[11]

1 A’ CHEALLA: PRIOMH STEIDH NA BEATHA

Eachdraidh

Le bhith adeilbhs atoirt gu ìre am microscope, rud a thachair anns an Olaind anns an t-siathamh is anns an t-seachdamh linn deug, bha a nise inneal aig mac-an-duine leis an dèanadh e mion-rannsachadh air a stuth-bodhaig fhéin agus stuth-bodhaig rudan eile a tha afàs. Chun a seo, a rèir an eòlais a bhann, bha ainmhidhean air an dèanamh de gheir, de chnàimh, de fhuils de fhèithean, agus mar sin air adhart, agus lusan air an dèanamh de dhuilleagan, de rùsg agus de fhiodh. Cha robh fhios aig daoine am be fìor bhonn-stéidh na beatha a bha anns an stuth-bodhaig agus na buill-bodhaig seo, no an robh bonn-stéidh eile ann air an robh gach bha beò air a thogail.

Fhuaireadh ciad fhreagairt na ceiste seo mar thà anns an t-seachdamh linn deug, on dlùth rannsachadh a rinn grunn dhaoine, acleachdadh nan seann mhicroscope. Bha Robert Hooke (16351703) air aon diubh seo. Chuir e sliseagan tana de àirc fon ghloinne, agus chunnaic e coltas cìr-mheala orra. ’Se bhanns an rud a bha Hooke acoimhead stuth-bodhaig marbh, le tuill no ceallan anns a robh uaireigin stuth a bha beò. Nuair a bhàsaich na ceallan sin cha robh air fhàgail ach ballachan nan cealla.

Cha do thuig Hooke, no an fheadhainn a thàinig ás a dhéidh air tùs, brìgh na chunnaic iad, agus bann tràth anns an naoidheamh linn deug a sheall dithis Ghearmailteach gu robh gach a bha afàs air a thogail le ceallan. Be an dithis sin M. J. Schleiden (18041881), an lus-eòlaiche, agus T. Schwann (18101882), an t-ainmh-eòlaiche. Be an rud a dhearbh iad gur h-i achealla bonn-stéidh gach lus agus gach ainmhidh. Rinneadh leasachadh air abheachd-smuain seo. Mar eiseimpleir, chuir R. Virchow (18211902) beachd fìor thomadach ris, ann an 1858, nuair a thuirt e nach fhàsadh ceallan ach bho cheallan a bha am bith mar thà.

Neònachs ga bheil am beachd sin an diugh, gu ruig meadhon na naodhamh linn deug bha móran acreidsinn gu robh rudan gun bheatha atighinn beò leotha fhéin, agus bha cuid acur air adhart recipé airson fàs-bheairtean eugsamhail a chruthachadh. Bha J. Van Helmont (15771644) den bheachd gun tigeadh luchainn am bith, gun cruthaichte iad mar gum beadh, far an robh gràineanan cruithneachd, anart salach, agus càise alaighe ùine gun buntainn riutha ann an stàbull no an àite eile. Chan eil teagamh nach obraich an recipé tha seo, agus


[12]

obraichidh e fìor-mhath mura leigear cait air àrainn an àite fad lathaichean. Bha dòighean na bu shìmplidhe ann gu fàs-bheairtean eile a chruthachadh: abair, speachan á buachar. Shìolaidh creideas ás na beachdan seo air falbh air sàilleabh obair Virchow air na ceallan, agus an dearbhadh a fhuaireadh air na beachdan aige, tre obair Louis Pasteur, ás an Fhraing, agus John Tyndall, á Breatainn, anns an earrainn mu dheireadh den naodhamh linn deug.

titleEachdraidh
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page