1 Donati’s
Càit eile, cà saoileadh tu, ach aig cuntair a’ bhàir a’ tràghadh nam bourbons. Très bon! Ach greis na bu tràithe gu robh Eòin Iosèphus Mac-a- phì aig mo tholl-cluaise, mo tholl-claisneachd, le torman muladach a’ spùtadh a’ chianalais all over the doddamn shop, Fatsboy Donati na shruthanan fallais a’ cumail glainne bho ghlainne ris.
—Nam bithinn-s’ an-dràsd aig baile, arsa Eòin Iosèphus, an t-sròin aige làn smuig–cò chuireadh iongnadh oirre leis a’ bhroileis a bha na cheann? –nam bithinn aig dachaigh, ars esan, a’ cluinntinn ceòl na smeòraich air Àirigh Mhic a’ Pheadarain. .. Bha sin math gu leòr leamsa nam fanadh e aig Mac a’ Pheadarain, a shuidheadh na dhrathars ann an doras an taigh-mòintich, a’ tachais a ghobhail ’s a’ marbhadh chuileagan.
—Siuthad, thuirt mi ris ’s mi a’ lasadh corona, bruidhinn air Mac a’ Pheadarain, a chaill a bhriogais ann am Boulogne, a chaidh ceàrr ann am Buenos Aires. Ach am bruidhneadh.
Air a’ cheathramh doublar thòisich am pure bull: na glinn agus na mullaich, sruthain is lòin agus òban agus òsan, fraoch à Rònaigh agus fàileadh na mònach; crodh, caoraich agus fèidh, ’s bidh sprèidh againn air àirigh; a’ ghrian a’ dol sìos ’s a’ ghrian a’ tighinn suas–bloighean òrain air dhroch chagnadh air an tilgeadh thugam mar bhìdeagan hama ’s ugh a thigeadh frasach o bheul bràthair m’ athar ’s e lachanaich an ceann a’ bhùird. B’ fheàrr cluais na buidhreachd a bhith riutha.
Tha ’n t-slighe dubh ’s an t-alltan dubh,
’S chan urrainn mi dol thairis air, sheinn Eòin Iosèphus.
—A Dhia, ars esan, eh? Le bhagairtich ’s a bhùirich. ’S an aithne dhut am fear seo:
Thèid mi NULL gu tìr mo rùin,
Thèid mi NULL thar an aiseig ...
—Easy now,thuirt Fatsboy Donati, a chunnaic Eòin Iosèphus a’ sileadh nan deur, ’s cha b’ ann aon uair. Cha mhòr nach do chuir e fhèin suas bèic, Fatsboy–aig Dia tha fios carson–a chaidh a thogail air Obair Opera, Eine Kleine Nachtmusik agus an gaisgeach ud, Caruso. Dè dhàsan gu faiceadh Mac-a- phì O thì nam mòr-bheannan, ’s gu robh sac air a chridhe nach dèanadh lighiche eutrom?
Cà ’n d’fhuair Eòin Iosèphus na h-òrain gun dòchas sin ach bho sheanmhair, thuirt e. Bha sin ceart gu leòr leamsa nam bruidhneadh e air a sheanmhair, a thug a-mach na h-iseanan fo bhlàths na plangaid an latha a thachdadh a’ chearc-ghuire ris an goirte MacGovaran.
—Bruidhinn air do sheanmhair, thuirt mi ris. Am
Dheigheadh siud! Bhiodh e an ceartuair anns a’ Bhlack Bull còmhla ri Beatrice agus a’ Chailleach Bheag, an còmhradh salach thar creideis agus tlachdmhor thar tomhais, gus an dìobradh Beatrice, gus an dìobhradh a’ Chailleach, Eòin Iosèphus a’ seinn:
Am port a bh’ aig na feadagan
Dol seachad air Dùn Èideann ...
Oidhche Haoine, tràth fhathast. Cha robh a-staigh ach an àbhaist, cho sgràthail ’s a chaidh a-riamh am briogais chorduroy no a chòta mahogany. Na shuidhe aig a’ chuntair le shròin anns a’ phàipear bha an Sasannach. Agus na sheasamh aig a’ cheann shuas an duine a bha a’ gleidheadh na h-òige fhad ’s nach fhaiceadh tu na casan aige. Duine sàmhach a bh’ anns an t-Sasannach. Uaireannan chanadh e, “Good evening” no “Good morning” ,agus aon uair thuit e bhon stòl an comhair a chùil chun an làir agus bha na speuclanan tòin-screwtop aige tarsainn cam mu mhaoil ’s e ga fhaighinn fhèin ag amharc suas ceathramhan Ella a’ Special Vat.
Christ! thuirt e, don’t move me!
Hic! leig an duine a bha a’ gleidheadh na h-òige, a’ priobadh orm, a’ gnogadh a chinn, a’ breabail a mholan. Ella a’ Special Vat gu socrach a’ gluasad a casan bho chèile.
Hic! Esan leis an othail, an aon othail ’s a bhiodh air a h-uile h-uair a thigeadh boireannach chun a’ chuntair. Nam biodh tu ri thaobh, bhiodh na h-uilnean ort: Eh? An tè sin ...
Sin co-dhiù na bha aig a’ chuntair. Triùir. Agus Fatsboy a-null ’s a-nall mu ar coinneamh. A’ seinn ‘Arrivaderci Roma!’ agus ‘I Wanna Be Bobby’s Girl’ .
Thug mi sùil mun cuairt. Bha dithis aig a’ bhòrd a b’ fhaide shuas air mo làimh dheis: an Uireasbhaidh Gnùis agus Murphy. Bha an cù, Rastus, na shuain fon bhòrd mar bu nòs, plastered.Bha iad a’ sgrios am maoin air na h-eich, an dithis ud; luideag de phàipear aca agus bloigh pinseil a bh’ ann an cluais taisgeil na h-Uireasbhaidh a bhiodh Murphy a’ fliuchadh le slabaid de theanga air an robh broth buidhe na mì-stiùireachd. Cha robh a’ chonnspaid fad’ às uair sam bith, ’s cha do shoirbhich leotha a-riamh bhon latha a bhuannaich Owen Anthony rus nan trì uairean aig Haydock, suas ri deich bliadhna fichead bhuaithe, deich nota fichead ’s a trì.
Chaidh Murphy a lorg ann an cladh, air uachdar na talmhainn, gun chòta, gun bhròig.
dh’fhosgail an Uireasbhaidh a shùilean trom silteach anns an Infirmary,gu math infirm.Bha snàthadan anns gach gàirdean, pìoban caola a’ falbh bho gach taobh dheth gu botail a bha a’ glugadaich os a chionn a’ brùchdail mu bhonn na leap. Bha iad a’ cur fuil agus uisge saillt dhan chlosaich. Sheall mi ris a’ chairt aige.
Well, ars esan. Well, then?
A’ haemoglobin agad, arsa mise, na mo ghuth taigh-fhaire. Tha e ’n taigh a’ choin.
Haemogoblin? ars esan. Ach mus d’ fhuair mi air a fhreagairt thàinig luchd nan trusgan geala le tiùb rubair, a stob iad suas a shròin agus sìos chun na stamaig aige. Stamag a bha na cùis-iongnaidh, mar an t-iarann.
—Two nips! dh’èigh Murphy. On the double!
—Two doubles! dh’èigh an Uireasbhaidh Gnùis. Dh’fhosgail Rastus sùil, agus dhùin.
Cha robh duine aig an dà bhòrd a bha eadar iad agus uinneag na sràide. Na shuidhe anns an uinneig, a ghlùinean ri chèile, a shùilean sgleòthach ag amharc air neoinitheachd, bha William C.B.W. Robertson.
—Tha thu an siud, a Mhicdhonnchaidh! arsa mise.
—Yeah,ars esan, a’ togail làmh, shit, man.
Cha robh math a dhol na chòmhradh. Bha e fada, fad’ air falbh. Ach bhiodh lathaichean math aige–cha b’ ann tric, ach bhiodh iad ann–agus air aon dha na lathaichean sin, cho fuar ris a’ phuinnsean ann an Dùbhlachd a’ gheamhraidh, ’s gun ann ach an dithis againn air a’ mhinestrone, dh’innis e dhomh beagan mu dheidhinn fhèin. Thug e dhomh sealladh air saoghal eile. Fosgladh sùl dhòmhsa, nach deach na bu mhiosa ann an tùs a lathaichean na briseadh trì copanan geala, còig copanan donna pòla na teileagraf, agus clach a chur tro uinneag Anna Bùrn, agus làn a chròig a mhorghan a thoirt dha Iain nan Loch an clàr an aodainn, agus sealltainn suas sgiorta chlò na leadaidh-miseanaraidh agus sìos dhan ghleann a bha fo liberty-bodice m’ antaidh Mèireag, agus na rudan aig cruach-mhònach Ailig
Conn, Bauld, Wardhaugh, thuirt e. Athar a rinn an gnìomh, esan a dh’fhuiling. Cha robh e glè fhada san fhoghlam san Àrd-Sgoil nuair a thàinig iad an tòir air: cnapanach cafach ruadh gun amhaich dam b’ ainm O’Reilly agus, na chois, a dhà bhràthair agus cùis-uabhais air an robh Wee Slash agus dà nighean chnàmhach air an robh dreach a’ bhàis–Betty Colquhoun, a casan suas gu h-achlaisean, agus Veronica McVie, a’ cagnadh gum ’s a’ tilgeadh smugaidean. Bhiodh iad ga thogail às an sgoil agus a’ falbh leis tro shràidean-cùil gu cùiltean dorcha a bha uair nan taighean-còmhnaidh, a-nis fuaraidh aog, air an gànrachadh le botail is canaichean, pocannan plastaig, pacaidean fags, crisps, condoms nan gaorr fo do chasan, còinneach a’ sgaoileadh na ghaorr bog air na ballachan, am pàipear ’s am plasterboard a’ falbh na stiallan dheth. Bhiodh iad gan riarachadh fhèin ann agus bha fàileadh geur an dubh-shalchair a’ glacadh d’ anail.
Turns me on, chanadh Betty Colquhoun, a’ tarraing na briogais dheth.
Ach O’Reilly bu mhiosa. O’Reilly, air a riaghladh leis an diabhal, a bha riaghladh.
Conn, Bauld, Wardhaugh, ya toss!
Cheangladh iad e agus stopadh iad a bheul le ragaichean.
Bha pliers aig O’Reilly.
Bha sgian aig Wee Slash.
Bha an dàir air an dà nighean.
Agus dh’fhosgladh na h-O’ Reillys bheaga na zips aca, a’ leigeil làn an aotromain na steall teth air aodann.
Lean seo tro mhìosan oillteil a’ gheamhraidh, agus an ath
Oh, ya poor wee soul! Betty a’ gal.O’Reilly a’ cur a ghàirdeanan timcheall air, ga chlàbhadh.
Ye’re one of ours, Willie.Wee Slash air an làr a’ clàbhadh Veronica agus na balaich bheaga air faomadh seachad.
Às dèidh sin, thug e mach a cheàrd na mhèirleach ’s bha e na b’ ealanta air an obair na duine aca. Brains, ye ken.
Agus an-diugh, bha iad mòr.
Agus O’Reilly, bha e marbh.
O Rowan Tree, O Rowan Tree, sheinn C.B. W. mus deach an duslach gu duslach. Guth briste. Thàinig sitrich bho Fatsboy, ’s b’ fheudar dhomh a’ bhròg a thoirt dha mun lurgainn. Thuirt mi ris a bhith duineil: Be a man! thuirt mi ris. Bu dìomhain dhomh. Nuair a leig Murphy ràn às: O Danny boy, the pipes, the pipes ... thàinig ràn bho Fatsboy mar an ceudna. ’S chuir sin Murphy suas chun nan àrd-speuran, a shùilean dùinte, a bhroilleach a-mach, cha do smaoinich e a-riamh gum biodh a leithid a bhuaidh aig a ghuth-san air duine no ainmhidh.
And you will KNEEL! dh’èigh Murphy le cridhe cràidhteach.
Jesus Christ,thuirt an Sasannach, fineach bhon bhroinn.
’S an robh iad a’ caoineadh aig tòrradh O’Reilly? O, bha. A’ chlann-nighean chaol agus na balaich chafach ruadh. Agus Wee Slash.Agus Wee Billy Boag– an creideadh tu? Billy Boag, le sruth bho shròin, a’ caoidh O’Reilly, ged nach robh eatarra san t-saoghal chaochlaideach seo ach droch cainnt, tàir is toibheum. ’S thuirt bean Boag nach robh ann ach gin, gun dh’òl e fhèin agus Bella Strachan botal Beefeater ’s dè ’n còrr a-rèisd a dh’iarradh tu agus co-dhiù nach robh ann am Billy ach am bloody hypocrite mar a mhàthair roimhe!
Edna Boagalaidh. What a woman!
Bha i na suidhe aig a’ cheann shìos anns an t-sèithear aice fhèin aig a’ bhòrd aice fhèin, an teaghlach aice fhèin mun cuairt dhith. Cha robh Billy Boag ann, cha b’ e sin teaghlach. Cha b’ e sin fiù ’s duine, ged a bha i pòsd’ aige trì bliadhna deug thar fhichead, ochd mìosan agus còig latha chun an latha a thòisich e a’ spliutaireachd ri Marlene Broun– “See thon?” – a’ crògalais ann am boilersuit na Caillich Bhig, agus ag òl a h-uile diardaoin còmhla ri Bella Strachan.
Timcheall mun bhòrd aice, bòrd Edna, bha a piuthar agus an duine; a piuthar eile agus an duine aicese; a bràthair leis an làrach air a mhaoil; a bràthair John Tom, a chaill an t-sùil; a bràthair a b’ òige leis a’ bhoireannach leis a’ chat; agus am bràthair fionnach – fàinneachan is grìogagan ’s a lèine fosgailte chun na h-ilmeig – a bhiodh a’ seinn ‘Sixteen Tons’ agus ‘River, Stay Away from Ma doh’ .
Cuideachd, bha cuid dha na càirdean a-staigh: dithis mhac
—Càil a dh’fhios, arsa mise, nach ann le Mac a’ Pheadarain a tha e.
—Cò? arsa Eòin Iosèphus, air tilleadh. Cò, ma-tà? Who, what? Wherefore although the earth be moved.
Bha a’ ghràisg a’ dòrtadh a-steach. Thàinig Maria Carlotta, màthair Fatsboy, a-steach bhon chidsin le na pizzas a bhiodh i fhèin ’s an duine aice, Francesco, a’ deanamh. Fat Frank.
Bha òraid aige:
You drink, drink, drink, nothing but drink all the time and kill yourself – liver, kidneys, all pickled, yes.And the ulcers, ah, amico mio! The indigestion! Now, you eat – I teach you – you eata pizza, my pizza, eat one, two, eat three!Why not? Liver an’ all that okay, right as rain eh? – drink till the fuckin’ cows come home!
Bonnaich bheaga a bh’ annta, a ghleidheadh tu na do bhois. Bonnaich-boise, le liacradh math de thomàto agus càis. Mura biodh sin a rèir do mhiann, bha ravioli aca, agus bolognaise, agus làn do bhroinn a mhinestrone nuair a thionndaidheadh i gu fuachd.
—You eat now,thuirt Maria roly-poly Carlotta ri Eòin biorfuilt Mac-a- phì. Eat a pizza, you skinny teuchter man. Always drunk, you die soon – phssst!
—Bonnach flùir, a m’ eudail, arsa Eòin Iosèphus, a’ togail fonn:
... le ìm is gruth is bàrr,
Am biadh air an robh sinn eòlach
An tìr nam beanntan àrd!
—Leòdhas nam beann àrd, arsa mise.
Sheall e rium le car na cheann agus chrath e corrag nam aodann.
—Stapag, thuirt e. ’Eil fhios agad dè bha sin? Hah!
Rug mi air bhroilleach air, thog mi bho chasan e, chuir mi mo dhòrn ri bhus.
—Na bruidhinn riumsa, arsa mise, fhad ’s as beò thu, air stapag no air stiùireag no air sgudal sam bith eile a bh’ aig do sheanair ann an taigh do sheanar. Chan eil diù daing agam dè bh’ annta, dè nach robh annta. Thoireadh iad taigh mòr na galla orra, agus tu fhèin leotha!
Leig mi sìos e. Sheall e rium fo na mùdan, car na cheann.
—Bonnach-iomaineach, ars esan.
Chaidh mi dhan taigh-mhùin mus dèanainn call. Mus caillinn e.
Chunnaic mi, anns an dol seachad dhomh, a’ Chailleach Bheag a’ cur dhith ri Edna Boag. Dh’aithnich mi air coltas nan càirdean gu robh a còmhradh a-mach a àite mar a b’ àbhaist. Cha b’ e nach cumadh Edna ceann a’ mhaide rithe latha sam bith nuair a thogradh i fhèin. Chunnacas oidhcheannan: Ah, theireadh an Sasannach, a’ pasgadh air falbh a’ phàipeir, it’s cabaret time.
Hic!
A-nochd, ge-tà, cha robh Edna a’ gabhail a’ bhiathaidh, ach bha am fear ùr aice – retired Detective-sergeant – air a ghrad-uabhasachadh, aghaidh air sèid. Balg-sèid.
Sheas mi eadar Billy Boag (dongalair) agus Murphy (faochag)
A bhuidheach, na tig,
No idir an dìobhairt!
Ach thàinig e a Dhonati’s, an aon àite san robh mo cheòl-gàire, far am bàthainn mo mhulad le bourbons,’s nam b’ fheudar, le mescal agus crême de meth.Carson nach robh e mar a leithidean eile, a fhuair am peinnsean aig aois a’ pheinnsein: na chàrdagan ag obair anns a’ ghàrradh; ann am meadhan pàirce air being a’ biathadh dhruidean; no a’ tuiteam marbh air an trìtheamh gath-cridhe, an grèim ud a thig gu grad? Sin mar bu chòir, ’s cha b’ e a bhith bòstaireachd anns an aon taigh-òsda a bha dhòmhsa mar dhachaigh.
Ach bha a sheòrsa a-riamh ann, air mo chuairt-sa co-dhiù. Nuair a shaoilinn a bhiodh gach nì a rèir mo mhiann – ceòl air mo bhilean, mo cheum aotrom – dh’fheumadh cuideigin, cù a choreigin, ceann a thogail. Agus mus seallainn rium fhìn, bhiodh gach saorsainn is sòlas a bh’ agam ann a’ sileadh air falbh mar an fheamainn ris a’ chloich. Chuimhnich mi air cuid dhiubh anns an t-seasamh ud:
William James Smith, leis a’ ghàire – dùirn agus uilt agus gob na bròige – O mo chorp, mo chreuchdan!
An Gad-droma, sùil a’ mhurtair;
am boireannach ruadh a bha gam leantainn, a’ buntainn ri mo chiall ’s mo reusan;
Clegg biorach nam briathran mìn, bior am thaobh, bior am thaobh ...
Guidheam sgiolladh craicinn dhaibh uile, lotan dubh san fheòil agus teasach cinn.
Agus a-nis fhathast – mo lathaichean nan ruith orm – an deuchainn ’s an t-eu-dòchas seo. Bha sporan aige, ’s bhiodh e a’ ceasnachadh Fat Frank mu phrìs nam pizzas aige, prìs na dibhe, ’s carson a fhuair Billy Boag barrachd bolognaise airsan, carson a’ chruaic ud air beulaibh an t-Sasannaich? Bhiodh e a’ ceasnachadh agus a’ gabhail gnothaich ’s cha b’ ann le rùn math sam bith. Agus na bu mhiosa na sin, bha e làidir agus cunnartach. Aon fheasgar, an dèidh sruth de cheistean mì-mhodhail mun Incapacity Benefit aige, thuirt Eòin Iosèphus ris e taigh na bids’ a thoirt air.
Get stuffed,arsa Eòin Iosèphus.
Rug e air, ma-tha, fon achlais. Agus dh’fhàisg e. Agus dh’fhosgail beul Eòin Iosèphus ’s thàinig torghan bàis bhuaithe. Thàinig e a-steach orm fhìn a’ toirt dha mu chùl na h-amhaich, ach thionndaidh e thugam. Chuir e an aghaidh phlaosgach suas rim aodann:
Don’t even think about it, sonny, ars esan, a’ sealltainn dhomh fhiaclan buidhe-uaine gun aon bheàrna.
Tha mo ghàirdean buggered, arsa Eòin Iosèphus. Saoil an caochail mac an diabhail a dh’aithghearr?
Cha chaochladh. Cha bhi mastaig dha sheòrsa a’ bàsachadh ann. Agus smaoinich mi gur e Edna Boag, an tràill, a bha ga fhàgail ann an Donati’s – Edna a’ dìoladh air Billy Goat. ’S thàinig earrainn thugam dha Edna: ’S fheàrr an t-olc eòlach na ’n t-olc aineolach. Agus smaoinich mi an uair sin – spriotagan agus crathadh làimhe – gur h-iongantach gun deach uimhir a smaoineachadh a dhèanamh a-riamh ’s a rinn mise sa ghreiseag ud ann an aona steall.
Mach leam.
Mach leam dhan t-sionagog!
’S gann gun d’ rinn mi an doras dheth nuair a dh’aithnich mi gu robh an diabhal anns an teant.
Cabaret time!
Cha tug na thachair glè fhada – còig mionaidean air a’ char a b’ fhaide – ach thachair gu leòr.
Chunnaic mi am bonnach-boise a’ teàrnadh thugam, mar an t-slige. Chrùb mi agus chaidh e na sgiodar ri ursainn an dorais air mo chùl. Air mo bheulaibh bha a’ Chailleach Bheag, a gàirdeanan an àirde ’s i ga dìon fhèin bhon sprùilleach a bha iad a’ frasadh oirre – Edna a’ toirt nan òrdugh, na Traceys agus na Waynes a’ tuiteam mu chèile leis a’ ghàireachdainn.
By chove! thuirt a’ Chailleach, a’ togail a cinn. Agus an ath rud, bha i a’ treabhadh tromhpa ’s a’ dèanamh air sgòrnan Sixteen Tons.Chaidh na bùird thairis air Edna ’s na peathraichean ’s am boireannach leis a’ chat ’s an cat. Dhòirt pinntean nam bràithrean ’s nam bràithrean-cèile air sgiortaichean polyester,geansaidhean acrylic lace-effect air am baisteadh le G&T air an còmhdach le stùr a’ Lambert and Butler .Bha glainneachan nan sgàrd air an làr, bìdeagan bolognaise,slisneagan lemon a’ seoladh ann an lòn de leann a bha a’ sgaoileadh na chop mu na brògan a b’ fhearr a bh’ aca.
—Bids! dh’eigh Edna. Leum an cat oirre. Rug an Detective-sergeant air a’ chat air ghoic amhaich agus shad e air falbh e. Leum am boireannach leis an robh an cat air an Detective-sergeant. Fat bastard! Chuir esan a chròg mhòr hama air a broilleach agus phut e i agus thuit i gu cùl a dh’uchd Edna. Thuit Edna. Pictures for nothing.
—Sliasaidean, eh? thuirt an duine a bha a’ gleidheadh na h-òige.
—Christ! thuirt an Sasannach.
Sheinn Fatsboy: Dilegua, o notte Tramontante, stelle!
Sheinn Murphy: All’alba, vincerò! Vincerò!
Sheinn an cù: A-hùù! Vibrato. Cò dh’iarradh brosnachadh ach siud! Dheighinn dhan chath, bheirinn dha i mu chùl na h-amhaich once an’ for all beatha no bàs, amèn.
Ach bha am bràthair a b’ òige, pòsd’ aig tè a’ chait, ann romham. Chuir e a chorrag ann an sùil an Detective-sergeant. Leig an Detective-sergeant mothart às: OEUF! Shil an t-sùil. Ann am priobadh na sùla eile, bha Billy Boag mar am muncaidh casa-gòbhlagan air dhruim air. Chuir am bràthair a b’ òige a chorrag dhan t-sùil aigesan cuideachd. Cha b’ e a’ chòir ach an eucoir.
Thuirt an t-òranaiche Iosèphus gu feumadh e dhol dhan eadraigeadh. Thuirt e gu feumadh esan cobhair a dhèanamh air a charaid, a’ Chailleach Bheag. Agus chunnaic mi an sruth iorghallach a’ falbh leis. Chaidh a thogail ’s a chrathadh, a thulgadh ’s a spadadh ’s a shadadh air ais gu tìr.
—Dhia beannaich mi, ars esan, briste brùite a’ tilleadh. Curaidh nach robh ullamh acfhainneach.
—Faca tu a’ Chailleach air do thriall? dh’fheòraich mi dheth. Chan fhaca. Bha i anns an taigh-cartaidh leis an fhear fhionnach. Bha ’n doras glaiste.
Agus glòir na gràisg ud a’ dol na b’ àirde – cha b’ e siud an ceòl a b’ àill leam, a chaidh a thogail air Jimmy Shand agus pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh.
Bastard!
Wanker!
Away, ya pishpot, ya slag, ya grotty ould hoor, ya!
An duine a b’ fheàrr air guidheachdan a chunna mi a-riamh
Bha Alex Roddy Boag air a shaltairt fo na casan aca. Bha ceann Wee Slash a’ coimhead a-mach bho achlais an fhir nach do phòs a-riamh – fuil ri shròin, toileachas na ghnùis. Bha Bella Strachan a’ tarraing sìos briogais bràthair-cèile Edna, pòst’ aig a piuthar bu shine. Bha i air ruighinn clais na tòine. Bha duine nach do dh’aithnich duine a’ tachdadh am bràthair-cèile eile. Thàinig Fat Frank a-mach bhon chidsin le peile agus mop. Thàinig Maria Carlotta le clìobhair na feòla.
—I will kill them! thuirt Maria Carlotta.Agus riumsa: Come on, you help.
Sheall mi rithe. Sheall mi riutha. Bha Fatsboy a’ seinn:
... All’alba vincerò!
Rinn mi ùrnaigh – an ùrnaigh a rinn bodach Chinn Tàile ro Bhlàr Chùil Lodair:
Deònaich, a Dhè, mura bi thu leinn,
nach bi thu nar n-aghaidh.
Sheall Maria Carlotta suas, a’ guidhe ri gar bith cò bha shuas:
-What he say, the crazy man?
Spaghetti. Bha mi ann an spaghetti agus ise, Maria Carlotta, gam stiùireadh. Thilg mi sìos am bourbon mu dheireadh ud
Chan eil fhios a’m dè bhuail mi.
Tha mo chuimhne gam thrèigsinn.
Tha fios a’m gun dh’èirich corraich ro iongantach anns an duine John Tom, an t-sùil a bha na cheann air dùsgadh mòr agus iargalta – a bhràthair leis an làrach a’ feuchainn ri shocrachadh, a’ suathadh ravioli bho dhruim a sheacaid mhòilisginn. Ach cha b’ ann riutha a bha mo ghnothaich.
Rug mi air stòl agus chaidh an làmh eile chun na sgithinn.
Sabatier gun ghob, a bha agam na mo stocainn mhoban.
Yeah, yeah, yeah, yeah,thuirt Eli Wallach. Don’t take no shit from nobody.
C.B. W. gam choimhead le tiamhaidheachd, a shùilean a’ lìonadh.
Tha cuimhn’ a’m air sgreuchail nam boireannach, sgiamhail a’ chait ... Maria Carlotta, an t-eagal na guth, a’ gul nam chluais: Santa Cielo! Santa Cielo!
Agus an uair sin a’ bhuille.
Agus an uair sin na solais a’ dol dheth.
title | Donati’s |
internal date | 2006.0 |
display date | 2006 |
publication date | 2006 |
level | |
reference template | Caimbeul Shrapnel %p |
parent text | Shrapnel |