Meudachd agus Cruth nan Ceallan
Chaidh móran a chur ri ar n-eòlas air ceallan anns an linn seo fhéin, agus tha beachd gu math nas coimhlionta againn air mar a tha iad air an dèanamh is mar a tha iad ag obair. Chan e an aon àireamh de cheallan a tha anns gach fàs-bheairt fa leth. Chan eil ann an cuid dhiubh ach an aon chealla: ’sann de’n t-seòrsa seo tha Salmonella typhosa, a tha ag aobhrachadh fiabhras typhoid: agus Plasmodium vivax, creutair aoncheallach, a tha am bun aon seòrsa de mhailéiria; agus beirm a tha feumail, mar as math as aithne dhuinn, ann an caochladh dhòighean, leithid deasachadh arain agus leanna.
Tha fàs-bheairtean eile anns nach eil ach beagan cheallan, mar a tha spongan, cuid de dhaolagan no de bhaoiteagan, agus cìoch na mnatha-sìthe, no cìoch na maighdinn-mhara. Tha againn a rithist nithean beò leithid na craoibhe giuthais, no an duine fhéin anns a bheil iomadh millean cealla. Ann an leanabh air ùr bhreith, tha is dòcha dà bhillean cealla (i.e. 2 x 10¹²). Ann an duine a tha air inbheachd a ruighinn tha suas ri ceud billean cealla, agus an ceathramh earrainn dhiubh sin ’nan ceallan deargfhuileach. Tha a’ mhór-chuid de fhàs-bheairtean ioma-cheallach a’ dèanamh cheallan ùra an àite an fheadhainn a tha air caitheamh, gun sgur fad am beatha, leithid craiceann lìnigidh ann an stamag duine, no coin, no cait.
Tha ceallan eile ann, leithid an fheadhainn ann an stuth-nerbhichean na h-ionchainn, nach gabh an dèanamh ás ùr, agus mar sin cha ghabh milleadh ionchainn a leasachadh. Tha na h-uiread de chreutairean ann aig nach eil comas ceallan am bodhaig ath-chruthachadh aon uair ’s gun tig iad ás an ugh. ’Nam measg tha daolagan (eelworms) de chaochladh gnè, a tha a’ deanamh droch chall air buntàta ’s air bulbaichean, agus doirbean a tha gam biadhadh fhéin air an duine, leithid Ascaris lumbricoides no daolagan-cruinne. Chan eil comas aig creutairean mar seo a leòintean fhéin a shlànachadh, ach gu fortanach chan eil na creutairean adhartach ás aonais a’ chomais seo.
Tha a’ mhór-chuid de cheallan cho beag ’s nach fhaicear iad ach troimh’n mhicroscope, ach tha beagan ann, leithid uighean eun, a tha grunnan chiadameatair an leud. Tha iad air a’ chruth seo a chionn gu bheil aca ri móran bìdh a stòradh do’n isean a tha a’ fàs. Chan eil ach an aon chealla, matà, ann an ugh ostrais, ged a tha e a 1,500 uiread ugh a’
DEALBH 1. Meudachadh de aon dhe na pruganan air balla a-stigh caolan an Amphiuma. ’Se na cnapan cruinne dorcha na niùclasan, agus chithear bloigheagan dorcha ’nam broinn. ’Se na cromosoman, co-dhiù na pìosan dhiubh a tha gun sgaoileadh, tha seo, agus na niùclasagan. ’Se na ceallan na structairean mar bhocsaichean anns a bheil na niùclasan. (Dealbh leis an Oll. S. Babcock.)
bhoireannaich, nach eil ach mu 0.12 mìlemeatair an leudachd. Agus tha ceallan eile ann a tha fada nas lugha na sin: tha ceallan adha mhic-an-duine 0.02 mìlemeatair an leudachd, agus chan eil bacteria ach eadar 0.0001 agus 0.005 mìlemeatair am fad. Anns a’ chumantas tha faisg air an aon tomhas-lìonaidh anns gach gnè cealla fa leth, eadar gu bheil an fhàs-bheairt beag no mór. Tha mu’n aon mheudachd ann an ceallan nan dubhag, as bith an ann do tharbh, do dh’each no do luch a bhuineas an dubhag. Tha dubhag tairbh nas motha na dubhag luchainn a chionn ’s gu bheil barrachd cheallan innte.
Chan e mhàin caochladh meudachd ach caochladh cruth a gheibhear ann an ceallan: tha cuid an cruth bocsa, mar cheallan meristemataic lusan; cuid eile flat mar thruinnsear, mar a tha na ceallan air uachdar craiceann an duine; no tha meadhon mar bhocsa aca le rud a’ dol a-mach bhuaithe, uaireannan a’ dol cho fada ri meatair, mar ann an ceallan cuid de na nerbhichean anns an duine. Tha an saoghal bràth de sheòrsachan cumaidh air na ceallan. Tha cuid dhiubh a’ caochladh cruth fad an t-siubhail, mar a tha na ceallan gealfhuileach agus cuideachd Amoeba; agus tha feadhainn eile nach eil ag atharrachadh, mar a tha ceallan lusan.
title | Meudachd agus Cruth nan Ceallan |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha |