[21]

Liososoman

Se bloigheagan beaga air an còmhdach le meamran tha seo, agus geibhear iad anns achealla. Tha stuthan annta a chreachadh a

[22]
[23]

chealla gu léir, nan leigte ma sgaoil iad. Nuair a tha cuid de fhàs-bheairtean afàs, bho ìre an uighe gu ìre an inbhich, tha cuid de na structairean annta adol bho fheum agus feumar am milleadh. Mar eisimpleir tha earball na dairbeig. Caillear an t-earball nuair a theid an dairbeagna losgann, agus cuiridh na liososoman ás don earball a tha a nis gun fheum. Anns an aon dòigh, ma bhriseas sinn cas gu dona, faodaidh gum bi spealgan de chnàimh air am fàgail anns achois. Tha na spealgan sin air an toirt air falbh leis na liososoman. Seirbheis eile, agus seirbheis fìor chudthromach a tha na fàs-bheairteagan sin adèanamh, ’se bhith amilleadh nam bacteria a tha air an cuairteachadh le cuid de na ceallan gealfhuileach. Anns an dòigh seo tha iadnan dìon dhuinn roimh bhacteria a dhfhaodadh cron a dhèanamh oirnn.

titleLiososoman
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page