6.
Snapshots
I.
Tha duine caol geal le aghaidh cham na shuidhe an-àirde ann an leabaidh ospadail, tiùrr chluasagan ri dhruim agus dhà ri cùl a chinn. Chan eil e cho geal ri na cluasagan, no cho glan. Nam biodh an dealbh ann an dathankodak - khromatikos, chitheadh tu nach ann buileach geal a tha e idir ach buileach buidhe agus air seargadh. Tha an t-aodann fada agus caol agus cam, a’ fiaradh suas, beul is sròin, chun taobh a deas. Chan eil anns an taobh chlì ach an craiceann agus an t-sùil. Saoilidh tu gun deach an t-sùil a tharraing sìos le òrdag nach robh caomh, no coibhneil. Tha i dearg, làn chuislean, agus a’ lasadh le fearg.
Na sheasamh os a chionn tha duine le dà shùil dhearg, feargach. Tha am falt aige feargach. Tha car na bheul. Tha an dà chuinnlean feargach fosgailte, mar an dearg dhràgon an impis sèideadh.
Dèanamaid èisdeachd.
—A choin nan con, sguir a bhruidhinn ort fhèin! Le na briathran ud tha an dràgon a’ toirt criothnachadh air na ballachan, cuislean a’ leumadaich ann an cliathaich a chinn.
Freagraidh an tàbharnadh a tha fon phlaide:
—Carson a sguireadh? Cò dha – dhutsa? M’ eanchainn-s’ cho geur ris an lannsa, I ’m telling you, pal. Detective, eh?Obair eanchainn. Okay , 20 divide by 100.Siuthad, ma-tha, obair cinn.
Tha an dràgon ann an corraich.
—An innis mi dhut? Ha! 20 divide by 100 equals 0.01 multiplied by 20 equals – an innis mi dhut?
Tha an dràgon ga thogail air bhroilleach. Tha an gèillean ìochdrach, le sreath de dh’fhiaclan buidhe-ruadh, air teiche a-mach. Airson tiotadh tha e a’ tighinn a-steach air an ceann cam a thoirt às an amhaich.
—0.2, canaidh an ceann cam, an slugan a’ glugadaich.
Tha e ga leigeil às. Chan fhiach dha a thachdadh. Labhraidh e a-rithist – craos beòil a’ fuaimneachadh cruaidh gach facal:
—MacLugran. MacLurgan. Ring a bell?
Tha sùil a’ charbhanaich a’ dol am meud, a’ dol an leud:
—MacMurphy ! No ’mac’ about it, son.Dìreach Murphy. Ring a bell, an duirt thu? Too bloody right,am mastaig: innsidh mise dhut mu dheidhinn – dhomh fag.
— MacLugran…
Tha an tamhasg a’ sgaoileadh a spuirean:
—Air a’ chunntas mu dheireadh a rinn mi o chionn ghoirid shuas an seo san eanchainnmental arithmetic…
—MacLurgan, a choin. ..
— …air a’ chunntadh sin, gun chalculator, calculus no
algebraic formulae,bha £3 ,104 aig Murphy am mùidsear cac ri thoirt dhomh, f,3, 327.47p leis an riadh gu ruige seo, a’ dol nas àirde mar a tha sinn a’ dol, nas colaiche a-nis ri £4 ,138.67p chun a’ phì as fhaisge aig 33⅔% – cuimhnicheadh Murphy, ’s mura bi a h-uile fàirdean pàighte ro cheann na mìos, bidh an diabhal anns an teant, mark my words:an diabhal dubh e fhèin, no less.Eh, MacLugran?
An uair sin, fuaim: Eeeee! Fead caol gaoithe ann an toll na h-iuchrach. Ach nach eil toll-iuchrach ann, no gaoth a’ feadalaich. Tha am fuaim a’ tighinn bhon leabaidh rin taobh eadar iad ’s an doras. Tha rudeigin an sin, mar seann easgann air dìobradh san lìon air ùrlar fuar na mara.
Tha an duine feargach a’ togail a ghuth aon uair eile:
—An duine seo, MacLurgan, bha e anns an leabaidh sin le asnaichean brist’ …
—Mac an diabhail!
—Dh’fhalbh e. Choisich e. ’S tusa – thusa! – an aon duine a chunnaic e…
—Bastard !
—Okay. Dè ’n t-aodach a bh’ air? Brògan, còta: cuimhnich…
—CROOK !
—Robh duine còmhla ris?
Tha an ròcais ga choimhead. Ga studaigeadh.
—Poileas, eh?
Thig crith na ghèillean, sìneadh na amhaich, a smagailt an-àirde.
Thig steall fhacal. Glas-Càrnach a’ briseadh; Abhainn Ocaisgeir na leum. Cha tuig a’ chluais as gèire claisneachd. Ach gu bheil gròta dhan tastan a dhìth. Aon sgillinn dheug. ’S an uair
a shìolaidheas na tuiltean ’s a tha aghaidh na talmhainn tioram a-rithist, tha an ròcais a’ stad. Ga studaigeadh.
—Detective , eh?Obair cinn. 20 divide by 1000, like. Mental arithmetic. Okay,an innis mi dhut? 20 divide by 1000 equals 0.001 multiplied by 2 – cha robhbugger - alla dh’fhios agad, eh, MacLuggans…
Tha an duine feargach a’ falbh.
Cluinnidh e air a chùlaibh fuaim, a’ tighinn an-àirde bho ghrunnd na mara: Eeeee! Wheee!
Far and wee.
II
Tha iad ann an sloc gainmhich air tràigh Phortobello air madainn na Sàbaid. Tràth, ro dhaoine, clann is coin. Tha iad a’ dùnadh phutanan.
—À, Desmond. A’ tarraing oirre a brògan barr-iallach, a falt ruadh rìomhach a’ dòrtadh sìos, air oibreachadh le òr. Tha a’ ghrian air a cùrsa mall geamhrachail, ìosal os cionn creag nan sùlair, amBass Rock.
—A, Mavis Eliza-vita. A’ cur dà fhag na bheul ’s gan cur thuige ’s a’ toirt dhi tè.
Tha e a’ faireachdainn mar bhalach beag, balach beag mòr, ’s ag iarraidh innse mun àite seo, mun tràigh seo, mu dheidhinn fhèin ’s a sheanar, ged nach eil e a’ faireachdainn cho buileach beag ri sin – cha robh e ach sia, no seachd, a-mach ’s a-steach le buaidh is toileachas às an t-sloc bu mhotha a rinn seanair a-riamh ann am Portobello.
Dh’innseadh e dhi. Rud sam bith ach tilleadh chunInfirmaryagus na h-uabhasan a bh’ ann agus an àmhghair na dhèidh sin:
An duine le na h-asnaichean air a dhruim ’s a shùilean dùinte ’s a bheul a’ dol gun fhiaradh ann am fiabhras fallasach – cò thuigeadh facal? Cò chreideadh gun èireadh agus gu falbhadh e fàthach san oidhche?
Crawford, dearg aig cùl deasg, a’ coimhead seachad air mullach a chinn agus suas gu àird a’ bhalla mar gum biodh e a’ faicinn rudan às ùr – Busy nights,MacCafferty. Glainne uisge, canastairAndrews Liver Saltsagus spàin. Chuir e bho obair e – ‘indefinitely’ – gun phàigheadh. ’S mar a dh’èirich dhàsan, dh’èirich dha Mavis: ach nach robh an deasg dhan mhahoganaidh a b’ fheàrr agus gu robh an tè a bha na suidhe aice ga coimhead eadar an dà shùil, a falt air a cheangal teann gu chùl, dà chròg dhearg a sgùradh steapaichean – Look at me, Mavis E. Beattie.
Tha esan a’ tionndadh thuice ’s ag innse mun dithis a thàinig aon mhadainn Shàbaid chun t-sloc a rinn e fhèin ’s a sheanair.
Dh’fhaighnich iad mu na bailtean a bha air taobh thall na linne: Aberdour , Burntisland, Kinghorn, the Lang Toun… Cha robh a sheanair a-riamh an taobh sin, ach nuair a chual’ e‘the Lang Toun’leum e a-mach às an t-sloc agus sheall e dhaibh‘the Honest Toun’ – Musselburgh, ars esan, the Honest Toun, fu ae crooks an’ comic singers!
Sheall e dhaibh baile nam pana – the Pans – far am facas uair tàbharnadh aig ceann feachd moch-madainn ro àm dùsgadh 21 Sultain, Bliadhna Theàrlaich Eideird Louise Iain Casimir Silvester Màiri no – mar as fheàrr a dh’aithnichear an t-ùmpaidh – Teàrlach Mòrag ’s na hòro-gheallaidh Stiùbhart.
Bhiodh a sheanair a’ seinn‘For aa that and aa that’ann an
guth cruaidh a bhiodh a’ dol na bu chruaidhe sgairteile aig‘yon birkie’agus‘cuif’ .Chunnaic e iad na bhalach a’ sràidearachd suas is sìos os cionn na tràghad ann an ciaradh an fheasgair – mòr-uaislean Phortobello, len dromannan dìreach, an cinn àrda àrdanach. Ghabh iad seachad. ’S bhiodh esan air a bhuaireadh a’ smaoineachadh air mar a bhiodh daoine a’ toirt ùmhlachd dhaibh – ‘tugging the forelock’, chanadh e, teine na chom. Sheall e dhaibh na raointean gorma a bha air chùl nam bailtean. Uaireigin chaidh an tuath a ruagadh ’s chuir an t-uachdaran buntàta. Iain Bodanuillt a b’ ainm dha, thàinig e le snèapan agus buntàta. Agus rinneadh ìomhaigh dheth ’s chuireadh an ìomhaigh air cnoc, ’s thug iad buidheachas dha, a’ moladh a chliù, a’ beannachadh a’ bhuntàta – East Lothian taffies, Mavis.
Chan eil nas fheàrr san Roinn-Eòrpa.
Tha Mavis ann an teasach.
—Okay , darling?
Ni i gàire fann.
—Oh , Des.
Cuiridh e a làmh socair aotrom air a gruaidh.
Tha a guth ìosal, ana-miannach:
—Can an t-ainm ud a-rithist.
—Dè? their Des.
—Oh! their Des.
—Well , for God’s sake!
Tha e a’ togail a shùilean ’s a’ labhairt ri na h-àrdaibh:
—Tha i gus a’ chùis a dheanamh orm. Bhon oidhche a tharraing i sìos mo bhriogais anns an t-sluice gu latha a’ bhreitheanais air beulaibhR .O. Chief Superdick Crawford. ..
— Mmm… Làn dhan fhear-mhillidh.
—Agus nas miosa, God almighty, Shrapnel!
Tha a làmhan a’ triall.
—Can an t-ainm aige.
—Iain Bodanuillt.
—Slaodach.
—bodanuillt@hotmail .com
—hotmail.
—Cockburn to you, Miss Beattie.
—That’ll do fine, MacCafferty.
Tha iad a’ fosgladh phutanan.
III
Tha i na h-uaisleachd ’s na h-uile maise agus na càrdagan aig ceann a’ bhùird aig bòlamuesli . Effie Joan Mackay, banaltram agus bean-aideachaidh bho h-òige. Gabhaidh i an t-altachadh a tha aice bho h-òige agus a dh’ionnsaich Murchadh Bàn Buidhe dhi, bodach beag molach le Dia a bhiodh a’ tighinn a thaigh a seanmhar gach bliadhna aig òrdaighean an earraich:
—Taing dhutsa, a Chruthaidhear, airson nan sochairean seo a tha thu a’ toirt dhuinn. Bi maille riuthasan a tha acrach agus euslan, agus dèan tròcair orrasan a tha air am buaireadh leis an t-Sàtan, amhail ’s mar a tha mi fhìn bho àm gu àm. O Thì ghràsmhoir, maitheanas dhaibh. Amèn.
Tha i ag ith, gun chabhaig, gun ghlamaisearachd, mar chailleach àMorningside, crème de la crème, mar Iseabail Ruairidh a bha air mhuinntireas aig lighiche ann amBlackheathagus a thog an dòighean.
Sheall Iseabail Ruairidh dhaibh, ’s iad nan clann, mar a chleachdadh iad sgian is forc, mar a ghabhadh iad brot leis an spàin. Nam biodh i aig an taigh aig àm na Nollaige, dhèanadh i dìnnear Nollaige dhaibh – ‘dìnnear’ a bh’ aice air diathad agus ‘soup’ air brot agus ‘flùr’ air dìthean. Bhiodh grìogagan oirre aig dìnnear na Nollaige agus froca geal le flùraichean dearga. Agus leig Dànaidh, a bràthair, braidhm às dèidh a’ Christmas pudding ’s chaidh aodann cho dearg ri na flùraichean.
Dè chanas tu, Dànaidh?
Chrom Dànaidh a cheann.
Canaidh tuExcuse me.
Excuse me.
Agus ma leigeas tu brùchd, canaidh tuPardon me.
Pardon me.
Ach aig a’ bhòrd, cumaidh tu na rudan sin agad fhèin.
Leig Murchadh Bàn Buidhe braidhm às dèidh brot agus feòil agus snèapan agus càl agus buntàta aig bòrd nan òrdaighean ann an taigh a seanmhar. Cha duirt eExcuse me;cha duirt e fiù ’sPardon me,Murchadh Bàn Buidhe broinn peile sinc.
Och, a shaoghail… Tha an Sàtan, le earball, le chrodhanan, ga piobrachadh. An latha nach bitheadh! Ach mus caill i i fhèin gu tur leis a’ ghòraich sin – aig d’ aois, a bhrònag – tha i a’ cur bhuaipe tormanaich Mhurchaidh ’s a’ tionndadh gu nithean nas cudromaiche, rudan a thàinig oirre gun iarraidh aig a h-obair sanInfirmary. ’S cha b’ ann dìomhain a bha am fear-millidh an sin a bharrachd, eadar broileis an fhir gun ainm agus bùireanaich an fhir a leònadh; eadar dà chois Mavis – Oh , dearie me – cha robh an Satan na thàmh.
Cha d’ fhuair iad a-riamh a-mach dè b’ ainm dhan fhear a
rinn an dò-bheart – MacLaren, thuirt Mavis, ach bha e ann am bruaillean a’ bruidhinn gun sgur, ’s cha robh iad a’ tuigse facal ’s bha iad a’ smaoineachadh gun tuigeadh ise – It ’s the Gaylic,bha iad a’ smaoineachadh: cha b’ e pioc a Ghreugais a bh’ ann, no an crònan Duitseach na bu mhò!
Cò air a tha Ulla agad? thuirt i ris, agus thug e leum às nach b’ fheàirrde na h-asnaichean ’s a chuir e gu àicheadh na bha cnàmh air a chogais. Rudeigin mu starrag le Bìoball agus leadaidh-miseanaraidh le clìobhair – dè ’n t-iongnadh a-rèisde gu robh an doineann ud na cheann, an duine bochd.
Cha bu mhise a rinn e! Mo mhionnan air Dia a th’ ann an nèamh!
An sgian agad a bh’ ann…
Thàinig mothairt bhuaithe agus an uair sin tuil fhacal anns nach robh mòran brìgh cho fad ’s a chitheadh i, mòran bladh. Thog i corr ainm: ‘Iosèphus’ – feuch riut – agus ‘Eli Wallach’ agus‘Wee Slash’agus ‘Sabatier, an sgian agams’ – gun ghob… ’
Dè, a bhròinein, a dh’èirich dhut? Cà ’n deacha tu ceàrr?
Ach cha robh e ga cluinntinn; bha e fada uaipe, uaigneach a chionn ’s gun tug an nàmhaid buaidh. Chuir i roimhpe seasamh aige aon uair ’s gun tilleadh e thuige fhèin: a chrathadh, a chronachadh, gun mhaitheanas agus gun thruas. Dè bh’ ann dheth co-dhiù ach sùgh a sitig fhèin, ag iarraidh furtachd ann an làithean a thrioblaid? Cò air an t-saoghal a shaoileadh gun èireadh e agus mar an gadaich gu falbhadh, air an oidhch’ ud tron oidhche? Agus ise – thuit a cridhe gu làr airson mionaid no dhà; bha sin fada gu leòr. Cha robh i air chor sam bith a’ dol a ghèilleadh dhan Abharsair.
Tha ana-mianna na feòla, Mavis E. Beattie, a’ cogadh an aghaidh d’ anam.
Bu chaomh leatha Mavis, nighean bhòidheach le cridhe mòr nach do dh’ionnsaich a-riamh NO! a dh’ràdh. Bu mhath dhi gun tug i am fireach oirre mus d’ fhuair am buaireadair a bh’ anns an I.C. U. gu chasan. W.A. Beelzebub Watson, air a leòn agus leòmhanta. B’ fheudar mu dheireadh cur airson cobhair, agus thàinig anChief Superintendentno less, duine tomadach le ad a’ bhòla agus club a’ bhòla foidhpe. Bu shuarach an cobhair a rinn esan – bha an t-ànradh an-àirde fada na bu luaith’ na bha dùil ’s bha sin glè mhath ach gu robh a reusan ga thrèigsinn glan bhuileach san àm, a’ cur an luchd-obrach fo gheilt. Dh’fhalbh e an ceann seachdain, sùil a’ mhurtair na cheann. Dh’fhairich i crith fuachd a’ dol troimhpe ga fhaicinn a’ falbh.
Tha i a’ lìonadh copan teatha agus a’ cur faileas ime air slaighse tost agus a’ smaoineachadh air mar a thachair. Bha rudeigin fada ceàrr; rudeigin mun dithis ud ’s an t-sabaid a bh’ aca: ‘Wee Slash’ – dè bha sin? Agus an sgian: ‘Sabatier’ – cha b’ e sin a chual’ ise, ach gur e‘flick knife’a chaidh dhan phoileas. Tha an duine a dh’imich san oidhche – esan gu h-àraid – a’ buntainn rithe, agus aig uairibh tha i ga faighinn fhèin air a cuartachadh le eagal is iomagain da thaobh. Tha i cinnteach nach do chuir e sgian a-riamh ann an duine beò no marbh. Agus tha i cinnteach gu bheil a bheatha a-nis ann an cunnart mòr.
Tha i ag èirigh bhon bhòrd, a’ cuimhneachadh gu robh feadhainn ann uaireigin a bha cuideachd air am buaireadh eadhon ’s mar a tha ise an-dràsda – O, ghràidh, chanadh iad, cha do dhùin mo shùil a-raoir. Bhiodh earailean aca, facal ùrnaigh.
Tha i a’ dol chun phreas agus a’ fosgladh canastair feòla dha Sgròb, an cat sgròbach aice. Tha esan a’ falbh mu casan, a stiùir an-àirde agus srann aig a’ mhotair a tha a-staigh na bhroinn.
Tha i ag innse dha gu feum i dhol a-mach air cheann-gnothaich ’s gun e air a bheatha bhuan salach air chùl an t-sòfa no gum bi rud ann! Cha bhi i ro fhada.
Thèid i a chur uimpe an còta swagger, am beret donn agus na bootees. Bheir an ceann-gnothaich i chun anChief Superintendentle earalachadh. Cuiridh i suas facal ùrnaigh gu dùrachdach air an t-slighe.
IV
Tha diol-dèirig de bhalach na shuidhe na ghuraid airbeingann am pàirc. Tha muinichillean a chòta air an tarraing sìos mu làmhan; coilear a chòta suas mu chùl a chinn. A’ tarraing nas fhaisge dha, chì thu gu bheil buaileagan dubha mu shùilean; an craiceann buidhe le frasan broth a’ cinneachadh, agus fhalt na leacan clèigeanach sìos mu chluasan. Tha e air chrith. Ag aomadh do chluais ris, cluinnidh tu seòrsa de dh’iorram tighinn bhuaithe:
Shang -a- lang,
shang-a- lang,
shang-a- lang,
shang-a- lang, shang-a- lang, shang-a- lang…
Faisg dha tha duine ann an còta fada clò a’ bualadh stoc craoibhe gu neimheil le faobhar gach làimh. Tha an duine seo ag ràdh, Oom-pa! Oom-pa! leis gach buille. Nuair a gheibh e a leòr dheth, thèid e chun nabeing, a’ falbh air leth-chois. Suidhidh e sìos ri taobh a’ bhalaich. Tha am balach a’ feuchainn gu chasan, a’ feuchainn ri seinn:
Well , we sang shang-a- lang
as we ran with the gang,
doin’ doo wop be dooby do ay…
Tha boireannach le baga mhessages a’ stad ’s ag èisdeachd ris. Tuitidh e air a cheann agus falbhaidh i. Tha fear a’ chòta a’ gàireachdainn – fras morghain – ach èiridh e agus togaidh e am balach air ais chun nabeing. Bheir e botalplonkàs a phòcaid ’s cuiridh e air a cheann e, a’ slugadh mar dhuine gun shlugan.
—Aaah! canaidh e, a’ suathadh a bhus le mhuinichill ’s a’ cumail a’ bhotail mu choinneamh mar iodhal-adhraidh, ìoc-shlaint Ghilead. Aaah! Tha am balach ga choimhead le sannt:
—Dhomh balgam.
—Pop star, eh?
—Tha mi bàsachadh, dhomh balgam.
—Bàsaich.
—Bastard .Cà robh càch? Veronica agus Betty, na h-O’ Reillys leis ansuper - glue, ìocshlaint Lìte? Tha an duine a’ cur a’ bhotail ri bheul ’s a’ toirt air òl agus òl agus òl. Tha e ga sgeith a-mach, sruth bho shròin. Òlaidh e an tuilleadh dheth, tarraing bho tharraing, gu bràth gus am fairich e am blàths a’ sgaoileadh troimhe, a chorp gu h-iongantach aig fois. Tha e a’ seinn a-rithist, fo anail:
…we were shakin up,
we were breakin up,
we were rockin to the shang-a- lang sound of the music…
Hey, hey!
Tha e a’ putadh fear a’ chòta ’s a’ faighneachd dha dè mar a tha e, gun shàbhail e a bheatha; bha a cheann gu h-àrd am bàrr
na craoibh a’ faicinn a chuirp air a’ bheing a’ diùltadh dèanamh mar a dheigheadh iarraidh air agus a’ tuiteam nuair a bha am boireannach le namessagesag èisteachd ris: Shang -a- lang, shang-a- lang, shang-a- lang – dè mar a tha e co-dhiù, dè thachair dha chas – gangrene, an e? cogadh?
—Poilis.
—Poilis! Bruidhinn riums’ air poilis – innsidh mi seo dhut…
—Bha triùir dhiubh ann. Agus fear eile.
Tha e a’ dèabhadh a’ bhotail ’s ga shadail gu chùl. Tha cù, a bha ga riarachadh fhèin ris a’ chraoibh, a’ teiche le bheath’.
—Triùir dhiubh, agus esan. Ann am Fairlies, nach eil ann. Sin far an robh an ceòl, a bhalaich. Alexander ’s Ragtime Band, eh? Well?
—White Lightning – sin sinne, rippin up, rockin up.
—Lean iad mi dhan taigh-mhùin, ’s nuair a chunna mi iad a’ toirt dhiubh am bonaidean bha fios a’m gum biodh an diabhal ann ’s nach biodh teans agam. Ach fhuair mi dithis dhiubh – eh, son? – mus do chuir iadflatmi. B’ ann an uair sin a bhris ambastardeile mo chas. Ach… ’Eil thu ga mo chluinntinn? ’Eil thu ’g èisdeachd? Tha sùilean a’ bhalaich air a dhol claon agus neulach. Crathaidh an duine a dhòrn ri bhus:
—Vengeance is mine, saith the Lord!Ach gur h-ann leis-san a bha an dioghaltas – cha robhsayaig an Tighearna ann – agus dh’fhan e gu foighidneach fad bhliadhnachan a’ faire air mac an diabhail gus an d’ fhuair e mu dheireadh an cothrom ’s bha am mastaig a-nis an dàrna cuid marbh no ann an ospadal ann am paiseanan a’ bhàis. Olamaid deoch-slàinte!
Bheir e searrag ruma às a phòcaid achlais.
—Hey, hey! èighidh an diol-dèirig, a’ cur fàilte air an ruma, a’ cur fàilte air dà luid de nighean a tha a’ giùlain phocannan plastaig anns a bheil botail mhoraLazeragusWhite Lightningagus an glaodh thar gach glaodh air an t-saoghal thug buaidh.
—Hello , Slash.
—Hi, Slash.
Tha iad a’ suidhe eadar an dithis, fear a’ chòta le greann gan coimhead. Tha aogais a’ bhàis orra, ach diùltaidh iad an ruma.
Tha Slash a’ feuchainn ri bruidhinn:
—See him, killed a fuckin’ polisman like me, like…
Tha iad a’ coimhead ris an duine.
—Seen you, tha Betty ag ràdh.
—Aye, canaidh Veronica. Tha Slash a’ feuchainn ri innse mun t-sabaid ann an Donati’s, a’ spùtadh a-mach fhacal mu ghaisge fhèin ’s a threunadas ’s cho glan ’s a chaidh an sgian a chliathaich a’ phoilis ud, mastaig eile. Tha fear a’ chòta a’ gàireachdainn – concrait ga shluaisreadh. Tha e a’ dùnadh a’ chinn air an fhlasg ’s ag èirigh. Tha a’ chlann-nighean ga choimhead, agus a’ cuimhneachadh air. An duine nach do dh’aithnich duine.
—Dè ’n t-ainm a th’ort? faighnichidh Betty.
—Buster, canaidh e ann an guth Sean Connery. Buster Hind.
V
Tha dithis òg nan suidhe taobh ri taobh anns an uinneig aig ceann shuas a’ bhàir ann an taigh-òsda Donati’s. Chan aithnich iad a chèile, ach mus bi an oidhche seachad cha dhealaicheadh tu iad le crowbar, geinn no geamhlag.
Tha iad dubh agus geal: aodach agus falt, duibhead fithich; aodann is làmhan, gilead faoilinn.
Nuair a nì ise gàire, O dastrum! deudan snasta na rìbhinn an uair sin. Cha dèan esan gàire air na chunnaic e geal.
—William C.B. W., tha e ag ràdh na cluais.
—Elspeth Jane, tha ise ag ràdh. What ’s in a name?
Tha stud na sròin agus dul den òr na h-ilmeag. Fon ilmeig – gun a dhol ro fhada sìos – tha an teip-reacòrdair aice. Àm gu èisteachd, àm gu dannsadh: tha i ga chur air ’s a’ gluasad a bodhaig a-null ’s a-nall; a gàirdeanan, a ceann. Tha esan air faomadh gu chliathaich mus cuir i an t-sùil às.
—Dè th’ ann?
—Dè!
—An ceòl: dè th’ ann?
—Dè!!
Beiridh i air làimh air, ga tharraing sìos chun ùrlair. Tha i a’ dannsa; esan a’ crathadaich mu coinneamh, bodach-ròcais ann an gaoth.
—Lucy in the sky with diamonds,tha i a’ seinn. Aaaa!
—Eh?
—Na Beatles!
—Aaaa, Beatles! èighidh Fatsboy, a’ leigeil fa sgaoil ‘O Sole Mio’ dèan bun no bàrr dheth, an cù Rastus a’ togail suas a shròin le iolach àrd dha fhèin. Tha Murphy a’ faighneachd dhan Uireasbhaidh cuine a dh’ionnsaich Rastus an t-òran nuadh ud, ’s tha an Uireasbhaidh, anns an fhreagairt, ag innse mun repertoire a th’ aig Rastus a-nis bho leig e seachad am portair, làn a dhà sgamhain de dh’òrain ùra a thog e nuair a bha esan, Murphy, air fòrladh, agus esan, an Uireasbhaidh Gnùis, gun bhrògan –
y’ Irish shite, na brògan a b’ fheàrr a bh’ aige, dè mu dheidhinnpizzasagus dà thiomailear grog?
Oidhche Haoine, 21.57 air a’ ghleoca, ’s tha a’ chiad òran a’ tighinn bho chòisir nam Boagalaidhs aig ceann shìos a’ bhàir – ‘Who’s Sorry Now? ’ – fo stiùireadhHump Sixteen Tons Humperdick, sideburns an’ all.Tha Edna nas àirde na càch, mar an fhaoileag air ghleus, ach drùidhteach dùrachdach bhon chridhe. Tha an duine aice – Uilleam ‘Billy’ Boag, a thug an t-ainm Boagalaidh dhan treubh – a’ meabadaich ris an aona-shùileach dan goirear John Tom agus ag ràdh nach do chuir esan a-riamh cas tarsainn air Bella Strachan no Marlene Brown no Cailleach Bheag na connspaireachd ged a dh’fheuch e suas a chròg tric gu leòr – cha robh an sin ach plòidh. Nay, nay, Johnny, cha robh ach an aona thè na bheatha-san, na cheann, na chridhe: Edna Winnie Boag, née MacVeigh, the one and only. ’S tha an duine John Tom ag ràdh, Dinnae fash yersel, old son, you always hurt the one you love – an dàrna h-òran a thig bhon chòisir. Tha feadhainn sa cheann shuas ga thogail.
Beatrice agus Ella, torghan morghanach an t-Silk Cut; còmhla riutha anns a’ cheothaidh, Eòin Iosèphus Mac-a- phì a’ feadaireachd. Tha a’ Chailleach Bheag a’ seinn tro sròin aig bòrd eile; còmhla rithe an duine cuagach nach do dh’aithnich duine, agus an diùlnach ris an abrar an t-Slais Bheag agus an dà lùb – Betty agus Veronica, an dàrna tè mar an smeòrach, madainn cheòmhor earraich.
—Ah! La bella musica.ThigFat Franka-steach bhon chidsin:
—Tha na h-ainglean a’ seinn. Cluinn! Me si rompe il cuore… ’S thèid Maria Carlotta thuige: O mio povero amore! ’S cuiridh i a gàirdeanan mòra roly-poly timcheall air, ga ghlacadh teann ri
broilleach ’s a’ dannsa leis. O Mhoire, their Eòin Iosèphus ris a’ bhannal a tha mun bhòrd, thèid an duine bochd a’ mhùchadh gu bàs. Agus le sin èiridh e, agus a’ faomadh air adhart air na casan cama, nì e an t-slighe chun a’ chuntair gu taobh an t-Sasannaich. Tha an Sasannach na fhallas na dhalladh ag òl uisge-beatha sìos mar an Titanic.
—A Mhàiri, m’ eudail, canaidh Eòin Iosèphus, cuir a-nall doublar dhan Chearc-Fhraoich, pinnt dhan a’ Special Vatagus glainne dhan a’ Chrème de Mense do Bheatrice.
Tha Beatrice agus Ella air a leantainn chun a’ bhàir, agus air an sàil dithis nighean, Denise agus Shelley, dubh-oghaichean Ella Nic a’ Bhoagalaidh, còmhdaichte ann andenim. Tha iad sultmhor. Tha iad sùghmhor. B’ ait agus bu shuilbhir a bhith dùsgadh, tè air gach taobh dhìot.
—Hic! their am fear a tha a’ gleidheadh na h-òige, ceòl is spòrsa, ceòl is spòrsa! Cha tigeadh e beò às.
—Fichead not air a’ gheall! èighidh Murphy.
—Done! èighidh an Uireasbhaidh Gnùis, a’ bualadh a’ bhùird le dhùirn. Tha Rastus a’ fosgladh sùil.
—You Boaglies,tha Maria Carlotta ag ràdh, you break my Frankie’s heart.
—Angeli cari.Frankie a’ sèideadh nam pòg thuca fhad ’s a tha Fatsboy a’ gabhail nan òrdugh ’s a’ seinn gu àird nan sparran:
O baby, come a-here quick,
Baby, it’s a-making me sick,
Cocaine!
— Cocaine! èighidh a’ Sasannach.
—Cocaine!! èighidh C.B. W. agus Elspeth Jane.
—Cocaine! !! èighidh an Uireasbhaidh.
—All over my brain,seinnidh Fatsboy, ’s bheir Maria Carlotta dha cùl nan còig mu chùl a chinn, dè bha seo, cocaine? Sgleog, smack. Eanchainn Fatsboy, smack, crack… agus an uair sin – do mhìorbhailean a rinneadh leat – an Sasannach ann an guth domhainn Surrey surrealach:
MTV makes me wanna smoke crack!
Fly out of the window an’ I’m never coming back.
MTV makes me wanna get high
As the moon
Like a rubber balloon…
An’ everything is wonderful!
—An ’ everything’ s… ’a’ falbh gu luath gu chùlaibh, gàirdeanan a’ clapairtich ’s a chasan a-mach; feuchaidh Eòin Iosèphus ri stad a chur air, agus falbhaidh esan cuideachd, e fhèin ’s an stòl a’ tuiteam air muin an t-Sasannaich ach a’ cumail glainne na Circe-Fraoiche tèaraint gun aon deur a spriotadh aist’. Tha e ga cur gu beul an t-Sasannaich.
—A Dhia, a laochain, eh? Polly wolly doodle all the day. Thig an Sasannach timcheall le sitrich. Tha na speuclanan tòin-screwtop aige air a dhol tarsainn cam mu shròin, ach chì e boireannaich le cìochan a’ coimhead sìos air, aosd is òg, na beòil aca air a h-uile seòrsa cumadh, air a h-uile seòrsa gleus, a’ gàgail a’ gàireachdainn a’ gairm! ’S an uair as àirde an glòir, fosglaidh an doras a-muigh gu chùl ’s a-steach gun dòirt an gendarmerie.
Tha sianar dhiubh ann.
—Wot you vant!èighidh Maria Carlotta.
Wot they vant?Tha iad a’ falbh le Murphy agus leis an t-Slais
Bheag agus leis an dà nighean, Betty agus Veronica, air a bheil dreach a’ bhàis – suarach sin leotha.
Tha iad a’ falbh leis a’ Chailleach Bheag – No ’ again, ya fat wanker! – agus le Edna Winnie Boag, née MacVeigh. Tha Edna a’ seasamh aca le briathran nach robh a-riamh san altachadh agus tha an duine, John Tom, dìleas dhi gu bith-bhuan, a’ leigeil às mothar on doimhne ’s a’ bagairt creachadh agus losgadh agus marbhadh. Thèid falbh leis.
Agus am peacach mu dheireadh, Eòin Iosèphus Mac-a- phì. Tha iad ga chur gu chasan, ga shaoradh on stòl ’s on t-Sasannach agus a’ falbh leis.
—Where you take the skinny teuchter man!èighidh Maria Carlotta. ’S tha Eòin Iosèphus a’ tionndadh aig an doras, a’ togail a làimh rithe agus a’ seinn:
Sure by Tummel and Lochaber, a Mharia,
By Loch Rannoch I will go
As I step a wi’ my cromag
To the Isles!
VI
Tha a’ cheò sa bheinn sa mhoch mhadainn Mhàirt, liath-reothadh air an talamh. Cha bhiodh dealt gu Bealltainn, latha buidhe. Nigheadh e aodann ann.
Tha e a’ cuimhneachadh air nighean a dh’aithnicheadh e uaireigin air an Fhèill. Claire, à Lausanne ann anSwitzerland>gai> . Bha i ag obair ann an cafè agus bha fàileadh a’ chofaidh bhon fhalt aice. Foghar geal grianach a bh’ ann, ’s thuirt e rithe gun
deigheadh iad dhan bheinn ’s gu nigheadh e a falt ann an dealt a’ mhonaidh. Bha i cho toilichte, Claire de lune. Cha deach iad a-riamh ann. Aithreachas, aithreachas – dh’fhalbh sin agus thàinig seo.
Tha e a’ crùbadh sìos faisg air mullach na beinne, a làmhan caola fuar eadar a chasan a’ lorg blàths nach eil ann. Tha am fuachd air a dhol na chnàmhan ’s tha am pian ga chlaoidh, ga mharbhadh. Am pian ciùrrail nach leig às a ghrèim, cho goirt do-ghiùlainte ’s gu bheil e a’ gal mar bhalach beag caillte, gun chobhair ann dha. Chan eil ball dha chorp nach eil aig fhulangas, gu h-àraid a bhall agus a dhubhagan, a fhuair na buillean a b’ eagalaiche. Tha e a’ sileadh uisge agus a’ sileadh fala san àite sin; gathan cràidhteach na chom, na chridhe, na cheann.
B’ ann am beul na h-oidhche a chual’ e an t-uamhann air an staidhre; guth Mrs Armstrong na b’ àirde na b’ àbhaist agus brag nam bròg aige – cha robh dòigh air tarraing às. Chuir e an doras a-steach le ghualainn agus smaoinich e ’s e air ragadh fon aodach leap: Carson nach do ghnog e? agus smaoinich e: Cha dèan e a’ chùis às m’ aonais, ’s tha sin ga ithe, an cù!
Well ?ars a’ bhrùid, a’ fosgladh a dhùirn ’s a’ bragail nam meòir – krik, krak! tè an dèidh tè, cnàmhach cruaidh.
An d’ fhuair thu lorg air?
Fhuair e lorg air ach cha do dh’innis e; eadhon an dàrna triop, an dèidh a phronnadh, cha do dh’innis e. ’S b’ annas sin dhàsan a thug a bheòshlaint às eucoir. Agus smaoinich e air an eucorach – MacLugran, thuirt a’ bhrùid, dùil aigesan gur e MacFarkish, gaisgeach fraoich – dh’fhaodadh iad a bhith air còrdadh math a dhèanamh eadar òrain is bourbon is TCP. Ach pillidh am madadh gu a sgeith fhèin, agus chaidh esan, am madadh, gu Mrs
Armstrong a dh’innse dhi gu robh beatha a charaid ’s a dheagh nàbaidh ann an cunnart ’s gu feumadh e a choinneachadh an oidhche sin sanDeep Blue Sea,taigh-bìdh air Sràid Lìte, fàilte ro chlann is ro choin.
Bha Shrapnel a’ feitheamh, an trilby sìos mu shùilean, aig còrnair na sràid.
Mura bi e ann, ars esan. Agus rinn e an gàire ud nach robh idir na ghàire:
Mura bi e ann, ’s fheàrr dhut ruith.
Slàn le John Riach, seinneadair. Samaratanach taobh nan Logans, taobh a mhàthar. Cà ruitheadh e? Cò thuige? Cha robh iad ann.
Agus an dèidh sin… ’s an dèidh sin… nuair a ghabhadh seo seachad ’s a gheibheadh e gu chasan ’s a sheasadh e le buaidh air an ùrlar a b’ àirde, ’s cinnteach an uair sin gun tigeadh iad nan dròbhan chun na Fèill a dh’èisdeachd ris. ’S tha e ga fhaighinn fhèin, am micreafòn na làimh, mu choinneamh sluagh gun àireamh, sluagh nach gabh sàsachadh: Encore ! Encore!aca, gus am b’ fheudar seinn fear eile agus faighnichidh an duine fraoich: An tuFrank Sinatra? Nas fheàrr! Nas fheàrr! tha iad ag èigheachd, agus chì e Claire, a rinn an gàire as bòidhche, a’ feuchainn tromhpa ag iarraidh còmhla ris, ach tha i cho beag ’s cho meanbh ’s cho bòidheach, a’ dol fodha nam measg – daoine trom le dromannan nach eil ga faicinn no idir ga cluinntinn. Sheinneadh e dhaibh, ach tha a shùilean air a’ cheò a tha a’ tuirling sìos eadar a’ bheinn agus aodann nan creag a tha deas air. Tha e a’ faicinn cruth duine nach eil ceart, iargalta a’ tighinn thuige. ’S tha a lùths gu lèir a’ falbh ’s e ri ’g aithneachadh gur eShrapnela th’ ann ann an riochd an diabhail. Shrapnel a’ tighinn a-nis ga mharbhadh, ’s
chan fhaigh e air teiche, a neart air a thrèigsinn ’s an fhuil, fuil a’ chinn, a’ sgaoileadh ’s a’ toirt bhuaithe a lèirsinn. Ach mus druid an dorchadas, chì e Claire. Chan fhaic thusa i. Chan fhaic thu ach duine na laighe air a dhruim, sileadh beag fala ri oir a’ bheòil ’s a’ falbh bho shròin ’s bho chluasan. An fhuil air na sùilean aige, kaleidoscopede chuislean beaga briste. Ach chì e Claire, mar bhoillsgeadh glòrmhor grèine. Tha i a’ bruidhinn ri cuideigin:
Il est mort,tha i ag ràdh.
Cuiridh i a làmh gu socair caomh ri ghruaidh.
Prie pour lui.
VII
Tha duine, aosd ann an gliocas, ag èisdeachd ri gòraich. Chan ann dha dheòin, ach gun tàinig boireannach le rabhaidhean a thug bhuaithe a shuaimhneas agus a thug dha a shàth dhan losgadh-bràghad. B’ ise matron-manaidsear MacKay bhonInfirmary, a shuidh gu h-uabhasach mu choinneamh agus a labhair mar seo:
Cha do chuir an diol-dèirig ud a-riamh sgian ann an duine no ainmhidh.
Is esan Robert R.O. Crawford, M.B. E.
Tha e mòr XXL – nas motha na sin; na brògan, size XIVmhòr. Tha rudhadh na ghruaidhean, nas colaiche ri fear-siubhail mhonaidhean na ri àrd-cheann àrd aig deasg. Tha a mhaoil fliuch le fallas, ’s tha am fallas a’ sùghadh tro lèine, druim is achlaisean, mar na poilis reamhar Ameireaganach NYPD, no Lee J. Cobb a’ cur dheth aig peilear uaine a chuidkooksh .Chan e gu bheil
e colach ri Lee J. – nas colaiche ri duine ann amplus - foursann an Coire Cheathaich le cù agus gunna nach diùltadh. Nam b’ urrainn dhut faighneachd dha, dh’innseadh e dhut gur e sin gu dearbha a roghnaicheadh e – sealg agus seòladh, ’s cha b’ e a bhith ’g èisdeachd ri gòraich air reacòrdair san òg-mhadainn earraich.
Chreid e am boireannach.
Bha MacLugran gun teagamh ann an cunnart a bheatha agus dh’fheumte a lorg.
Tha e a’ slugadh sìos làn na glainne de dh’Andrews Liver Salts, a’ cur thuige siogàr agus a’ tilleadh chun an reacòrdair, tuilleadh ’s a’ chòir a dh’amaideas.
Guth Tait, Detective - sergeantagusGrand Inquisitor:
22.47 hours.A’ ceasnachadh… d’ ainm!
Eoghan Rua Ó Murchú.
Address ?
Aig Dia ta fios.
Address !
Ostán Bhalmoral, am Penthouse, a bhuachaillín.
Bloody watch it…
Na sráidi agus na páirci, Dia lem anam.
Occupation ?
Mise! File agus amhránaí…
’s gun an tuilleadh dàlach, guth cruaidh sean-nòs Chonnachta:
Is ó gairim í agus gairim í mo stòr,
Míle grà lem anam í…
Ge ’ ’im tae hell outa here!
22 .55 hours.A’ ceasnachadh…
Jon-Jo Mac-a- phì, a laochain. A Dhia, nach ann aig Eogan a tha ’n guth!
Agus seinnidh e fhèin:
Sunders-land a fhuair mi fios
Nam shuidh’ air stoc a’ bhàt’. ..
Jesus !
Sraodadh shèithrichean, uspairtich, duine ga shadadh a-mach.
Guth boireannaich, liotach le na tha na broinn dhan bhraich. Tha i ag ràdh ri Tait gum bu chòir dha an dithis ud a ghlasadh air falbh airson bliadhna agus ràith, ’s nach fhaca ise an t-sabaid idir – gu robh i trang anns an taigh-bheag. ’S cà robh an taigh-beag co-dhiù, ’s i gus a chall. ’S an robh e fhèin pòsda? Bha ise pòsda aon uair – but dinnae ye dae what I’d dae, son! Heh, heh, heh, heha’ tighinn gu casdaich fhliuch, sglongaid a’ gurmalaich an-àirde.
Edna Winnie Boag aig an ath ghuth, cho glic ri na cnuic, ag innse dha Tait gur e saighdear bòidheach a th’ ann mura b’ e ’m pluc, duine eireachdail pearsanta, ’s nam biodh ise na b’ òige, ach co-dhiù. Seo an rud – ’s bha i a’ bruidhinn airson a bràthar cuideachd, John Tom MacVeigh: dè bha esan a’ dèanamh an seo nach do thog a làmh a-riamh gu murt no goid no adhaltranas, ’s bu mhòr am beud – dh’aithnicheadh ise duine no dhithis. Ceart gu leòr, bha ’n droch nàdar ga riaghladh bho àm gu àm, ach ’s e bha sin ach rud a thachair na cheann nuair a thuit e a-mach air an uinneigsecond storey ’s e na naoidhean, John Tom againne. An rud, ge-tà, seo an rud. A dh’aindeoin eireachdais ach am
pluc a-mhàin, a dh’aindeoin pearsantas – ’s mura b’ e glè bheag dhi bheireadh i an daoibhe tarsainn thuige an-dràsda fhèin, eh, sodger? Bha ise latha, ha! ha!, ach gun deigheadh a dìteadh airsonattempted rape – well, seo an rud, agus bha i a’ bruidhinn airson a bràthar cuideachd, John T. MacVeigh: chan fhaigheadh esan, snog ’s gu robh e, no poileas eile air talamh tròcair, aon fhacal asta gus am faiceadh iad am fear-lagh an toiseach, an ’ that’s that – dèan càl no brochan dheth.
22 .33 hours.Guth Tait, sgìth agus claoidhte, ag ràdh gu bheil e a’ dol a cheasnachadh Veronica McVie agus Betty Colquhoun còmhladh ann am fianais W.P. C. Turnbull…
Chan eil e furasda deanamh a-mach dè tha iad ag ràdh. Tha iad a’ cagnadh. Tha iad a’ bruidhinn aig an aon àm. Tha na facail a’ dol an lùib a chèile orra le mòran droch cainnt is mì-mhodh. Ach a-mach às na tha a’ dòrtadh bhuapa thig aon ainm a tha a’ toirt air an àrd-cheannard a cheann a thogail, a smiogaid a thachais agus port a thoirt air bàrr a shròin le dà mheur isbeanachsausage .
Tha Tait a’ ceasnachadh lethchiallach.
Johnny Slash, tha ’s me. Broileis de bhalach. Tha e ag ràdh gur h-esan a chuir an sgian dhan phoileas, agus, ceart gu leòr, bhruidhinn tè na h-Infirmary air rudeigin dhan t-seòrs’:
Wee slush,thuirt e, thuirt i, gar bith gu duda tha sin.
Tha e a’ cur dheth an reacòrdair ’s a’ cur a dh’iarraidh Tait.
Thig Tait. lha am pluc air a mhaoil. Fluth. Gun lochd.
—Sir .
—Suidh.
Suidhidh e.
—Chuala mi siud.
—Cha robh e furasda.
—Cha robh. Hmm… Johnny Slash, ’eil e fo chìs?
—Sa chill.
—Cha b’ e a rinn e.
—Cha b’ e.
—Ach cùm an sin e an-dràsda.
—Right , sir.
—Nise. Nach robh thusa còmhla riDetective - sergeantWatson aig aon àm.
—Bha.
—Thachair rudeigin.
—Arthur T. MacIlwraith. Theab e a mharbhadh.
—Ah , yes.
—Ghabh mi ’n t-eagal ’s bha mi tinn.
—All right. An dà nighean a bha thu a’ ceasnachadh, dh’ainmich iad duine: Buster Hind.
—Dh’ainmich.
—Ring a bell?
—Down an’ outair leth-chois. Tòrr fuaim, ach gun chron.
—Èisd rium a-nis. Tha mi ’g iarraidh ort an dà nighean a thoirt a-steach – dèan cinnteach g’ eil iad aca fhèin – agus ceasnaich iad a-rithist mun t-sabaid.
—An-dràsda?
Cha tig freagairt gus an ruig Tait an doras.
—Tait.
—Yessir .
—Feumar gluasad luath a-nis.
—Yessir .
Falbhaidh Tait.
Tha e a’ lasadh siogàr eile. Chief SuperintendentRobert R.O. Crawford M.B. E. B’ fhada air falbh Beinn Dòbhrain ’s bothan-àirigh am Bràigh Raineach.
VIII
Tha an t-uisge a’ frasadh sìos agus luchd na h-oidhche nan cabhaig air an t-sràid a-muigh. Tha an t-uisge na smùid anns na solais, a’ lìonadh nan guitearan, càraichean ga stilleadh an-àirde – cùm air falbh mus tèid do bhàthadh!
Tha iad aig bòrd ris an uinneig anns anDeep Blue Seaa’ coimhead a-mach agus toilichte nach eil iad a-muigh drùidhte chun a’ chraicinn, sruth bho na sròinean, fàsgadh às na brògan a’ flod-flod-flodranaich air ais dhachaigh.
—Innis dhòmhsa cà ’il thu cadal?
—Tha Joppa mìltean is mìltean is mìltean.
—An t-àite seo a th’ agams’ – Mr Kundu, bidh e ag ràdh: No visitors overnight.Do mhàthair, tha sin okay. Ach chan eil màthair agam.
Tha i a’ sìneadh a làmh thuige:
—Ah , my poor wee lambie.
—Tha fios a’m air àit’, ach tha e loibht.
Agus innsidh e dhi mun chùil sa bheil na laoich lem banoglaich a’ còmhnaidh. Dà O’Reilly, Wee Slash,Veronica Nic a’ Bhìth agus Betty Chaol nighean a’ Chombanaich.
—Bha O’Reilly eile ann, am bràthair mòr; agus bhàsaich e. Nochd iad leis aon latha ann an Donati’s ann an crogan. Dhiùlt Maria Carlotta a chur air an t-seilf aig cùl a’ bhàir. Thuirt i riutha
iad falbh leis. Aodh bochd a sgapadh an àiteigin, àite bu chaomh leis. Cha robh sin ann, ach dh’fhalbh sinn leis co-dhiù ’s thàinig na bha staigh còmhla rinn, Fatsboy an’ all, agus Jack Daniels an teuchter, agus an Sasannach leis anDaily Telegraphfo achlais.
—Ma Goad, C.B. W.
—Aidh.
Tha iad a’ sealltainn a-mach air an uinneig. Chì ise esan anns an uinneig; chì esan ise.
—Carson a dh’fhalbh na poilis leotha? An fheadhainn leis na dh’fhalbh iad?
Innsidh e dhi mun oidhche bha iad sa ghleann dubh ud, hi-liù, hi-liù. Dùirn gam feuchainn, cat a’ sgiamhail, hì rù ’s na ho-rò. Chaidh an sgian a mhac an donais, madadh a bha uair na phoileas. ’S gum bu luath a sgaoil an comann, faicinn fuil a chlèibh mu ghobhal. Is ri thaobh le tuar a’ bhàis air, cò bha siud ach Seoc MacDhànaidh. Mach dhan oidhche leam le cabhaig, hi-liù, hi-liù, clachan-meallain is tein’ -adhair, hi-rù ’s na ho-rò.
—Ma Goad, C.B. W.
Tilgidh e pòg thuice anns an uinneig.
—Robh thusa anns an t-sabaid?
—Chunna mi cò chuir an sgian ann. ’S cha b’ e Jack Daniels.
—Carson nach do dh’innis thu?
—Dà adhbhar. a) Cha robh anns a’ phoileas ud ach bastard. b) Cha ghabhadh marbhadh air. Am bastard.
—Tha cuimhne agams’ air poileas. Agus ’s e bastard a bh’ ann.
Tha i a’ tilgeadh air ais a falt ’s a’ tionndadh a cluais thuige.
—Seall.
Uidheam cluaise. Plastaig.
— ’Eil thusa bodhar, Elspeth?
—Dìreach air a’ chluais sin.
Mar a thachair dhi. Daniel Street Blues.
Cha robh i ach sia-deug, a’ seòladh thar na gealaich. Bha pàrtaidh ann, ann an taigh Griselda. Bha pàrantan Grizzle ann an Timbuctoo. Lordie Lord agushelp ma boab, cha robh spùt aig duine. Ach h-abair spùtadh leReggae: a’ leum ’s a’ tuiteam ’s a’ dìobhairt, brilliantgus an tainig an gendarmerie – well, bha am boireannach okay, ach am poileas seo, an diabhal ann an riochd an duine, cha duirt e facal, ach a’ ruith air an taigh: pris, dràthraichean, leapannan – cha do dh’fhàg e cùil, an cù, gun a rannsachadh, a’ stialladh, a’ reubadh, a’ sracadh. Bha Griselda às a toinisg a’ sgreuchail; dh’fheuch feadhainn ri stad a chur air, ’s dh’fheuch ise air le na h-ìnean mus deach a h-uile sìon dubh.
—Bhuail e thu.
—Bodhar bhon uair sin air a’ chluais sin.
Nuair a thàinig i timcheall, bha i ann an gàirdeanan Griselda, càch air falbh. Ghabh iad eagal roimhe; goiriseachadh, mar gum b’ ann bho rudeigin mì-nàdarrach. Dh’innis i dha a h-athair ’s chaidh a chur ris an uair, a’ bhrùid. Nas miosa na bhrùid.
Chan innis i dha C.B. W. mu h-athair – britheamh san Àrd-Chùirt. Chan eil i ag iarraidh gu smaoinich e gu bheil iad beairteach. Tha i ag iarraidh bruidhinn air rudeigin eile, rud sam bith ach am bruaillean ud, a’ chùis-uamhainn ud.
—Bastard, tha C.B. W. ag ràdh.
—Cha b’ e. An làmh cheart a bh’ aige.
Chan eil e ga tuigse. ’S tha sin a’ còrdadh rithe, a sùilean mear.
—An làmh cheàrr a th’ aigbastards .
—An làmh cheàrr a th’ agams’.
—Bastard a th’ unnad a-rèisd.
—Hoigh!
—Daoine clabhdach, cam, ciotach. Sin bastards. Man Colkitto.
—Cò?
—Mise cuideachd, a’ chearrag a th’ agam.
—Mise ’s tusa a-rèisd. Dà bhastard.
—Yup .
—Well, well…
—Ye gods, stand up for bastards!
—Dè tha sin?
—Shakespeare.
Tha C.B. W. ga coimhead le pròis.
— ’Eil thusa brainy?
—Yup.
Tha iad greis sàmhach. ’S an uair sin esan:
—Cha mhòr gun creid mi, tha e ag ràdh, gu bheil mise – Conn, Bauld, Wardhaugh, MacDhonnchaidh – a’ dol a chadal a-nochd còmh’ ri boireannach brainy.
—Cò thuirt cadal?
—Thèid sinn chun àit agams’. ‘Hey, Mistah Kundu ji’ ,canaidh mi, ‘seo mo mhàthair!’
Tha Elspeth a’ gàireachdainn:
—Ooo , baby!
Seallaidh iad a-mach. Chan eil an t-uisge cho trom. Tha duine aosd le cù aosd aig uinneagRadio Rentalsa’ pasgadhumbrella. Tha an cù, mongrel, ga chrathadh fhèin.
—Tugainn, tha i ag ràdh, tha fios agams’ air àite. Basementa th’ ann, fuar agus fuaraidh, ach bidh e againn dhuinn fhìn.
Tilgidh i pòg thuige anns an uinneig. ’S tha iad ag èirigh bhon bhòrd ’s a’ falbh a-mach dhan oidhche. Ise air a ghàirdean, ceum aotrom aighearach. A’ seòladh thar na gealaich, nam biodh gealach ann.
title | Snapshots |
internal date | 2006.0 |
display date | 2006 |
publication date | 2006 |
level | |
reference template | Caimbeul Shrapnel %p |
parent text | Shrapnel |