2 Infirmary
Ann am marbhanachd na h-oidhche, dh’fhosgail gu h-obann mo shùilean agus dh’fhosgail mo bheul agus leig mi sgreuch na b’ àirde na sgreuchail nam boireannach ann an Donati’s ’s na b’ àirde na an sgreuch a leig Tormod Siar nuair a chunnaic e Dubh-Racaidh. Bha mi anns an dearbh leabaidh san robh an Uireasbhaidh Gnùis nuair a chroch iad na pìoban ris! Agus dh’fheumainn faighinn aiste luath anns an spot mus glacainn an clap, niosgaidean agus sgreaban agus at! Leig mi sgreuch eile, a bha na b’ àirde na a’ chiad tè, agus thàinig nurs na ruith agus poileas gun bhonaid na ruith agus stad iad aig an leabaidh agus dh’aom iad an cinn agus dh’èist iad ri broileis mo chinn-sa:
—Bha e innte! Chunnaic mi a cheann sgrothach air a’ chluasaig seo nuair a fhuaireadh Murphy beò am measg nam marbh, deargadan a’ leumadaich thall ’s a-bhos agus sgreaban man bàirnich crochaichte ri chasan. Chunna mi a chraiceann a’ briseadh agus drùis bhuidhe a’ sileadh troimhe agus dh’fhairich
Ann an càinealachadh an latha dh’fhosgail mo shùilean agus bha broilleach boireannaich eadar mi is leus. Agus smaoinich mi air ùth bà a’ burstadh le bainne, agus bha dùil agam dòchas gur e Ella a’ Special Vat a bh’ ann ’s gum biodh botal bourbon aice air falachd anns a’ bhealach ud dhòmhsa.
—À, Ella, mo chuid dhan t-saoghal mhòr. Ach an àite Pish off, ya toss! labhair guth eile rium à doimhneachd dorch a’ bhròin:
—Cò air a tha Ulla agad?
Thug mo chridhe grad-leum às! Stad m’ anail, mo bheul fosgailte mar bheul bròig. Cò bha seo a’ tighinn gam chronachadh le trom-osnaich a chuimhneachadh peacaidhean m’ òige dhomh? Cha b’ urrainn dhomh mo shùilean a thogail, ach bhuail e thugam ann am briseadh fuar-fhallas cò a dh’fhaodadh a bhith ann, agus anns a’ mhionaid dh’èirich iad, tè an dèidh tè dhiubh, gu h-eagalach romham:
Mrs Carmichael. Car a’ mhì-thalamh – Car-mellors – a ceann air a chìreadh teann gu chùl, an gad iuchraichean air a’ chrios mu meadhan.
Dè rinn thu, a ghrioboin ghràinde, air Joanna Mary MacCallum?
Mo cheann crom.
Dè rinn thu air a’ phàisde?
William James Smith a thug orm ...
Thèid falbh leat, a shalchair, mar a dh’fhalbh iad le bean an Turcaich, ceangailte ann an cùl na cairt. Agus cluinnear do ghlaodhaich air feadh na sgìre ...
Maitheanas dhomh, maitheanas dha peacach bochd. Chì mi fhìn Joanna Mary agus sleuchdaidh mi aig a casan agus chan fheuch mi suas a froca samhraidh gu bràth tuilleadh – chan fheuch ... no suas sgiorta chlò na leadaidh-miseanaraidh.
Rug an leadaidh-miseanaraidh orm ’s thug a’ chròg mhòr aice brag air toll mo chluais.
Thèid innse dhad athar agus dha do mhàthair. Bheir mise mo ghealladh dhut! ars ise.
Mo shùilean a’ sileadh, uisge mo chinn.
Mo mhasladh, agus Ò mo nàire!
Innis dhuinne! arsa balaich bheaga clas na Starraig: innis dhuinn dè chunna tu!
Drathars mhòr lastaig man teant.
Thig an Starrag às do dhèidh leis a’ Bhìoball.
Thig Dubh-Racaidh ann am beul a’ chomha-thràth.
Maria Carlotta leis a’ chlìobhair – O Santa Madonna! Santa Madonna! An fhuil a’ sruthadh gu làr.
—Cha bu mhise a rinn e! Mo mhionnan air dia a th’ ann an nèamh!
Agus guth a’ bhròin, le truas nam chluais:
—Co eile a rinn e? An sgian agad a bh’ ann.
Ann an ciaradh an fheasgair, dhùisg mi agus bha mi agam fhìn. Cha robh sin furasda: bha gach ball dhem chorp goirt
Bha an leabaidh ri mo thaobh falamh.
Bha dà leabaidh tarsainn bhuam, làn. Bha am fear a b’ fhaisge dhan doras air a ghlacadh anns an aon seòrsa lìon san robh an Uireasbhaidh, ach cha tigeadh e aiste beò. Bha am fear eile air chùl an Daily Record.Thuirt mi ris nach tigeadh an duine a bha ri thaobh às a siud beò. Chuir e sìos am pàipear agus sheall e rium, agus a’ bruidhinn bho oisean taisgeil a bheòil dh’fhaighnich e dhomh dè an geall a chuirinn ’s am bithinn riaraichte le ceud nota – bhiodh esan. Chan fhaca mi a-riamh aodann cho cam: mar gum biodh an craiceann air a shlaodadh sìos an dàrna taobh, a’ falbh leis an t-sùil agus a’ teiche a shròin ’s a bheul suas air fiaradh chun taobh eile. Dh’aithnich mi gur e stròc a bh’ ann agus thuirt mi ris gun cuirinn ceud not’ eile air a’ gheall nach fhaigheadh esan a-mach beò a bharrachd.
—Done! dh’èigh e, damn all cearr air na h-asnaichean aigesan.
—Done! ’s chuir e sglongaid mhòr oillteil na bhois, ag iarraidh orm mo shlighe a dheanamh a-null thuige agus an geall a sheulachadh le glac-làimhe. Thuirt mi ris gum b’ fheàrr leam mo chorrag a chur nam thòin agus leigeil fead, samhail na sglongaid ud chan fhacas bho chaochail Gerard B. Jaysus anns a’ Chowgate. ’S, a riabhach ormsa!, nach aithnicheadh mo liagh
Bìdeagan de dh’iasg sliobach buidhe a’ seòladh ann am bainne.
Cha dèanainn mo bhiadh dheth, mo mhionnan, mo stamag.
—Feumaidh tu ith, thuirt i.
Dh’fheumainn-s’ an taigh-beag.
—Ith an toiseach, thuirt i, a’ càradh an truinnseir fom shròin agus a’ teiche mar gum biodh eagal oirre gun togadh i galair a choreigin.
—Hey, darlin’ ars an sgarbh a bha thall, do us a favour, eh?
–Wha’?
Starve the bastard!
Bha i gam choimhead. Thuirt mi rithe gun iormaidh a bhith oirre, no idir eagal, gun cuirinn car dhan amhaich aige cho luath ’s a thilleadh ’lùths nan cas.
Thug i ceum air ais, fad na h-ùine gam choimhead. Nuair a bhruidhinn i a-rithist, bha an guth aice fann. Dh’fhaighnich i dhomh an e an fhìrinn a bh’ ann gun dh’fheuch mi ri duine a mharbhadh. Cha robh mi ga tuigse. Thuirt i gu robh e ann an Intensive>Care,an duine. Bha an t-àite dubh le poilis nuair a thàinig iad leis, nuair a thàinig iad leamsa, bho chionn dà oidhche.
—Attempted murder! dh’èigh an sgarbh le toileachas. Cha bhiodh pioc ‘attempted’ ann nuair a gheibhinn-sa cothrom air – cò b’ fheàrr na mo mhàthar fhìn air tachdadh chearc latha dha robh ’m baile againn? Thuirt mi sin ris – gu robh sgil ann agus dòigh, ’s gu robh iad còmhladh agamsa.
—You hear that, hen! Tha’s a threat, that!
Ach dh’fhalbh i, gam fhàgail an impis sgàineadh, a’ coimhead ri earball adaig. Bha tuainealaich nam cheann air nach cuirinn rian: dè bha seo mu dheidhinn murt? Carson a bha am boireannach bòidheach ud a’ bruidhinn riumsa air murt agus marbhadh agus duine ann an IntensiveCare?
Cò ’n duine?
Cò ’n dòlas an duine? Billy Boag ... Wee Slash ...
— Detective-sergeant Walter ‘Shrapnel’ Watson of this Force, retired,thuirt am poileas gun bhonaid, na sheasamh deiseil le duilleag bhàn is peann is ceist no dhà freagair no fàg bha sin an-àirde rium fhìn, ach ma bha mi neoichiontach, ha! carson a dh’fhàgadh? Carson gu dearbh? ’S cha bhiodh sinn a’ caitheamh tìde ’s cha bhiodh sinn a’ caitheamh anail, cha bhitheadh, gu dearbha, arsa mise, ceist no dhà, siuthad ma-tha, ’ille chnapaich le fallas fo do shròin, fire away.
Thionndaidh e duilleagan, rinn e casd oifigeach.
—An tu John Morison, aon ‘r’, or MacPhail, alias Neil O. MacLeod, alias Roderick Ogg, of no fixed abode?
—Cha mhi.
—An tu E. Joseph MacPhedran, C.B. W. Murphy?
—Cha mhi.
—An tu John Lomm, Inverlochy Turn,Inverlochy?
—Cha mhi.
—Cò na daoine tha sin co-dhiù?
Cò gu dearbha.
—Okay ... right,ars am poileas gun bhonaid, mar dhotair a’ coimhead sìos d’ amhaich is a’ cur pìob fhuar rid bhroilleach.
—Right.Anns an dara ceasnachadh, ars esan, aig 21.00 hours, Saturday 15th November,thuirt thu gur e Oliver Goldsmith a b’ ainm dhut. An tu Oliver Goldsmith?
—Cha mhi.
—Walter Raleigh?
—Cha mhi.
—Timothy Gillies?
—Cha mhi.
—Dè ’n t-ainm a th’ ort?
—Mac an Leadharainn.
—Spell it.
—Cha speilig.
—MacLugran, ars esan, a’ sgrìobhadh. Cà’ il thu fuireachd?
—Fuireachd, arsa mise, cha dèan feum ach falbh.
—No fixed address.
—No fixed abode, Charlie.
Thàinig nurs – tè ruadh, rìomhach – le poit chun an sgairbh, le botal thugamsa. Sguir am poileas a sgrìobhadh. Stad a shùilean na cheann. Bha a dealbh agus a h-ainm air cairt phlastaig air a broilleach. Staff NUrse Mavis E. Beattie.
Yonder come Miss Mavis ... na facail a thainig thugam – cha b’ ann bho Habacuc no Obadiah:
... umber-ella on her shoulder, piece of paper in her hand ... well,botal agus poit-mhùin ... gonna tell the sheriff “GIMME BACK MY MAN!”
Sun’s gonna shine,mar a thuirt gar bith cò a thubhairt e. A’ deàlradh a-nis gu cinnteach air an t-siorraidh gun bhonaid seo againne ’s e ri ’g amharc air Mavis E. Beattie le sùilean blàth laoigh.
—Mavis! ars esan. Mavis Beattie!
An rudhadh a bha na gruaidh. An gàire a rinn i.
—Hello, Des.
Dh’aithnicheadh iad a chèile! Agus dh’aithnicheadh an sgarbh Murphy. Agus an arrachd a bha fo shreangannan aig an doras, cha robh càil a dh’fhios nach aithnicheadh esan an Uireasbhaidh Eudainn, nach robh e fhèin is Eòin Iosèphus anns na dubh-oghaichean taobh nan Dùghallach a thug an cladach orra.
Eudail, eudail.
Dhùin mi mo shùilean agus dh’èisd mi riutha ag ùrachadh làithean an òige – na sràidean, na pàircean, na tràighean air an robh iad eòlach: O sunny Portobello! Cramond Shore. ’S an fheadhainn a bha ann còmhla riutha an uair sin, cà robh iad a-nis agus dè bha iad a’ dèanamh. Greis ag ainmeachadh ainmeannan – Drew, Stu, Una, Margo, Dorothy Jane Stark; agus an robh cuimhne aige air Rosie Pettigrew, a chaidh air faondradh a’ fuireachd ris – robh fios aige idir? À, Rosie. Rosie Petticoats. Agus an robh fios aicese mar a bha Willie Jeffrey ga chall fhèin as a dèidh, agus Willie Geddes agus Fat Willie Merrilees, mac a’ bhùidseir, ding, dong, merrily the mince!
—A’ they Willies, Mavis.
—See you, desmond MacCafferty.
—See you, Mavis.
Gàireachdainn a’ tighinn le teas bhon mhionach. Agus am
— ’Eil thu air tron oidhche, Mavis?
—Tha, fad na seachdain. ’Eil thu fhèin?
—Tha ... well, fhad ’s tha esan ann.
—Bidh e greis mhath ann. Chaidh a phronnadh.
Thàinig iad na b’ fhaisge, mo chluasan fosgailte.
— ’Eil e na chadal?
—Tha.
—Cinnteach?
—Tha.
Guthan ìosal.
—Fad na h-oidhche?
—Fad na seachdain.
—Agus mise.
—Mura fàs e nas fhèarr.
—Mavis?
—Mm?
—Dhomh do làmh.
—Des!
—Bruidhinn air fàs ...
—Crikey!
— ’Eil thu ... ?
—Chan eil! Tha!
—Cà ’n tèid sinn?
—Far nach tèid breith oirnn.
— ... in flagrante delicto!
—In the sluice, Willie, arsa Mavis. Agus leig am poileas fead agus dh’fhalbh iad le cabhaig nan ceum, na h-eòin le seirm a’ seinn air mìle geug.
Agus mise, air mo phronnadh, air mo ghonadh. A thug ràith na bliadhna ag iarraidh gu Anna Louisa Sutherland a thug bhuam mo bhriathran agus mo neart ann an St Bernard’s Waltz, eau de cologne agus a h-anail chùbhraidh fàileadh nam Woodbines; a thug bliadhna agus ràith a’ feuchainn gu Effie with the gogs, na sliasaidean aice aig Hockey! A dh’innis dhomh le sùghadh sròine ’s gun mo liutan ach air ruighinn a glùin mun ghaol mhìorbhaileach thar mhìorbhailean a bh’ aice air Johnny Hotchak– an diabhal ormsa, Teddy Boy.Agus a chaidh àicheadh le Peigi Spiullag trì tursan mus do ghoir an coileach ann am bàthach Mhurchaidh Smiot; agus nach d’ fhuair ach droch bheul bho a piuthar, Seonag Spiullag, a ruith air balaich Bhaile Geàrr gu lèir agus a thog cùrsa air an druim bho Thuath às dèidh sin.
Agus Annabella Duguid – clear off!
Agus Jennifer as Lytham St Annes.
Julie Anna Johnson.
O, gur cràidhteach an othail
bha san àm a’ tighinn fodham ...
cìochan corrach Anna Louisa, lìontach, mulanach – muladach bha mi mu Pheigi, a bhleòghnadh a’ bhò bhlàr ’s a laigheadh blàth fon acha-lais. Càil a dh’fhios nach ruiginn iad fhathast nam faighinn fàth air a’ phoileas, rus seachad air an t-sluice!
Agus b’ iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceathramh, an còigeamh latha nuair a dhùisg mi gu droch cainnt a’ tighinn bhon leabaidh ud thall agus a chuala mi guth Murphy ann an co-sheirm ri sgread an sgairbh. Thog mi mo cheann gu faiceallach agus sheall mi null.
Bha Murphy a’ coimhead rudeigin glan, mar gum biodh e air a ghlanadh fhèin. Bha fhalt air a chìreadh spìceach gu chùl, na
Rinn mi gàirdeachas nam chridhe agus dh’aithnich mi gu soirbhicheadh leam às dèidh nan uile, gu faighinn air teiche nuair a thilleadh slàinte agus slànachadh. Gheibheadh Murphy, a dh’aindeoin toibheum, geansaidh agus briogais agus paidhir math bhrògan dhomh. A dh’aindeòin uirsgeulan.
—Mo chasan làn ghàgan, arsa Murphy.
Gheibheadh e bonaid clò dhomh is còt’ a dheigheadh mum dhruim.
—Giorrad analach orm, ars esan, agus glasadh uisge.
Rola ruadh de theip steigeach a chuireadh balbh an sgarbh san àm dhuinn dealachadh.
—Èaladh fom chraiceann, biastan nam chom.
—Gheibh thu na rudan sin dhomh, arsa mise, agus thig thu an seo leotha nuair a dh’innseas mi dhut nuair a thilleas mo neart.
Dh’iarr e iasad.
—Agus cha leig thu ort gun aithnich thu mi, arsa mise. Nuair a nochdas sergeant nam putanan faileasach – fear-faire na maidne ’s a’ mheadhain-latha – bidh tu ’g itealaich thall an sin mu leabaidh an sgairbh.
Bha an t-airgead ann am bonn ri mo thaobh.
—Tenner, ars esan.
Nuair a nochdas an constabal Slobodom le na sglaipean, sìsteil na mhionach às dèidh slugadaich trath-nòin, bidh tusa a’ crònan ris a’ chlosaich a th’ aig an doras.
—Fichead, ars esan.
—Ach ’s ann am beul na h-oidhche a thig thu nuair a bhios an t-àm agamsa air teachd. Na do dhà bhriogais, na do dhà gheansaidh, na brògan fod achlais. Agus bidh còta mòr ort air muin na seacaid sin – gu sealladh dia ort, cà na ghoid thu i co-dhiù?
–Well, it was like this, you see ...
—Na cluinneam an còrr.
Dh’fhalbh e. Agus dh’fhalbh mise gu mo smuaintean, air m’ fhaiceall air mo dhruim, mo bheul a’ sileadh uisge, mo shùilean trom. ’S thug an cadal mi gu sràid chaol chumhang làn bhùithtean làn dhaoine. Bha mi a’ dol a dh’òl mo lèine.
Nuair a bha mi ’n Èirinn, thuirt am boireannach aosda, ’s ann a bha mo lèine na b’ fhaide na mo chòt’.
Ma, gu dearbha òlaidh, thuirt an tèile, bha do sheòrs’ a-riamh ann. Bha daoine a bh’ ann nam òige, ’s nach do mhair beò, a’ gabhail seachad. Agus chunnaic mi pìos bhuam, thar chuan aodainn, an nighean a b’ fheàrr leam air an t-saoghal, mo nighean fhìn a’ tighinn nam choinneamh. Ghluais mo chridhe gu sòlas, mo cheum cho aotrom cha lùbadh bil feòir. Bha a h-ainm air mo bhilean, ach air dhi m’ fhaicinn gheàrr i tarsainn gu taobh eile na sràide agus thionndaidh i a ceann bòidheach air falbh. Ghabh iadsan nach robh beò seachad, a’ sealltainn romhpa, sgìth agus fo bhròn.
Bidh tu ceart gu leòr, thuirt am boireannach aosda.
Agus choisich mi. Choisich mi an t-sràid chaol gun chrìoch ud, an t-uisge fuar ’s a’ ghaoth nam aghaidh, choisich mi.
Agus choisich mi nuair a thàinig an t-àm dhomh èirigh agus imeachd. Bha e cho furasda, cha mhòr gum b’ urrainn dhomh a chreids’. Chaidh mi gu leabaidh an sgairbh an toiseach, Murphy gam chuideachadh.
—Say goodbye, you bastard.
Ach mus d’ fhuair e air an sgreuch a leigeil bha an teip againn air, trì chuir mhear mu chraos, dhà mu chaol nan dòrn.
—Goodbye.
’S an uair a bha mi còmhdaichte ann an còta mòr an Airm, brògan breòite na h-Uireasbhaidh agus bonaid-cluasach Sìonach – aona chluais a dhith air – sheas mi os cionn leabaidh na closaich a bha aig an doras agus thug mo chridhe leum às. Bha na sùilean biorach glas sin gam choimhead, làn dhan fhear-mhillidh, gàire a’ mire ri bhilean.
-See you, Jimmy,thuirt e. See me.
Sin uireas.
Dhùin na sùilean, dhruid na bilean, builgean ri chuinnlean. Agus choisich mi a-mach às a’ mhì-thalamh àit’ ud, socair seachad air an t-sluice, cha tàinig dìosg à brògan na h-Uireasbhaidh. ’S ged a thigeadh, cò a chluinneadh? Bha a’ mhuilinn dubh air thurraman, air thurraman, air thurraman, ’s bha nead na circe fraoiche ’s an driùchd ga còmhdach, ’s tu le do ghunna, Dhòmhnaill, a’ leigeil nan deannan.
Bha an oidhche soilleir, fuar. Chithinn slisinn thana gealaich tro gheugan is dhuilleach nan craobh. Thàinig Murphy suas ri mo thaobh agus fhuair sinn tagsaidh.
title | Infirmary |
internal date | 2006.0 |
display date | 2006 |
publication date | 2006 |
level | |
reference template | Caimbeul Shrapnel %p |
parent text | Shrapnel |