[81]

5

Shrapnel

Mar Lebhiatan, borb agus uabhasach atighinn gu uachdair na fairge: Walter ‘ShrapnelAnthony Watson – sheasadh na làthair? Às cuinnleanan a shròine thig deatach a-mach, mar à poit air ghoil, no coire. Bha iad ga choimhead atighinn timcheall, na lighichean agus na mnathan-eiridinn. Thug anoperationuair a thìde agus trì-chairteil.

Chaidh a dhroch leòn: òirleach eilecm gu leth eile – ’s bhiodh gob na sgithinn air a dhol tro chridhe, ged a bha an cridhe sin cruaidh mar chloich. Rinn an sgian milleadh agus reubadh gu leòr an dèidh sin. Bann dhan taobh chlì a chaidh a sàthadh, agus dhfheumte cuislean a losgadh gus an fhuil a chasg agus dhfheumte a sgamhan a tholladh agus pìob phlastaig a chur ann. Bha aphìob ceangailte ri uidheam anns an robh motair asrannail, atoirt faochadh dhan sgamhan bho teannachadh-gaoitheamhails mar a bheir braidhm faochadh agus aotromachadh dhan mhionach às dèidh rùbrub, pacaideanLiquorice Allsorts.


[82]

Bha iad acumailoxygenris, masg ri aodann nuair a thigeadh saothrachadh air an anail.

Bha pìob aca adol suas a shròin agus sìos chun na stamaig, aglanadh a-mach an t-salchair a bha innte, rùchd sleamhainn uaine mar lìonaraich.

Chunnaic iad air amhonitor gu robh an cridhe làidir, abliobadaich mar bu chòir. ’S an uair a dhùisg e, anns an ICU, chuir iad fuil ann. Chuir iad pinnt ann, às poca. às a thàinig i, an fhuil sin? bu ghnè dhi, bu threubh dhi? Cha dubhairt iad. Agus dhruid an dorchadas mun cuairt dùmhail dallanach, ga iathadh, chualas durrghail shìos na amhaich.

nam be fuilpoofa chaidh ann, pimpnopaedophile , perverta choreiginHIV -positive?

Chaidh abhliobadaich luath.

nam be fuil an duine dhuibh – Mahommed MohametnoJomo MbòkoaMombasa ?

Chaidh abhliobadaich na bu luaithe.

nam be fuil cùis-eagail de Ghàidheal, fineach fionnach fraoich a-nuas às na beanntan!

Chaidh abhliobadaich a-mach à rian. Chunnacas an diabhal dubh na shùilean, a dhùirn adùnadh. Bfheudar dha triùir a chumail sìos gus am faigheadh tèile ach Mavisair an t-snàthad a stobadh na thòin. Chuir sin na thàmh e, atoirt dhaibh cothrom am poca-saline a chrochadh far an robh am poca-fala, boinne bho bhoinne adol sìos tiùb chun t-snàthaid a bha na ghàirdean. Driob. Biadh dhan chorp. Beathachadh.

Mar am beathachO, fada na bu mhiosa: mar an donas fhèin ag èirigh a sloc na h-uamhannachdchrath e dheth an t-òpar agus sheall e riutha. Bha ceathrar dhiubh ann ann am beul na



[83]

h-oidhche, agus nighean agusAlsatian. Thàinig iad air gun fhiosd, ach bha e air a chasan a-nis air sràid nach robh adol a dhàite, balla àrd aig a ceann. Sheall e riutha. Gràisg, eadar a còig-deug agus a h-ochd-deugam fear ruadh gun amhaich, bhiodh esan a h-ochd-deug. Bha làmhach aige agus làn dùil acur gu feum. Bha slacain iarainn aig an dithis òg agus sgian aig an fhear shalach.

Cha robh teans aca.

Sheall e ris an dithis nighean. Bha iad caol, acagnadh. Thuirt an dàrna gu robh ise ga iarraidh an toiseach agus leig i osnaich na h-ana-miannachd aiste, a h-anail na h-uchd. Bha an aig an tèile air iall.

Cha robh teans aig achù.

Bha e air a chasan agus choisich e an coinneamh a chùil gus an dfhuair e a dhruim ris abhalla. An uair sin smèid e riutha, gam fiathachadh thuige. Be seo an seòrsa suidheachaidh a bfheàrr leis, toileachas na chom, an fhuil aseinn na cheann, na chasan.

Cha do mhair e ach mionaid bheag.

Let ’s gehim,ars an cnapanach ruadh. Go for the bastard.

Thàinig e fhèins am balach salach nan deann còmhladh – the heavy brigade.Leum esan chun dàrna taobh, atoirt uilinn le uile neart dhan fhear shalach mu chùl na h-amhaich. Chaidh e pell-mell dhan bhalla agus na ultach chun an làir. Cha chuale glaodh-cogaidh an fhir ruaidh, an làmhach le buaidh asgapadh na gaoithe, gus na rug achròg air gu h-àrd taobh a-staigh na sliasaid. Bha i mar an stàilinn, achròg ud, gun iochd afàsgadhs ateannachadh. Thuit an làmhach agus theich a’ light brigade, ’s bha an na bu luaithe na duine aca.



[84]

Smuaislich e a-nis air a dhruim ann an àite geal. Thàinig smuaintean. Chunnaic e am balach salach ud a-rithist, cha bann air sràid-chùil na chrioplach ach ann an solais lasrachDhonati ’s. Bha an ceann aige fo achlais duine; ceann circ, an fhuil ris an t-sròin, acoimhead ris. Bha e atarraing meur bho chluais gu cluais, agealltainn gun deigheadh an sgian gu cinnteach fhathast air amhaich.

O, gun teagamh, bhiodh sgoltadh ann. Bhiodh fuil.

Dhfheuch e ri cuimhneachadh airDonati ’ s, oidhche nan seachd sian ud, agus aghràisg a bha a-muigh innte. Eadar a còig-deug agus ceithir ficheads a h-ochdan duine nach do phòs a-riamh, bhiodh esan astreap ris acheud. Bha iad uile càirdeach dhaEdna Boag – oghaichean, dubh-oghaichean, bha plàigh dhiubh annagus bha an duine aice mar am muncaidh air a dhruim nuair a chaidh achorrag na shùil, an sgian gu domhainn dian na thaobh. Chuale Edna agus achait asgreuchail, daoine le uabhas atoirt an casan leotha, am boireannach Eadailteach aguidhe ri na nèamhan, ri na naoimh. ’S mus robh e seachad, fhuair e air aon bhuille nam buillean mòra a thoirt dhan fhear a bfhaisge dha: Jack Daniel, a leig air falbh sruth fhacailbu cho math dhut an cat.

Mus robh e seachad, bhaJack Danielaige ann an grèim bàis, ga tharraing sìos tarsainn bhòrd is shèithrichean gus am bfheudar mu dheireadh gèilleadh ann an lòn leanna. Cionnas a thuit an cumhachdach? D /Sgt. W.A. Watson, cionnas a thuislich e ann am meadhan achath? Bha e uair nach be siud àbhaist…

Ann an dùiseal cadail thàinig iad thuige: MacIlwraithsgom; Riachachruimh san fheòil; Francis Ignatius Coyle; agus romhpasan, Charlton H. Bulloch – biomchaidh an t-ainm



[85]

Bulloch , Bullocks, bastard, ga thoirt air ais chun ànradh sgoil far na thòisich agus far nach dfhuair e am foghlam.

Bha e na sheasamh ri balla air falbh bho chàch, ach gan coimhead tro shùilean a bha letheach dùinte ag èisteachd rin cluichs rin glaodhaich. ’S an uair a bàirde a bha iad, nuair bu toilichte, thàinigBullochbho chùl na seada sam biodh amPole – Eddie, janitor – agleidheadh nan rudan a bhios na fir-gleidhidh sin agleidheadh. Sguaban, bara… thàinigBulloch, fag na bheul, bruailleanach. Chluinneadh e mar a dhatharraich ceòl na cloinne bige, mar a chaill an còisir sunnd is suigeartas. Agus chunnaic ea shùilean air fosgladhmar a chùm iad orra a dhaindeoin sin, mar nach robh càil ceàrr, mar nach robhBullochidir ann.

Bha e ann.

Chaidh e a-null chun fheadhainn bu treise agus dhfheuch fear ri teiche. David Alfred Bennett, an gàire a rinn e cho beag-lochd.

Where the fuck do you think youre going? Bullochroimhe mar throm-laighe, am bruadar bu bhuaireasaiche.

Toilet .

That ’ll be right, David, old son, ye fuckinwimp.

An gàire a rinn e agus aogais air dhreach abhàis agusBullochasèideadh ceòVirginiana aodanns ga toirt dha eadar an chas, an ceann eadar an shùil. Lùb Bennett. Dhèigh e ach cha dfhuair èisdeachd, cha tàinig cobhair. Leum a shròin, an fhuil na sruthanan sìos. Agus chuir sinBullochglan-bhuileach às a rian. Chaidh e na dheich cinn, ationndadh a-nis air càch: I ’m a fuckinvampire, me!Ruith an fheadhainn bheaga le eagal am beatha agus dhfhan an fheadhainn mhòra seach gu robh iad mòr.



[86]

S bha esan leis fhèin ri balla na fhianais air an fhòirneart gun chiall ud. Bha e amiannachadh gun tionndaidheadhBullochthuigesan mus tigeadh an luchd-teagaisg agus Eddie, agus na poilis a bheireadh air falbh e. ’S bha fios aige gu robh fios aigBullochgu robh e ga choimhead agus amiannachadh sin. Cha do sheallBullochan taobh a bha e.

Feasgar làrna-mhàireach, Bullochaca an làimh, choisich e dhachaigh còmhla riDavid Alfred Bennett.

dheanadh tu air? dhfhaighnich e dha. Nam burrainn dhut?

Mharbhainn e.

Cionnas?

Chuirinn fon talamh e.

Dhinnis Bennett dha mun aisling a bhaige. Thàinig daoine mòra le ròpposse, gun eichagus dhfhalbh iad leBullochagus thiodhlaic iad e. Chluinneadh eBullochfon talamh aguidheachdans amionnachadh, ’s bha eagal air gu faigheadh en-àirde. Ach cha dfhuair, ’s nuair a thill iad chun àite ann am beul na h-oidhche agus a sheall iad, cha robh gluasad, cha robh fuaim. Bha e marbh anns an talamh.

Bha na daoine mòra duilich air a shon, arsa Bennett. Ghabh iad aithreachas.

tha sin?

Bhiodh esan air an aon rud a dhèanamh. Chuireadh e an ròpa mu amhaichBulloch, chrochadh e bho chraoibh e. Na bfheàrr buileach, thiodhlaiceadh e beò etalamh-toll, sin a thoill e. Aithreachas? Gar bith bha sin, cha robh e anns an t-soisgeul a rèir W.A. MhicBhàtair, ach sùil airson sùl mar bu chòir, giall airson giall, fiaclan, cluasan – what the hell, fry the bastards!



[87]

Agus ri na daoine meata sin a bha ag iarraidh gum biodh truas is co-fhaireachdainn againn riutha, bha a fhreagairt sìmplidh agus a rèir an t-seanfhacail: Cuir amhuc dhan an t-seòmar, ’s ann anns an òcrach a stadas i.

Lìonmhor muc san òcrach. Agus aiste.

Nuair a thillBulloch, chaidh e thuige.

Mise an ath thriop, Charlton Heston, thuirt e. Rug e air sgòrnan air. Chunnaic e an t-eagal ag èirigh na shùilean.

Eil fhios agad mi? ChrathBullocha cheann.

Cuiridh mi fon talamh thu.

Bann mun àm sin a dhaithnich e gur h-ann ri samhailBullocha bhiodh a ghnothaich anns an t-saoghal seo. Bhiodh brùidealachd ann agus borbachd, lot airson lot, buille airson buille. Cha burrainn na bfheàrr. Eadar a chadals a dhùisg, chunnaic e pàirt dhiubh agabhail seachad mar thannasgan: MacIlwraithsgom; Riachachruimh san fheòil; Francis Ignatius Coyle; agus greis romhpasan, atilleadh gu sràidean sear abhaile, Buster Hind, a chur am bonaid dheth.

Be siud achiad triop aige afalbh nan sràid. Oidhche Haoine, an conastapalDaphne FoubisterBig Daphnega stiùireadh.

That was Buster Hind,arsa Daphne, esan atogail a bhonaid às aghuitears aglanadh dheth an t-salchair. Bha grunnan dhaoine ga choimheads agaireachdainn – Aye , trust Buster.

n deach e?

Jiggin ’, thuirt fear.

Fairlies, thuirt fear eile.

Och , forget it, thuirt Daphne. Come on!

Chaidh e còmhla rithe, an aghaidh a thoil.

He ’s no worth it,thuirt Daphne, ga oideachadh mu luchd na



[88]

h-oidhchean dòighean, an cuilbheartan. Uaireannan, thuirt i, a thaobh Hind agus a leithid, bha e na bu ghlice dhut a leigeil seachad. Uaireannan, a thaobh cuid a dheucoraichs luchd-reubainnmisgearan, meàirlich, aghràisg àbhaisteachbha e na bfhasa, mar an Lèbhitheach, gabhail seachad air an taobh eile. Uaireannan cha bfhiach e an t- saothair… Uaireannan, agus uaireannan eile… an còmhradh afalbh oirre na shruth, Daphne Foubister, ’s i cho eudmhor, dùrachdach, ceàrr.

Sguir e a dhèisdeachd rithe.

Bha Hind na cheann.

S an uair a fhuair e air ais an oidhche sin dhan rùm, ghlan e e fhèin agus chuir e uime an t-aodach a bfheàrr: a lèine gheal Raelbrook, seud dhan òr mu chaol an dùirn ga dùnadh; nacavalry twills, am peitean orains, an t-seacaid Daks. Agus mu chasan, brògan leathair bonn is leth-bhuinnBayne and Duckett’ s. Bheireadh iad brag mhath air ùrlar-dannsaidh. Bheireadh iad brag air lurgainn cuideachd…

BhaFairliesa-mach air a bhus: racaidean, ramalairean, rustaigean, rògairean; siùrsaichean is seòldairean, pòitearan fo bhuaidh na misg. Bha an ceòl atighinn bhon a’ Harry Valentine Combo:

Be-bop
Bdoo-be doo
Waaa!

Brilliantagusbrilliantined .

Bha nighean ann an dearg-theas crochaichte ris anns a’ Slow Foxtrotagus choisich e leatha suas agus sìos, agus sìos agus suas, agus a-null a-nalls mun cuairt. Ghrad-thionndaidh gu fuachd



[89]

am blàths dhi, cheart cho math a bhith crochaichte ris an duine ud air Sràid aPhrionnsa – Ivanhoeno rudeigin. Chuir e bhuaithe i nuair a chunnaic e Hind adol dhan taigh-mhùin. Chaidh e às a dhèidh agus sheas e ri thaobh.

Hello , Buster.

Sheall Hind ris. Cha robh e ga aithneachadh. Thuirt e ris nach robh sin acur iongnadh sam bith air, cha robh cho glè fhada bho choinnich iad, an robh cuimhne aige idir air cho sgileil sgiobaltas a chuir e am bonaid dhethHa! Ha! Ha! burst a gut.Mus dfhuair Hind gu gluasad no guidheachdan, bha e aige air falt cràiceach cùl a chinn, ga tharraing air aiss an uair sin air adhart gu h-uabhasach dhan bhalla. Spùt an fhuil agus ghreas e leis dhan taigh-bheag. Thuirt e ris gu feumadh e a-nis a ghlanadh, cha robh math a leigeil fo sgaoil leis an aodann ud, chuireadh e na caileagan à cochall an cridhe. Agus bhaist e e air a cheann-dìreach sa phana, a chasan, gun nawinkle - pickers, abreabadaich na làmhan. Bha am fàileadh acur air, thuirt e. bu choireach nach robh daoine anighe chasan a bha loibht? Bha e gus a thachdadh, gus dìobhairt. Bfheudar dha grèim a ghabhail air achois chlì agus car a chur dhith. Chuale cnàmhan asgàineadh an àiteigin sna h-adhbrannan. An ràn a leig Hind, cràidhte, goirt. Buster bochd. Dhfhàg e e na chrioplach air làr an taigh-bhig. Slàn leis anjiggin ’, Fairlies fare thee weel.

Bha siud san toiseachs e an trèine a neairt. Cha robh a dhòighean idir a rèir an leabhair; bha riaghailtean air am briseadh leis gu tric. Agus thar nam bliadhnachan, eadhon leis an aois, cha tàinig caochladh: bha e fhathast deiseil le gob na bròige, ’s nam bfheudar, am baton. Chrathadh e an fhìrinn às an fhear bu righinn; chleachdadh e reacòrdair. ’S nam biodh e



[90]

asmaoineachadh gu robh a bheatha ann an cunnart, bhiodh gunna a-staigh na phòcaid22 a rinn e fhèin le tuairn agus drile. Bha uimhir a choins a thràillean agànrachadh abhaile nach bu mhiste idir fras luaidhe suas toll na tòineadh.

Trì tursan a chaidh a thoirt gu beulaibh an àrd-cheannaird, Chief SuperintendentRobertR.O. ’ Crawford M.B. E., pluicean agus losgadh-bràghad.

Achasaid seo, arsa R.O. aleughadh aig achiad choinneachadh, bhoElspeth Jane ElphinstoneàJoppa…

Fruitcake.

…a chaill claisneachd na cluaise taisgeil ri linn buille a fhuair i bho phoileas anns an taigh aig caraid air Sràid Dhaniel air an 8mh latha den Dùbhlachds mar sin air adhart: thagad ri dhràdh?

Bha i airidh air.

Nighean òg, sia bliadhna deug!

Junk -head.

Bhuail thu i!

Leum i orm! Le na h-ìnean.

Robh fios agad bhinnte?

Bha.

Elphinstone , for Gods sake!Chan eil cho cumhachdach an cùirtean àrd acheartais. Agus bhuail thusa an nighean aige!

Bha i airidh air.

S ma bha i airidh air, bu shuarach leis bu leis i: ge be nighean an àrd-Chaiàphais, nighean an rìgh gu dearbh a-staigh.

n àird a thannad? dhfhaighnich R.O.

Sia troighean agus trì oirlich.

n cuideam a thannad?



[91]

Sia clachan deug gu leth. Ochd deug is còrr an-dràsta. Jaffa cakes.

Ochd clachan deug gu leth, arsa R.O. Atogail do làimh ri stiallag de nighean.

Chuir e bho obair e airson ceala-deug gun phàigheadh, ag àithne dha meòrachadh air earail a fhuair e bho sheanair, Raibeart Crawford O.B. E., a bha na àrd-chonastapal:

Na teirig a bheul bhoireannach;
na teirig a shabaid annta, ach dèan às mar an donas agus lorg
W.P. C.

Lorg e Vicki, a bha atighinns afalbh fad nan ceithir latha deug. Dhèanadh i mar a dheigheadh iarraidh oirre, Vicki: biadh air abhòrd, a chuid aodaich air a nighe, a lèintean air an iarnaigeadhrud sam bith, ’s bha sin mar bu chòir. Agus bha Vicki cho toilichte agus an dòchas gum biodh i asealltainn às a dhèidh ùine mhòr, ga nighes ga bhiathadh eadhon na shean aois. An ceann nan ceithir latha deug, sheall e an doras dhi. Thuirt e gun drinn i glè mhath ach nach robh glè mhath math gu leòr – much obliged, ge-, aguscheerio .

Dhfhalbh Vicki sìos an rathad, a baga air a gàirdean.

Achasaid seo, arsaBig Chief R.O. ,aleughadh aig an dàrna coinneachadh, bhon fhear-lagha MacUilleim, ariochdachadh Arthur James MacIlwraith…

Sgom.

…a chaidh a thoirt dhanWestern Infirmaryglè fhaisg dhan bhàs an dèidh plobhdraigeadh bho phoileas na dhachaigh ann an Gorgie air an 10mh latha den t-Samhain etc. etc. thagad ri dhràdh?



[92]

Heroin , crack,salchar sam bith, bha e aige.

S bha amadain gan cur fhèin ri drochaidean, gam bàthadh fhèin an Uisge Lìte… ’s mura pàigheadh iad an , bha e cho math dhaibh a bhith marbh co-dhiù. Fhuair e a-mach mu MacIlwraith bho liùgaire de dhuine air an robh Riach. Sheall Riach dha far an robh MacIlwraith afuireachd, agus tràth aon mhadainn Shamhna chaidh e fhèin agus an t-oileanach, P.C. Tait, a thadhal air. Shealladh e dha P.C. Tait mar bu chòir dèiligeadh ri sgom.

Ruith Tait. Bha e tinn air an staidhre ach fhuair e air fios a chur chun an stèisein agus thàinig dithis, dìreach ann an tìde.

Cumaidh tu air falbh bho Tait, arsa R.O. Chuir e bho obair e.

Fuirichidh tu aig an taigh, ars R.O. Bidh sinn acumail sùil ort gus an gabh seo seachad.

Chaidh trì seachdainean agus sia latha seachad mus tug iad air ais e. Thàinig àrd-fhuaimneach a bhruidhinn air cunnartan mar luchd-naidheachd agus fir-lagha; breugan, -chleas agus briathran mìn. Cha be siud am fàsach iadsan a chur air dòigh; cha bann gun chosgais an droch nàdar a chuir MacIlwraith bho fheum. Dhfheumte, ars esan, sealltainn dhan seo mus deigheadh na bu mhiosa leis agus, gun an tuilleadh dàlach, bha e ga chur chun an Dotair Dalgetty, lighiche-cinn.

Dèan suidhe, arsa Dalgetty, air an uirigh.

Shuidh e air an uirigh.

Laigh sìos a-nis, agus socraich thu fhèin.

Cha do laigh, ’s cha do shocraich.

Hmm, arsa Dalgetty, aleughadh agus abreithneachadh na cùis. Hmm. Shuidh e mu choinneamhs bha iad acoimhead a chèile gun dùrd a dhràdh fad thrì mionaidean a bha cho fada ri bliadhna agus na bfhaide.



[93]

Dathair, arsa Dalgetty an uair sin. Am biodh e gha do bhualadh?

Trì mionaidean eile gun dùrd, cho fada ri freasdal. Theann Dalgetty apiocladh fhiaclan le bioran.

Do mhàthair, ars esan. Am biodh i gha do chlàbhadh?

Chan e do ghnothaich e.

Rinn Dalgetty gàire agus chrath e a cheann agus thuirt e gu robh e glè dhuilich ach gum be a ghnothaich e, ’s am biodh esan a-nis cho math agus freagairt nan ceistean gun an còrr hmmaigeadh no hawaigeadh: an robh athair ga bhualadh? a mhàthair ga chlàbhadh?

Chuala an nighean a bha aig an deasg uspairtich uspairneach atighinn bhon t-seòmar uachdrachsanctum sanctorum an lighiche Dalgetty. Bha i apeantadh a h-ìnean agus rinn i fuaimIh! – nuair a dhfhosgail an dorass a chaidh an duine borbcolganta, calgachle searragan seachad. Ruith i gu Dalgetty. Bha e geal, atuireadh air an uirigh. Bha an taidh aige, flùranachpsychedelic made in Taiwan,air a tarraing cam mu amhaich, an snaidhm ud na bu chruaidhe na chuir Fionn a-riamh na chuairt air na coin.

Oh, Dr Dalgetty!

Thog Dalgetty anns an aithisg iomadh rud lèirsinneach tuigseach double-Duitseach. Bha uimhir aige ri dhràdhs gu robh e do-dhèanta a ghabhail a-steach gu h-iomlan gunpep pills, ’s chuir iad an aithisg an tasgadh R.I. P., ag aontachadh gur e duine geurchuiseach a bhann an Dalgetty agus gur e duine geur-leanmhainneach a bhann a Bhaltair A. MacBhàtair, conastapal.

Chaidh a chur dhan oifis far nach dèanadh e call. Agus ghabh



[94]

na bliadhnachan seachads cha do bhris, cha do ghais iad echa be sin am beathach a bhaca. Ghabh e ris an obair mar nach robh a-màireach air a ghealltainn: acur phàipearan an òrdugh a rèir na h-aibideil; aleughadh aithisgean, chunntasan, fiosrachadh dhan a h-uile seòrsa bho ochd uairean sa mhadainn gu sia air an oidhche, uaireannan seachd, ochd no naoi air an oidhche a rèir na h-obrach, a rèir an fhacail: An rud a thu an-diugh, cha bhi e romhad a-màireach.

Chunnaic e nach robh an fheallsanachd seo idir atighinn air a cho-obraichean. Bha iad agabhail an cùrsa fhèin, mar a thogradh iad fhèin. ‘No rest for the wicked, ’chanadh iad, ag osnaichs agearains acagnadh nam briosgaidean seòclaid.

Bha e gan coimhead. Sgrìobhadh e rudan na leabhar-sgrìobhaidh: na h-uairean obrach aca; na h-uairean san taigh-òsda; na h-uairean ag òl cofaidhcarson a bha esan apàigheadh an aon rud ris an fheadhainn a bha ga òl na ghalanan? carson a bha iad air an aona thuarastal ris? carson a bha iad dheth tinn cho tric? bu chiallta dhanervous exhaustion? Chaidh e chun àrd-fhuaimnichs rinneadhDetective - sergeantdheth son a chumail sàmhach. Cha tigeadh dìochuimhnaca air; ’s ann a bhan ceasnachadh gun tòiseachadh. Aig inbhe ùr a-nis, cha leigeadh e seachad an rud bu lugha; rannsaich e agus baithne dha an dol a-mach agus an teachd a-steach, ’s bha an t-eòlas seo na dhòrainn dhaibh agus cruaidh orra gach . Chìte sgìths nan gnùis: cearcaill dhubha mu na sùilean, sùilean dearga deurach le dìth achadail. Thàinig dithis a-mach ann am broths chaidh clèireach gu cliobadaich. Na bu mhiosa, thòisich abàrdachdclò-sgrìobhaiche an leadainbeehivefo mhòr-ghruaim is airsneal:



[95]

Because I said I loved you
and you didnt bat an eyelid…

Bloody hell,an clèireach acumail grèim air a làimh:

Na ghabh thu dovalium , Rebecca?

Chaidh a cur gu Dalgetty.

S chaidh esan a chur gu Roinn ùr: sin a bfheudar, mus biodh iad uile-gu-lèir fo chùram ismedicationann an taigh nan ùmaidheans nam bochd.

Bha a chliù aca ga leughadh anns an Roinn ùr mus do chuir e cas air stairseach. Cha robh duine deònach a dhol còmhla ris agus dhaithnich e sin agus rinn e e fhèin suas riutha air dhòigh is nach biodh eagal no iormaidh orra na làthair, ’s gum biodh iad ga fhaicinn mar charaid agus mar chùl-taice dhaibh, na cùiseancaca.

Bha a ghnothaich ri cuirp agus closaichean; cha bannas sin. Achuid mhòr dhiubh daoine a chuir làmh nam beatha fhèin, no seann fheadhainn, marbh ann an rumannan grod gun ghuth aig duine orra no cuimhne. Bha gràin aigesan orraged nach biodh ann ach am fàileadh a bha atighinn bhuapa, ged nach biodh ann ach an rannsachadh gun stàth a dhfheumte a dhèanamh nan dèidh. Bha e ag iarraidh murt. Bha e ag iarraidh murtair, ealanta, seòlta, a chuireadh gach poileas dhiubh gu dùbhlan le tàir is magadh. bfheàrr na dhol an lorgan an t-seòrsa sin, tro shràidean-cùil is cùiltean dorcha san cluinnte cràidh abhàis? Èibhinn an obair an t-sealg. Fhuair e Francis Ignatius Coyle.

Bu shuarach am peacadh nach do pheacaich Coyle. Cha robh èildear no sagart ann, easbaig, àrd-dheucon no modaràtor, a burrainn a shaoradh on olc. Eadhon Loyola fhèin, nan tigeadh en rathad, nach biodh air fheuchainn chun an smior achùis-



[96]

uabhais seo a theasraigeadh o lasraichean acrach an t-sluic, dìosganaich is pronnasg. Cha robh air a shon ach cùis-uabhais eile mar e fhèin…

…agus achrìoch, nuair a thàinig ideireadh na sgeòilcha bu tlachdmhor i, no idir bòidheach.

Bha Coyle air an uinneig, a làmh mu bheul abhoireannaich, an sgian ri a h-amhaich. Bha e air achlann a leigeil àstriùir bhalach. Bha leanabh ann fhathast agus am boireannach ann an grèim aige, ann an gàbhadh, gus an tàinig esana cheum air an staidhre, a ghnogadh air an doras. Cha chumadh doras e.

Chualiad a-muigh an gunna ga leigeil agus an uair sin sgreuchail ain-diadhaidh abhoireannaich:

You killed him, you bastard! You killed my man!

Thug e dhi cùl nan còig tarsainn am peirceall.

Dhfhalbh a sùilean, chuir iad car na ceann; dhfhosgail a beuls chaidh i fo laige aig a chasan.

Bu mhath dhutsa, thuirt an ceannard-ceud, nach do mharbh thu ise cuideachd.

Chief SuperintendentCrawford, M.B. E. Bha e abruidhinn ris. Ri taobh na leap, abruidhinn ris.

Thionndaidh e.

Cha be aisling, cha be bruaillean a bhannbha R.O. gu dearbha an sin, a mholan air druideadh dorch ri chèile. ’S cha be Coyle a cheann-comhraidh. Bfhada bho bha Coyle ann. Ghabh e seachad. Chaidh a chur fon talamh. ’S e bha seo ach sgeulachd eile.

Eil thug èisdeachd rium?

Bha e ag èisdeachd, ’s cha mhor gum burrainn dha creidsinn an rud a bha e acluinntinn:



[97]

—P .C. Desmond MacCafferty… dereliction of duty… suspect MacLugran escaped…

Fhuair e às!

SuspectMacLugrandhèirich e, chuir e uime, dhimich e!

Dhèirich Crawford. Thuirt e gu robh e toilichte cluinntinn gu robh a neart agus a shlàinte atilleadhs nach bfhada gus am faigheadh e dhachaigh. Thuirt e gu robh fadachd air fhèin gus an leigeadh e dheth a dhreuchd, a bheatha mu dheireadh thall sìtheil, gun sàrachadh gun strì. Bhiodh tìde airson rudan ùra: leughadha liuthad leabhar nach do leugh e! – agus sgrìobhadhbha e a-riamh dèidheil air bàrdachd…

Bloody hell.

…agus ceòl, gu h-àraid operaagus acoinneachadh dhaoine aig an robh ùidh anns na h-ealain sin: bha mòran ri dhèanamhseòladh, ’s dòcha, no dìreadh bheanntansaor-làithean ann am blàths na grèine, agus cùl gu bràth ri beatha a tha aonranach truagh, grànda agus brùideil.

Chrom e a cheann thuigefàileadh Havana.

Walter?

?

— ’Eil thu gam thuigsinn?

Bha e ga thuigsinn.

Fàgaidh tu seo againne.

Thog e leis a chòta agus an ad.

Agus cuimhnich, ars esan, rudan ùra gu leòr a dhfhaodas tu a dhèanamh.

Dhfhalbh e. Slàn le bàrdachd agus ceòl. Operabalach reamhar Donati: Vincerò ! Vincerò!

Thàinig gàire air aodann. Bfhadan t-saoghail bho Donatis is mar a thachair. Rinn e gàire.



[98]

MacLurgan, eh! MacLugran.

Dhèirich MacLugran agus dhimich e.

Mar Bhehemot, dhèireadh esan cuideachd, ’s cha robh feachd air druim na cruinne a chuireadh gu bràth stad air gus an stadadh è.

titleShrapnel
internal date2006.0
display date2006
publication date2006
level
reference template

Caimbeul Shrapnel %p

parent textShrapnel
<< please select a word
<< please select a page