ifad seachdain. Chaidh e air a muin, tha mi cinnteach, ach cha do phòs iad idir. Bha tuilleadh ’s a’ chòir air inntinn an t-seachdain udsin uile.”

Tha e feumachdainn tuilleadh,” thuirt Donnchadh. “Òrd ladhrach brèagha an cliathaich a chinn, mar eisimpleir.”

Chan eil seo gus ’ith ... umh, borb, a bheil?” dh’fhaighnich Daibhidh.

Chan eil, chan eil, a ghràidhein,” thuirt Donnchadh. “ ’S ann a bhios deagh thimes agad – ‘blas na meala air do phògan’ ... Trobhad ort, a bheil thu air a bhith còmhla ri boireannach on a thàine tu dhachaigh?”

On a thàine mi dhachaigh?” thuirt Daibhidh. “ ’S e an togail-


[24] inntinn bu mhotha a th’ air a bhith agam cliop fhaighinn bhon bhorbair.”

Feumaidh an dithis a thaghas mise a bhith singilte,” thuirt Donnchadh.

Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh, “tha Calum singilte. Tha mise singilte ... agus bithidh, ma chumas mi orm mar seo, gus am bi feusag orm sìos gu mo ghlùinean.”

Cha d’ fhuair thu obair fhathast?” thuirt Donnchadh.

Bheil fhios agad rinn mi?” thuirt Daibhidh. “Chaidh mi sìos dhan DSS. Tannasg de dhuine à Inbhir Nis a’ sgrìobhadh sìos a h-uile facal a chanas mi na rinn mi san sgoil, anns an oilthigh: eachdraidh mo bheatha. Thug mi iomradh air VSOVoluntary Service Overseas,bheil fhios agad? ‘Seo rudeigin a dh’fhaodadh tu fheuchainn,’ ars esan. ‘Teagasg àiteachd dha na diolacha-deirce ann an East Timor. Deich mìle sa bhliadhna ... ’S e sin ma chì thu ceann na bliadhna. Tòrr dengue fever is malaria mun cuairt.’ Fòghnaidh na dh’fhòghnas dhen siud. An uair sin choinnich mi ri Calum. Tha esan a’ dèanamh glè mhath. Cha chuireadh e iongnadh orm ged a cheannaicheadh e Uist Builders no rudeigin an ceann cola-deug no mar sin.”

Uh-uh,” thuirt Donnchadh, “beiridh a’ Bhliadhn’ Ùr air mun dèan e mhìle aig na fèidh. O, neo-ar-thaing nach eil saoghal glòrmhor roimhemar mhurtaire.”

’S dòcha,” thuirt Daibhidh. “Ach e ’n gnothach uair no uaireigin. Ach bidh mise nam chnap san t-sèithear a’ coimhead smùirneanan tro shùilean sgòthach. An ainm a Dhia, nach inns thu dhomh tha fa-near dhut?”

Ostraitsean,” thuirt Donnchadh.

Ostraitsean?” thuirt Daibhidh.


[25]

Seo an dreuchd ùr a tha air tighinn dha na h-Eileanan,” thuirt Donnchadh. “Beathachadh ostraitsean. Tha fèill mhòr air stèic na h-ostraits anns na taighean-bìdh shìos an Lunnainn.”

Bheil gu dearbh?” thuirt Daibhidh.

Tha,” thuirt Donnchadh. “Bheir iad fichead bliadhna mum bi iad deiseil gus am marbhadh. Ach tha fiach airgid annta an uair sin.”

Air dòigh air choreigin,” thuirt Daibhidh, “chan eil mi dèanamh toileachadh ris an naidheachd sin, bheil fhios agad, a Dhonnchaidh?”

Trobhad ’s gum faic thu na planaichean a th’ agam airson na cruite an Uibhist a Tuath,” thuirt Donnchadh. Thug e rola pàipeir a-nuas far sgeilp agus shìn e a-mach i air bòrd.

Chan eil fhios a’m an còrd stèic na h-ostraits rium, a Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh. “A bharrachd air a sin, chan aithne dhomh mar a bhios tu beathachadh nam beathaichean tha sin. bhios iad ag ithe? Tàirnean?”

Leig ostraitsean na mallachd às t’ inntinn an-dràsta,” thuirt Donnchadh. “Coimhead air a seo. Sin far am bi an jacuzzimar gum biodh san t-seann taigh, bheil fhios agad? Siud na treastaidhean timcheall air gach balla far am bi na daoine air am blian. Gu h-àrd, sin agad an gailearaidh a bhios a’ ruith timcheall an rùim gu lèir far am bi an luchd-coimheid ... ”

Dad ort,” thuirt Daibhidh. “ tha thu ciallachadh? an luchd-coimheid?”

“ ... agus anns an extension thall an seo,” thuirt Donnchadh, “sin far am bi na seòmraichean-cadail ... bhidio, PCs le DVD agus MP3 files,a h-uile sìon en-suite ann an taigh nan cearcO, chan iarr iad an saoghal fhàgail cho luath ’s a chì iad an t-àit’ -obrach aca.”


[26]

?” thuirt Daibhidh.

Na h-igheanan,” thuirt Donnchadh.

na h-igheanan?” thuirt Daibhidh.

Na h-igheanan Ruiseanach à Novosibirsk,” thuirt Donnchadh.

Tha fhios a’m gun gabh mi an t-aithreachas mu dheidhinn seo,” thuirt Daibhidh, “ach a bheil buintealas sam bith agamsa ri na h-igheanan Ruiseanach?”

Tha thu fhèin agus dhiubh a’ dol a phòsadh,” thuirt Donnchadh.

A bheil?” thuirt Daibhidh.

’S tha am fear fiadhaich, mas e sin am fear a tha thu ’g iarraidh, a’ dol a phòsadh na dala ,” thuirt Donnchadh.

Chan eil thusa tighinn?” thuirt Daibhidh.

mar fo Shealbh,” thuirt Donnchadh, “a tha mise dol a phòsadh Ruiseanach ’s mi pòst’ aig Isa mar-thà? Chan eil mi airson pòsadh uair eile. Phòs mi aon turas. Tha aon turas gu leòr do dhuine sam bith nach do chaill a thoinisg. Chuireadh màthair eile Quentin agus Soraya throimht-a-chèile cuideachd. Uill, nas miosa na tha iad. Dh’fheumadh iad a dhol airson counselling. Taigh na galla dhan a sin.”

na gheibheamaid?” thuirt Daibhidh.

Dh’inns mi dhut mar-thà,” thuirt Donnchadh. “Tha ceithir mìle ann, ma thig Tanya is Tamara a dh’Uibhist is pàipearan aca a dhearbhas gu bheil iad pòsta aig fireannaich aig a bheil passport UK.”

Ceart,” thuirt Daibhidh. “ mi e. Mi fhìn ’s Calum. na th’ againn de dh’ùine?”

Tha na h-igheanan an Glaschu mar-thà,” thuirt Donnchadh.


[27]

Tha iad a’ dèanamh lap-dancing ann am pub shìos an sin. Bidh agaibh ri falbh seachdain on diugh. Bheir mi dhut ainm agus seòladh an duine a tha coimhead às an dèidh gus am faigh iad na pàipearan. Tòisichidh mise air an taigh-cruite Diluain, thig na permits air an ath sheachdain uaireigin. Bidh sibh an Glaschu, can, fad mìos ... am broilleach nan Ruiseanach.”

Thuirt Daibhidh gu slaodach, “Bruidhinn air broilleach nan Ruiseanach ... am faod duine a dhol ... bheil fhios agad?”

Faodaidh, ’ill’ òig,” thuirt Donnchadh. “Ma leigeas iad leat. Na bi smaointinn ge-tà gu faigh thu còir orra nuair a thig iad a dh’Uibhist. ’S ann a bhios iad fada ro thrang anns an t-Sruth Mhòr ... a’ coimhead às dèidh nan ostraitsean ... is rudan mar sin, a bheil thu tuigsinn?”

title3. Ostraitsean is Clann-Nighean Ruiseanach
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page