4
Choisich Daibhidh agus Calum a-steach dhan bhàr air bòrd na h-aiseig Lord of the Isles. Shuidh iad air beingidh le bòrd beag cruinn air am beulaibh san oisean bìdeag air falbh bhon triùir no ceathrar eile a bha san àite.
“Bha i a’ coimhead àlainn,” thuirt Calum. “Dìreach àlainn. Gruag fhada bhàn oirre ... agus nam faiceadh tu meud a cìochan ... An gabh sinn drama? Nach math gun do dh’iarr mi expenses air a’ bhriogadair, dè?”
“Ceud not an duine,” thuirt Daibhidh. “Cha robh sin dona.”
Choimhead Calum suas nuair a thàinig fear-freasgairt chun a’ bhùird le truinnsear làn uighean, maragan agus hama. “Mo bhuan-bheannachd ort, ’ille,” thuirt e, agus theann e ri ithe gu cabhagach.
“Cha chreid mi nach gabh mi glainne bhranndaidh,” thuirt Daibhidh, ’s e ag èirigh.
“Bhodca dhutsa, ’ille, bho seo a-mach,” thuirt Calum, ’s e a’ bruidhinn le bheul làn.
Ghlan e an truinnsear is las e toitean agus ghabh e an ceò a-steach gu slaodach le anail. Thòisich e air seinn ann an guth sèimh. Bha e air a chasan a chur air stòl a bha ri taobh a’ bhùird an uair a thàinig Daibhidh air ais le dà bhotal leanna is dà ghlainne bhodca.
“Sin thu,” thuirt Daibhidh, is e a’ cur na dibhe air a’ bhòrd.
Thog e tè dhe na glainneachan: “Slàinte.”
“Slàinte,” thuirt Calum.
Chrom Daibhidh a cheann agus chagair e: “Siuthad, a dhuine, inns dhomh mun tè Fhrangach.”
“Cha d’ fhuair thu pìos fhathast, an d’ fhuair?” thuirt Calum.
“Cha d’ fhuair,” thuirt Daibhidh. “Ach gheibh mi ... ” Thug e duilleag pàipeir a-mach às a mhàileid-phòca is thug e sùil aithghearr oirre. “Gheibh mi ... Tamara an ath-oidhch.”
Leig Calum osna. “Nach ann annad a tha ’n gill-fhonaidh!” thuirt e. “Feumaidh mi do mhàthair a cheasnachadh. Leig i leat tuiteam a-mach às a’ phram nuair a bha thu nad phàiste. ’S dòcha gun do thilg i thu a-mach as a’ phram. Tha thu cho neochoireach ’s gu bheil mi air mo nàrachadh, bheil fhios agad air a sin?”
“Ciamar?” thuirt Daibhidh.
Rug Calum air làimh Dhaibhidh agus theannaich e a ghrèim oirre. “Èist. Nuair a bha am motair agad, an robh a’ chlogaid agad cuideachd, agus an robh thu ga cleachdadh?”
“Bha, bha,” thuirt Daibhidh.
Leig Calum às làmh a charaid is thog e a chorrag mar gum biodh e a’ searmonachadh. Bhruidhinn e ann an guth ìseal: “Bha còir agad a’ chlogaid a ghleidheadh, ’s a bhith ga chur ort ... a h-uile turas a rachadh tu a-mach. Tha thu air damaiste a dhèanamh air do cheann leis na fhuair thu de bhuillean air. Bheil
“Tha,” thuirt Daibhidh gu neochoireach. “Carson nach faigheadh?”
Chrath Calum a cheann. “Chan ann a thaobh muineadaireachd a tha an gnothach seo idir,” thuirt e le siot gàire. “Pòsaidh sinn, gheibh iadsan na pàipearan a tha dhìth orra agus thèid iad a dh’fhuireach ... fuirichidh iad còmhla ri feadhainn as aithne dhaibh airson seachdain no dhà. An uair sin, cuiridh an Godfather brath sìos agus thèid an ceathrar againn dhachaigh a dh’Uibhist agus gheibh sinne dà mhìle not an duine.”
“O, right,” thuirt Daibhidh. “Right. ” Thàinig atharrachadh air aodann: rinn e gàire. “Uill, tha fhios a’m dè tha mise dol a dhèanamh leis an airgead.”
“Inns dhomh,” thuirt Calum.
Chaidh Daibhidh na bhoil agus theann e ri bruidhinn gu cabhagach ’s cop mu bheul. “A’ chiad rud a tha mi dol a dh’fhaighinn, ’s e carabhan – àite dhomh fhìn, bheil fhios agad? Corra uair tha mi air a bhith fortanach is fhuair mi òinseach air choreigin aig an diosgo. Ach, a Dhia, chan eil e furasta a bhith romantic ’s tu ga toirt dhachaigh gu taigh ’s gràisg chloinne ann. An tè mu dheireadh, choimhead i orm mar gum b’ e coileach a bh’ annam nuair a chunnaic i pìosan Lego air feadh an ùrlair. B’fheudar dhomh leigeil orm gur e sin an cur-seachad a bh’ agam.”
“Uill,” thuirt Calum, “an ceann mìos bidh bhana is frids innte agamsa, agus bidh mi a’ dèanamh air a’ Ghearmailt. Nuair a gheibh mi an t-airgead mòr an sin, ’s dòcha gun tadhail mi air Amsterdam air mo shlighe air ais ... ’s gun ceannaich mi rudeigin an sin.”
“Chan eil mise ullamh fhathast,” thuirt Daibhidh. “Gheibh mi motair cuideachd, seann chranàitseach a chuireas mi fhìn air dòigh, aodach ùr – agus an uair sin tha mi dol a dh’fhaighinn girlfriend.”
Ghabh Calum balgam beag às a’ bhotal, thiormaich e a bhilean le caol a dhùirn is tharraing e anail. “An tè Fhrangach a bha mi còmhla rithe?” thuirt e le gàire fanaid. “Chan fhaca mi tè riamh a bha cho math rithe san leabaidh. Ach tha i cunnartach.”
“Inns dhomh cà ’il fuireach,” thuirt Daibhidh sa bhad. “Na teirg air ais thuice. Chan eil mi airson gum bi gnothach agad ri boireannach cunnartach. Thèid mise air chèilidh oirre agus leughaidh mi an Tiomnadh Nuadh dhi no rudeigin.”
“Cha tuirt mi nach robh mi dol a thilleadh,” thuirt Calum, ’s e a’ strì ri fhoighidinn a ghleidheil. “Thuirt mi gu robh i cunnartach.”
Leig Daibhidh air nach cual’ e facal. “Cha chreid mi gum bu chòir dhut tilleadh,” thuirt e. “Carson a tha thu a’ dol a tharraing trioblaid ort fhèin? Gille-do-ghnothaich mar a th’ annad fhèin? Thoir seachad i. Coimheadaidh mise às a dèidh.”
“O, ghràidhein,” thuirt Calum, “an tè Fhrangach, chan eil i ach còig bliadhn’ deug.”
Dh’fhàs sùilean Dhaibhidh cruinn agus dh’fhan e dà dhiog mun do dh’fhosgail e a bheul. “Uh-uh, tha sin a’ cur dreach eile air ... ” thuirt e gu sgagach. “Seadh, tha mi minigeadh ... chì mi muinntir a’ bhail’ againn a’ tighinn nam aghaidh, geimhleag aig a h-uile duine. Mar a chì thu anns na seann fhilmichean mu dheidhinn Dracula.”
“Bi sunndach, ’ille,” thuirt Calum, ’s e ag èirigh a dh’fhaighinn deoch eile. “Faiceamaid dè a thachras air a’ bhanais cola-deug o màireach an toiseach. Lights! Camera! Action! ” Thòisich e air seinn. “Pòsaidh tu gun teagamh i, tha gaol aic’ ort ... ”
title | 4. Air an Aiseag |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |