[14]

Am Protoplasma

Tha beatha, matà, stéidhichte air beairt ris an can sinn cealla, agus tha achealla ri faotainn, mar a tha abheatha fhéin, ann am móran chruthan. Tha againn a nis ri beachdachadh air co dheth a tha na ceallan air an dèanamh, agus an uair sin ri lorg a bheil dèanamh agus riaghailt an taobh stigh dhiubh. Tha na fàs-bheairtean móra iomacheallach air an dèanamh de iomadh seòrsa cealla a tha ao-coltach ris gach seòrsa eile. Mar sin, ma ghabhas sinn garbh-ghnè ceimiceach na fàs-bheairt gu h-iomlan, is dòcha nach tig sin air rèir mìn-ghnè ceimiceach nan cealla fa leth. Ach bheir e tuairmse dhuinn den t-seòrsa stuth ris am biodh dùil againn anns na ceallan

Seòrsa Co-thàth (%)

Fàs-bheairt Prótain Geir Stuthan eile Uisge

Damh 16 24 5 55

Mac-an-duine 16 12 1 71

(leanabh air ùr-bhreith)

Se uisge as motha a tha an gnè lusan agus ainmhidhean. Tha uaireannan tuilleadh is 96% de uisge ann am muir-tèachd, ach aig acheann eile den t-sreath, chan eil ach 4.1% de uisge ann am falt, agus 2.8% ann an eanamail nam fiaclan. Tha e soilleir gur h-e prótain agus geir prìomh eileamaidean fhàs-bheairtean. Ma sgrùdas sinn a nis gu mionaideach gnè aon chealla air leth, chì sinn gu bheil 85% de bhùrn ann, 10% de


[15]

phrótain, 2% de gheir agus de stuthan coltach ri geir, 1.5% de shalainnean agus gràineanan de cho-thàthaidhean eile. Tha cuid de na co-thàthaidhean sin cudthromach a thaobh dualchais, mar a chì sinn.

Tha na h-eileamaidean sin atighinn gu chéile ann an stuth na cealla, no am protoplasma. ’Se stuth mar silidh tha so, agus ma sgrùdas sinn e fon mhicroscope, chì sinn gu bheil iomadach seòrsa cruthachd ann. Tha acheallana broinn air a dèanamh de mhion-chruthachadh agus tha an t-uabhas de dhobair aice ri dhèanamh, agus cha mhotha tha na thana broinn sìmplidh agus furasda a thuigsinn.

titleAm Protoplasma
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page